Panail Òigridh Gnèithean Air An Oir A’ Gabhail Ri Iarrtasan

Brath-naidheachd bho chom-pàirteachas Gnèithean air an Oir

2 Dàmhair 2023

Leugh ann am Beurla / Read in English

Tha prògram glèidhteachais ùr, Gnèithean air an Oir, a’ toirt fiathachadh do dhaoine òga à cladach is eileanan na h-Alba iarrtasan a chur a-steach airson na Panail Òigridh aige.

Tha Gnèithean air an Oir na chom-pàirteachas eadar NàdarAlba agus seachd carthannasan glèidhteachais, is iad uile a’ cur taic ri gnèithean a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba.

Le maoineachadh luach còrr is £6 millean, a’ gabhail a-steach £4 millean bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, bidh buidhnean com-pàirteachais Gnèithean air an Oir a’ lìbhrigeadh prògram de dh’obair glèidhteachais a mhaireas ceithir bliadhna gu leth air feadh seachd sgìrean pròiseict: na h-Eileanan Siar; na h-Eileanan A-Staigh is Earra-Ghàidheal; An Costa a Tuath; An Costa an Ear; Arcaibh; Sealtainn; agus Costa Shalmhaigh.

Tha am prògram a-nis a’ fastadh 14 daoine òga eadar 16 is 25 bliadhna a dh’aois bho air feadh nan seachd sgìrean pròiseict airson na Panail Òigridh aige.

Bheir Panail Òigridh Gnèithean air an Oir na daoine òga seo cruinn còmhla a bhruidhinn air cùisean co-cheangailte ris an àrainneachd nàdarra is na coimhearsnachdan aca. Coinnichidh buill na panail co-dhiù ceithir tursan sa bhliadhna air loidhne, agus gheibh iad cuireadh gu tachartas còmhnaidh maoinichte as t-earrach. ’S e amas na Panail Òigridh taic a thoirt do dhaoine òga is iad a’ leasachadh nan sgilean is na misneachd a dh’fheumas iad airson a bhith nan curaidhean nàdair sna coimhearsnachdan aca.

Tron Phanail Òigridh, bidh buill na panail: a’ coinneachadh ri daoine ùra is ag ionnsachadh bho shàr-eòlaichean san raon ghlèidhteachais; a’ faighinn trèanadh is a’ leasachadh sgilean, misneachd, is comas-obrach; agus a’ faighinn taic airson am pròiseact aca fhèin a leasachadh a bhrosnaicheas daoine eile gu nàdar.

Thathar a’ gabhail ri iarrtasan a-nis agus gheibhear fiosrachadh bho làrach-lìn Gnèithean air an Oir.

Thuirt Fiona Strachan, Manaidsear Prògraim Gnèithean air an Oir:

“Tha e glè mhath faicinn gu bheil a’ Phanail Òigridh aig Gnèithean air an Oir fosgailte airson iarrtasan a chur a-steach. Bidh seo na dheagh chothrom do dhaoine òga sna sgìrean pròiseict againn an guth a thogail air na tha a’ dol san sgìre aca, cho math ri bhith a’ dèanamh ceangal ri buill phanail ann an sgìrean eile agus ag ionnsachadh bho chàch a chèile is sàr-eòlaichean an raoin. Bidh an t-eòlas a choisinneas iad gu math luachmhor an dà chuid dhaibh fhèin is dha Gnèithean air an Oir. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri coinneachadh riutha.”

Thuirt Àrd-oifigear NàdarAlba, Francesca Osowska:

“Tha nàdar na h-Alba a’ fulang, le cuid de na gnèithean againn a tha fon chunnart as motha a-nis an impis a dhol à bith. Tha call na bith-iomadachd na chunnart mòr do mhuinntir an t-saoghail agus tha e riatanach gun gabh sinn ceuman an-dràsta a chùmas taic ri nàdar is a bheir na gnèithean seo air ais bhon oir.

Tha Gnèithean air an Oir am measg nam pròiseactan glèidhteachais as àrd-amasaiche ann an Alba thuige seo agus mar phàirt den phrògram seo tha sinn fìor thoilichte gum bi sinn a’ cur taic ri daoine òga is iad nan luchd-iomairt do dh’fhiadh-bheatha ionadail sna coimhearsnachdan aca. Tha e ro-chudromach do ghlèidhteachas an t-saoghail nàdarra gum bithear a’ cuideachadh dhaoine òga is a’ toirt dhaibh dhòighean a leasaicheas fuasgladh cheistean is sgilean ceannardais.”

Thuirt Caroline Clark, Stiùiriche na h-Alba aig Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta:

“Tha Gnèithean air an Oir ag obair còmhla ri cuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche a thaobh cruinn-eòlais ann an Alba. ’S e deagh chothrom a th’ anns a’ Phanail Òigridh do dhaoine òga a dhol an sàs ann an obair glèidhteachais phractaigeach san sgìre aca fhèin agus eòlas a chur air obair ro-innleachdail aig ìre nàiseanta.

Leis a’ Phanail Òigridh, bidh na daoine òga seo a’ leasachadh an cuid comais is misneachd a nì iomairt èifeachdach airson ar dualchais nàdarra, is nam buannachdan a thig an cois a ghlèidhteachais do choimhearsnachdan.”

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu Ghnèithean air an Oir air an làraich-lìn aca.

Agus lean adhartas a' phrògraim air Twitter (@SpeciesEdge) agus Facebook.

Contact