Tha NàdarAlba a’ cur air bhog co-chomhairleachadh air beachd Pàirc Nàiseanta ùr na h-Alba ann an Gall-Ghàidhealaibh

Leugh ann am Beurla / Read in English

07 Samhain 2024

Thathar a’ moladh dhan phoball guth a thogail sa cho-chomhairleachadh air treas Pàirc Nàiseanta an dèidh chòmhraidhean coimhearsnachd, shuirbhidhean is obrach-làraich. 

Tha NàdarAlba air co-chomhairleachadh foirmeil (reachdail) a thòiseachadh air am bu chòir Pàirc Nàiseanta ùr a bhith air a stèidheachadh ann an Gall-Ghàidhealaibh is pìosan de Shiorrachd Àir a Deas is an Ear.  Bheir an co-chomhairleachadh sùil air na dh’fhaodadh a bhith na phàirt de Phàirc ùr– eadar na crìochan is daoine air a’ bhòrd, agus fiù ainm a dh’fhaodadh a bhith air a’ Phàirc. Tha e a’ sireadh bheachdan air a’ mholadh is roghainnean eile cuideachd.

Ruithidh an co-chomhairleachadh foirmeil eadar an-diugh (7mh dhen t-Samhain) gu ruige 14mh dhen Ghearran 2025. Gheibhear am fiosrachadh air làrach-lìn NàdarAlba agus bidh an co-chomhairleachadh ri fhaighinn air pàipear, an cruth fuaime agus ann an Gàidhlig. Thèid bileag a’ cho-chomhairleachaidh a chur gu 52,000 taigh is gnìomhachas san raon a tha fa-near nas fhaide air adhart sa mhìos.

Thèid tachartasan poblach a chumail air feadh na sgìre sna seachdainean seo romhainn, le co-chomhairlichean neo-eisimeileach às leth NàdarAlba, a’ dèanamh cinnteach gum faigh daoine cuideachadh am beachdan is smuaintean a thoirt seachad ann an àrainneachd taiceil. Bidh seiseanan aig gach tachartas a dh’iarras beachdan air iomadh cuspair, agus bùird eadar-ghnìomhach agus àitichean is cothroman airson beachdan a thoirt seachad gun urra. Faodaidh luchd-freagairt am beachdan a sgrìobhadh air bileag a’ cho-chomhairleachaidh cuideachd.

An uair sin bheir NàdarAlba làn-chunntas air gach beachd sa cho-chomhairleachadh do Mhinistearan ann an cruth anailis is comhairle ro dheireadh a’ Ghiblein an ath-bhliadhna. Aig a’ cheann thall, ’s e Riaghaltas na h-Alba a cho-dhùineas an tèid Pàirc Nàiseanta ann an Gall-Ghàidhealaibh a stèidheachadh.

Thuirt Pete Rawcliffe, Ceannard Dhaoine ’s Àitichean aig NàdarAlba: “Chan eil co-dhùnadh deireannach ann a thaobh Pàirc Nàiseanta ùr ann an Gall-Ghàidhealaibh, agus ’s e cothrom a tha seo do dhuine sam bith aig a bheil ùidh san iomairt an guth a thogail. Tha sinn an dealas gum bi gach ceum dhen obair seo cothromach, soilleir agus ion-ghabhalach. 

“Tha sinn airson is gun gabh coimhearsnachdan a tha a’ fuireach is ag obair ann an iar-dheas na h-Alba pàirt sa cho-chomhairleachadh seo, agus gun innse iad dhuinn na tha cudromach dhaibh ach an urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gum bi a’ chomhairle againn dhan riaghaltas a’ fìor-riochdachadh bheachdan muinntir an àite. 

“Tha suim aig an luchd-obrach ionadail is nàiseanta againn sna smuaintean is beachdan a thug uiread a luchd-còmhnaidh, coimhearsnachdan, gnìomhachasan, buidhnean poblach is pàrtaidhean eile aig a bheil ùidh sa chùis thuca gu ruige seo. Thug na beachdan ud is an obair-làraich againn buaidh air na roghainnean a tha ri co-chomhairleachadh an-dràsta fhèin agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri beachdan is smuaintean chàich orra.”

Thòisich am pròiseas seo nuair a chuir buidhnean is coimhearsnachdan air feadh na h-Alba ainmeachadh foirmeil do Riaghaltas na h-Alba agus an uair sin rinn panail measadh, a rèir cuspair-deuchainnean sònraichte an fhrèam-obrach fhoillsichte. Rinn Riaghaltas na h-Alba moladh reachdail airson Pàirc Nàiseanta Ùr a stèidheachadh bonntaichte air tagradh Comann Pàirc Nàiseanta Ghall-Ghàidhealaibh agus Bith-chruinne UNESCO Ghall-Ghàidhealaibh is Shiorrachd Àir a Deas. ’S e NàdarAlba an Luchd-aithisg aig a bheil coimisean a nì sgrùdadh air a’ Phàirc ùr a tha ga moladh, is e air an aon rud a dhèanamh roimhe airson a’ chiad dà Phàirc Nàiseanta a chaidh a stèidheachadh mar-thà ann an Loch Laomainn is nan Tròisichean agus sa Mhonadh Ruadh.

Às dèidh comhairle agus anailis NàdarAlba fhaighinn as t-earrach 2025, nì Riaghaltas na h-Alba co-dhùineadh air am bu chòir Pàirc Nàiseanta a stèidheachadh ann an Gall-Ghàidhealaibh. Ma cho-dhùineas an Riaghaltas gum bi chòir a stèidheachadh, nì e barrachd co-chomhairleachaidh air na mion-phuingean san Dreachd Òrdugh Ainmeachaidh. Anns a’ cheum mu dheireadh dhen phròiseas, feumaidh Pàrlamaid na h-Alba aonta a thoirt dhan Òrdugh Ainmeachaidh agus bidh cothrom aig a’ phoball beachdan a chur gu BPA nan roinnean-taghaidh. Sgrùdaicheadh Pàrlamaid na h-Alba an dreachd reachdas mus tigeadh i gu co-dhùnadh. 

An tuilleadh fiosrachaidh

  1. Pàipear co-chomhairleachaidh: Pàirc Nàiseanta Ghall-Ghàidhealaibh a tha ann am beachd
  2. Gheibhear fiosrachadh air a' bheachd, mapa eadar-ghnìomhach, suirbhidhean is tachartas co-chomhairleachaidh air Co-ionad Fiosrachaidh na Coimhearsnachd 
  3. Gheibhear a' bheachd shlàn aig Riaghaltas na h-Alba air Pàirc Nàiseanta an seo: National Park in Galloway: proposal by Scottish Ministers.
  4. Galloway National Park Association and the Galloway and Southern Ayrshire UNESCO Biosphere's bid
  5. Tha fiosrachadh mu na Pàircean Nàiseanta a th' aig Alba mar-thà air duilleagan-lìn NàdarAlba Pàircean Nàiseanta.

Contact