Leugh ann am Beurla / Read in English
Tha sinn air 15% den fhiadh-bheatha againn ann an Alba a chall o 1994, ach faodaidh sinn piseach a thoirt air cùisean còmhla ri chèile. Tha e math dhuinn fhìn, dhan phlanaid is do dh’fhiadh-bheatha gun gabh sinn cùram ri nàdar. Tha tòrr dòighean sìmplidh ann airson Àite A Dhèanamh Do Nàdar nad bheatha làitheil. Lean ar molaidhean matha is till call nàdair.
1. Gàirnealachd do nàdar
Leig leis an duilleach bàsachadh gu nàdarra, na geàrr am feur cho tric, agus fàg geugan is duilleagan far an dèan meanbh-fhrìdean àite dhaibh fhèin annta. Fàg na cinn-sìol air an lus oir ithidh eòin iad is fuirichidh meanbh-fhrìdean annta. Cuir meacanan is callaidean dha na meanbh-fhrìdean is mamalan a nochdas as t-earrach.
2. Cuir airson an àm ri teachd
Mus fàs an aimsir ro fhuar, ’s e seo an t-àm planntrais a chur. Cleachd an stiùireadh feumail seo airson dèanamh cinnteach nach tagh thu planntrais neo-dhùthchasach ionnsaigheach, a tha nan cunnart mòr ro bhith-iomadachd an t-saoghail. Nì an leithid an t-odharan mòr is bailm-Innseanach cron air lusan, eòin is meanbh-fhrìdean dùthchasach, agus an eaconamaidh againn, ar slàinte is ar dòighean-beatha!
3. Fuasglaidhean stèidhichte air nàdar
Tha mòran den charbon gu lèir a tha taisgte san ùir ri lorg san talamh-mhòintich againn - cleachd stuth gàirnealachd gun mhòine airson a gleidhidh. Ma tha siteag compoist agad, na caraich i gu tric oir gheibh iomadh creutair fasgadh an seo. Glach is stòr uisge-adhair.
4. Cuidich eòin na sgìre
'S e deagh àm a tha seo taighean-eun is biathadairean a thogail, agus glan a-mach bogsaichean-neadachaidh a th' ann mar-thà - a rèir an lagha chan fhaodar seo a dhèanamh ach eadar 31 Iuchar is 1 Gearran gus nach brisear a-steach air neadachadh. 'S ann eadar am foghar is an t-earrach, nuair a tha biadh gann, a tha e as fheumaile biadh a thoirt dha eòin, ach feuch gun chus a thoirt dhaibh. Feuch is biadh a chur ann gu cunbhalach, gan gluasad gus nach fhàs e salach agus glan iad gach grunn làithean. Tha sìol is cnuimhean-mine math dhaibh aig an àm-sa den bhliadhna. Ma tha thu a' cur a-mach uisge, cùm ùr e agus glan na bobhlaichean is na h-amaran gu cunbhalach.
5. Thoir uisge seachad
Bidh lòn uisge a’ tarraing dhearcan-luachrach, tharbh-nathrach, eun is eile cho math ri losgannan is muileacha-màg. Dhèanadh seann mhias no bobhla uisge air oir uinneig a’ chùis. Cuir geugan no clachan ann mar àite air an laigh meanbh-fhrìdean os cionn an uisge. Dh’fhaodadh reòthadh cruaidh a bhith na thrioblaid do dh’èisg no losgannan is dearcan-luachrach. Seo an t-àm airson sprùilleach sam bith a thoirt às is ball teanais fhàgail air bàrr an uisge gus nach reòthadh e.
6. Obair saor-thoileach do nàdar
’S e dòigh spòrsail a th’ ann diofar a dhèanamh, cho math ri coinneachadh ri caraidean ùra is ùine a chur seachad air a’ bhlàr a-muigh. Ionnsaich mu na cothroman saor-thoileach againn no aig Volunteer Scotland. Bi air do bhrosnachadh le pròiseactan coimhearsnachd ann an àiteachan uaine no tòisich am pròiseact agad fhèin.
7. Cruinnich criomagan
Chòrdadh measan bog no briste ri bruic, sionnaich is eòin. Geàrr am meas na dhà leth is stob air geug e. Ma tha craobhan no callaidean measa nad àite uaine ionadail, fàg na measan no dearcan dhan fhiadh-bheatha. Ma tha pailteas ann, dèan beagan rùrachd dhut fhèin.
8. Dèan diofar
Clàraich na h-eòin, dealanan-dè, losgannan, lusan is eile a chì thu cho math ri gnèithean ionnsaigheach neo-dhùthchasach. Tha e soirbh is spòrsail – agus tha sgrùdaidhean gu leòr ri dhèanamh air a’ fòn agad. Is urrainn dhutsa diofar a dhèanamh.
9. Ionnsachadh sa bhlàr a-muigh
’S fhiach ùine a chosg air a’ bhlàr a-muigh as t-fhoghar. Feuch tòrachd nàdair, cruinneachadh dhuilleagan no gheanmthan-chnò airson obair-ealain, dèan taigh bhiastagan no thoir sùil a-muigh feuch am faic thu atharrachadh nan ràithean. Thoir sùil air aplacaidean lusan no eun.
10. Cuairtean san sgìre
Tha iomadh cuairt, slighe is pàirc air an stairsnich againn. Tha raointean-uaine math airson fois a ghabhail, cuairt leis a’ chù no an teaghlach agus ionnsachadh sa bhlàr a-muigh. Tha fiadh-bheatha ri fhaicinn cuideachd. Stad, èist is faigh tlachd à greiseag shìtheil.
11. Tha e math dhut
Tha mòran againn a’ cur an cèill nam buannachdan slàinte is slàinte-inntinn an cois ùine air a’ bhlàr a-muigh. Bidh sinn a’ leigeil uallach dhinn, a’ gabhail fois, a’ faighinn neart agus a’ neartachadh ar cuid slàinte. Tha nàdar gar dìon is sinn fhèin a’ dìon nàdar.