Slighean Mòra na h-Alba
Falbh air turas sònraichte. Tog ort is bi air do chuairteachadh le cuid dhen nàdar, seallaidhean-tìre, eachdraidh ’s cultar do-chreidsinneach a tha ri lorg ann an Alba.
Read in English / Leugh ann am Beurla
Tha Slighean Mòra na h-Alba na iomairt nàiseanta airson slighean air am falbh daoine iad fhèin. Tha gach slighe air a comharrachadh gu soilleir, mar is trice far an rathaid agus gheibhear diofar sheirbheisean do luchd-tadhail. Bidh iad co-dhiù 25 mìle a dh’fhaid agus iomchaidh airson tursan ioma-latha no tursan latha. Eadar na 29 slighean uile gu lèir, tha còrr is 1,900 mìle de shlighean air an deagh chumail eadar na Crìochan is a’ Ghàidhealtachd. ’S e cothroman air leth a th’ annta an nàdar is na seallaidhean-tìre as fheàrr ann an Alba fhaicinn is eòlas a chur air ar n-eachdraidh is cultar mìorbhaileach.
Falbh air dàna-thuras a mhaireas grunn làithean. Nì fiù ’s an fheadhainn as òige a’ chùis air turas ma nì sibh e ann am pìosan beaga thar grunn deireadh-sheachdainean.
Agus is urrainn dhut turas làithean-saora a dhèanamh dhe na slighean nas fhaide. Glèidh àite airson teanta no cuid-oidhche ro làimh – no iarr air companaidh turais seo a chur air dòigh dhut – is leig le daoine eile na bagaichean agad a ghiùlan ann.
Càit an tèid thu air Slighean Mòra na h-Alba?
Slighean on mhàthair-uisge chun na mara
Gabh fàileadh flùraichean an t-samhraidh, cùm cuirm-chnuic air bruach aibhne is bog do chasan sgìthe ann an glumagan is tu a’ falbh ri taobh nan aibhnichean mòra againn.
Slighean a’ chladaich
Sealladh is adhar na mara, bacannan gainmhich is eòin-mhara – tha slighean cladach na h-Alba a’ feitheamh ort.
- Slighe Cladach Arainn
- Slighe Cladach Shiorrachd Àir
- Slighe Cladach Shiorrachd Bhearaig
- Slighe Cladach Fhìobha
- Slighe Seonaidh a’ Mhonaidh
- Slighe Chinn Tìre
- Slighe Cladach Mhoireibh
- Slighe Mhaol nan Gall
- Slighe Taobh an Iar an Eilein
Slighean eachdraidheil
Siubhail air ais ann an tìm. Falbh air staran naoimh no cuideigin fon choill a dh’fhàs na ghaisgeach. No lean slighean nan dròbhairean is mèirlich cruidh.
- Slighean Abaidean nan Crìochan
- Slighe nan Ceatharnach
- Rathad Dròbha tro na Crìochan
- Slighe Rob Ruaidh
- Slighe nan Ròmanach is nan Rèabharan
- Slighe Naomh Cùithbreith
Slighean còmhdhail is siubhail
Coisich air dà cheum-tarraing ri taobh canàil a choinnicheas ri chèile aig Cuibhle na h-Eaglaise Brice – no coisich an t-astar air fad. Tha na slighean a leanas seann rathadan-iarainn furasta ri choiseachd cuideachd.
- Slighe an Damh-àth
- Slighe Fhearann Mhàrtainn is Bhùchainn
- Canàl Foirthe is Chluaidh is ceum-tarraing Canàl an Aonaidh
Slighean nam beann is nan lochan
Mas e àiteachan fiadhaich is bòidheach a tha a dhìth ort, lìon do bhaga is dèan air gin dhe na slighean seo. Chì thu cuid dhe na beanntan is lochan as drùidhtiche ann an Alba orra.
- Slighe Canù a’ Ghlinn Mhòir
- Slighe a’ Ghlinn Mhòir
- Slighe Loch Laomainn is Chomhghaill
- Slighe a’ Bhràigh a Deas
- Slighe nan Tròisichean Mòra
- Slighe nan Trì Lochan
- Slighe Taobh Siar na Gàidhealtachd