Tèarmann Nàdair Nàiseanta Chreag Eileachaidh - bileag an luchd-tadhail
Read in English / Leugh ann am Beurla
Fàilte gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta Chreag Eileachaidh
Tha Tèarmann Nàdair Nàiseanta Chreag Eileachaidh faisg air an Aghaidh Mhòir na mheasgachadh mìorbhaileach de choille-bheithe, blàrain fhosgailte agus lochan air an cuairteachadh le craobhan, ag èirigh gu mullach creagach le seallaidhean mìorbhaileach a-mach air Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. ’S e ‘àite creagach’ as ciall dha ainm an Tèarmainn. Tha Creag Eileachaidh air aonan de naoi de thèarmainn nàdair nàiseanta ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh agus timcheall oirre.
An rathad a Chreag Eileachaidh
Na chì thu
Eòin-chreachaidh
Bho àm gu àm bidh càraid de sheabhagan-gorma a’ sìolachadh air a’ chreig, agus bidh eun-creachaidh nas motha, an clamhan, a’ cumail faire air an leathad cuideachd.
Dìtheanan
Chomharraicheadh còrr is 350 gnè lusan ann an Creag Eileachaidh, eadar lusan a tha titheach air dubhar leithid an t-sàil-chuach fhìnealta agus lus na gaoithe a bhios a’ tighinn fo bhlàth as t-earrach. Cùm sùil a-mach airson cairt-làir nan duilleagan buidhe mu na slighean coiseachd.
Beathaichean
Bidh losgainn, màgagan agus an dearcan-uisge spliutach uile air an tarraing leis a’ chuid fhliuch den Tèarmann, agus chithear dearcan-luachrach coitcheann is dall-chnuimhean bho àm gu àm gam blianadh fhèin air bruachan blàth. Ann am mìosan a’ gheamhraidh bidh am fiadh-ruadh san Tèarmann còmhla ris an earb-ruadh, dham bheil e càirdeach, agus chìthear iad air na ceuman-coiseachd tron latha an-dràsta is a-rithist.
Craobhan
Coltach ri iomadh coille-bheithe air a’ Ghàidhealtachd, bidh craobhan Chreag Eileachaidh a’ cinntinn ann an ùir bhochd, dheagh-thraoghte.
Cùm sùil a-mach airson craobhan-beithe fa leth a tha air tighinn gu inbhe is gu ìre. Tha coltas uasal orra, len cuid mheanglan fìnealta is dualan de dhuilleagan uaine. ’S e ‘Bean-uasal na Coille’ a chanar riutha.
Am measg nan craobh eile ann, tha an critheann, caorann, calltainn, fiodhagach, seileach agus giuthas-Albannach. Dh’fhaodadh gum faic thu preasan aitinn is roid an siud isan seo cuideachd.
Biastagan
Bidh na lochanan a’ tàladh tairbh-nathrach is cruinneagan, nam measg sgiabair na Gàidhealtachd agus tarbh-nathrach òr-fhàinneach. Tha Creag Eileachaidh ainmeil cuideachd airson leòmain leithid an t-sìneadair Rainich a tha cho titheach air na craobhan-beithe.
Annasan nan ràithean
An t-Earrach
Bidh ceilearachd bhinn air feadh na coille agus bidh grunnd na coille na bhrat dathach de dh’fhlùraichean-fiadhaich.
An Samhradh
Bidh dealanan-dè air uideal timcheall air an Tèarmann agus os cionn nan lochanan bidh tairbh-nathrach agus cruinneagan a’ sealg fhrìdeagan.
Am Foghar
Bidh a’ choille-bheithe eireachdail na dathan drùidheach an fhoghair agus cùm sùil a-mach airson na bhios ann de dh’fhungas. Tha cothrom ann gun cluinn thu langan na h-earba cuideachd.
An Geamhradh
’S e àm mìorbhaileach a th’ ann beanntan sneachdach a’ Mhonaidh Ruaidh fhaicinn bho àite-seallaidh an Tèarmainn.
Fiosrachadh feumail
Faodaidh coin dragh a chur air fiadh-bheatha. Cùm coin air iall ghoirid no fo smachd teann aig amannan cugallach agus gabh suim do shanasan sam bith a chì thu.
Lean slighe
Tha pannal aig an t-slighe a-steach don Tèarmann air a bheil fiosrachadh mu cheithir slighean coiseachd. Tha iad uile air an comharrachadh le dathan is samhlaidhean. Bidh na slighean seo a’ fàs nas dùbhlanaiche mar as àirde a thèid thu ris an leathad.
Cùm sùil a-mach cuideachd do shanasan air a bheil fiosrachadh mu iùl-èisteachd mun Tèarmann. Faodar èisteachd ris air fòn-làimhe.
Mapa an tèarmainn
Slighean
Lochan
Clamhan
Coille
Àite-seallaidh
An tuilleadh fiosrachaidh
- A' tadhal air an tèarmann
- Mu dheidhinn an tèarmainn
- Tadhal air na tèarmainn nàdair eile againn