Tèarmann Nàdair Nàiseanta Choire Fiadh - bileag an luchd-tadhail
Leugh ann am Beurla / Read in English
Fàilte gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta Choire Fiadh
Coisich suas slighe Choire Fiadh gu oir coille Ghleann Dol is gabh tlachd san lann-amhairc nàdarra seo eadar Coire an t-Searraich agus leathadan Chreag Rinnde a chaidh an snaigheadh le fuachd nan eigh-shruthan.
Fàilte gun phàrras luibh-eòlais a th’ ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Choire Fiadh, fo làimh NàdarAlba. Tha naoi tèarmainn nàdair nàiseanta ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh no faisg oirre.
Lean an t-allt is e a’ sruthadh sìos an coire agus faic na lusan, eòin is mamalan a nì àite sònraichte dhen bheinn shàmhaich seo.
Le acainn iomchaidh, is urrainn dhut coiseachd suas an coire gu àrd-chlàr a’ Mhonaidh Ruaidh agus nas fhaide deas a dh’ionnsaigh an dà Rothach, am Maghar agus an Drìs airson lèir-shealladh an àite àird.
Mar a ruigear ann
Na tha ri fhaicinn ann an Coire Fiadh
Lean slighe eigh-shrutha. Smaoinich air an neart a bh’ aige ’s e a’ snaigheadh nan creagan is a’ choire. Coisich eadar na druimein is na clachan conadail a chomharraicheas an ceart-àite far an do leagh a chumhachd.
Cùm sùil airson canach bhàn, bliochdan-mòintich buidhe agus fraoch-meangain purpaidh a chuireas dathan air na riasan eadar an Cèitean is an Lùnastal.
Faigh lorg air lus a’ bhainne a tha cho gorm agus cairt-làir air a bheil dath buidhe na grèine eadar an t-Ògmhios is an Lùnastal nuair a chithear na flùraichean aca am measg an fhraoich thioraim.
Faic Uisge Fiadh is e càir-gheal le builgeanan no deigh a’ gheamhraidh a’ tuiteam sìos am balla cùil cas, a’ fàs donn le mòine an uair sin is e a’ sruthadh air a shocair sìos ùrlar a’ ghlinne, a’ tionndadh an siud ’s an seo eadar na druimein.
Thoir sùil airson meangan-Moire, aon dhe na lusan ailpeach artaigeach aig a bheil flùraichean clòimheach buidhe os cionn duilleagan cùl-airgid.
Stiùireadh slighe
- Tha slighe Choire Fiadh a’ ruith mu 5km eadar pàirc-chàraichean Ghleann Dol gu mullach a’ choire.
- Ruigear Tèarmann Nàdair Nàiseanta Choire Fiadh an dèidh mu 3.5km a choiseachd (mu thrì cairteal na h-uarach) air a’ cheum choille chomharraichte aig oir na coille agus chithear an coire gu h-ìosal uaithe sin.
- ’S urrainn dhut cumail a’ dol air a’ cheum a tha gun chomharran mu 1.5km eile tron Tèarmann. Tha e a’ dol an àirde 670m gu mullach a’ choire agus a-steach do dh’àrd-chlàr a’ Mhonaidh Ruaidh. Feumar mu 2 uair a thìde a’ dol ann agus a’ tilleadh gu oir na coille. Fàsaidh an ceum gu math cas is creagach agus bidh dùil agad ri garbhlach a bhios sleamhainn no eigheach aig amannan. Tha pìosan dhen cheum cas, le drèanaichean a’ dol tarsainn agus pìosan far a bheil clàr coiseachd gun rèilichean.
- Feumaidh tu brògan coiseachd le deagh ghròban, aodach blàth agus uisge-dhìonach agus biadh is deoch airson latha slàn.
- Thig atharrachadh air aimsir nam beanntan gu h-obann, a’ gabhail a-staigh flin no sneachd eadar am foghar agus deireadh an earraich. Ged a dh’fhàgas tu a’ phàirc-chàraichean is a’ ghrian a’ deàrrsadh, chan eil sin na bharantas sam bith gum bi e blàth tioram gu h-àrd sna beanntan far an tig grad-atharrachadh air an aimsir.
- Cuimhnich Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Cuidich leinn a’ dìon àrainneachd sho-mhillte Tèarmann Nàdair Nàiseanta Choire Fiadh is fuirich air a’ cheum airson bleith-thalmhainn a sheachnadh, na adhbharaich gleadhraich is na fàg sgudal ann. Bidh suim agad ri prìobhaideachd dhaoine eile ’s iad airson tlachd a ghabhail san àite gu sàmhach is cùm smachd air do choin.
Tha seirbheis mhaor-choille Ghlinn Aonghais a’ cur air dòigh ceuman coiseachd le treòir air feadh na bliadhna. Fòn: 01575 550233 Post-d: [email protected]
Mìorbhailean na coille
Tha an ceum a Choire Fiadh a’ dol tro choille obrach a chaidh a chur ann an 50an agus 60an na naoidheamh linn deug airson fiodh agus tha e fo stiùireadh Coimisean Coilltearachd na h-Alba an-diugh airson iomadachd nas fharsainge de spèiseasan chraobhan a bhrosnachadh agus bith-àrainnean so-sheasmhach a chruthachadh. Chì thu giuthas-Sitka, giuthas-Albannach, learag agus craobhan leathann-dhuilleach mar a’ bheithe ri taobh uillt is aibhnichean na coille.
Cùm sùil airson lusan na coille agus fungasan dathach as t-fhoghar is tu a’ coiseachd tron choille. Ma dh’fhanas tu sàmhach, dh’fhaoidte gum faic thu fiadh-bheatha an seo mar fheòragan-ruadha, ruadh-bhuic, goibhnean-uisge agus cam-ghoban. Tha puist fiosrachaidh ri taobh a’ cheuma a dh’innseas dhut mu chuid dhe na rudan a tha ri fhaicinn air an t-slighe a Thèarmann Nàdair Nàiseanta Choire Fiadh.
Na coirean
Cathraichean fhuamhairean air an snaidheadh le deigh
Aig deireadh linn na deighe mu 12,000 bliadhna air ais, bha eigh-shruth bheag an seo ann an Coire Fiadh. Nam biodh tu a’ coiseachd tro Choire Fiadh an uair sin, bhiodh feum agad air ròpannan, tuaghan-deighe agus cramponaichean, fiù am meadhan an Iuchair.
’S e an eigh-shruth a chladhaich coirean domhain Choire Fiadh agus Choire an t-Searraich is e a’ dol leis an leathad.
Thachair an aon rud air feadh a’ Mhonaidh Ruaidh agus chì thu rudan eile a shnaidh na h-eigh-shruthan ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Chreag Mèagaidh, Shliabh Muileann Dùnaidh, Inbhir Fhèisidh agus na h-Innse Riabhaiche.
Morain
Eigh-shruthan a ghluais an talamh
Thàinig am Monadh Ruadh gu bith san iar-thuath air Gleann Dol nuair a dh’èirich an t-uabhas de chreag leaghta (magma) o bhroinn na talmhainn an àirde. Stad e mu 6km fo uachdar na talmhainn agus dh’fhàs am magma fuar agus cruaidh an uair sin agus nochd a’ chlach-ghràin sin na milleanan de bhliadhnaichean an dèidh sin an cois bleith na talmhainn nas buige os a chionn leis an uisge, reòthadh agus deigh. Chithear a’ chlach-ghràin chruaidh seo air mullach nam beanntan an-diugh.
Thàinig na h-eigh-shruthan a-nuas tron ghleann an uair sin rè linn na deighe, a’ togail creagan agus a’ cladhach na talmhainn foidhpe, a’ cruthachadh a’ ghlinn car mar a tha e an-diugh. Nuair a leagh an deigh, theich na h-eigh-shruthan suas gu na coirean, a’ fàgail fuigheall creagach a lìon ùrlar a’ ghlinn.
Mar a dh’fhàs aimsir na h-Alba nas blàithe, leagh an eigh-shruth ann an Coire Fiadh agus dh’fhàg e na tuim àraidh a tha fon fhraoch an-diugh. Cùm sùil air an son is tu a’ coiseachd suas an coire.
Ma choimheadas tu sìos o mhullach a’ choire, chì thu gu bheil na tuim seo ann am pàtran de dh’iomairean a chomharraicheas mar a leagh eigh-shruth Choire Fiadh ceum air cheum, a’ fàgail iomair na dèidh aig gach ceum a ghabh e air ais. ’S e morain seacaidh a chanar ri seo.
Bearraidhean is creagan
Luchd-tàrsainn Artaigeach
Chan e àite-fuirich socair sèimh a th’ ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Choire Fiadh ach beinn gharbh. Tha dòighean sònraichte aig na lusan agus na beathaichean a tha beò an seo air an seas iad ris an aimsir fhuar. Chan eil mòran àitichean sa Mhonadh Ruadh far a bheil sreath de chreag làn de bheathachadh, mar shiosta hornblende, a’ cruthachadh ùir a tha air leth math do lusan Artaigeach agus Ailpeach ach seo aonan dhiubh.
Sàbhailidh craiceann tiugh ’s casan ròmach do bheatha ma dh’fhaoidte
Leis a’ ghaoth gharbh agus solas làidir na grèine an seo, dh’fhàgadh sin na duilleagan aig lusan àbhaisteach seargta tioram. Tha duilleagan tiugha leathrach aig clach-bhriseach an t-sneachda agus lus nan laoch a ghlèidheas an t-uisge na bhroinn. Agus tha na cuiseagan is duilleagan aig bliochd-peasair Ailpeach còmhdaichte le fuilt bheaga gheala a thilleas solas cruaidh na grèine is a ghlèidheas breath de dh’adhar tais mun cuairt air an lus.
Fuirich gu h-ìosal ’s na tog do cheann
Gu h-àrd sna beanntan, far am bi gaoth fhuar reòthte a’ sèideadh, sin far a bheil dachaigh nan craobhan beaga cama lùbte. Cha do mhair an oir seo de chraobhan air a’ chuid as motha de bheanntan ann an Alba ach ’s ann an Coire Fiadh agus Coire an t-Searraich far a bheil a’ chuid as motha dhen t-seileach-olach agus dhen t-seileach-chlùimhteach air fhàgail. Cha tog na seilich phrìseil seo an cinn gu h-àrd idir is iad a’ fàs dlùth ris an talamh a sheachnadh nan sgalan as gairbhe.
Toiseach tràth
Chan eil ràith an fhàis fada àrd sna beanntan idir. Bidh a’ chlach-bhriseach purpaidh fo bhlàth fiù mus bi an sneachd air fad air leaghadh, a’ dèanamh cinnteach gum bi na sìl aige abaich mus tig crìoch air an t-samhradh.
Sgeulachdan a’ phoilein
Glèidhte ann am mòine
Nuair a theich an eigh-shruth, dh’fhàg e lochain a lìon le mòine fhìnealta thairis air an 11,000 bliadhna a dh’aom. Laigh poilean chraobhan, phreasan is lusan eile sa mhòine a dh’fhàs mean air mhean thairis air iomadh samhradh.
Rinn luchd-saidheans mion-sgrùdadh air a’ mhòine agus dh’innis am poilean a bha an sàs na broinn dhaibh dè na lusan a b’ àbhaist a bhith a’ fàs ann.
Tha an rannsachadh seo ag innse dhuinn gun robh badan de sheileach is aiteann ìseal agus badan beaga de choilltean beithe agus calltainn a’ fàs agus giuthas, darach, leamhan is feàrna an siud ’s an seo.
Tha lusan Ailpeach – an t-adhbhar ’s gu bheil an coire fo dhìon an-diugh – air a bhith an seo gu buan o dheireadh linn na deighe mu dheireadh. Tha mòran ann dhiubh nach eil a’ fàs ach air stallachan agus ann an claisean nach ruig na fèidh.
Beò air èiginn
Aon dhe na h-àitichean fiadhaich mu dheireadh ann am Breatainn
Tha am poilean ag innse dhuinn gun robh Coire Fiadh am measg nan àitichean mu dheireadh a thàinig fo bhuaidh dhaoine. Cha tàinig atharrachadh mòr air na lusan a chòmhdaich an coire iomallach seo gu nàdarra fad 11,000 bliadhna.
Ach thàinig an dà latha air mu 200 bliadhna air ais. Cha mhòr ’s gun do dh’fhalbh a’ choille air fad agus leudaich raon an fheòir. Ged a bhiodh iad pailte roimhe air feadh a’ choire, cha robh sgeul air cuid a lusan ach anns na claisean cumhang a-nis.
B’ e sin àm nan caorach mòra agus thàlaidh an talamh-feòir barrachd fhiadh ann. Cha do sheas craobhan òga agus lusan maotha uiread a dh’ionaltradh. Dh’fhàs a’ choille ach mhair an seileach-olach agus badan de lusan a tha gu math ainneamh an-diugh anns na claisean agus air na pallachan nach ruig beathaichean.
Tha sinn a’ cumail smachd air àireamh nam fiadh ri linn sin an-diugh, airson lusan is bith-àrainnean sònraichte Choire Fiadh a dhìon agus tha feansa ann a dhìonas na h-àitichean as cudromaiche far a bheil na seilich bheaga a’ fàs.
Faisneis nàdarra
Tha ulpagan mòra air feadh ùrlar a’ choire, ris an canar leacan-dìlinn, agus tha cuid dhiubh cho mòr ri Land Rover. Thuit na h-ulpagan seo air an eigh-shruth far ballachan a’ choire agus dh’fhalbh iad leis gus an do leagh an deigh agus laigh iad far am faicear iad an-diugh.
Allt Fiadh
Chan eil cus àitichean ann far am faic thu allt beinne a’ dol eadar garbh-shruth agus allt socair a lùbas an siud ’s an seo.
Tha Allt Fiadh a’ tuiteam a-mach air àrd-chlàr a’ Mhonaidh Ruaidh, a’ sìor-thuiteam a-nuas, a’ call lùths is a’ fàs slaodach is an coire a’ fàs nas rèidhe. Tha a’ ghainmheach san allt a’ laighe agus nochdaidh tràighean beaga nach mair fada ann am boghachan a-staigh an uillt. Falbhaidh lùban an uillt an siud ’s an seo thar ùine, a’ gluasad an fhuighill a dh’fhàg an eigh-shruth air ùrlar a’ choire.
Tha luachair, seisg is canach a’ fàs air bruachan lùbach an uillt, am biadh as fheàrr leis an fhamhalan-uisge. Cha mhòr gun deach iad à bith fo ionnsaigh nam mioncaichean gallta, ach tha sinn an dòchas gun till iad a-nis.
Cuir ort do chòta is bian geamhraidh
’S e a’ mhaigheach-mhonaidh an aon mhamal ann an Alba nach fuirich ach air talamh àrd. Mun Dùbhlachd, tha a’ bhian ghlas orra air fàs geal agus tiugh agus bian a’ fàs air na buinn aca mar bhrògan-sneachda. Tha breug-riochd a’ gheamhraidh a’ cumail maighichean-monaidh Choire Fiadh sàbhailte o na h-iolairean-buidhe a nì sealg suas is sìos nan coirean.
Tha Tèarmann Nàdair Nàiseanta Choire Fiadh na phàirt de dhà àite fo dhìon sònraichte nas motha agus tha e cudromach aig ìre Eòrpach do dh’eòin mar iolairean-buidhe. Tha eòin-bheinne eile a’ fuireach ann an creagan is coilltean an tèarmainn, mar eisimpleir an dubh-creige, seabhag-ghorm, bigean-baintighearna agus am fitheach.
Bàrr an t-saoghail
Sreap suas gu mullach a’ choire agus ruigidh tu àrd-chlàr a’ Mhonaidh Ruaidh, an sgìre àrd-bheanntan as motha san RA. Ma leanas tu air adhart, cùm sùil airson amadan-mòintich, tarmachan agus eun an t-sneachda san àite Artaigeach fhiadhaich mhòr seo.
Find out more on
- Visiting the reserve
- About the reserve
- Visit more of our nature reserves