Prògram glèidhteachais ioma-ghnèitheach ga thòiseachadh sna h-Eileanan A-Staigh ’s Earra-Ghàidheal

14 Iuchar 2023

Brath-naidheachd le com-pàirteachas Gnèithean air an Oir

Leugh ann am Beurla / Read in English

Tha prògram glèidhteachais ùr-ghnàthach ’s dian-thograch a mhaireas ceithir gu leth bliadhna, Gnèithean air an Oir, ga chur air a chasan sna h-Eileanan A-Staigh ’s Earra-Ghàidheal.

Tha Gnèithean air an Oir na phrògram com-pàirteachais dàna, ùr eadar NàdarAlba ’s seachd carthannasan glèidhteachais. Tha e a’ cur roimhe teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do 37 gnèithean fo chunnart a chithear air cladach ’s eileanan na h-Alba.

Le maoineachadh o Mhaoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Gnèithean air an Oir na chom-pàirteachas eadar RSPB na h-Alba, NàdarAlba, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Plantlife, Buglife, agus Glèidhteachas nan Dealan-dè.

Mairidh am prògram fad ceithir bliadhna agus nì Gnèithean air an Oir obair ann an seachd sgìrean air feadh na h-Alba: Sealtainn; an Costa a Tuath; an Costa an Ear; na h-Eileanan Siar; Arcaibh; Linne Shalmhaigh; na h-Eileanan A-Staigh ’s Earra-Ghàidheal.

’S e na h-Eileanan A-Staigh ’s Earra-Ghàidheal an sgìre pròiseict as motha aig Gnèithean air an Oir, a’ sìneadh bhon Eilean Sgitheanach anns a’ cheann a tuath, a-null a ruige Tiriodh, agus a Mhaol Chinn Tìre aig deas.

Tha sgioba de cheithir oifigearan pròiseict aig Gnèithean air an Oir anns an sgìre ’s iad ag obair aig an RSPB, Buglife, Glèidhteachas nan Dealan-dè, agus Urras Glèidhteachas nan Ialtagan. Bidh iad a’ co-obrachadh gus 19 gnèithean fo chunnart a ghlèidheadh, an seillean-mòr buidhe, an deala leigheasach, a’ churracag, an gilbneach, ceithir gnèithean ialtaig, agus ceithir gnèithean leòmainn bùrnaid nam measg.

Tha na h-Eileanan A-Staigh ’s Earra-Ghàidheal nan tèarmann do ghnèithean nach fhaicear tuilleadh anns a’ chòrr de dh’Alba agus thathar an comain ginealaichean de chroitearan, a bha ri cleachdaidhean àiteachais le dèine bheag, a leig le mòran de ghnèithean na h-Alba a tha fo chunnart a thighinn beò an seo. Mar phrìomh phàirt de dh’obair Gnèithean air an Oir anns an sgìre seo bithear a’ cur cuideam air tuathanasachd Luach Nàdair Àrd agus ag obair gu dlùth ri manaidsearan fearainn ’s coimhearsnachdan croitearachd ionadail.

Thuirt an Co-òrdanaiche Conaltraidh, Sarah Duly: “Tha daoine aig cridhe soirbheas prògram Gnèithean air an Oir agus oidhirpean nas fharsainge airson gnèithean fo chunnart a dhìon. Tha sinn a’ tabhainn chothroman trèanaidh ’s conaltraidh do dhaoine a dhol an sàs ann an glèidhteachas practaigeach, saidheans nan saoranach, agus tachartasan ’s pròiseactan cruthachail. Tha sinn ag èisteachd ris na coimhearsnachdan ionadail ’s ag obair còmhla riutha airson leigeil leis an tuilleadh dhaoine ceangal a thogail leis an dualchas nàdarra aca.”

Tha ceithir prìomh ghnèithean aig Urras Glèidhteachas nan Ialtagan anns a’ phrògram: ialtagan cumanta; ialtag Dhaubenton; agus an ialtag chluasach. Thuige seo tha glè bheag de dh’fhiosrachadh ann air sgaothan ialtagan ann an Ceann a Tuath ’s Taobh an Iar na h-Alba, agus mar sin dheth bidh sgrùdadh farsaing na phàirt mhòr de dh’obair an Urrais airson staid nan ialtagan air feadh na sgìre a thuigsinn nas fheàrr. Tha an t-Urras air a bhith ag obair còmhla ri buidhnean anns a’ choimhearsnachd ionadail a thogail aire air ialtagan ’s mar a ghabhas an dìon agus tha e a’ tabhainn chothroman trèanaidh do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ cuideachadh ri suirbhidhean ialtagan faisg orra.

Thuirt Oifigear Pròiseict, Cathryn Baillie, bho Ghnèithean air an Oir: “Tha faisg air an treas cuid de ghnèithean mamalach anns an RA nan ialtagan, ach chan fhiosraich sinn mòran mun deidhinn idir! Tha a’ ghnè na taisbeanair cuideachd, a’ fàgail gum bi iad ag innse tòrr dhuinn mu staid na h-àrainneachd. Tha an dàta air sgaothan ialtagan na h-Alba gu math truagh, agus tha sinn an dòchas gum fàs ar n-eòlas orra ’s an taic a bheir sinn dhaibh agus sinn a’ togail aire ’s a’ brosnachadh barrachd dhaoine gus sùil a chumail a-mach airson nan creutairean air leth a tha seo.”

Tha trì prìomh ghnèithean aig Buglife ann an Earra-Ghàidheal ’s na h-Eileanan A-Staigh: daolag ola na h-amhaich goirid, an deala leigheasach; agus an seillean-ruamhair. Bha uair ann ’s nach lorgadh an daolag ola ach ann an Colbhasa, ach tha suirbhidheadh ’s togail aire a’ fàgail gu bheil a’ ghnè a-nis ga lorg air feadh nan Eilean Siar, ann am Barraigh, Ìle, Tiriodh ’s Uibhist. Tha cunnart ro dhaolagan ola na h-amhaich goirid a dhol à bith air sgàth ’s gu bheil na sgaothan dhiubh gu math beag ’s sgapte. Thairis air an ath-cheithir bliadhna, bidh Gnèithean air an Oir a’ bruidhinn ri uachdaranan air mar a ghabhas am fearann aca a chur gu feum airson na còraichean cearta a thoirt dhan daolaig ola ’s gnèithean neo-dhruim-altachan eile.

Chan aithnichear ach dà sgaoth de dhealan leigheasach ann an Alba. Tha Buglife a’ stiùireadh obair chudromach a chumas taic ris na sgaothan seo, ag obair còmhla ri Oighreachd Chill Daltain ann an Ìle air stiùireadh àrainne air na lochan anns an lorgar na dealan agus còmhla ri Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba airson prògram briodaidh a chuireas roimhe an toirt a-steach do lochan eile ann an Ìle.

Tha grunn prìomh ghnèithean aig an RSPB anns a’ phrògram: eòin-ghrunnachaidh leithid a’ churracaig ’s a’ ghuilbnich, agus eòin-imrich leithid na steàrnaig-bige ’s a’ gheòidh-bhlàr. Tha an RSPB cuideachd a’ stiùiridh obair ann an Colbhasa ’s Tiriodh a bhios a’ sgrùdadh àireamhan nan seilleanan-mòra buidhe, fear de na seilleanan-mòra as teirce anns an RA.

Tha costa an iar na h-Alba ’s na h-Eileanan A-Staigh nan tèarmann do ghrunn leòmainn annasaich leithid na bùrnaid Albannaich, bùrnaid na Coille Ùire, na bùrnaid soilleir agus bùrnaid Thalasgair. Bidh obair glèidhteachais, le Urras nan Dealan-dè aig an stiùir, a’ cuimseachadh air cur às do ghnèithean ionnsaigheach agus co-obrachadh ri uachdaranan airson ìrean ionaltraidh a tha nam buannachd do leòmainn a thoirt gu buil. Tha suirbhidhean na ràith-sa air leòmainn bùrnaid a lorg ann am Muile, Ulbha, Gòmastra, san Eilean Sgitheanach, Eige, agus tìr-mòr Earra-Ghàidheal.

Tha Gnèithean air an Oir cuideachd ag obair còmhla ri lighichean-sprèidh ann an Ìle a tha a’ cur teicneòlas ùr fo dheuchainn le sprèidh na sgìre. Bidh am bathar-bog ìomhaigheach a’ dèanamh deuchainn air sprèidh a dh’fhaicinn gu ceart ’s gu luath a bheil cnuimhean no am plùc orra, a’ fàgail gun gabh cungaidhean a chleachdadh ann an dòigh nas èifeachdaiche. Tha droch bhuaidh aig cleachdadh chungaidhean air an àireamh de larbhachan a lorgar ann an gannrachadh sprèidh. Bidh deuchainnean air sprèidh cuide ri ìsleachadh ann an cleachdadh chungaidhean a’ cuideachadh ri slàinte-ùire a thoirt am feabhas. Tha na deuchainnean nam buannachd do thuathanaich cuideachd ’s iad a’ toirt piseach air math nam beathaichean ’s cothrom ann cosgaisean ìsleachadh gun an uiread de chungaidhean a bhith air an cleachdadh.

Bidh Gnèithean air an Oir aig na fèillean a leanas anns an Iuchar ’s an Lùnastal:

· Tiriodh – 21mh Iuchar

· Bun Easain – 4mh Lùnastal

· Fèill Àiteachais an Eilein Sgitheanaich – 5mh Lùnastal

· An t-Sàilean – 10th Lùnastal

· Ìle, Diùra agus Colbhasa – 10mh Lùnastal

Gheibhear am fiosrachadh às ùire aig Gnèithean air an Oir air an làraich-lìn: www.speciesontheedge.co.uk agus lean an t-adhartas air Twitter @SpeciesEdge agus air Facebook @SpeciesontheEdge.

Cuir d’ ainm ris an liosta sgaoilidh aig Gnèithean air an Oir: http://eepurl.com/isDe16

Contact