Plana Gàidhlig NàdarAlba - aithisg dearcnachaidh 2024 - 2025
Read in English / Leugh ann am Beurla
Ro-ràdh
Chuireadh an aithisg sgrùdaidh seo a-steach do Bhòrd na Gàidhlig air 19 Dùbhlachd 2025 agus tha i ag aithris fiosrachadh air adhartas NàdarAlba a thaobh cur an gnìomh Plana Gàidhlig na buidhne eadar 24 Ògmhios 2024 is 23 Ògmhios 2025.
Prìomh dhàta measaidh
Cia mheud brath sgrìobhte a fhuair am buidheann bhon phoball ann an Gàidhlig am-bliadhna?
8 brathan. ’S e àrdachadh a tha seo bho 3 ann an aithisg 2023/24, agus tha e a’ gabhail a-steach freagairt dhan cho-chomhairleachadh air beachd airson Pàirc Nàiseanta ùr agus iarrtas fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.
Cia mheud pìos a sgaoil am buidheann air na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig am-bliadhna?
82 ann an Gàidhlig/dà-chànanach agus 8 puist eile (sa Bheurla) a tha a-mach air ainmean Gàidhlig do ghnèithean. Chaidh na puist seo a-mach air X is Facebook, leis na puist anns a bheil bhidiothan a’ dol air Instagram cuideachd. ’S e àrdachadh a tha seo bho 78 ann an aithisg 2023/24.
Cia mheud fios-naidheachd a chaidh a sgaoileadh leis a’ bhuidheann anns a’ Ghàidhlig am-bliadhna?
9 brathan-naidheachd dà-chànanach. ’S e àrdachadh a tha seo bho 5 ann an aithisg 2023/24.
- 02/07/2024: Port-adhair Ìle a’ cruthachadh raon-laighe sàbhailte do steàrnagan-beaga
- 30/08/2024: Coilltean Caillte
- 10/10/2024: Gàirnealairean air am brosnachadh gus fois a ghabhail as t-fhoghar
- 07/11/2025: NàdarAlba a’ cur air bhog co-chomhairleachadh air beachd Pàirc Nàiseanta ùr na h-Alba ann an Gall-Ghàidhealaibh
- 23/01/2025: Dùthaich nam Boglaichean ga comharradh aig cùirm shònraichte nach fhacas a-riamh roimhe
- 09/02/2025: Tha Alba a’ comharradh 20 bliadhna de chothroman inntrigidh dhan bhlàr a-muigh
- 18/02/2025: Fèis Fiadh-Bheatha nan Eilean a’ tilleadh ann an 2025
- 06/03/2025: Luchd-ealain ionadail gan sireadh airson taisbeanaidhean ealain aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean
- 22/05/2025: Seo dhut prògram Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean 2025
Cia meud neach-obrach a fhuair cothrom trèanaidh ann an sgilean Gàidhlig am-bliadhna?
Bùthan-obrach
An Lùnastal 2024: clàradh de bhuth-obrach Gaelic Awareness le Ruairidh MacIlleathain ri fhaighinn mar ghoireas ionnsachaidh air loidhne don luchd-obrach air fad.
Am Faoilleach 2025: 2 buth-obrach leth-latha còmhla ri Ruairidh MacIlleathain air a’ Ghàidhlig is nàdar. 38 luchd-obrach an làthair eadar an dà sheisean. Chaidh a’ bhuth-obrach a chlàradh agus faodaidh luchd-obrach coimhead air ais oirre aig àm sam bith (goireas ionnsachaidh air-loidhne taobh a-staigh na buidhne).
Am Màrt 2025: 2 buth-obrach leth-latha air ainmean-àite Gàidhlig còmhla ri AÀA. 32 luchd-obrach an làthair eadar an dà sheisean.
Ionnsachadh cànain
Bidh sinn fhathast a’ stiùireadh luchd-obrach a tha airson Gàidhlig ionnsachadh gu SpeakGaelic airson cunntas a chruthachadh ’s obrachadh tro na stuthan ionnsachaidh air-loidhne aig àm ’s astar a freagras orra fhèin.
An àireamh de luchd-obrach a thàinig dhan chruinneachadh ùr, mhìosail ‘cupa is cabadaich’ againn (barrachd fiosrachaidh sa phrìomh aithisg shìos):
- Sultain 2024 – 7
- Samhain 2024 – 9
- Dùbhlachd 2024 – 9
- Faoilleach 2025 – 8
- Gearran 2025 – 8
- Màrt 2025 – 3
- Giblean 2025 – 4
- Cèitean 2025 – 7
Cia mheud dreuchd a th’ agaibh an-dràsta far a bheil Gàidhlig ann mar sgil riatanach?
1 dreuchd (0.6 co-ionann ri làn-ùine) – Oifigear Gàidhlig
Cia mheud neach-obrach a th’ agaibh an-dràsta aig a bheil sgilean Gàidhlig?
Dùbhlachd 2024: Chuir sinn ceistean mu sgilean Gàidhlig an luchd-obrach ann an suirbhidh a rinn a h-uile duine sa bhuidhinn. Fhreagair 67 luchd-obrach gu bheil sgilean Gàidhlig aca agus gu bheil 18 dhiubh a’ cleachdadh nan sgilean aca nan obair.
Cia mheud foillseachadh a dh'fhoillsich am buidheann gu dà-chànanach am-bliadhna?
Bhon Dùbhlachd 2024: geàrr-chunntas co-chomhairleachaidh (12 duilleagan) agus bileag fhiosrachaidh mun bheachd airson pàirc nàiseanta ùr rim faighinn sa Ghàidhlig air làrach-lìn a' cho-chomhairleachaidh.
Màrt 2025: ro-ràdh dà-chànanach anns an Aithisg air Co-ionnannachd is Prìomh-shruthadh
Cèitean 2025: nuair a dh'fhoillsich sinn a' chomhairle againn agus cùl-fhiosrachadh mar bhuidheann-aithris air co-chomhairleachadh pàirc nàiseanta ùir, bha an geàrr-chunntas is an dà litir againn dha Riaghaltas na h-Alba sa Ghàidhlig.
Ògmhios 2025: dh'eadar-theangaich sinn an geàrr-chunntas ann an aithisg a' cho-chomhairleachaidh air Raon-Dìon Mara a' Chuain Bharraich
Cia mheud soidhne dà-chànanach a chuir am buidheann an àirde am-bliadhna?
Soidhnichean sealach ann an oifisean: 2
Soidhnichean suidhichte ann an oifisean: 0 (Cha bhi sinn a’ cur soidhnichean suidhichte an àirde ach fìor corra uair. Leis nach deach faighneachd dhan Oifigear Ghàidhlig airson eadar-theangachaidhean sam bith airson soidhnichean ùra rè ùine na h-aithisg seo, tha sinn a’ gabhail ris nach deach gin eile an àirde. Tha fiosrachadh mu shoidhnichean tèarmainn nàdair ann am freagairt fa leth shìos.)
Cleachdadh na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidhinn a’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig?
Tha an obair a leanas a thuilleadh air na rinn sinn sa phrìomh dàta shuas.
Dèan Àite Dha Nàdar
Mar phàirt den iomairt leantainnich againn air a bheil ‘Dèan Àite Dha Nàdar’, tha na molaidhean ràitheil againn airson call nàdair is na bith-iomadachd a thilleadh rin leughadh gu dà-chànanach - earrach, samhradh, foghar, geamhradh.
Bidh sinn a’ cruthachadh bhidiothan airson na h-iomairt ann an Gàidhlig is gan sgaoileadh air na meadhanan sòisealta againn gach ràith.
Còd Slighean Dùthchail na h-Alba (SOAC)
Airson 20 bliadhna de Chòd Slighean Dùthchail na h-Alba a chomharrachadh, thug sinn seachad maoineachadh do bhuidhnean com-pàirteachais tràth ann an 2025 airson susbaint nam meadhanan sòisealta a chruthachadh. Chaidh iarraidh air tagraichean mìneachadh mar a bheireadh iad taic dhan Ghàidhlig leis an t-susbaint aca. Mar thoradh air seo, chruthaich dà phròiseict susbaint SOAC sa Ghàidhlig – 1 bhidio bho YoungScot agus 7 bhidiothan goirid bho Chomann Breatannach nan Each ann an Alba. Chruthaich sinn criomagan bhidio is striop branndaidh sa Ghàidhlig airson a dhol leis na bhidiothan aca, agus thug sinn taic dhan dà bhuidhinn le fo-thiotalan, eadar-theagachadh is dearbhadh nam bhidiothan aca.
Maoineachadh NàdarAlba
Anns an Iuchar 2024, sgaoil na h-oifigearan maoineachaidh againn post-d gu pròiseactan leis a bheil iad ag obair airson am brosnachadh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh is ìomhaigh a’ chànain a thogail nan cuid obrach.
Tèarmainn Nàdair Nàiseanta – soidhnichean is panailean mìneachaidh
Chaidh na panailean mìneachadh seo ùrachadh:
- Panail Gàidhlig ùr aig Tèarmann Nàdair Nàiseanta Chreag Eileachaidh
- Ainmean-àite Gàidhlig is an cuid chiallan air soidhnichean ùra air ceithir eileanan ann an Loch Laomainn – Clàr Innis, Tòrr Innis, Creag Innis, agus Eilean an Eabair.
Peatland ACTION – panailean mìneachaidh
Chuir sinn panailean ùra dà-chànanach an àrd aig làrach ath-leasachaidh Peatland ACTION air Oighreachd Chamster ann an Cataibh.
Tachartasan
Bha 11 panailean dà-chànanach againn aig Fèill Àiteachais na Gàidhealtachd (chan eil air na panailean ach tiotalan is dealbhan). Cuideachd, chaidh na panailean seo a thaisbeanadh aig Co-thional Wildlife Estate Scotland, Co-labhairt Fearann is Oighreachdan na h-Alba, agus oidhche nan duaisean ‘Helping It Happen’.
Làrach-lìn
A’ fàgail bhrathan-naidheachd an dàrna taobh, anns an Ògmhios 2025 bha 39 duilleagan-lìn dà-chànanach againn. ’S iad seo na duilleagan Gàidhlig ùra a chruthaich sinn rè ùine na h-aithisg seo:
- bileag Chreag Eileachaidh
- duilleag SOAC mu champachadh
- branndadh SOAC a’ comharrachadh 20 bliadhna
- fiosrachadh taice dha Dèan Àite Dha Nàdar
- obair shaor-thoileach le NàdarAlba
- obair shaor-thoileach air a’ bhlàr a-muigh
- stuthan foghlaim air eisirean dùthchasach
- coille bheithe
- seirbheisean eag-shiostaman
Stèidhich Gnèithean air an Oir an làrach-lìn aca fhèin san t-Samhain 2024 agus rinn sinn eadar-theangachadh air na trì duilleagan seo:
- sgìre Earra-Ghàidheal is nan Eilean A-staigh
- sgìre Innse Gall
- Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean – mu deidhinn
Blogaichean
Dh’fhoillsich sinn 12 blogaichean dà-chànanach air cànan is cultar nan Gàidheal, air an sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, air bloga Scotland’s Nature, cuide ri bloga dà-chànanach mu Mhaoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich agus bloga eile mu phròiseact coimhearsnachd Thiriodh “An Seillean-mòr Buidhe”.
Anns an t-Samhain 2025, bha na 12 blogaichean aig Ruairidh air an leughadh 15,494 triopan uile gu lèir. Leughadh an fheadhainn Ghàidhlig 2,551 triopan agus na tionndaidhean Gàidhlig 12,943 triopan. ’S e bloga an Lùnastail 2024, Rìgh na Coille, am bloga air an do choimhead an àireamh as motha de dhaoine, le 5,757 seallaidhean. Tha e na adhbhar toileachais gu bheil àrdachadh leantainneach air tighinn air an àireamh de sheallaidhean a fhuair na blogaichean sa Ghàidhlig bhon Fhaoilleach dhan Ògmhios 2025.
Agallamhan leis na meadhanan
5 agallamhan sa Ghàidhlig air an clàradh do BhBC Radio nan Gàidheal is An Là leis an Oifigear Ghàidhlig againn rè na h-ùine seo. Rinn i agallamh air a’ phrògram Out of Doors air BBC Scotland sa Ghearran 2025 a bhruidhinn mu phròiseact nan Coilltean Caillte cuideachd.
Gnèithean air an Oir
’S e prògram com-pàirteachais a th’ ann an Gnèithean air an Oir le NàdarAlba aig an stiùir is seachd carthannasan glèidhteachas nàdair. Tha iad uile a’ cur romhpa 37 prìomh ghnèithean air costa is eileanan na h-Alba a thoirt am feabhas.
Rè ùine na h-aithisg seo tha sinn air cumail oirnn a’ cleachdadh na Gàidhlig air feadh a’ phròiseict, gu h-àraid ann an Innse Gall agus Na h-Eileanan A-Staigh & Earra-Ghàidheal. Bha an obair seo air a neartachadh le poileasaidh Gàidhlig a’ chom-phàirteachais (a chaidh a leasachadh anns an Fhaoilleach 2024).
Am measg na rinn sinn rè ùine na h-aithisg seo:
- Taic do luchd-obrach a’ phròiseict le beagan Gàidhlig a chur aig deireadh nam post-d aca, tiotalan obrach dà-chànanach is m.s.a.a.
- Duilleagan-lìn sa Ghàidhlig (faic am fiosrachadh shuas fo ‘làrach-lìn’)
- Ainmean Gàidhlig (far an robh iad againn) do gach gnè a tha na prìomhachas dhan phròiseact air duilleagan-lìn nam beathaichean
- Cuairt-litir dhà-chànanach do sgìre Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-staigh
- Bileagan Gàidhlig do dhà sgìre pròiseict – Innse Gall agus Earra-Ghàidheal is na h-Eileanan A-staigh
- Conaltradh dà-chànanach mu Fhèis Fiadh-bheatha nan Eilean (a th’ air a ruith le Gnèithean air an Oir), a’ gabhail a-staigh phost-d is phostairean sa Ghàidhlig, agus sanas dà-chànanach sa Phàipear.
- Iomairt fhastaidh dhà-chànanach san t-Samhain 2024 airson Oifigear Conaltraidh Choimhearsnachd fo thrèanadh ann an Innse Gall agus Neach-trèanaidh Clàraidh Bhith-eòlaich ann an Earra-Ghàidheal, agus sa Ghearran 2025 airson Oifigear Pròiseict ann an Earra-Ghàidheal (a’ gabhail a-staigh sanas obrach, meadhanan sòisealta, agus post-d). ’S e sgil mhiannaichte a bh’ anns a’ Ghàidhlig airson nan trì dreuchdan.
- Iomairt air na meadhanan sòisealta tro Sheachdain na Gàidhlig 2025 – 6 puist le ainmean Gàidhlig is faidhlichean-fuaime do phrìomh ghnèithean a’ phròiseict
- Leabhraichean-iùil sa Ghàidhlig mun daolag-ola gheàrr-mhuinealach agus mun t-seillean-phlàsta tuathach
- Panail fhiosrachaidh dhà-chànanach mun daolag-ola gheàrr-mhuinealach aig Port-Adhair Bharraigh is machair Eòlaigearraidh
Pròiseact Eisirean! le Oilthigh Ghlaschu
’S e pròiseact Oilthigh Ghlaschu a tha seo, a tha a’ coimhead air ath-shlànachadh eisirean dùthchasaich do mhaith an nàdair, an eaconomaidh is a’ chultair agus ath-bheòthachadh choimhearsnachdan cladaich tro shaidheans is cànan. Tha an t-Oifigear Gàidhlig is Oifigear Leasachan na Mara againn air a bhith a’ cumail taic ris an obair on Ògmhios 2024.
Chruthaich an t-Oifigear Gàidhlig againn tionndaidhean Gàidhlig de 11 duilleagan obrach do sgoiltean/chlann airson ionnsachadh mu àrainnean nan eisirean dùthchasach ann an Alba. Sgaoil Stòrlann na goireasan seo às ar leth agus tha iad rim faighinn air an làraich-lìn againn agus tron Outdoor Learning Directory.
Bhidio ‘Bhon Mhàthair-Uisge dhan Mhuir’
Chruthaich sinn tionndadh Gàidhlig de bhidio trì mionaidean a dh’fhaid a tha a’ toirt sùil air modhan-obrach bhon ‘mhàthair-uisge dhan mhuir’ airson aghaidh a thoirt air atharrachadh na gnàth-shìde is cùis-èiginn an nàdair.
Maoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich
Rinn sinn bhidio le fo-thiotalan Gàidhlig airson soirbheas na maoine a chomharrachadh. Anns an t-Samhain 2025, bhathar air coimhead air còrr is 800 triop.
Lìonraidhean com-pàirteachais
Lean sinn oirnn a’ gabhail pàirt ann an Lìonra nan Oifigearan Gàidhlig agus buidheann Adhartas Nas Luaithe aig Riaghaltas na h-Alba.
Ionnsachadh na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidhinn a’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig?
Bùthan-obrach
Anns an Fhaoilleach 2025, thàinig 38 luchd-obrach gu dà leth-latha de bhùthan-obrach ‘Gàidhlig is nàdar’ còmhla ri Ruairidh MacIlleathain. Le cead Ruairidh, chlàraich sinn a’ bhùth-obrach agus faodaidh neach-obrach sam bith coimhead air aig àm sam bith san àm ri teachd. Tha seo a’ dol gu math le clàradh bùth-obrach Gaelic Awareness a th’ againn mar-thà is an cruinneachadh de ghoireasan ionnsachaidh air loidhne co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a’ fàs.
Anns a’ Mhàrt 2025, rinn 32 luchd-obrach bùth-obrach leth-latha air ainmean-àite Gàidhlig còmhla ri AÀA.
Sgilean cànain
Bidh sinn a’ stiùireadh luchd-obrach a tha airson Gàidhlig ionnsachadh gu SpeakGaelic airson cunntas a chruthachadh ’s obrachadh tro na stuthan ionnsachaidh air-loidhne aig àm ’s astar a freagras orra.
Anns an t-Sultain 2024 thòisich sinn cruinneachadh mìosail air a bheil ‘cupa is cabadaich’ do luchd-obrach. Tha na seiseanan air an stiùireadh leis an Oifigear Ghàidhlig againn agus tha iad nan cothrom mì-fhoirmeil do dhaoine na sgilean cànain aca a chur gu feum. Mar as trice bidh taisbeanadh goirid ann air cuspair sònraichte (m.e. an t-sìde, làithean den t-seachdain, àireamhan). Seo an àireamh dhaoine a bh’ againn ann:
- Sultain 2024 – 7
- Samhain 2024 – 9
- Dùbhlachd 2024 – 9
- Faoilleach 2025 – 8
- Gearran 2025 – 8
- Màrt 2025 – 3
- Giblean 2025 – 4
- Cèitean 2025 – 7
A’ cur air adhart na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidheann a’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig?
Coilltean Caillte
A’ togail air moladh bhon sgrùdadh againn ann an 2021 air seirbheisean eag-shiostaim is a’ Ghàidhlig, ’s e pròiseact com-pàirteachais a th’ ann an Coilltean Caillte a chuir roimhe a h-uile ainm-àite ann an Alba a dh’fhaodadh sealltainn gun robh coille ann an àite a chur còmhla air aon mhapa mòr. Tha coilltean ann an cuid de na h-àiteachan fhathast ach ’s iad na h-àiteachan as inntinniche an fheadhainn air nach eil sgeul air coille a-nis, gun chlàran eile air ach a-mhàin am fiosrachadh cànanach seo – na coilltean ‘caillte’.
Tha am pròiseact na chom-pàirteachas eadar NàdarAlba, Coilltearachd is Fearann Alba, agus AÀA. ’S e Future Woodland Scotland prìomh mhaoiniche a’ phròiseict. Fhuair sinn maoineachadh bho phrògram Stiùireadh Choilltean, Mòine agus Fearann Dùthchail aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus NàdarAlba cuideachd.
Chuir sinn am pròiseact air bhog air Dihaoine 30 Lùnastal 2024, agus dh’fhoillsich sinn
- an dàta gu lèir, còrr is 15,700 ainm-àite ann
- StoryMap dà-chànanach
- aithisg rannsachaidh
- brath-naidheachd dà-chànanach
- rannsachadh-cùise air Coille-ghiuthais Ghleann Màilidh (mar phàirt den bhrath-naidheachd is StoryMap)
Bha An National is Herald am measg na thog am brath-naidheachd, agus rinn an t-Oifigear Gàidhlig againn agallamhan còmhla ri BBC Radio nan Gàidheal agus Out of Doors air BBC Scotland.
Bha sinn fìor thoilichte leis an ùidh a nochd daoine sa phròiseact. Anns an t-Samhain 2024, sgrìobh Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba na leanas mu Choilltean Caillte: “a seminal demonstration of the way in which Gaelic’s historical relationship with Scotland’s landscape can be a key tool in advancing an urgent contemporary policy goal.”
Rinn Oifigear Gàidhlig NàdarAlba is AÀA taisbeanadh mun phròiseact don bhuidhinn chorpais, BOAG, aig Bòrd na Gàidhlig san t-Samhain 2024.
Anns an Dùbhlachd 2025, bhathar air coimhead air na StoryMaps 9,761 triopan, agus airson na bliadhna suas chun na Dùbhlachd 2025 bhathar air coimhead air an t-seata dàta fhèin 33,552 triopan.
Sgilean Gàidhlig do dhreuchdan nàdair
Air an 30 Dàmhair 2024 bha an t-Oifigear Gàidhlig againn agus co-obraichean bho sgioba nan sgilean is dreuchdan nàdair an làthair aig fèill dhreuchdan Siuthad! aig SDS ann an Inbhir Nis. Thug sinn leinn digger simulator aig Peatland ACTION, ‘boglach ann am bogsa’, agus bha bòrd againn le fiosrachadh air dreuchdan nàdair. Bha 200 àrd-sgoilear a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd aig an tachartas.
Stèidhichte air na brataichean a dhealbhaich sinn taobh a-staigh na buidhne dha Siuthad!, chruthaich sinn postair sa Ghàidhlig is sa Bheurla a chleachd sinn air na meadhanan sòisealta tro Sheachdain nan Dreuchdan Uaine san t-Samhain 2024 airson na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig is dreuchdan nàdair adhartachadh.
Seachdain na Gàidhlig 2025
Dh’fhoillsich sinn pod-chraoladh, air a bheil ‘A’ tighinn gu Nàdarra’ còmhla ri Ruairidh MacIlleathain, mar phàirt den t-sreath phod-chraolaidhean againn fon iomairt Dèan Àite Dha Nàdar. Mhair an còmhradh 24 mionaidean a dh’fhaid agus bhruidhinn Ruairidh mun t-slighe shònraichte aige bhon Ghalldachd gu Tasmania agus air ais, agus air mar a tha a’ Ghàidhlig gar cuideachadh gus nàdar na h-Alba a thuigsinn agus a dhìon.
Anns an t-Samhain 2025, bhathar air am pod-chraoladh a luchdadh a-nuas 616 triopan agus ’s e an t-eapasod leis a’ cheathramh àireamh as àirde de luchd-èisteachd san t-sreath gu lèir.
Rinn sinn na leanas tro Sheachdain na Gàidhlig cuideachd:
- Trì puist do luchd-obrach air an eadra-lìon (Dil – mu SnG; Dim – goireasan; Diar – mar a chanas tu ‘NàdarAlba’ and ‘Tèarmann Nàdair Nàiseanta’)
- ‘Cupa is cabadaich’ do luchd-obrach
- Sanasachd taobh a-staigh is taobh a-muigh na buidhne mun phod-chraoladh
- Criomag comhairle gach latha co-cheangailte ri Dèan Àite Dha Nàdar (7 x bhidiothan sa Ghàidhlig) air na meadhanan sòisealta
- Co-roinn susbaint SnG air Instagram stories
Meadhanan sòisealta
Rè ùine na h-aithisg seo, bha na leanas am measg nan sreathan a bh’ againn air na meadhanan sòisealta
- Bhidiothan mu phròiseactan a fhuair taic bho Mhaoin Leigheas an Nàdair (Iuchar – Lùnastal 2024)
- Bhidiothan mu obair-stiùiridh nam fiadh (Lùnastal 2024)
- ‘Faclan Nàdair na Bliadhna’ mu àm na Nollaig (Dùbhlachd 2024)
- Dòighean air nàdar a chuideachadh sa gheamhradh, mar phàirt den iomairt Dèan Àite Dha Nàdar (Gearran 2025 tro SnG)
- Bhidiothan ‘Nar Nàdar’ - beò-dhealbhan de fhlùraichean an earraich (Giblean 2025) – ’s ann sa Bheurla a tha na bhidiothan seo ach tha iad a-mach air na h-ainmean Gàidhlig is eadar-theangachaidhean facal air an fhacal do dhiofar ghnèithean
Anns an Dàmhair 2024 chruthaich sinn playlist air YouTube airson na bhidiothan Gàidhlig againn a thoirt còmhla.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne – eadra-lìon
Chùm sinn oirnn le uilt sònraichte, air a bheil ‘A’ Ghàidhlig – tha i nar nàdar’, air duilleag-dhachaigh an eadar-lìon. Gach mìos bidh an t-Oifigear Gàidhlig againn a’ sgrìobhadh alt air cuspair nàdair aig a bheil ceangail ri dualchas nan Gàidheal, a’ togail air na dlùth-cheanglaichte eadar an cànan is an saoghal nàdarra. Tha a h-uile coltas ann gu bheil na h-uilt a’ còrdadh ris an luchd-obrach, agus gu tric bidh ceanglaichean ann do ghoireasan ionnsachaidh eile. Am measg nan cuspairean – feamainn, coilltean calltainn, cait-fhiadhaich, is a’ mhachair.
Dh’ùraich sinn an stiùireadh againn air a’ Ghàidhlig do luchd-obrach mar phàirt den ‘Mhìos Chonaltraidh’ san Dàmhair 2024. Bha alt naidheachd is ceisteachan do luchd-obrach mar phàirt den bhrath a sgaoil sinn.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne – Viva Engage
Tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig againn air Viva Engage a’ cumail oirre a’ fàs. Rè ùine na h-aithisg seo, sgaoil sinn 65 puist (àrdachadh de 14 bho 2023/24), agus san Ògmhios 2024 bha 75 buill againn (àrdachadh de 16, ach gabhaidh na puist a leughadh leis a h-uile neach-obrach). Bidh sinn a’ cur an t-seanail seo gu feum airson measgachadh de stuth a cho-roinn, eadar blogaichean is fios às ùr bho phròiseactan gu goireasan ionnsachaidh is aithrisean naidheachd.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne – co-labhairt do luchd-obrach
Aig a’ cho-labhairt don luchd-obrach againn air fad san Dùbhlachd 2024, chluich sinn an sreath againn, Nar Nàdar, de bhidiothan goirid a’ toirt sùil air eadar-theangachaidhean facal air an fhacal bhon Ghàidhlig airson lusan.
Buidheann-Obrach Atharrachadh na Gnàth-Shìde ann an Innse Gall
Chaidh an t-Oifigear Gàidhlig againn gu coinneamh den bhuidhinn chom-phàirteachais seo san t-Samhain 2024 is rinn i taisbeanadh goirid mu dhleastanasan NàdarAlba airson a’ Ghàidhlig adhartachadh. Chuir sinn fàilte ro bhuill na buidhne obrachadh còmhla rinn san àm ri teachd.
Fiosrachadh dearcnachaidh eile
An do chomharraich an t-ùghdarras poblach agaibh cùisean sònraichte sam bith co-cheangailte ri co-ionannachd chothroman a thaobh leasachadh na Gàidhlig?
Chan eil fianais againn de chùisean sònraichte sam bith den leithid.
A bheil poileasaidhean, modhan-obrach no dòighean-obrach sam bith co-cheangailte ri co- ionannachd a chaidh a chur an gnìomh leis an ùghdarras phoblach agaibh, no a tha gan cur an gnìomh an-dràsta, a bhuineas ri bhith a’ cur co-ionannachd chothroman air adhart an lùib leasachadh na Gàidhlig? An inns sibh dhuinn mun deidhinn?
Bidh na leanas a’ dol air gach sanas-obrach againn: ‘Although Gaelic Language is not a pre-requisite for this post, as part of our commitment to our Gaelic Language Plan, Gaelic Language is a desirable skill for all posts within NatureScot’.
Àrd Phrionnsabalan
Spèis Cho-ionann: A h-uile gealladh anns a’ phlana Ghàidhlig air a lìbhrigeadh dhan aon ìre anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla.
Bidh sinn a’ sealltainn co-ionannachd spèis dhan dà chànan nuair a bhios sinn a’ lìbhrigeadh geallaidhean a’ Phlana.
Cothroman Follaiseach: Gnìomhan practaigeach gus dèanamh cinnteach gu bheil fios aig luchd-obrach na buidhne agus am poball daonnan air na cothroman a th’ ann gus Gàidhlig a chleachdadh leis an ùghdarras phoblach.
Làrach-lìn
- Ceangal dhan duilleig-lìn Ghàidhlig againn air an duilleig-dhachaigh (fo ‘quick links’) agus nochdaidh an ceangal air gach duilleag eile air an tadhail luchd-cleachdaidh.
- Ceangal dhan duilleig-lìn Ghàidhlig am broinn clàr-iùil na làraich.
- Fiosrachadh air duilleag cuir fios.
- Far a bheil duilleag-lìn againn sa Ghàidhlig, tha ceangal thuice aig mullach na duilleig-lìn.
Meadhanan sòisealta
- Mar a chithear gu h-àrd, bidh sinn a’ sgaoileadh phost sa Gàidhlig air na seanailean againn gu cunbhalach.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne
- Bidh sinn a’ cleachdadh ar eadra-lìn is Viva Engage airson cothroman a shanasachadh.
Treas Phàrtaidhean: A’ dearbhadh gum bi buidheann leth-eisimileach agus cunnradairean eile ag obair gus Plana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich a chur an gnìomh.
Tha seo a’ tachairt gu ìre le cunndradair stiùireadh ghoireasan ann an Taigh a’ Ghlinne Mhòir (Inbhir Nis).
Gàidhlig na nì àbhaisteach: Geallaidhean bhon phlana Ghàidhlig air an gabhail a- steach ann an structaran an ùghdarrais phoblaich tro thìde, le sgrùdadh cunbhalach airson cothroman a chomharrachadh taobh a-staigh bhuidseatan stèidhichte gus Gàidhlig a thoirt air adhart.
Tha geallaidhean a’ Phlana Ghàidhlig againn nan nìthean àbhaisteach air feadh na buidhne agus tha sinn den bheachd gu bheil cùisean a’ dol gu math le bhith a’ leudachadh cleachdadh is brosnachadh a’ chànain taobh a-staigh nan goireasan a th’ againn. Tha buidseat aig NàdarAlba airson a’ Phlana is nam pròiseactan co-cheangailte ris.
Inbhe
Suaicheantas: ag amas air suaicheantas corporra anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla a chruthachadh nuair a thig a’ chiad chothrom agus mar phàirt den phròiseas ùrachaidh. Bu chòir an aon ìre follaiseachd a bhith ann airson an dà chànain san t-suaicheantas.
Tha suaicheantas dà-chànanach aig NàdarAlba.
Soidhnichean: prìomh shoidhnichean air an dèanamh dà-chànanach nuair a thathar gan ùrachadh.
’S ann ainneamh a bhios sinn ag ùrachadh shoidhnichean, ach tha rùn againn ri Gàidhlig a chleachdadh orra.
Conaltradh
Adhartachadh: a’ toirt teachdaireachd bhrosnachail seachad gum bithear daonnan a’ cur fàilte air conaltradh a nì am mòr-shluagh ris an ùghdarras ann an Gàidhlig.
Tha teachdaireachd a’ nochdadh air ar làraich-lìn, air an duilleig ‘cuir fios thugainn’ a ràdh gu bheil sinn a’ cur fàilte air conaltradh sa Ghàidhlig.
Conaltradh sgrìobhte: bithear daonnan a’ gabhail ri conaltradh sgrìobhte ann an Gàidhlig (litrichean, puist-d agus na meadhanan sòisealta) agus thèid freagairtean Gàidhlig a thoirt seachad a rèir a’ phoileasaidh choitchinn.
Tha seo ceart. Tha an dàta gu h-àrd air na conaltraidhean sgrìobhte a fhuair sinn bhon phoball rè ùine na h-aithisg seo, agus tha teachdaireachd air ar làraich-lìn agus duilleag cùram luchd-cleachdaidh.
Ionad-fàilte agus am fòn: nuair as urrainn do luchd-obrach le Gàidhlig an t-seirbheis seo a thoirt seachad, gheibh iad taic airson sin a dhèanamh, agus thèid sanasachd a dhèanamh air an t-seirbheis am measg a’ mhòr-shluaigh.
Aig an àm seo chan eil Gàidhlig aig luchd-obrach ar n-ionadan-fàilte. Tha Gàidhlig ga h-aithneachadh mar ‘sgil mhiannaichte’ anns a h-uile sanas-obrach againn.
Coinneamhan: thèid coimhead gu cunbhalach air na cothroman a th’ ann gus coinneamhan poblach a chumail gu dà-chànanach no ann an Gàidhlig, agus thèid sanasachd a dhèanamh orra.
Cha do chùm sinn coinneamhan poblach dà-chànanach rè ùine na h-aithisg seo.
Fiosrachadh
Fiosan-naidheachd: prìomh fhiosan-naidheachd agus fiosan-naidheachd mu dheidhinn na Gàidhlig air an cuairteachadh sa Ghàidhlig agus sa Beurla.
Sgaoil sinn 9 brathan-naidheachd dà-chànanach rè ùine na h-aithisg seo.
Na meadhanan sòisealta: thèid susbaint Ghàidhlig a sgaoileadh gu cunbhalach sna meadhanan sòisealta, agus sin a rèir an uiread luchd-cleachdaidh Gàidhlig a th’ ann agus a dh’fhaodadh a bhith ann.
82 puist sa Ghàidhlig air na meadhanan sòisealta.
An làrach-lìn: bu chòir susbaint Ghàidhlig a bhith ri faotainn air làrach-lìn an ùghdarrais phoblaich, agus prìomhachas ga thoirt do na duilleagan a dh’fhaodadh an àireamh as motha de dhaoine a tharraing.
8 duilleagan-lìn a bharrachd sa Ghàidhlig, gar toirt suas gu 39 duilleagan-lìn dà-chànanach uile gu lèir (chan eil brathan-naidheachd am measg nan duilleagan seo). Tha tionndaidhean Gàidhlig ann do 3 duilleag-lìn air làrach-lìn Ghnèithean air an Oir cuideachd.
Foillsichidhean corporra: thèid an ullachadh ann an Gàidhlig is Beurla, agus prìomhachas ga thoirt don fheadhainn a dh’fhaodadh an àireamh as motha de dhaoine a leughadh.
Sgrìobhainnean air co-chomhairleachadh Pàirce Nàiseanta ùir a bha am beachd, agus Aithisg air Co-ionnannachd is Prìomh-shruthadh 2025.
Tairbhe a’ chànain: bidh pròiseas ann gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig a gheibhear san fhiosrachadh chorporra uile aig deagh ìre agus gun gabh a tuigsinn.
Tha cùmhnant againn ri eadar-theangaire proifeiseanta. Bidh an t-Oifigear Gàidhlig againn a’ dearbhadh gach sgrìobhainn mus tèid a foillseachadh. Shoirbhich dhan Oifigear Ghàidhlig againn le Duais Leasachaidh Phroifeiseanta ann an Eadar-theangachadh na Gàidhlig fhaighinn tron t-Sabhal Mhòr rè ùine na h-aithisg seo.
Taisbeanaidhean: bu chòir beachdachadh gu cunbhalach air cothroman gus taisbeanaidhean poblach a shealltainn gu dà-chànanach no ann an Gàidhlig, le prìomhachas ga thoirt don fheadhainn a dh’fhaodadh a’ bhuaidh as motha a thoirt air cùisean.
Panailean dà-chànanach aig Fèill Rìoghail an Àiteachais 2024. Chaidh na panailean seo a thaisbeanadh aig Co-thional Wildlife Estate Scotland, Co-labhairt Fearann is Oighreachdan na h-Alba, agus oidhche nan duaisean ‘Helping It Happen’ cuideachd.
Luchd-obrach
Sgrùdadh air sgilean: thèid sgrùdadh a dhèanamh air sgilean Gàidhlig an luchd-obrach agus na feumalachdan trèanaidh aca a thaobh Gàidhlig rè ùine gach plana.
Rinn sinn suirbhidh san Dùbhlachd 2024.
Fiosrachadh inntrigidh: bidh fiosrachadh mu Phlana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich mar phàirt den fhiosrachadh inntrigidh a gheibh luchd-obrach ùr.
Bidh seo fhathast a’ tachairt.
Trèanadh cànain: thèid cothroman trèanaidh is leasachaidh airson sgilean Gàidhlig a thabhann don luchd-obrach, gu h-àraidh mar thaic do bhith a’ coileanadh Plana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich.
Faic 'Ionnsachadh na Gàidhlig' gu h-àrd.
Trèanadh le fiosrachadh mun Ghàidhlig: trèanadh le fiosrachadh mun Ghàidhlig, le prìomhachas air luchd-obrach aig àrd ìre, luchd co-dhùnaidh eile agus luchd-obrach air a bheil dleastanas a bhith a' conaltradh leis a' mhòr-shluagh.
Faic 'Ionnsachadh na Gàidhlig' gu h-àrd.
Fastadh: a’ toirt aithne do is a’ cur sùim ann an sgilean Gàidhlig an lùib nam pròiseasan fastaidh air feadh an ùghdarrais phoblaich.
Tha a’ Ghàidhlig na sgil mhiannaichte aig gach dreuchd bàn aig NàdarAlba.
Fastadh: bidh Gàidhlig air a h-ainmeachadh mar sgil riatanach agus / no a tha na buannachd ann an tuairisgeulan obrach gus cuideachadh le bhith a’ cur a’ Phlana Ghàidhlig an gnìomh agus a rèir an stiùiridh bho Bhòrd na Gàidhlig airson luchd-obrach fhastadh.
Tha a’ Ghàidhlig na sgil mhiannaichte aig gach dreuchd bàn aig NàdarAlba. Tha a’ Ghàidhlig na sgil riatanach do dhreuchd an Oifigeir Ghàidhlig. Bhon Ògmhios 2024, tha an duilleag-lìn againn mu dhreuchdan bàna sa Ghàidhlig.
Fastadh: bidh sanasan-obrach dà-chànanach ann no ann an Gàidhlig a-mhàin airson a h-uile dreuchd far a bheil Gàidhlig na sgil riatanach.
Bidh seo a’ tachairt, ach cha do thachair e rè ùine na h-aithisg seo air sgàth ’s nach deach dreuchd anns a bheil a’ Ghàidhlig na sgil riatanach a shanasachadh.
Corpas na Gàidhlig
Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig: thèid cumail ris an tionndadh as ùire de Ghnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig anns na stuthan sgrìobhaidh uile a thèid fhoillseachadh leis an ùghdarras phoblach.
Bidh sinn a’ leantainn GOC san obair Ghàidhlig againn air fad.
Ainmean-àite: Iarrar agus gabhar ri comhairle bho Ainmean-Àite na h-Alba air ainmean-àite Gàidhlig.
Tha sinn nar ball de chom-pàirteachas AÀA is bidh sinn a’ sireadh comhairle air ainmean-àite bhuapa. Bidh sinn cuideachd ag obair còmhla ri AÀA air pròiseactan rannsachaidh, leithid Coilltean Caillte.