Plana corporra 2022-2026 - Nàdar beairteach dhuinn uile
Tha cùis-èiginn bith-iomadachd agus na gnàth-shìde romhainn uile. Tha beatha a h-uile duine an eisimeil oirnn a dhol am bad an dà dhùbhlain ri chèile. Tha gnìomhan mòra a dhìth far a bheil trioblaidean mòra is sinn a’ dìon agus a’ leigheas bith-iomadachd na h-Alba, agus a’ brosnachadh a h-uile duine gu spèis a thoirt dhan t-saoghal nàdarra againn.
Ann am Plana Corporra airson 2022 gu 2026 tha NàdarAlba air a chuid phrìomhachasan airson cuideachadh ri èiginn nàdair a chur an cèill cho math ri coileanadh sgaoilidhean carboin co-ionann ri neoni ann an Alba. Tha na h-amasan nàiseanta soilleir. Feumar stad a chur air call bith-iomadachd na h-Alba ro 2030 aig a’ char as anmoiche. ’S e ceum riatanach a tha seo air an t-slighe a dh’ionnsaigh beairteas an nàdair ath-bheòthachadh agus, aig a’ cheann thall, leigheas ro 2045.
’S e iomairt nàiseanta a th’ ann. Chan urrainn do dh’aon bhuidhinn seo a dhèanamh leatha fhèin. Mar sin, bu mhiann leinn obrachadh còmhla ri com-pàirtichean air feadh na roinn poblaich ann an Alba, agus còmhla ri coimhearsnachdan, gnìomhachasan, agus roinn na h-àrainneachd a dh’ionnsaigh saoghail nàdarra beairtich dhuinn uile.
Pages: 16
Published: 2022