Graphic of a blackbird, ladybird and frog next to 'make space for nature' text in Gaelic

Deich dòighean airson nàdar a chur nad bheatha tron gheamhradh

Leugh ann am Beurla / Read in English

’S e cunnartan mòra na cruinne a th’ ann an atharrachadh na gnàth-shìde is call nàdair – tha sinn air cha mhòr 25% den fhiadh-bheatha againn ann an Alba a chall mar-thà. Ach tha dòchas ann – ma ghabhas sinn uile na ceuman freagarrach an-dràsta.

Tha e math dhuinn fhìn, dhan phlanaid is do dh’fhiadh-bheatha gun gabh sinn cùram ri nàdar. Tha mòran againn a’ cosg barrachd ùine a-muigh mar-thà agus tha e furasta àite a dhèanamh do nàdar nar beathannan. ’S fheàirrde sinn ùine a chur seachad a-muigh sa gheamhradh – chan eil agad ach ri aodach blàth a chur ort is na molaidhean agad fheuchainn.

 

Make space for nature campaign - A fieldfare eating an apple spiked on a branch

1. Biadhaich beathaichean na sgìre

Ithidh bruic, sionnaich is eòin seann mheasan boga. Geàrr measan an dà leth is fàg iad air an fheur no air geug. Ma tha cait is coin faisg, na fàg dearcan-fìona/measan tioram oir ’s urrainn dhaibh cron adhbharachadh.

Hedgehog in leaves

2. Gàirnealachd leisg

Leig le feur fàs no fàg duilleagan ann airson àite blàth socair fhàgail do bhiastagan, muir-thìrich is beathaichean beaga sna mìosan fuara. Fàg cinn-sìol air na lusan is blàthan sa ghàrradh – bidh iomadh biastag a’ geamhrachadh sna gasan falamh.

duck flying into land

3. Air do starsnaich fhèin

Lorg sinn tuilleadh chuairtean, cheuman is phàircean tron ghlasadh. Tha fiadh-bheatha gu leòr ri lorg, ann am pàircean a’ bhaile mhòir is ceuman ionadail – bho thunnagan gu fèidh. Na toir aran do thunnagan – feuch coirce-milis, coirce brochain, peasraichean leaghte bhon reothadair agus sìol eun na àite.

red squirrel on stone in snow looking towards camera

4. Ùine shaor-thoileach airson nàdair

’S e th’ ann an obair saor-thoileach ach aon de na rudan as fheàrr a ghabhas dèanamh do nàdar, agus tha spòrs na cois cuideachd. Bho chunntadh fheòragan gu togail cheuman-coiseachd is cur chraobhan, tha farsaingeachd de rudan ri dhèanamh, cho math ri bhith a’ coinneachadh ri caraidean ùra, ag ionnsachadh sgilean obrach is a’ cur ùine seachad a-muigh. Thoir sùil air an liosta againn de bhuidhnean saor-thoileach ceangailte ris an àrainneachd no coimhead air làrach-lìn Volunteer Scotland.

Blue tit sitting on bird feeder with fat balls while its snowing

5. Beathaich na beathaichean iteach

Tog taighean-eun is biathadairean, glan an fheadhainn a th’ ann mar-thà is lìon iad le biadh. Cleachdaidh creutairean is biastagan eile iad airson fasgadh. Cuir biadh ann gu cunbhalach is fàg uisge ann. Feuch agus sìol neòineanan-grèine is cridheachan neòineanan-grèine fhàgail ann, cho math ri cnòthan-talmhainn math, sìol nyjer agus/no measgachadh airson neart. Tha bàlaichean-geir math airson neart tron gheamhradh cuideachd.

Newt in the water

6. Uisge do dh’fhiadh-bheatha

Gheibh fiadh-bheatha uisge à lòintean garraidh ach nuair a dh’fhàsas i nas fhuaire faodaidh reòthadh cruaidh a bhith na thrioblaid do dh’èisg, losgannan is muileacha-màg. Bris an dèigh gu faiceallach le maide airson toll a dhèanamh, no fàg ball teanais air bàrr an uisge gus nach reòthadh e. Chan fheumar mòran a chosg air lòn oir dhèanadh seann mhias no bobhla uisge air oir uinneig a’ chùis.

7. Cùm sùil is clàraich

Clàraich eòin, ainmhidhean, lusan is eile no cuir fios a thaobh sheòrsachan ionnsaigheach neo-dhùthchasach. Tha e furasta is spòrsail – agus thèid agad air iomadh ceisteachan a lìonadh air an fhòn-ghlic agad. Thèid agad air diofar a dhèanamh.

8. Gabhamaid ceuman an-dràsta fhèin

Bidh na molaidhean againn a’ cuideachadh nàdar an-dràsta agus san àm ri teachd. Ma chuireas tu ùine seachad ann an nàdar, tha thu nas buailtiche cùram a ghabhail ris is spèis a thoirt dha, agus le sin bidh thu a’ cuideachadh san strì an aghaidh call nàdair is atharrachadh na gnàth-shìde.

9. Ionnsaich a-muigh

Ge bith ar n-aois bidh sinn uile ag ionnsachadh a-muigh. Thoir sùil air pàtrain reòthte air duilleagan is lìontan damhain-allaidh, luchdaich a-nuas aplacaidean airson eòlas a chur air lusan is eòin, no èist ri ceilearadh nan eun is cum sùil air atharrachaidhean sna ràithean.
 

10. Tha e math dhut

Chan eil uiread a dh’uallach oirnn, tha barrachd neirt againn is slàinte bodhaig nas fheàrr againn nuair a bhios sinn air a’ bhlàr a-muigh. Coinnich ri caraid airson cuairt gu cunbhalach, cuir air bhonn rabhadh brosnachail no gabh a-mach aig àm-lòin ann an solas an latha airson dòs làitheil de bheòthaman D.