Leugh ann am Beurla / Read in English
Bidh ceangal ri nàdar a’ toirt dhuinn toileachas, a’ cur ri ar cuid sunnd, agus gar brosnachadh gus fiadh-bheatha a dhìon. Tha an dàimh seo air leth cudromach airson atharrachadh dùrachdach a thoirt gu buil ’s cùisean-èiginn atharrachadh na gnàth-shìde is call nàdair gar coinneamh.
As t-samhradh-sa cuir romhad gun dèan thu àite dha nàdar gach seachdain: tagh ceuman practaigeach bhon liosta gu h-ìosal, no cruthaich do chuid fhèin; èist ris na h-eòin, tog àileadh nam flùraichean, tog dealbh de mheanbh-fhrìdean, smaoinich air ais air cuimhneachan prìseil, cleachd mothachas no èist ri fear de na podan-craolaidh againn air a’ bhlàr a-muigh. Thig sinn nas fhaisge air nàdar nuair a thèid sinn na lùib.
1. Bi nàdarra
Cuir an aghaidh thuiltean 's seachain feur fuadain, clachan-ùrlair 's deiceadh. Cha leig feur fuadain le frìdean is eòin faighinn chun na talmhainn, chan eil buannachdan gnàth-shìde aige agus chan ann gun obair-chàraidh a tha e ann an dha-rìribh. Dèan am feum as fheàrr de dh'uisge-adhair seach a' phìob-uisge le bhith a' glacadh 's a' stòradh uisge-adhair ann am peile - gabhaidh a chleachdadh airson càraichean, rothairean is bionaichean a ghlanadh cuideachd.
2. Trannsachan nàdarra
Bidh poitean-fhlùrain 's bogsaichean uinneig a' tàladh beathaichean poileanachaidh. Ma tha gàrradh agad na buain am feur cho tric ’s fàsaidh flùraichean fiadhain ann. Brosnaich an t-ùghdarras ionadail agad an aon rud a dhèanamh ann an àiteachan uaine freagarrach. Cruthaichidh iad trannsachan nàdarra do dh’fhiadh-bheatha a bhios a’ gluasad tro bhailtean. Mairidh iad cudromach fad ’s a dh’atharraicheas a’ ghnàth-shìde againn.
3. Leig leis na luibhnich
Dh’fhaodadh gu bheil droch chliù aig luibhnich, ach tha mòran dhiubh, am beàrnan-Brìde nam measg, nam biadh dhan a h-uille seòrsa beathach poileanachaidh, leithid seilleanan, dealanan-dè, laomainn, beachan-gobhair 's daolagan. Smaoinich orra mar flùraichean fiadhain a tha gu math treun – seach luibhnich! Cleachd glainne-mheudachaidh no tog mion-dealbh agus chì thu cho bòidheach ’s a tha iad.
4. Càrn mòr de chlachan beaga
Nì tòrr lusan a’ chùis ann am poitean, basgaidean crochaidh no bogsa air oir uinneig. Bidh luibhean leithid an lus-liath, sàiste ’s lus an rìgh a’ còrdadh ri beathaichean poileanachaidh, agus tha iad soilleir dathach!
5. Callaid seach feansa
Tha àrainnean fiadh-bheatha am broinn challaidean nach fhaighear an cois feansa. Cuir craobhan ’s preasan blàthachaidh leithid calltainn, seileach, àirne ’s sgìtheach – leigidh iad le fiadh-bheatha gluasad tron ghàrradh.
6. Co-roinn ghearraidhean
Faodaidh lusan ’s sìl a bhith cosgail, ach gabhaidh mòran ghnèithean a chòrdas ri beathaichean poileanachaidh a roinn no fàsaidh lusan ùra bho ghearraidhean. Faodaidh tu an co-roinn ri caraidean.
7. Gàirnealachd leisg
Leig leis an duilleach bàsachadh gu nàdarra - fàg geugan, duilleagan ’s spruilleach nàdarra eile mar fhasgadh do bhiastagan ’s fiadh-bheatha eile. Fàg na cinn-sìol - ithidh eòin iad 's fuirichidh meanbh-fhrìdean annta.
8. Cuidich eòin na sgìre
Cuir taigh-eun no biathadairean ris a’ ghàrradh agad. Tha biathadairean ceangailte ris an uinneig nan dòigh mhath air eòin na sgìre fhaicinn, gu sònraichte mur h-eil gàrradh agad no mur an urrainn dhut an taigh fhàgail. Feumaidh iseanan pròtain airson fàs gu luath agus tha flùraichean a bhios tarraingeach do bhiastagan nan cuideachadh. Tha cnuimhean-mine ann am biathadairean nan deagh ghreim-bìdh do dh’iseanan acrach cuideachd!
9. Biadhaich an ùir
Tha an talamh-mòine againn a’ tasgadh 63% den charbon gu lèir a tha san ùir – glèidh a' mhòine 's cleachd bathar gàirnealachd anns nach eil mòine. Cleachd todhar ’s compost ionadail, no dèan do chuid fhèin. Seachnaich puinnsean bhiastagan – tha deagh roghainnean eile ann. Thoir sùil gheur 's coimhead air na biastagan beaga a tha ag ath-chuairteachadh ar sgudail ’s a’ cumail a’ chuairt-bheathachaidh a’ dol.
10. Tog sgudal
Thoir leat baga ’s miotagan agus, ma bhios e sàbhailte, tog sgudal a lorgas tu air a' bhlàr a-muigh. Tha e cunnartach do dh’fhiadh-bheatha – bidh beathaichean gan glacadh ann no feuchaidh iad ri ithe. Cha ghabh a’ mhòrchuid den sgudal againn a bhith-chnàmhadh agus fuirichidh e nar n-àrainneachd nàdarra fad bhliadhnaichean mòra! Brosnaich do charaidean ’s càirdean a dhol an sàs ’s an sgìre ionadail a ghlanadh.
11. Thoir uisge seachad
Bidh lòn uisge a’ tarraing losgannan, sheilleanan, dhearcan-luachrach ’s eun cho math ri bhith a’ dèiligeadh gu seasmhach ri tuiltean. Chan fheum thu mòran a chosg air lòn. Dhèanadh seann mhias no bobhla uisge air oir uinneig a’ chùis. Cuir geugan no clachan ann mar àite air an laigh meanbh-fhrìdean os cionn an uisge.
12. Rannsaich fon uisge
Tha 41% de shluagh na h-Alba a’ fuireach 5km no nas lugha bhon chosta agus tha deagh theansa gu bheil slugan carraig math faisg ort. Gabh cuairt gu oir an uisge le nead ’s bucaid agus rannsaich na tha am falach bho na clachan. Cuimhnich air rud sam bith a lorgas tu a thilleadh dhan uisge.
13. Saidheans nan saoranach
Thig an sàs san dòigh spòrsail seo ’s cuidich an fhiadh-bheatha as fheàrr leat. Clàraich eòin, losgannan, dealanan-dè ’s eile ’s innse dhuinn càite a bheil (’s nach eil) fiadh-bheatha agus cuir ri rannsachadh air bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. Coimhead air an liosta phròiseactan againn.
14. Saor-thoileachas
Tha obair saor-thoileach na cothrom spòrsail diofar a dhèanamh do nàdar, coinneachadh ri caraidean ùra ’s ùine a chur seachad air a’ bhlàr a-muigh. Thoir sùil air na cothroman saor-thoileach againn no aig Volunteer Scotland. Bi air do bhrosnachadh le pròiseactan coimhearsnachd ann an àiteachan uaine no tòisich am pròiseact agad fhèin.