
Plana Gàidhlig NàdarAlba (2022-27)
Tha am Plana Gàidhlig againn a' cur an cèill mar a chleachdas, bhrosnaicheas is leasaicheas sinn a' Ghàidhlig air feadh ar n-obrach.
Tha am Plana Gàidhlig againn a' cur an cèill mar a chleachdas, bhrosnaicheas is leasaicheas sinn a' Ghàidhlig air feadh ar n-obrach.
Leugh ann am Beurla / Read in English
Foillsichte: An Lùnastal 2022
Plana Gàidhlig NàdarAlba (3as eagran) 2022 - 2027
Chaidh am plana seo ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus chaidh aontachadh le Ministearan Albannach air 24.06.2022
Tha dlùth-cheangal ann eadar nàdar na h-Alba agus a’ Ghàidhlig, leis a’ chànan a’ toirt dhuinn lèirsinn is tuigse air leth air an t-saoghal mun cuairt oirnn. Anns an treas eagran seo den Phlana Ghàidhlig againn tha sinn airson na ceanglaichean eadar an dualchas nàdarra, cultarach is cànanach a ghlèidheadh. Mar a chuireas sinn ris na choisinn sinn agus sinn a’ neartachadh cleachdadh na Gàidhlig nar cuid obrach, leanaidh sinn oirnn a’ brosnachadh dhaoine gus a dhol an sàs anns a’ chànan is a chuid beartais.
Tha dleastanas againn, coltach ris a h-uile buidheann le Riaghaltas na h-Alba, airson amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2018-2023 a thoirt gu buil. Tha am Plana Gàidhlig againn fhèin a’ cur an cèill mar a chleachdas, mar a bhrosnaicheas is mar a leasaicheas sinn an cànan is sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil i fillte an lùib mòran de na pròiseactan againn.
Anns na h-eagrain na bu thràithe den phlana againn, tha sinn air cur romhainn gun neartaich sinn aire air a’ chànan agus sinn ga cleachdadh nar cuid ghnìomhan is conaltraidh, tro obair a leithid an t-sreatha leabhranan, ‘A’ Ghàidhlig Air Aghaidh na Tìre’ agus phròiseactan don òigridh air a’ bhlàr a-muigh. Leanaidh an co-obrachadh againn le ar com-pàirtichean airson na h-iomairtean seo a neartachadh is a leasachadh.
Brosnaichidh am plana ùr againn daoine gu nàdar a dhìon, a leigheas agus spèis a thoirt dha agus sinn a’ comharrachadh cho cudromach is a tha a’ Ghàidhlig airson eòlas a chur air an àrainneachd nàdarra againn.
Francesca Osowska, Àrd-oifigear
’S e NàdarAlba buidheann nàdair na h-Alba agus tha 30 bliadhna de dh’eòlas obrach againn a’ cumail comhairle ri Riaghaltas na h-Alba. Tha sinn a’ cur romhainn gun neartaich sinn ar n-àrainneachd nàdarra ann an Alba agus gum brosnaich sinn a h-uile duine gu barrachd suim a chur innte.
Tha sinn a’ creidsinn gum bi sinn uile nas toilichte, nas fhallaine, agus nas co-ionainne ma bhios an nàdar againn beairteach san àm ri teachd agus a h-uile duine an sàs ann. Tha sinn airson is gum bi an saoghal nàdarra aig teis-meadhan slàinte na dùthcha. Tha NàdarAlba air a chuid obrach stèidheachadh air nàdar beairteach a leasachadh dhuinn uile, a’ strì an aghaidh call bith-iomadachd is cùis-èiginn na gnàth-shìde tro fhuasglaidhean mòra is beaga stèidhichte air nàdar.
’S ann bho Bhuidheann-stiùiridh na h-Àrainneachd is na Coilltearachd aig Riaghaltas na h-Alba a gheibh sinn a’ mhòr-chuid den mhaoineachadh againn mar thabhartas taice. Tha an soirbheas againn is sinn a’ gleidheadh nàdar na h-Alba an crochadh gu mòr air co-obrachadh le buidhnean is daoine eile air feadh an riaghaltais. Tha aontaidhean co-obrachaidh is com-pàirtichean neo-fhoirmeil an sàs le caochladh farsaing de bhuidhnean.
Tha am plana corporra 2022-2026 againn a’ cur an cèill ar cuid phrìomhachasan airson an ath-cheithir bliadhna:
Tha co-obrachadh is sealladh air nàdar mar phàirt de dhùbhlanan is cothroman sòisealta is eaconamach aig teis-meadhan na dòigh-obrach againn – agus sinn an lùib obair an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde is air nàdar còmhla ri chèile.
Tha an tuilleadh fiosrachaidh mun obair againn ri fhaighinn air an làraich-lìn againn.
Anns na còig bliadhna mu dheireadh, tha sinn air a’ Ghàidhlig a chleachdadh, a bhrosnachadh is a leasachadh tron Phlana Ghàidhlig againn (2016 – 2021) agus na pròiseactan co-cheangailte. Seo eisimpleirean de chuid de na h-iomairtean againn:
Dh’fhàs ar sreath de leabhraichean ainmean-àite a ghabhail a-steach rannsachadh air ainmean-àite Cholbhasa ’s Orasa, Èirisgeidh is Inbhir Nis ’s an sgìre timcheall a’ bhaile. Cuideachd, thug co-obrachadh leabhar-iùil air rùrachd sheasmach is goireasan teagaisg gu buil. Ann an 2018/19, chleachd sinn na goireasan seo airson bùthan-obrach rùrachd a thoirt dha faisg air 200 bun-sgoilear Gàidhlig.
Chlàraich sinn na ficheadan de dh’agallamhan telebhisein is rèidio sa Ghàidhlig, cho math ri blogaichean dà-chànanach gach mìos agus roghainn de bhrathan-naidheachd. Chruthaich ar n-iomairt, Freshspace, a bha na brosnachadh do bhoireannaich òga tuilleadh feum a dhèanamh den bhlàr a-muigh, sreath de 10 bhidiothan goirid Gàidhlig is pasgan ghoireasan. Ann an 2019 chùm sinn co-chomhairle dhà-chànanach is sinn a’ sireadh bheachdan air Roinnean Dìon Mara a dh’fhaodadh a bhith ann.
Tha bileagan dà-chànanach aig ceithir tèarmainn nàdair deug agus tha tursachan gu tur dà-chànanach aig seachd tèarmainn. Ann an com-pàirteachas ri Fèis Rois lean na cuirmean-ciùil Cèilidh Air Chuairt aig grunn tèarmainn gach samhradh agus ann an 2020 bha co-fharpais shònraichte againn, In Tune With Nature, a bhrosnaich farpaisich gus a dhol an sàs ann an nàdar is ceòl ùr a sgrìobhadh do dh’fhear de dheich tèarmainn nàdair nàiseanta ann an Alba.
Chomharraich sinn an dlùth-cheangal eadar daoine is nàdar le cùirmean-ciùil aig Iomall a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, dh’obraich sinn còmhla ris an t-seinneadair Ghàidhlig chliùiteach Màiri Anna NicUalraig air Cluaidh – Ùrachadh na h-Aibhne (Dùn Omhain 2018) agus Lorg Ghlaschu (Glaschu 2019). Le Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan na brosnachadh ann an 2020, dh’fhastaich sinn an t-sàr neach-cliù traidiseanta Ingrid NicEanraig airson Brath sa Bhuideal a dhealbhadh, cùirm-ciùil ùr stèidhichte air gluasadan sruthan na mara.
Mhaoinich sinn rannsachadh is leasachadh corpais air ainmean Gàidhlig, is briathrachas co-cheangailte, do ghnèithean aig nach robh tiotalan cheana. Chruthaicheadh molaidhean air 170 ainm stèidhte do ràinich is lusan caidreabhach is mhoileasgan mara. Ann an 2020 stèidhich sinn eacarsaich a’ sgrùdadh an dàimh eadar eag-shiostaman is dualchas Gàidhlig na h-Alba.
Chuir sinn sgrùdadh-buidhne air comasan Gàidhlig an sàs san Ògmhios is san Iuchar 2016. Fhuair sinn 134 freagairtean agus shònraich sinn triùir fhileantach anns a’ bhuidhinn agus 36 luchd-obrach aig an robh comasan bunaiteach sa chànan.
Thug an sgrùdadh seo comharra measaidh dhuinn ris an urrainn dhuinn sgilean, mothachadh is ùidh sa Ghàidhlig a mheas. Tha e fa-near dhuinn sgrùdadh eile de a leithid a choileanadh anns a’ chiad bhliadhna den phlana seo agus a h-uile trì bliadhna an dèidh sin. Cùmaidh sinn sùil air toraidhean an sgrùdaidh is sinn a’ meas adhartas, chothroman is dùbhlain.
A rèir a’ Chunntais-shluaigh an 2011, bha sgilean Gàidhlig aig 87,000 neach na bu shine na 3 bliadhna a dh’aois an Alba (1.7% den t-sluagh gu lèir). B’ iad Comhairlean na Gàidhealtachd, nan Eilean Sar agus Cathair Ghlaschu na sgìrean comhairle anns an robh an àireamh a b’ àirde de dhaoine le comasan Gàidhlig.[1] Bha mu thimcheall air 50% de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan a rèir a’ Chunntais-shluaigh agus 50% anns a’ chòrr den dùthaich.[2]
Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn ann an grunnan ùghdarrasan ionadail, a’ leigeil le daoine òga adhartas a dhèanamh eadar na tràth-bhliadhnaichean is foghlam bun-sgoile is àrd-sgoile. Anns a’ bhliadhna sgoile 2019-2020, bha 6,272 sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. A thuilleadh air seo, bha foghlam Gàidhlig ri fhaighinn mar chànan a bharrachd ann an 75 sgoiltean Beurla agus bha 3,599 sgoilearan àrd-sgoile a’ dèanamh Gàidhlig mar chuspair.[3]
Tha còrr is 50 ùghdarras poblach an Alba air plana Gàidhlig fhoillseachadh. Tha na planaichean seo a’ cur an cèill mar a chleachdas agus mar a leigeas iad le daoine a’ Ghàidhlig a chleachdadh anns na prìomh ghnìomhan obrach aca.
Ghabh Pàrlamaid na h-Alba ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 gus inbhe na Gàidhlig mar chànan oifigeil na h-Alba, leis an aon spèis is a tha aig a’ Bheurla, adhaingneachadh.
’S e fear de na feartan as cudromaiche den Achd gum faod Bòrd na Gàidhlig iarraidh air buidhnean poblach planaichean Gàidhlig ullachadh. Chaidh an t-ullachadh seo a chur ann gus dèanamh cinnteach gun dèan an roinn phoblach ann an Alba oidhirp gus an seas a’ Ghàidhlig, le bhith a’ togail a h-inbhe is a h-ìomhaigh agus a’ cruthachadh chothroman practaigeach airson a cleachdadh.
’S e seo Plana Gàidhlig NatureScot, a chaidh ullachadh ri linn frèam Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus e a’ toirt fa-near don Phlana Chànain Nàiseanta agus an Stiùireadh air Leasachadh Phlanaichean Gàidhlig. Tha e a’ cur an cèill mar a dh’fhaodar a’ Ghàidhlig a chleachdadh nuair a thathar a’ conaltradh leis a’ mhòr-shluagh is prìomh chom-pàirtichean, agus mar a bhrosnaicheas is a leasaicheas sinn a’ Ghàidhlig.
Tha NàdarAlba a’ cumail taic ris a’ Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018 - 2023 a chuir an cèill gun tèid “a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean”.
Tha sinn a’ cur romhainn gun coilean sinn an t-amas seo is sinn a’ stèidheachadh ar cuid obrach air:
A rèir na h-Achd 2005, bha againn ri co-chomhairleachadh air an dreach Phlana Ghàidhlig againn a chur an sàs mus do chuir sinn e gu Bòrd na Gàidhlig. Airson seo a dhèanamh, bha an dreach Plana Gàidhlig ri leughadh air an làraich-lìn againn agus chuir sinn greis cho-chomhairleachaidh sia seachdainean air dòigh leis a’ mhòr-shluagh is luchd-obrach NàdarAlba eadar an Cèitean is an t-Iuchar 2021.
An dèidh dhuinn freagairtean fhaighinn bhon cho-chomhairleachadh agus atharrachaidhean a dhèanamh da rèir, chaidh dreach deireannach den Phlana Ghàidhlig againn a chur gu Bòrd na Gàidhlig airson aonta. Chaidh an dreach plana a chur mu choinneamh Ministearan Albannach le Bòrd na Gàidhlig.
Tha tuilleadh fiosrachaidh air a’ cho-chomhairleachadh phoblach ga fhoillseachadh an cois Pàipear-taice 1.
Tha sinn an geall gun cuir sinn na prìomh phrionnsabalan a leanas an sàs air feadh a’ Phlana Ghàidhlig againn agus nam pròiseactan co-cheangailte:
Nì sinn cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig aig ìre a tha co-ionnan ris a’ Bheurla nuair a tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh sna gnìomhan is seirbheisean againn.
Cuiridh sinn tairgse chànain an sàs ach am bi na seirbheisean Gàidhlig againn rim faighinn don luchd-obrach againn is don mhòr-shluagh. Nì sinn cinnteach, ma tha sinn air seirbheisean Gàidhlig a sholar, gun sgaoil sinn fios do luchd-cleachdaidh le Gàidhlig agus gum brosnaich sinn iad gu an cleachdadh. Mar sin dheth, cha bhi e an urra ris an neach fhèin faighneachd airson seirbheis is bidh misneachd aig an luchd-labhairt Ghàidhlig gum freagair sinn ri am feuman mas miann leotha. Nì sinn cinnteach gu bheil e a cheart cho furasta na seirbheisean Gàidhlig againn a chleachdadh is a tha cleachdadh nan seirbheisean Beurla againn.
Nì sinn cinnteach gu bheil sinn ag àbhaisteachadh nan cothroman don mhòr-shluagh is don luchd-obrach a’ Ghàidhlig a chleachdadh, mar thaic ri amas a’ Phlana Chànain Nàiseanta 2018 - 2023 gum bi "a’ Ghàidhlig air a cleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean".
Ann an com-pàirteachas ri Bòrd na Gàidhlig stèidhich sinn sia amasan àrd-ìre airson an eagrain seo den Phlana Ghàidhlig againn. ’S e gnìomhan ro-innleachdail a th’ annta is iad gu dlùth-cheangailte ris a’ Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018 - 2023.
Dòigh-obrach làithreach: Tha sinn air caochladh ghoireasan is iomairtean a mhaoineachadh airson luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh airson ceangal nas dlùithe ri nàdar a bhrosnachadh. Tha sinn air pasganan foghlaim a dhèanamh do sgoiltean agus air a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann am foillseachaidhean agus anns na meadhanan.
Gnìomhan a dhìth:
Ceann-ùine: Bho Bhliadhna 1
Dòigh-obrach làithreach: Tha sinn air grunn chom-pàirteachasan soirbheachail a stèidheachadh a tha a’ moladh a’ cheangail làidir eadar a’ Ghàidhlig is nàdar, mar eisimpleir an roghainn de ghoireasan sgoile againn is leabhraichean ainmean-àite. Cuideachd, tha ar cuid soirbheachaidh stèidhte a’ moladh nàdar tro chom-pàirteachasan ealain na Gàidhlig, leithid Caithream na Cruinne còmla ri Fèis Rois is coimiseanan-ciùil mar phàirt den Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Gnìomhan a dhìth:
Ceann-ùine: Bho Bhliadhna 1
Dòigh-obrach làithreach: Tha sinn a’ maoineachadh rannsachadh a tha a’ toirt am follais cho cudromach is a tha cànan is cultar na Gàidhlig don tuigse is don mheas againn air nàdar. Tha an sreath againn A’ Ghàidhlig Air Aghaidh na Tìre a’ rannsachadh ceangal dlùth nan daoine leis an tìr tro bheul-aithris is ainmean-àite. Tha sinn cuideachd air taic a chumail ri rannsachadh is cruthachadh mholaidhean air ainmean stèidhte is briathrachas co-cheangailte air seòrsachan rainich agus mhoileasgan mara. Tha sinn a’ cur ainmean ùra Gàidhlig air seòrsachan air nach robh ainm (is iad air ùr-thighinn a dh’Alba air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde no sgaoileadh le mac-an-duine) tron phròiseact Bho Bheul an Eòin. Agus stèidhich is dh’fhoillsich sinn eacarsaich air a’ Ghàidhlig is seirbheisean eag-shiostaim.
Gnìomhan a dhìth:
Ceann-ùine: Bho Bhliadhna 1
Dòigh-obrach làithreach: Tha cothrom air leth an cois a’ Phrògraim do dh’Fhastadh-òigridh airson sgilean nàdair a leasachadh don àm ri teachd agus airson an àireamh de luchd-obrach sa bhuidhinn againn a thoirt am meud. Tha a h-uile dreuchd bhàn sa phrògram againn a’ meas na Gàidhlig mar sgil buannachdail.
Gnìomhan a dhìth:
Ceann-ùine: Bho Bhliadhna 2
Dòigh-obrach làithreach: Tha grunn cho-obraichean thar NatureScot a’ cumail taic ri leasachadh is stèidheachadh a’ Phlana Ghàidhlig againn is pròiseactan co-cheangailte.
Gnìomhan a dhìth:
Ceann-ùine: Bho Bhliadhna 1
Dòigh-obrach làithreach: Tha na sgeamaichean maoineachaidh againn a’ cumail taic ri manaidsearan fearainn, carthannasan is eile is iad a’ cur ri gleidheadh nàdar is àrainnean na h-Alba. Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail air taic a chumail ri cothroman ùra airson seallaidhean, fiadh-bheatha is cultar na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhrosnachadh. Chaidh iarraidh air tagraichean taisbeanadh ciamar a bhiodh a’ Ghàidhlig air a cleachdadh sna pròiseactan is bha Bòrd na Gàidhlig air a riochdachadh air Bòrd Stiùiridh Dèanadais na maoin. Dh’fhoillsich sinn stiùireadh maoin sa Ghàidhlig agus bidh sinn a’ foillseachadh bhrath-naidheachdan is bhrathan conaltraidh eile mun mhaoin sa Ghàidhlig.
Gnìomhan a dhìth:
Ceann-ùine: Bho Bhliadhna 1
Tha ar bun-dhleastanasan a’ mìneachadh na h-ìre as ìsle de sheirbheis Ghàidhlig a bheir sinn seachad rè ùine a’ phlana seo agus, far a bheil e iomchaidh, seasaidh dleastanasan bho na Planaichean Gàidhlig a bh’ againn cheana. Tha sinn airson an t-seirbheis seo a cho-roinn ri buidhnean a bhios ag obair sna h-aon àiteachan-obrach rinn.
Dòigh-obrach làithreach
Gnìomh | Ceann-ùine | An urra ri |
---|---|---|
Suaicheantas Cleachdaidh sinn suaicheantas is gèarr-abairt dhà-chànanach gu coitcheann air feadh na buidhne. |
Leantainneach |
Sgioba Conaltraidh |
Soidhneadh suidhichte (taobh a-muigh is a-staigh) |
Leantainneach |
Goireasan is Seirbheisean an Àite-obrach Sgioba Conaltraidh |
Soidhneadh sealach |
Bliadhna 1 is leantainneach na dèidh |
Goireasan is Seirbheisean an Àite-obrach Sgioba Conaltraidh |
Soidhneadh Tèarmainn Nàdair Nàiseanta (NNR) |
Bliadhna 1 is leantainneach na dèidh |
Sgìrean Glèidhte is Tèarmainn Nàdair Sgioba Conaltraidh |
Dòigh-obrach làithreach
Gnìomh | Ceann-ùine | An urra ri |
---|---|---|
Fàilteachadh Gheibh luchd-obrach fàilteachaidh a tha airson tuilleadh Gàidhlig ionnsachadh an cothrom seo a dhèanamh. Brosnaichidh agus cuidichidh sinn luchd-obrach fàilteachaidh gus fàilte dhà-chànanach a chur air aoighean. Cuidichidh sinn luchd-obrach fàilteachaidh aig a bheil a’ Ghàidhlig gus seirbheis dhà-chànanach a thabhann is sanasaichidh sinn an cothrom seo. |
Leantainneach
Leantainneach
Leantainneach
Leantainneach |
Oifigear Gàidhlig Goireasan is Seirbheisean an Àite-obrach |
Fòn Bidh taic ann do luchd-obrach a tha airson fàilte is postan-gutha dà-chànanach a chleachdadh, agus bidh luchd-obrach air am brosnachadh gus seo a dhèanamh. |
Leantainneach |
Goireasan is Seirbheisean an Àite-obrach |
Foirmean |
|
|
Coinneamhan poblach |
|
|
Dòigh-obrach làithreach
Gnìomh | Ceann-ùine | An urra ri |
---|---|---|
Brathan-naidheachd |
Leantainneach |
Sgioba Conaltraidh |
Meadhanan sòisealta Àrdaichidh sinn cleachdadh na Gàidhlig air ar meadhanan sòisealta co-dhiù 20% thar ùine a’ phlana seo agus cleachdaidh sinn #NàdarAlba airson puist a chruinneachadh is soirbheas a thomhas.Cleachdaidh sinn #CleachdI cuideachd airson cur ri ìre na Gàidhlig san fharsaingeachd. |
Leantainneach |
Sgioba Conaltraidh |
Foillseachaidhean |
Bliadhna 1 is leantainneach na dèidh |
Sgioba Conaltraidh |
Margaidheachd |
Bliadhna 1 is leantainneach na dèidh |
Sgioba Conaltraidh |
Làrach-lìn |
Bliadhna 1 is leantainneach na dèidh |
Sgioba Conaltraidh |
Taisbeanaidhean is tachartasan |
Bliadhna 1 is leantainneach na dèidh |
Sgioba Conaltraidh |
Eadar-mhìneachadh |
Leantainneach |
Sgìrean Glèidhte is Tèarmainn Nàdair Sgioba Conaltraidh |
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne |
Leantainneach |
Sgioba Conaltraidh |
Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig (2018 - 2023) |
Leantainneach |
Oifigear Gàidhlig Manaidsearan Ghoireasan Nàdarra |
Eadar-theangachadh |
Leantainneach |
Sgioba Conaltraidh |
Dòigh-obrach làithreach
Gnìomh | Ceann-ùine | An urra ri |
---|---|---|
Fastadh Cumaidh sinn oirnn a’ toirt fastadh do dh’Oifigear Gàidhlig. Bidh a’ Ghàidhlig na sgil riatanach do dh’aon dreuchd eile. Bidh a’ Ghàidhlig aithnichte na sgil-obrach bhuannachdail airson a h-uile dreuchd eile. |
Leantainneach
Bliadhna 5
Leantainneach |
Leasachadh Daonna is Buidhne |
Inntrigeadh |
Bliadhna 1 |
Leasachadh Daonna is Buidhne Oifigear Gàidhlig |
Trèanadh Bidh goireasan airson fuaimneachadh Gàidhlig, gu h-àraid ann an co-cheangal ri ainmean-àite is cruthan-tìre, rim faotainn. Bidh na cothroman trèanaidh seo ann rè uairean obrach. Bheir sinn prìomhachas do cho-obraichean a bhios a’ dèiligeadh ris a’ phoball is an fheadhainn a bhios ag obair ann an coimhearsnachdan eileanach is dùthchail far a bheil a’ Ghàidhlig làidir. Bidh na cothroman air an co-roinn còmhla ri buidhnean com-pàirteachais far an gabh a dhèanamh. |
Leantainneach
Bliadhna 2
Leantainneach |
Oifigear Gàidhlig Leasachadh Daonna is Buidhne |
Dòigh-obrach làithreach
Leanaidh an dòigh-obrach làithreach seo rè uine a’ phlana.
Thèid na leanas a choileanadh airson dearbhadh gu bhuil ar co-obraichean a’ tuigsinn nan dleastanas is nan cothroman aca an lùib a’ phlana:
Foillsichidh sinn am plana deireannach againn sa Ghàidhlig agus sa Bheurla air an làraich-lìn againn. A thuilleadh air sin nì sinn na leanas:
’S urrainn do gach neach-obrach NàdarAlba cur ri stèidheachadh soirbheachail a’ phlana. Thèid againn air na geallaidhean cànain a sgaoileadh is a chur an sàs ann an dòigh nas èifeachdaiche air feadh na buidhne tron bhuidhinn stèidheachaidh Ghàidhlig.
Leanaidh sinn oirnn a’ cur an eadra-lìn againn gu feum airson conaltradh le luchd-obrach air gnothaichean a thaobh a’ Phlana Ghàidhlig againn agus bidh sinn èasgaidh is sinn a’ cumail taic ri luchd-obrach le dleastanas sònraichte ri linn a’ phlana.
Chaidh am plana againn a stèidheachadh air na goireasan a th’ againn an-dràsta. ’S math dh’fhaodte gun iarr sinn cothroman maoineachaidh air an taobh a-muigh mu choinneimh phròiseactan fa leth.
Foillsichidh sinn aithisg adhartais gach mìos taobh a-staigh na buidhne is bheir sinn aithisg sgrùdaidh bhliadhnail gu buil do Bhòrd na Gàidhlig. Foillsichidh sinn an aithisg bhliadhnail seo air an làraich-lìn againn.
Nì sinn ar dìcheall gum bi aontaidhean is sochairean le buidhnean on taobh a-muigh a tha co-cheangailte ri lìbhrigeadh sheirbheisean poblach gan dealbhadh a rèir cumhaichean a’ phlana seo, mar as iomchaidh. Iarraidh sinn air a’ bhuidhinn on taobh a-muigh am Plana Gàidhlig againn a leantainn mura h-eil plana aca fhèin.
’S ann leis an Àrd-oifigear againn a tha dleastanas airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ toirt geallaidhean a’ Phlana Ghàidhlig againn gu buil.
’S ann leis a’ Cheannard Chonaltraidh, Cat Synnot, a tha dleastanasan ullachaidh, lìbhrigidh is sgrùdaidh:
’S ann leis an Oifigear Ghàidhlig againn a tha dleastanasan lìbhrigidh is sgrùdadh làitheil a’ phlana. Bu chòir ceistean air lìbhrigeadh làitheil a’ phlana a chur gu Robyn Ireland.
Chuir sinn greis cho-chomhairleachaidh sia seachdainean air dòigh leis a’ mhòr-shluagh bho 25 Cèitean gu 6 Iuchar 2021. Bha an dreach plana ri leughadh air an làraich-lìn againn agus sgaoil sinn brath-naidheachd sa Ghàidhlig is sa Bheurla airson daoine a bhrosnachadh an cuid bheachdan a chur thugainn. Bha puist againn air Facebook is Twitter cuideachd, agus chuir sinn puist-d gu luchd-ùidhe.
Fhuair sinn seachd freagairtean – a dhà dhiubh bhon mhor-shluagh is còig bho bhuidhnean poblach eile – agus chuir sinn dà atharrachadh beag an sàs mar thoradh air an fhiosrachadh a fhuair sinn.
[1] National Records of Scotland, Scotland’s Census 2011: Gaelic report (pàirt 1), t.d.6
[2] Bòrd na Gàidhlig, Plana Cànain Nàiseanta 2018 - 2023, t.d.26