Cùram luchd-cleachdaidh

Tha NatureScot a’ cur roimhe cùram luchd-cleachdaidh aig ìre àrd a sholar, agus bidh sinn a’ cleachdadh ur ais-mholadh airson seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad.

Tha NatureScot a’ cur roimhe cùram luchd-cleachdaidh aig ìre àrd a sholar. Bu thoigh leinn gun cuireadh tu fios thugainn, ma tha thu den bheachd gu bheil easbhaidh air a bhith ann, gus an toireamaid seirbheis na b’ fheàrr seachad an ath-thuras. Faodar gearan a chur an cèill air fòn, tron phost no air post-d. Nì sinn ar dìcheall gus cùisean sìmplidh a rèiteachadh an ceann còig làithean obrach, ach ’s dòcha gum biodh ùine a bharrachd a dhìth airson cùisean a rannsachadh.

Modh-gearain

Ma tha rudeigin air a dhol ceàrr no mura h-eil thu sàsaichte leis na seirbheisean againn, nach leig thu fios dhuinn. Tha sinn a’ mìneachadh a’ mhodh-gearain againn an seo agus ag innse dhut ciamar as urrainn dhut gearan a chur an cèill.

Tuilleadh fiosrachaidh

Aithris air giùlan ris nach gabhar

Last updated: