NatureScot a’ foillseachadh co-chomhairleachadh air an treas Plana Gàidhlig
25 Cèitean 2021
An-diugh cuiridh NatureScot air chois co-chomhairleachadh poblach mun treas Plana Gàidhlig aige a thathar a’ moladh.
Tha am plana a’ cur an cèill mar a bhios buidheann nàdair na h-Alba a’ togail air na chaidh a choileanadh gus a dhealasan a thaobh cleachdadh, adhartachadh is leasachadh na Gàidhlig a neartachadh.
Air ullachadh taobh a-staigh frèam-obrach Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha e a’ cumail taic ri àrd-amas a’ Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig gun tèid “a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean”.
Tha na molaidhean sa phlana a’ gabhail a-steach àrdachadh taice do choimhearsnachdan Gàidhlig is iad a’ dèanamh ceangal ri nàdar is a’ faighinn tlachd às; tuilleadh rannsachaidh a leigeas leinn an t-eòlas againn air nàdar a neartachadh tron Ghàidhlig; agus cothroman-obrach do luchd-labhairt na Gàidhlig an cois a’ phrògraim do dh’fhastadh-òigridh aig NatureScot.
Thuirt Àrd-oifigear NatureScot, Francesca Osowska: “Tha an treas plana againn a’ comharrachadh a’ cheangail air leth a th’ ann eadar daoine is nàdar tron Ghàidhlig agus tha e a’ neartachadh ar dealais dhan chànan air feadh na buidhne.
“Gabhaidh am plana againn a leasachadh le beachdan a’ mhòr-shluaigh agus tha mi airson daoine a bhrosnachadh a dhol an sàs anns a’ cho-chomhairleachadh seo.”
Bidh an co-chomhairleachadh a’ dol fad sia seachdainean. Faodaidh daoine am beachdan air a’ phlana a chur a-steach suas chun 6 Iuchar 2021, agus gheibhear am plana air làrach-lìn NatureScot.