Co-chomhairleachadh 2019 air Roinnean Dìon Mara molta

Read this page in English

Mòran taing airson ùidh a nochdadh anns a’ cho-chomhairleachadh 2019 air Roinnean Dìon Mara a dh’fhaodadh a bhith ann. Tha an co-chomhairleachadh dùinte a-nis.

Ceithir Roinnean Dìon Mara molta a thathar a’ cur air adhart airson roghnachadh:

  • A bheil sibh a’ cur taic ris na Roinnean Dìon Mara molta a thathar a’ cur air adhart airson roghnachadh?
  • A bheil sibh ag aontachadh gu bheil an fhianais shaidheansail a’ seasamh na h-argamaid airson gach roinn a thathar a’ cur air adhart airson roghnachadh?
  • A bheil beachdan agaibh air a’ Chomhairle Ghlèidhteachais is Stiùiridh do gach roinn?
  • A bheil beachdan agaibh air Sgrùdadh Buaidh Gnìomhachais is Riaghailteach do gach roinn?
  • A bheil beachdan agaibh air an Luachadh Sheasmhachd, a’ gabhail a-steach na h-Aithisg Àrainneachail agus Sgrùdadh na Buaidh Sòiseo-eaconamaich?

Dè na sgrìobhainnean a leughas mi airson na ceistean seo a fhreagairt?

Airson taic a chumail ris a’ phròiseas cho-chomhairleachaidh, dh’fhoillsich NatureScot grunn sgrìobhainnean as urrainnear luchdachadh a-nuas air na duilleagan fa leth.

1. Taobh an Ear-thuath Leòdhais
2. Oitir an Ear nan Eileanan Seunta
3. An Cuan Barrach
4. An Trainnse a Deas

Tha na leanas an lùib nan sgrìobhainnean:

  • geàrr-iomradh dealbhte air an làraich
  • sgrùdadh air earbsa san dàta (anns a bheil an fhianais shaidheansail)
  • sgrùdadh mionaideach air a’ mholadh an coimeas ri Stiùireadh Roghnachaidh Roinnean Dìon Mara
  • sgrìobhainn air comhairle glèidhteachais is stiùiridh

Tha Marine Scotland air grunn sgrìobhainnean fhoillseachadh air-loidhne cuideachd:

  • Luachadh Seasmhachd air an lìonra gu lèir anns a bheil buaidhean àrainneachail, sòisealta is eaconamach
  • sreath de Sgrùdaidhean Buaidh Gnìomhachais is Riaghailteach (BRIA)
  • chuir NatureScot agus Marine Scotland freagairtean an cèill mu choinneimh nan Ceistean Cumanta a bhios nan cuideachadh airson ceistean an cois a’ cho-chomhairleachaidh air na ceithir Roinnean Dìon Mara a fhreagairt.

An tuilleadh fios

Faodar a thighinn do dh’aon de na seiseanan Co-chomhairleachaidh air na Roinnean Dìon Mara air feadh na dùthcha.

Ceanglaichean

Làrach cho-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba

Last updated: