Plana Gàidhlig NàdarAlba - aithisg dearcnachaidh 2023 - 2024
Read in English / Leugh ann am Beurla
Ro-ràdh
Chuireadh an aithisg sgrùdaidh seo a-steach do Bhòrd na Gàidhlig air 19 Dùbhlachd 2023 agus tha i ag aithris fiosrachadh air adhartas NàdarAlba a thaobh cur an gnìomh Plana Gàidhlig na buidhne eadar 24 Ògmhios 2023 is 23 Ògmhios 2024.
Prìomh dhàta measaidh
Cia mheud brath sgrìobhte a fhuair am buidheann bhon phoball ann an Gàidhlig am-bliadhna?
3 brathan
Cia mheud pìos a sgaoil am buidheann air na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig am-bliadhna?
78 puist (X agus Facebook, Twitter, leis na puist anns a bheil bhidiothan a’ dol air Instagram cuideachd)
Cia mheud fios-naidheachd a chaidh a sgaoileadh leis a’ bhuidheann anns a’ Ghàidhlig am-bliadhna?
5 brathan-naidheachd dà-chànanach
- 13/07/2023: Gnèithean air an Oir – program sna h-Eileanan A-Staigh is Earra-Ghàidheal
- 20/09/2023: Seirbheis ‘A’ dèanamh Air Beanntan na h-Alba’
- 02/10/2023: Panail Òigridh Gnèithean Air An Oir a’ gabhail ri iarrtasan
- 15/03/2024: Clàradh thachartasan airson Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean fosgailte
- 24/04/2024: Luchd-ealain gan gairm do Thaisbeanadh Ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean
Cia meud neach-obrach a fhuair cothrom trèanaidh ann an sgilean Gàidhlig am-bliadhna?
Bùthan-obrach: Rinn 69 luchd-obrach trèanadh tràth ann an 2024. ’S e Ruairidh MacIlleathain a rinn an trèanadh leth-latha air Mothachadh Cànain agus A’ Ghàidhlig + nàdar. Leig Ruairidh leinn a’ bhùth-obrach a chlàradh agus tha seo a-nis ri fhaighinn dhan a h-uile neach-obrach againn tron t-siostam thrèanaidh againn taobh a-staigh na buidhne.
Sgilean cànain: Bidh sinn a’ stiùireadh luchd-obrach a tha airson Gàidhlig ionnsachadh gu SpeakGaelic airson cunntas a chruthachadh ’s obrachadh tro na stuthan ionnsachaidh air-loidhne aig àm ’s astar a fhreagras orra.
Cia mheud dreuchd a th’ agaibh an-dràsta far a bheil Gàidhlig ann mar sgil riatanach?
1 dreuchd (0.6 co-ionann ri làn-ùine) – Oifigear Gàidhlig
Cia mheud neach-obrach a th’ agaibh an-dràsta aig a bheil sgilean Gàidhlig?
Ri linn atharrachaidhean dha cò tric ’s a bhios sinn a’ ruith shuirbhidhean taobh a-staigh na buidhne, cha do rinn sinn sgrùdadh air sgilean luchd-obrach rè ùine na h-aithisg seo. ’S ann sa Chèitean 2023 a bha an sgrùdadh mu dheireadh againn (toraidhean ann an aithisg 2022/23) agus ’s ann san Dùbhlachd 2024 a bhios an ath-shuirbhidh.
Cia mheud foillseachadh a dh'fhoillsich am buidheann gu dà-chànanach am-bliadhna?
Cha do dh’fhoillsich sinn foillseachain chorporra gu dà-chànanach rè ùine na h-aithisg seo. Faic ‘Cleachdadh na Gàidhlig’ shìos airson eisimpleirean de na dh’fhoillsich sinn gu dà-chànanach.
Cia mheud soidhne dà-chànanach a chuir am buidheann an àirde am-bliadhna?
Soidhnichean sealach ann an oifisean: 23
Soidhnichean suidhichte ann an oifisean: 0 (Cha bhi sinn a’ cur soidhnichean suidhichte an àirde ach fìor corra uair. Leis nach deach faighneachd dhan Oifigear Ghàidhlig airson eadar-theangachaidhean sam bith airson soidhnichean ùra rè ùine na h-aithisg seo, tha sinn a’ gabhail ris nach deach gin eile an àirde. Tha fiosrachadh mu shoidhnichean tèarmainn nàdair ann am freagairt fa leth gu h-ìosal.)
Cleachdadh na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidhinn a’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig?
Tha an obair a leanas a thuilleadh air na rinn sinn sa phrìomh data shuas.
Gnèithean air an Oir
’S e prògram com-pàirteachais a th’ ann an Gnèithean air an Oir le NàdarAlba aig an stiùir is seachd carthannasan glèidhteachas nàdair. Tha iad uile a’ cur romhpa 37 prìomh ghnèithean air costa is eileanan na h-Alba a thoirt am feabhas.
Rè ùine na h-aithisg seo tha sinn air obair mhòr a dhèanamh air cleachdadh na Gàidhlig, gu h-àraid ann an Innse Gall agus Na h-Eileanan A-Staigh & Earra-Ghàidheal. Leasaich sinn poileasaidh Gàidhlig airson a’ chom-pàirteachais anns an Fhaoilleach 2024.
Am measg na rinn sinn tha:
- iomairt fastaidh dhà-chànanach dha buill Panal Òigridh (m.e. duilleag-lìn, leacan nam meadhanan sòisealta, bhidiothan, post-d gu luchd-ùidhe)
- iomairt tro Sheachdain na Gàidhlig
- brataich ‘pop-up’ dhà-chànanach aig tachartasan
- cairtean-puist mun daolaig òla
- panal eadar-mhìneachaidh mun daolaig òla
- bhidio ‘Fàilte gu Gnèithean air an Oir’
- bhidio Gnèithean air an Oir ann an Earra-Ghàidheal & Na h-Eileanan A-Staigh
- tiotalan-obrach, teachdaireachd ‘air falbh bhon oifis’, agus abairtean beaga feumail sa Ghàidhlig air an sgaoileadh gu buidhnean a’ chom-pàirteachais
Iomairt Dèan Àite Dha Nàdar
Mar phàirt den iomairt leantainnich againn air a bheil ‘Dèan Àite Dha Nàdar’, tha na molaidhean ràitheil againn dà-chànanach – earrach, samhradh, foghar, geamhradh.
Còd Slighean Dùthchail na h-Alba
Anns an Ògmhios 2024 dh’fhoillsich sinn 24 postairean sa Ghàidhlig airson prìomh phrionnsabalan a’ Chòid a bhrosnachadh. Gabhaidh na faidhlichean a lùghdachadh a-nuas bhon làrach-lìn againn.
Tèarmainn Nàdair Nàiseanta – bileagan
Dh’ùraich sinn bileagan Chreag Eileachaidh is Beinn Eighe agus tha iad fhathast ri faighinn gu dà-chànanach. Airson a’ chiad uair tha bileag Choire Fiadh ri faighinn air loidhne sa Ghàidhlig. Tha bileagan dà-chànanach nan tèarmann eile uile gun atharrachadh.
Tèarmainn Nàdair Nàiseanta – bùird-fhiosrachaidh
Chuir sinn panal ùr dà-chànanach an àrd aig Coille a’ Ghlasdroma san Fhaoilleach 2024.
Peatland ACTION – eadar-mhìneachadh
Chuir sinn panalan ùra dà-chànanach an àrd aig na làraichean ath-leasachaidhean a leanas rè ùine na h-aithisg seo. Fhuair gach làrach dà phanail le fiosrachadh farsaing (cuspairean co-cheangailte ri tuiltean is caileachd an uisge) agus panal eile mun làraich fhèin:
- An Tòrr Mòr, An t-Eilean Sgitheanach (Iuchar 2023)
- Boglach Chille Chonbhaill, Dùn Phris (Faoilleach 2024)
- Cnoc Abraim, Siorrachd Lannraig a Tuath (Gearran 2024)
- Duchal Moor, Inbhir Chluaidh (Gearran 2024)
Stiùireadh fiadh-bheatha - bhidiothan
As t-earrach 2024 dh’fhoillsich sinn sreath de cheithir bhidiothan air stiùireadh fiadh-bheatha le thar-ghuth Gàidhlig agus fo-thiotalan. Tha na bhidiothan a’ coimhead air stiùireadh nam fiadh ann am bailtean; àiteachas; agus coilltean-uisge na h-Alba.
Maoin Ath-shlànachadh Nàdair - bhidiothan
Anns a’ Chèitean 2024 dh’fhoillsich sinn còig bhidiothan le fo-thiotalan Gàidhlig airson soirbheas Maoin Ath-shlànachadh Nàdair a chomharrachadh:
Aithisg Staid Nàdair (Alba) 2023
Dh’eadar-theangaich sinn geàrr-iomradh còig duilleagan a dh’fhaid ann an Aithisg Staid Nàdair (Alba) – a’ tòiseachadh air duilleag 8 - agus na puist a sgaoil an RSPB air na meadhanan sòisealta aig an àm a chaidh an aithisg fhoillseachadh.
Còd Fhosailean na h-Alba
Anns a’ Mhàrt 2024 dhealbhaich sinn 7 cairtean-puist agus postairean mu Chòd Fhosailean na h-Alba.
Làrach-lìn
A’ fàgail bhrathan-naidheachd an dàrna taobh, anns an Ògmhios 2024 bha 31 duilleagan-lìn dà-chànanach againn.
Blogaichean
Dh’fhoillsich sinn 13 blogaichean dà-chànanach air cànan is cultar nan Gàidheal air bloga Scotland’s Nature, agus 2 bloga dà-chànanach co-cheangailte ri pròiseactan NCHF.
Agallamhan do BBC RnG is An Là
Bha 7 agallamhan sa Ghàidhlig air an clàradh leis an Oifigear Ghàidhlig againn rè na h-ùine seo.
Lìonraidhean ioma-buidhne
Lean sinn oirnn a’ gabhail pàirt ann an Lìonra nan Oifigearan Gàidhlig agus buidheann Adhartas Nas Luaithe aig Riaghaltas na h-Alba.
Ionnsachadh na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidhinn a’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig?
Bùthan-obrach
Rinn 69 luchd-obrach trèanadh tràth ann an 2024. ’S e Ruairidh MacIlleathain a rinn an trèanadh leth-latha air Mothachadh Cànain agus A’ Ghàidhlig + nàdar. Leig Ruairidh leinn a’ bhùth-obrach a chlàradh agus tha seo a-nis ri fhaighinn dhan a h-uile neach-obrach againn tron t-siostam thrèanaidh againn taobh a-staigh na buidhne.
Sgilean cànain
Bidh sinn a’ stiùireadh luchd-obrach a tha airson Gàidhlig ionnsachadh gu SpeakGaelic airson cunntas a chruthachadh ’s obrachadh tro na stuthan ionnsachaidh air-loidhne aig àm ’s astar a fhreagras orra.
Beò-dhealbhan ‘Nar Nàdar’
As t-earrach 2024, ruith sinn an dàrna sreath againn de bhidiothan goirid a’ toirt sùil air eadar-theangachaidhean facal air an fhacal bhon Ghàidhlig airson lusan is flùraichean. Tha sia bhidiothan san t-sreath seo agus nam measg bha lus a’ chrom-chinn, bròg an eich uisge and flùr na gaoithe.
Tha deilbheadh is clàradh fuaime sònraichte an cois gach bhidio, agus sgaoil sinn iad air na meadhanan sòisealta againn is taobh a-staigh na buidhne.
Teanga na Tìre
’S e pròiseact com-pàirteachais leantainneach a tha seo còmhla ri Àrainneachd Eachdraidheil Alba, is taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, airson rannsachadh a dhèanamh air an ìre dham bi ainmean-àite Gàidhlig a’ cur ris an tuigse againn air dualchas nàdarra is cultarach ann an sgìre. Tha am pròiseact againn a’ cuimseachadh air buaidh atharrachadh na gnàth-shìde, bith-iomadachd, cleachdadh an fhearainn, stòrasan nàdarra agus gnìomhachasan air dàimh choimhearsnachdan. ’S iad Ros an Iar, Gleann Moireasdan, Luing is Fìobha na h-àitichean air an do choimhead am pròiseact.
Rè ùine na h-aithisg seo, dhealbhaich sinn StoryMaps digiteach dà-chànanach dha Ros an Iar, Gleann Moireasdan is Fìobha. Cuideachd, chuir sinn air dòigh oidhche shònraichte ‘Ainmean-àite, Bàrdachd is Ceòl aig a’ Chaisteal’ aig Caisteal Urchadain air 22 Màrt 2024 airson toraidhean a’ phròiseict a thaisbeanaidh do mhuinntir na coimhearsnachd ionadail.
Tha an tuilleadh fiosrachaidh ann an aithisg dheireannach a chuir sinn a-steach gu BnG sa Ghiblean 2024.
Argyll Hope Spot
Anns an Ògmhios 2024 chuir sinn taic ri pròiseact Argyll Hope Spot le eadar-theangachaidhean Gàidhlig dha gnèithean is àrainnean a’ chladaich agus thèid seo a chleachdadh nan cuid obrach le sgoiltean.
A’ cur air adhart na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidheann a’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig?
Coilltean Caillte
A’ togail air moladh bhon sgrùdadh againn ann an 2021 air seirbheisean eag-shiostaim is a’ Ghàidhlig, ’s e pròiseact com-pàirteachais leantainneach a tha seo còmhla ri Coilltearachd is Fearann Alba agus AÀA, le maoineachadh bho Oilthigh Dhùn Èideann is Future Woodland Scotland. Tha e fa near dhuinn a h-uile ainm-àite ann an Alba a dh’fhaodadh sealltainn gun robh coille ann an àite a chur còmhla air aon mhapa mòr.
Rè ùine na h-aithisg seo, chuir AÀA crìoch air an rannsachadh dhomhain aca. Chruinnich iad còrr is 15,000 ainm anns a bheil am facal ‘coille’, no iomradh air gnèithean chraobhan is lusan coillteach. Rinn Ruairidh MacIlleathain ath-sgrùdadh air an rannsachadh agus thug eòlaichean eag-eòlach taic is comhairle dhuinn. Anns an t-Sultain 2023 rinn sinn taisbeanadh do chomataidh BOAG.
Dh’fhoillsich sinn am pròiseact san Lùnastal 2024 agus bidh fiosrachadh mu sin is conaltradh a’ phròiseict ann an aithisg 2024/25.
Seachdain na Gàidhlig 2024
Taobh a-staigh na buidhne:
- Bloga mu Choilltean Caillte agus cothrom do luchd-obrach beachdachadh air dòighean eile anns am faod sinn cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh
- Òraid mu Choilltean Caillte le Oifigear Gàidhlig NàdarAlba is Rannsaiche AÀA
- Sreath de phuist air an eadra-lìon air ainmean Gàidhlig nam prìomh ghnèithean aig pròiseact Gnèithean air an Oir
- Bùth-obrach ‘Mothachadh Cànain’ leth-latha còmhla ri Ruairidh MacIlleathain
Taobh a-muigh na buidhne:
- Bloga Gnèithean air an Oir x Seachdain na Gàidhlig (b’ e seo an sgrìobhainn a fhuair an àireamh as motha de luchd-leughaidh air làrach-lìn NàdarAlba air an t-seachdain ud)
- Puist air na meadhanan sòisealta againn gach latha a’ comharrachadh cheanglaichean eadar cànan, dualchas is cultar na Gàidhlig is nàdar
- Bloga le abairtean Gàidhlig air a sgrìobhadh le ball a’ phanail òigridh aig Gnèithean air an Oir
‘Gaisgich Nàdair’ – Bho Bheul an Eòin
Tha iomairt againn air a bheil ‘Gaisgich Nàdair’ (Nature Heroes) a bhios a’ comharrachadh deagh obair a nì daoine is buidhnean airson nàdar a dhìon is a leigheas. Anns an Dàmhair 2023 bha alt dà-chànanach againn mun phròiseact com-pàirteachais againn ‘Bho Bheul an Eoin’.
Meadhanan sòisealta – draodhachd a’ gheamhraidh
Bho 21 Dùbhlachd 2023 gu 7 Faoilleach 2024 dh’fhoillsich sinn sreath de phuist air na meadhanan sòisealta againn a choimhead air faclan is dualchas Gàidhlig co-cheangailte ris a’ gheamhradh. Nam measg nan cuspairean air an tug sinn sùil bha Oidhche nan Seachd Suipearan, cadal a’ gheamhraidh, Lòchran Loch Iall, agus Na Fir-chlis.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne – eadra-lìon
Anns an Dàmhair 2023 thòisich sinn alt fiosrachaidh ùr, air a bheil ‘A’ Ghàidhlig – tha i nar nàdar’, air duilleag-dhachaigh an eadar-lìon. Bidh an t-Oifigear Gàidhlig againn a’ sgrìobhadh alt ùr gach mìos mu chuspair nàdair aig a bheil ceangail ri dualchas na Gàidhlig. Tha fèill air na h-uilt am measg an luchd-obrach, agus gu math tric bidh ceanglaichean ann do ghoireasan ionnsachaidh eile (m.e. Fichead Facal aig LearnGaelic). Am measg nan cuspairean air an do choimhead sinn thuige seo tha – brisgean, Là Buidhe Bealltainn, agus a’ chuthag. Dh’fhoillsich sinn ceithir uilt a bharrachd tro Sheachdain a’ Mhòid, agus bha bloga againn mu Oidhche Shamhna cuideachd.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne – Viva Engage (Yammer)
Tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig againn air Viva Engage a’ fàs gu math. Sgaoil sinn 51 puist, agus air 20 Ògmhios 2024 bha 59 buill againn (ach gabhaidh na puist a leughadh leis a h-uile neach-obrach). Bidh sinn a’ cur na coimhearsnachd gu feum airson measgachadh de shusbaint a cho-roinn, eadar blogaichean is fios às ùr bho phròiseactan gu goireasan ionnsachaidh is aithrisean naidheachd.
Donnchadh Bàn @ 300
Thug sinn taic do dh’Fhèisean nan Gàidheal airson cuairt-iùil is cèilidh a chur air dòigh is ceann-bliadhna breith Dhonnchaidh Bhàin a chomharrachadh san Mhàrt 2024. ’S e tachartas coimhearsnachd a bh’ ann, a mhair fad latha, agus bha cuairt chearcallach ann bho Thalla Dhrochaid Urchaidh gu Druim Liart. Bha Eòghann MacEanraig aig an stiùir agus air an t-slighe ghabh Eòghann grunn òran leis a’ bhàrd. Nuair a thill a’ bhuidheann dhan talla fhuair daoine srùpag agus chluich òigridh na Fèise ceòl dhaibh.
Fiosrachadh dearcnachaidh eile
An do chomharraich an t-ùghdarras poblach agaibh cùisean sònraichte sam bith co-cheangailte ri co-ionannachd chothroman a thaobh leasachadh na Gàidhlig?
Chan eil fianais againn de chùisean sònraichte sam bith den leithid.
A bheil poileasaidhean, modhan-obrach no dòighean-obrach sam bith co-cheangailte ri co- ionannachd a chaidh a chur an gnìomh leis an ùghdarras phoblach agaibh, no a tha gan cur an gnìomh an-dràsta, a bhuineas ri bhith a’ cur co-ionannachd chothroman air adhart an lùib leasachadh na Gàidhlig? An inns sibh dhuinn mun deidhinn?
Bidh na leanas a’ dol air gach sanas-obrach againn: ‘Although Gaelic Language is not a pre-requisite for this post, as part of our commitment to our Gaelic Language Plan, Gaelic Language is a desirable skill for all posts within NatureScot’.
Àrd Phrionnsabalan
Spèis Cho-ionann: A h-uile gealladh anns a’ phlana Ghàidhlig air a lìbhrigeadh dhan aon ìre anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla.
Bidh sinn a’ sealltainn co-ionannachd spèis dhan dà chànan nuair a bhios sinn a’ lìbhrigeadh geallaidhean a’ Phlana.
Cothroman Follaiseach: Gnìomhan practaigeach gus dèanamh cinnteach gu bheil fios aig luchd-obrach na buidhne agus am poball daonnan air na cothroman a th’ ann gus Gàidhlig a chleachdadh leis an ùghdarras phoblach.
Làrach-lìn – tha ceangal dhan duilleig-lìn Ghàidhlig againn air ar duilleag-dhachaigh (fo ‘quick links’) agus nochdaidh e air gach duilleag eile air an tadhail luchd-cleachdaidh. Cuideachd tha fiosrachadh air duilleagan cuir fios is cùram luchd-cleachdaidh.
Meadhanan sòisealta – iomradh gu h-àrd air na puist chunbhalach a bhios sinn a’ sgaoileadh air na meadhanan seo.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne – bidh sinn a’ cleachdadh ar eadra-lìn is Yammar airson cothroman a shanasachadh.
Treas Phàrtaidhean: A’ dearbhadh gum bi buidheann leth-eisimileach agus cunnradairean eile ag obair gus Plana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich a chur an gnìomh.
Tha seo a’ tachairt gu ìre le cunndradair stiùireadh ghoireasan ann an Taigh a’ Ghlinne Mhòir (Inbhir Nis), ach tha sinn ag aithneachadh gun gabhadh tuilleadh a dhèanamh gus seo a neartachadh leis na cunnradairean uile againn.
Gàidhlig na nì àbhaisteach: Geallaidhean bhon phlana Ghàidhlig air an gabhail a- steach ann an structaran an ùghdarrais phoblaich tro thìde, le sgrùdadh cunbhalach airson cothroman a chomharrachadh taobh a-staigh bhuidseatan stèidhichte gus Gàidhlig a thoirt air adhart.
Tha geallaidhean a’ Phlana Ghàidhlig againn nan nìthean àbhaisteach air feadh na buidhne. Tha buidseat aig NàdarAlba airson a’ Phlana is nam pròiseactan co-cheangailte ris.
Inbhe
Suaicheantas: ag amas air suaicheantas corporra anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla a chruthachadh nuair a thig a’ chiad chothrom agus mar phàirt den phròiseas ùrachaidh. Bu chòir an aon ìre follaiseachd a bhith ann airson an dà chànain san t-suaicheantas.
Tha suaicheantas dà-chànanach aig NàdarAlba.
Soidhnichean: prìomh shoidhnichean air an dèanamh dà-chànanach nuair a thathar gan ùrachadh.
’S ann ainneamh a bhios sinn ag ùrachadh shoidhnichean, ach tha rùn againn ri Gàidhlig a chleachdadh orra.
Conaltradh
Adhartachadh: a’ toirt teachdaireachd bhrosnachail seachad gum bithear daonnan a’ cur fàilte air conaltradh a nì am mòr-shluagh ris an ùghdarras ann an Gàidhlig.
Tha teachdaireachd a’ nochdadh air ar làraich-lìn, air an duilleig ‘cuir fios thugainn’ a ràdh gu bheil sinn a’ cur fàilte air conaltradh sa Ghàidhlig.
Conaltradh sgrìobhte: bithear daonnan a’ gabhail ri conaltradh sgrìobhte ann an Gàidhlig (litrichean, puist-d agus na meadhanan sòisealta) agus thèid freagairtean Gàidhlig a thoirt seachad a rèir a’ phoileasaidh choitchinn.
Tha seo ceart. Tha an dàta gu h-àrd air na conaltraidhean sgrìobhte a fhuair sinn bhon phoball rè ùine na h-aithisg seo, agus tha teachdaireachd air ar làraich-lìn agus duilleag cùram luchd-cleachdaidh.
Ionad-fàilte agus am fòn: nuair as urrainn do luchd-obrach le Gàidhlig an t-seirbheis seo a thoirt seachad, gheibh iad taic airson sin a dhèanamh, agus thèid sanasachd a dhèanamh air an t-seirbheis am measg a’ mhòr-shluaigh.
Aig an àm seo chan eil Gàidhlig aig luchd-obrach ar n-ionadan-fàilte. Tha Gàidhlig ga h-aithneachadh mar ‘sgil mhiannaichte’ anns a h-uile sanas-obrach againn.
Coinneamhan: thèid coimhead gu cunbhalach air na cothroman a th’ ann gus coinneamhan poblach a chumail gu dà-chànanach no ann an Gàidhlig, agus thèid sanasachd a dhèanamh orra.
Cha do chùm sinn coinneamhan poblach dà-chànanach rè ùine na h-aithisg seo.
Fiosrachadh
Fiosan-naidheachd: prìomh fhiosan-naidheachd agus fiosan-naidheachd mu dheidhinn na Gàidhlig air an cuairteachadh sa Ghàidhlig agus sa Beurla.
Bidh seo a’ tachairt ach cha robh brath-naidheachd againn mu dheidhinn na Gàidhlig rè ùine na h-aithisg seo. Dh’fhoillsich sinn dreach Gàidhlig de chòig brathan-naidheachd (liosta gu h-àrd).
Na meadhanan sòisealta: thèid susbaint Ghàidhlig a sgaoileadh gu cunbhalach sna meadhanan sòisealta, agus sin a rèir an uiread luchd-cleachdaidh Gàidhlig a th’ ann agus a dh’fhaodadh a bhith ann.
78 puist air X agus Facebook, leis na puist anns a bheil bhidiothan a’ dol air Instagram cuideachd.
An làrach-lìn: bu chòir susbaint Ghàidhlig a bhith ri faotainn air làrach-lìn an ùghdarrais phoblaich, agus prìomhachas ga thoirt do na duilleagan a dh’fhaodadh an àireamh as motha de dhaoine a tharraing.
31 duilleagan-lìn dà-chànanach (chan eil brathan-naidheachd am measg nan duilleagan seo).
Foillsichidhean corporra: thèid an ullachadh ann an Gàidhlig is Beurla, agus prìomhachas ga thoirt don fheadhainn a dh’fhaodadh an àireamh as motha de dhaoine a leughadh.
Cha do dh’fhoillsich sinn foillseachain chorporra gu dà-chànanach rè ùine na h-aithisg seo. Faic ‘Cleachdadh na Gàidhlig’ shuas airson eisimpleirean de na dh’fhoillsich sinn gu dà-chànanach.
Tairbhe a’ chànain: bidh pròiseas ann gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig a gheibhear san fhiosrachadh chorporra uile aig deagh ìre agus gun gabh a tuigsinn.
Tha cùmhnant againn ri eadar-theangaire proifeiseanta agus bidh an t-Oifigear Gàidhlig againn a’ dearbhadh gach sgrìobhainn mus tèid a foillseachadh.
Taisbeanaidhean: bu chòir beachdachadh gu cunbhalach air cothroman gus taisbeanaidhean poblach a shealltainn gu dà-chànanach no ann an Gàidhlig, le prìomhachas ga thoirt don fheadhainn a dh’fhaodadh a’ bhuaidh as motha a thoirt air cùisean.
Bha Gàidhlig air na panailean eadar-mhìneachaidh againn aig Fèill Sgàin 2023.
Luchd-obrach
Sgrùdadh air sgilean: thèid sgrùdadh a dhèanamh air sgilean Gàidhlig an luchd-obrach agus na feumalachdan trèanaidh aca a thaobh Gàidhlig rè ùine gach plana.
Ri linn atharrachaidhean dha cò tric ’s a bhios sinn a’ ruith shuirbhidhean taobh a-staigh na buidhne, cha do rinn sinn sgrùdadh air sgilean luchd-obrach rè ùine na h-aithisg seo. ’S ann sa Chèitean 2023 a bha an sgrùdadh mu dheireadh againn (toraidhean ann an aithisg 2022/23) agus ’s ann san Dùbhlachd 2024 a bhios an ath-shuirbhidh.
Fiosrachadh inntrigidh: bidh fiosrachadh mu Phlana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich mar phàirt den fhiosrachadh inntrigidh a gheibh luchd-obrach ùr.
Tha seo a’ tachairt.
Trèanadh cànain: thèid cothroman trèanaidh is leasachaidh airson sgilean Gàidhlig a thabhann don luchd-obrach, gu h-àraidh mar thaic do bhith a’ coileanadh Plana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich.
Bidh sinn a’ stiùireadh luchd-obrach a tha airson Gàidhlig ionnsachadh gu SpeakGaelic airson cunntas a chruthachadh ’s obrachadh tro na stuthan ionnsachaidh air-loidhne aig àm ’s astar a fhreagras orra.
Trèanadh le fiosrachadh mun Ghàidhlig: trèanadh le fiosrachadh mun Ghàidhlig, le prìomhachas air luchd-obrach aig àrd ìre, luchd co-dhùnaidh eile agus luchd-obrach air a bheil dleastanas a bhith a' conaltradh leis a' mhòr-shluagh.
Rinn 69 luchd-obrach trèanadh tràth ann an 2024. ’S e Ruairidh MacIlleathain a rinn an trèanadh leth-latha air Mothachadh Cànain agus A’ Ghàidhlig + nàdar. Leig Ruairidh leinn a’ bhùth-obrach a chlàradh agus tha seo a-nis ri fhaighinn dhan a h-uile neach-obrach againn tron t-siostam thrèanaidh againn taobh a-staigh na buidhne.
Fastadh: a’ toirt aithne do is a’ cur sùim ann an sgilean Gàidhlig an lùib nam pròiseasan fastaidh air feadh an ùghdarrais phoblaich.
Tha a’ Ghàidhlig na sgil mhiannaichte aig gach dreuchd bàn aig NàdarAlba.
Fastadh: bidh Gàidhlig air a h-ainmeachadh mar sgil riatanach agus / no a tha na buannachd ann an tuairisgeulan obrach gus cuideachadh le bhith a’ cur a’ Phlana Ghàidhlig an gnìomh agus a rèir an stiùiridh bho Bhòrd na Gàidhlig airson luchd-obrach fhastadh.
Tha a’ Ghàidhlig na sgil mhiannaichte aig gach dreuchd bàn aig NàdarAlba. Tha a’ Ghàidhlig na sgil riatanach do dhreuchd an Oifigeir Ghàidhlig.
Fastadh: bidh sanasan-obrach dà-chànanach ann no ann an Gàidhlig a-mhàin airson a h-uile dreuchd far a bheil Gàidhlig na sgil riatanach.
Bidh seo a’ tachairt, ach cha do thachair e rè ùine na h-aithisg seo air sgàth ’s nach deach dreuchd anns a bheil a’ Ghàidhlig na sgil riatanach a shanasachadh.
Corpas na Gàidhlig
Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig: thèid cumail ris an tionndadh as ùire de Ghnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig anns na stuthan sgrìobhaidh uile a thèid fhoillseachadh leis an ùghdarras phoblach.
Bidh sinn a’ leantainn GOC san obair Ghàidhlig againn air fad.
Ainmean-àite: Iarrar agus gabhar ri comhairle bho Ainmean-Àite na h-Alba air ainmean-àite Gàidhlig.
Tha sinn nar ball de chom-pàirteachas AÀA is sinn ag iarraidh is a’ gabhail comhairle bhuapa cho math ri bhith a’ co-obrachadh ris a’ bhuidhinn air pròiseactan rannsachaidh. Tuilleadh fiosrachaidh air na pròiseactan gu h-àrd.