Graphic of a blackbird, ladybird and frog next to 'make space for nature' text in Gaelic

Deich dòighean air àite a dhèanamh dha nàdar nad bheatha as t-earrach

Leugh ann am Beurla / Read in English

Tha mòran againn a-nis a' cur barrachd ùine seachad air a’ bhlàr a-muigh na bha sinn ro lèir-sgaoileadh a' ghalair, is tha còrr air an dàrna leth againn airson ceumannan deimhinneach a ghabhail is fiadh-bheatha na h-Alba a chuideachadh. ’S e ràith mhìorbhaileach a th’ anns an earrach airson cumail oirnn leis na deagh chleachdaidhean seo agus suim a ghabhail san t-saoghal nàdarra nar beatha làitheil. 

Chan ann a-mhàin gun cuidich nàdar sinne, bidh e cuideachd a’ cur ri Alba a tha nas fhallaine is nas uaine is nàdar a’ cuideachadh san strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

bluetit on branch

1. Beathaich na beathaichean iteach

Tha eòin trang a’ togail sàr neadan dhan cuid iseanan. Cho math ri beagan gàirnealeachd leisg – leithid gun a bhith a’ sgathadh phreasan anns a bheil neadan, agus a bhith a’ fàgail sprùilleach leis an gabh neadan a thogail -  ’s dòcha gum bi àite agad do thaigh-eun no biathadairean.

Conservation volunteer planting wildflowers ©Lorne Gill/SNH. For information on reproduction rights contact the Scottish Natural Heritage Image Library on Tel. 01738 444177 or www.nature.scot

2. Tha feum aig nàdar oirnn

Cuidich san strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Glèidh talamh-mòintich na h-Alba – ar prìomh stòras carboin – agus ceannaich bathar gàirnealachd gun mhòine. Cuir an aghaidh tuiltean san sgìre ionadail le bhith a’ lùghdachadh na th’ ann de chlachan-ùrlair sa ghàrradh agad.

Bumble Bee feeding Ragwort flower heads ©Lorne Gill/SNH. For information on reproduction rights contact the Scottish Natural Heritage Image Library on Tel. 01738 444177 or www.nature.scot

3. Spionnadh nan seilleanan

Leig leis an fheur fàs gu deireadh an earraich, às dèidh dha na beàrnain-Bhrìde blàthachadh ach mus nochd an cinn-sìol. ’S e biadh cudromach a th’ annta do dh’iomadh seòrsa beathach poileanachaidh. Na sgath craobhan no preasan a bhios fo bhlàth as t-earrach agus gabh tlachd à barrachd nàdair sa ghàrradh agad.

4. Tha feum againn air nàdar

Tha mòran againn a’ cur an cèill nam buannachdan slàinte is slàinte-inntinn an cois ùine air a’ bhlàr a-muigh. Bidh sinn a’ leigeil uallach dhinn, a’ gabhail fois, a’ faighinn neart agus a’ neartachadh ar cuid slàinte. Ma bhios tu ag obair bhon taigh, feuch gun gabh thu cuairt no greiseag shìtheil gach latha. Gabh tlachd às a’ chòisreadh bhinn seo a bh’ air a chlàradh as t-earrach.  Tha daoine fallainn an eisimeil nàdar fallainn.
 

5. Beathaichean poileanachaidh

’S e àm dùbhlanach a th’ anns an earrach do bheathaichean poileanachaidh is iad a’ nochdadh bhon chadal-gheamhraidh aca. Feuch gum bi lusan a chòrdas ri beathaichean poileanachaidh fo bhlàth sa ghàrradh agad bhon Mhàrt air adhart. Tha bòidheachd nam flùraichean ùra na togail cridhe is an geamhradh seachad. Eadar gealagan-làir, brògan na cuthaige is sòbhragan – tha an t-earrach oirnn agus chan fhada gus an tig an samhradh!
 

lady looking through binoculars out to sea

6. Ùine shaor-thoileach

Bu mhath le iomadh buidheann do thaic, gu h-àraid leis gum b' fheudar mòran obrach saor-thoilich stad a rèir riaghailtean Covid. 'S e deagh àm a th' ann a-nis sùil a thoirt air na cothroman saor-thoileach faisg ort is na riaghailtean a' lasachadh is obair saor-thoileach a' tòiseachadh a-rithist.

Red Squirrel (Sciurus vulgaris), Battleby, March 2014. ©Lorne Gill/SNH. For information on reproduction rights contact the Scottish Natural Heritage Image Library on Tel. 01738 444177 or www.nature.scot

7. Rach an sàs

Clàraich eòin, mamalan, muir-thìrich, meanbh-fhrìdean, lusan is eile, no cuir fios a thaobh sheòrsachan ionnsaigheach neo-dhùthchasach. Tha e furasta is spòrsail – agus thèid agad air iomadh ceisteachan a lìonadh air an fhòn-ghlic agad. ’S urrainn dhut deagh dhiofar a dhèanamh.

Girl photographing bluebells flowers

8. Ionnsachadh a-muigh

Bu mhath leis a’ mhòr-chuid againn gun cosgadh a’ chlann againn barrachd ùine a-muigh. Feuch geamannan lorg, lorg gealagan-làir no gucagan a’ nochdadh, luchdaich aplacaidean airson eòlas a chur air lusan is eòin... no èist ri ceilearadh nan eun is coimhead mar a tha na ràithean ag atharrachadh.

9. Lòintean gàrraidh

Bidh losgannan, muileacha-màg is dearcan-luachrach uile ag èirigh bhon chadal-gheamhraidh aca as t-earrach is iad an tòir dachaigh ùr. Tha lòintean gàrraidh gu math freagarrach dhaibh. Cho math ri losgannan is muileacha-màg, bidh lòn uisge a’ tarraing dhearcan-luachrach, tharbh-nathrach is iomadh beathach eile cuideachd. Dhèanadh seann mhias no bobhla uisge air oir uinneig a’ chùis an àite lòn uisge.

10. Biadhaich beathaichean na sgìre

Cùm biadh sna biathadairean gu cunbhalach agus fàg uisge ann. Bidh measgachadh de shìol, cridhean flùir-ghrèine, cnuimhean-mine, ùbhlan is peuran boga, is fiù càise tlàth, tarraingeach do dh’iomadh eun gàrraidh. Seachnaich aran, cnòthan-talmhainn is geur aig an àm seo den bhliadhna oir ’s urrainn do dh’iseanan tachdadh orra.