Thathar a’ moladh do dhaoine a thadhlas air beanntan na h-Alba sùil a thoirt air loidhne airson fiosrachadh mu stalcaireachd fèidh

20 Sultain 2023

Leugh ann am Beurla / Read in English

Leis gum bi barrachd stalcaireachd fèidh a’ dol gu ruige 20mh dhen Dàmhair, tha NàdarAlba a’ moladh do dhaoine a tha am beachd tadhal air beanntan na h-Alba sùil a thoirt air seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba airson ’s nach bris iad a-steach air obair chudromach stiùireadh nam fiadh rè na prìomh ùine seo.

Le èiginn atharrachadh na gnàth-shìde ann an Alba, tha e ro-chudromach rian a chumail air àireamh nam fiadh airson ’s nach dèan iad cron air nàdar. Ma thèid againn air buaidh nam fiadh, can ionaltradh agus saltairt thar a’ chòir, a lùghdachadh, bheir sin cothrom ath-shlànachaidh dhan talamh àrd a bhios an uair sin nas ioma-nàdarraiche agus a ghlacas barrachd carboin.

Mar phàirt dhen iomairt airson aghaidh a thoirt air èiginn an nàdair is na gnàth-shìde, chaidh seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba a leudachadh agus tha e a’ toirt seachad fiosrachadh an dà chuid mu ràith stalcaireachd daimh is eilidean an fhèidh-ruaidh.

Bu chòir do dhaoine sùil a thoirt air an fhiosrachadh mu stalcaireachd nam fiadh ma tha iad a’ dèanamh air beanntan na h-Alba uair sam bith eadar 1ad dhen Iuchar agus 15mh dhen Ghearran. Tha e gu sònraichte cudromach sùil a thoirt air an t-seirbheis seo aig dà àm àraidh – eadar 1ad is 20mh dhen Dàmhair agus aig deireadh ràith nan eilidean, a thig gu crìoch 15mh dhen Ghearran.

Tha A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba na phàirt de làrach-lìn Còd Slighean Dùthchail na h-Alba agus innsidh e do dhaoine càit a bheilear ri stalcaireachd fèidh. Tha fiosrachadh eile ann cuideachd mar Walkhighlands. Innsidh na duilleagan seo dhut cuin is càit am bithear ri stalcaireachd air beanntan air an tadhail daoine gu tric agus innsidh iad dhut cò ris a bhruidhneas tu airson barrachd fiosrachaidh agus dè na slighean a tha ‘sàbhailte an-còmhnaidh’.

Tha NàdarAlba a’ stiùireadh na seirbheise le taic Fòram an Inntrigidh Nàiseanta agus Comann Bhuidhnean Stiùireadh nam Fiadh.

Molaidh Còd Slighean Dùthchail na h-Alba do dhaoine cuideachd sùil gheur a thoirt air sanasan sam bith a chì iad nuair a ruigeas iad àite agus fhad ’s a bhios iad ann, gun lean iad ri comhairle reusanta a bheir stiùirichean fearainn dhaibh mu shlighean eile agus gun seachain iad a dhol a-steach air fearann far a bheilear ri stalcaireachd fèidh.

Thuirt Fionnghal NicCoineagain, Oifigear Chur-seachadan, Inntrigidh is Slighean aig NàdarAlba:

“Tha an t-seirbheis againn, A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba, na ghoireas fìor mhath airson latha tlachdmhor air a’ bhlàr gun a bhith a’ briseadh a-steach air stalcaireachd fèidh agus cuideachd airson fiosrachadh san fharsaingeachd mu do chòraichean is uallaichean fo Chòd Slighean Dùthchail na h-Alba.”

“Fiù ma bhios tu a-muigh air a’ bhlàr gu tric, bu chòir dhut sùil a thoirt air làrach-lìn A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba gu cunbhalach airson an fhiosrachaidh as ùire mus co-dhùin thu càit am falbh thu.”

Thuirt Daibhidh MacGilleDhuibh, Oifigear Inntrigeadh aig Sreapadaireachd Alba:

“Tha A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba na thùs fiosrachaidh air leth cudromach airson slighe coiseachd a phlanadh agus airson ’s nach brisear a-steach air stalcaireachd. Mholamaid do choisiche sam bith sùil a thoirt air an làraich-lìn oir chan eil fios aig mòran gum b’ urrainn dhuinn dragh a chur air stalcairean a tha airson buaidh nam fiadh air an àrainneachd a lùghdachadh. Ma tha ceist shònraichte agad mun t-slighe a ghabhas tu, cuir fios gun oighreachd iomchaidh.”

Thuirt Tom Turnbull, Cathraiche Comann Bhuidhnean Stiùireadh nam Fiadh:

“Tha stiùirichean fearainn a’ cur fàilte air daoine a thadhlas air na cnuic ach uaireannan cuiridh sin bacadh air stiùireadh soirbheachail nam fiadh. Leis gu bheil Riaghaltas na h-Alba agus èiginn na gnàth-shìde is na bith-iomadachd a’ leigeil barrachd cudrom oirnn àireamh nam fiadh a lùghdachadh, tha Comann Bhuidhnean Stiùireadh nam Fiadh a’ brosnachadh gu mòr do luchd-tadhail sam bith sùil a thoirt air làrach-lìn A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba agus aire a thoirt do shanasan sam bith a bhios ann airson giùlan gun chùram a sheachnadh. Tha barrachd dhaoine a’ cleachdadh na làraich-lìn a-nis agus fhuair sinn moladh mu dheidhinn o na buill againn agus bu chaomh leinn taing a thoirt do gach aon dhiubh.”

Chaidh seirbheis A’ dèanamh air Beanntan na h-Alba a chur air bhog ann an 2015. 

 

Contact