Graphic of a blackbird, ladybird and frog next to 'make space for nature' text in Gaelic

Aona dòigh deug air àite a dhèanamh dha nàdar nad bheatha as t-fhoghar

Leugh ann am Beurla / Read in English

Tha sinn air cha mhòr 25% den fhiadh-bheatha againn ann an Alba a chall mar-thà, ach faodaidh sinn piseach a thoirt air cùisean còmhla ri chèile. Tha e math dhuinn fhìn, dhan phlanaid is do dh’fhiadh-bheatha gun gabh sinn cùram ri nàdar. Tha tòrr dòighean sìmplidh ann airson Àite A Dhèanamh Do Nàdar nad bheatha làitheil. Lean ar molaidhean matha an dà chuid dhut fhèin is airson call nàdair a thilleadh.
 

Dor beetle on a pile of leaves

1. Gàirnealachd do nàdar

Leig leis an duilleach bàsachadh gu nàdarra, na geàrr am feur cho tric, agus fàg geugan is duilleagan far an dèan meanbh-fhrìdean àite dhaibh fhèin annta. Fàg na cinn-sìol air an lus oir ithidh eòin iad is fuirichidh meanbh-fhrìdean annta.

A tree sparrow chick resting on top of a garden hedge

2. Cuir airson an àm ri teachd

Mus fàs an aimsir ro fhuar, ’s e seo an t-àm meacanan is callaidean a chur do mheanbh-fhrìdean is mhamalan a dhùisgeas às an cadal geamhraidh as t-earrach.

Hedgehog sitting amongst yellow, red and orange autumn leaves

3. Fuasglaidhean stèidhichte air nàdar

Tha 63% den charbon gu lèir a tha taisgte san ùir ri lorg san talamh-mhòintich againn -  cleachd stuth gàirnealachd gun mhòine airson a gleidhidh. Ma tha siteag compoist agad, na caraich i gu tric oir gheibh iomadh creutair fasgadh an seo.

4. Cuidich eòin na sgìre

Tog taighean-eun is biathadairean, glan an fheadhainn a th’ ann agus lìon iad. Tha biathadairean ceangailte ris an uinneig nan dòigh math air eòin na sgìre fhaicinn. Feuch is biadh a chur ann gu cunbhalach agus fàg uisge ann. Bidh grunn eòlaichean eun a’ fàgail sìol dubh flùir-ghrèine is chridhean flùir-ghrèine ann no chnòthan-talmhainn math, sìol nyjer is measgachadh de shìol a bheir neart seachad.

5. Thoir uisge seachad

Bidh lòn uisge a’ tarraing dhearcan-luachrach, tharbh-nathrach, eun is eile cho math ri losgannan is muileacha-màg. Dhèanadh seann mhias no bobhla uisge air oir uinneig a’ chùis. Cuir geugan no clachan ann mar àite air an laigh meanbh-fhrìdean os cionn an uisge. Dh’fhaodadh reòthadh cruaidh a bhith na thrioblaid do dh’èisg no losgannan is dearcan-luachrach. Seo an t-àm airson sprùilleach sam bith a thoirt às is ball teanais fhàgail air bàrr an uisge gus nach reòthadh e.

Young volunteers carrying new trees in park together

6. Obair saor-thoileach do nàdar

’S e dòigh spòrsail a th’ ann diofar a dhèanamh, cho math ri coinneachadh ri caraidean ùra is ùine a chur seachad air a’ bhlàr a-muigh. Ionnsaich mu na cothroman saor-thoileach againn no aig Volunteer Scotland. Bi air do bhrosnachadh le pròiseactan coimhearsnachd ann an àiteachan uaine no tòisich am pròiseact agad fhèin.

A female blackbird (Turdus merula) eating a windfall apple

7. Cruinnich criomagan

Chòrdadh measan bog no briste ri bruic, sionnaich is eòin. Geàrr am meas na dhà leth is stob air geug e. Ma tha craobhan no callaidean measa nad àite uaine ionadail, fàg na measan no dearcan dhan fhiadh-bheatha. Ma tha pailteas ann, dèan beagan rùrachd dhut fhèin.

Phone camera screen focused on green leaf plant

8. Dèan diofar

Clàraich na h-eòin, dealanan-dè, losgannan, lusan is eile a chì thu cho math ri gnèithean ionnsaigheach neo-dhùthchasach. Tha e soirbh is spòrsail – agus tha sgrùdaidhean gu leòr ri dhèanamh air a’ fòn agad. Is urrainn dhutsa diofar a dhèanamh.

Horse chestnut conker and leaves

9. Ionnsachadh sa bhlàr a-muigh

’S fhiach ùine a chosg air a’ bhlàr a-muigh as t-fhoghar. Feuch tòrachd nàdair, cruinneachadh dhuilleagan no gheanmthan-chnò airson obair-ealain, dèan taigh bhiastagan no thoir sùil a-muigh feuch am faic thu atharrachadh nan ràithean. Thoir sùil air aplacaidean lusan no eun.

Family walking at Dunardry near Crinan, Argyll and Stirling Area.

10. Cuairtean san sgìre

Tha iomadh cuairt, slighe is pàirc air an stairsnich againn. Tha raointean-uaine math airson fois a ghabhail, cuairt leis a’ chù no an teaghlach agus ionnsachadh sa bhlàr a-muigh. Tha fiadh-bheatha ri fhaicinn cuideachd. Stad, èist is faigh tlachd à greiseag shìtheil.

Young child jumping into pile of autumn leaves.

11. Tha e math dhut

Tha mòran againn a’ cur an cèill nam buannachdan slàinte is slàinte-inntinn an cois ùine air a’ bhlàr a-muigh. Bidh sinn a’ leigeil uallach dhinn, a’ gabhail fois, a’ faighinn neart agus a’ neartachadh ar cuid slàinte. Tha nàdar gar dìon is sinn fhèin a’ dìon nàdar.