A’ choille-bheithe

’S e coille-bheithe a’ choille as cumanta againn is i a’ fàs ann an coilltean mòra air an talamh àrd againn far a bheil ùir shearbh neo-thorrach.

Read in English / Leugh ann am Beurla

Tha trì gnèithean de bheithe dùthchasach againn ann am Breatainn:

  • a’ bheith-chlùmhach – seo an tè as cumanta sna h-àitichean fuara, fliucha ’s gaothach ann an iar-thuath na Gàidhealtachd agus mar is trice, chan fhàs iad nas àirde na 10m
  • a’ bheith-gheal – seo an tè as cumanta sna sgìrean fuara am meadhan is taobh an ear na Gàidhealtachd
  • a’ bheith-bheag – chan fhàs seo nas àirde na preas ìseal ann am bith-àrainn a’ phreaslaich bheanntaich

Mar chraobhan tùsaireach, nochdaidh craobhan-beithe gu luath air talamh briste agus ’s e coille anns a bheil gach craobh mun aon aois a thig às. Dh’fhaoidte gun nochd craobhan-beithe òga air àiteachan am fagas an uair sin far nach robh coille roimhe, gu tric ma bha teine ann no cus ionaltraidh.

Tha coilltean-beithe na talmhainn àird air Liosta Bith-iomadachd na h-Alba.

Lusan is beathaichean eile

Mar is trice, cha bhi mòran chraobhan eile a’ fàs còmhla ri coilltean-beithe far a bheil ùir bhochd ach caorann agus an-dràsta ’s a-rithist cuileann is darach-neo-ghasagach agus, ann an cuid a dh’àitichean, giuthas Albannach.

Dh’fhaoidte gum fàs na leanas ann an àitichean a tha beagan nas torraiche:

  • caorann
  • uinnseann
  • critheann
  • feàrna
  • seileach-geal
  • geanais
  • fiodhag
  • aiteann
  • calltainn
  • sgitheach
  • sgitheach-dubh

Bidh aiteann a’ fàs mar phreasnach ann an coilltean-beithe uaireannan air taobh an ear na Gàidhealtachd. Bidh craobhan-crithinn a’ fàs ann an coilltean-beithe air talamh àrd far a bheil ùir mhèinnireach, gu math tric ann am badan beaga agus fìor-chorra uair ann am badan mòra.

Taobh a-muigh nan làraichean as searbhagaiche, tha ‘deagh bhuaidh’ aig a’ bheithe air an ùir, a’ toirt cothrom fàis do luibhean agus feur air làraichean far an robh mòinteach fraoich ìseal roimhe.

Chan eil mòran ghnèithean de lusan ann nach fhàs ach ann an coilltean-beithe. Ach tha coilltean-beithe nan deagh àitichean airson feur is luibhean nach eil cho cumanta taobh a-muigh choilltean. Tha iad nan dachaigh airson iomadh còinneach is adha-uisge (bryophytes) cuideachd, a’ gabhail a-staigh feadhainn a tha gu math ainneamh sna coilltean an iar.

Tha ceangal làidir eadar cuid a lusan mu thuath, mar reul na coille agus leolaicheann (ann an coilltean anns nach eil ionaltradh), agus coilltean-beithe na Gàidhealtachd.

Tha coilltean-beithe nan dachaighean air leth airson:

Lobhaidh am fiodh e fhèin gu luath agus tha fiodh marbh mar seo na bhith-àrainn chudromach do dh’fhungasan, daolagan is eòin a nì neadan ann an tuill.

Rùraich coilltean-beithe na h-Alba

Chì thu coilltean mar seo ann an Tèarmainn Nàdair Nàiseanta.

Leugh fiosrachadh mu na coilltean-beithe ann an:

Barrachd fiosrachaidh

A’ stiùireadh nan coilltean againn

Dìon nan coilltean

Planadh is leasachadh: craobhan is coilltean

 

Last updated: