Read in English / Leugh ann am Beurla

Tha an sreath ‘Nàdar na h-Alba Ag Atharrachadh’ a’ toirt sùil air gnèithean mar dòigh air atharrachaidhean air aghaidh na tìre a thuigsinn. Bidh sinn a’ coimhead air grunn ghnèithean eadar-dhealaichte a dh’fhaicinn mar a bheir atharrachaidhean san t-sìde buaidh orra ’s air nàdar san fharsaingeachd. Togaidh sinn air ceumannan as urrainn dhuinn a ghabhail airson aghaidh a thoirt air atharrachadh na gnàth-shìde ann an Alba.

Tha sinn air a dhà fhoillseachadh thuige seo, aonar mun bhradan agus fear eile air muir-thìrich is snàigich. Tha sgeulachd a' bhradain a' coimhead air atharrachadh na gnàth-shìde tro shùilean a’ bhradain ’s sinn ga leantainn bhon mhàthair-uisge dhan mhuir agus na dùbhlain a tha mu choinneamh. Tha sinn a' toirt sùil air mar a tha sinn ag obair còmhla airson am bradan a ghlèidheadh agus, mar thoradh, mar a bheir sinn piseach air eag-shiostaman fallainn ’s mar a lùghdaicheas sinn a’ bhuaidh bho atharrachadh na gnàth-shìde. Tha sgeulachd nam muir-thìreach is nan snàigeach a' mìneachadh nan gnèithean inntinneach seo is na farsaingeachd dhiubh, na dùbhlain a tha romhpa ri linn atharrachadh na gnàth-shìde agus beagan den obair a tha sinn a' dèanamh airson an cuideachadh.

Bidh sinn a’ cur ris an t-sreath seo sna mìosan a tha romhainn. Bidh sinn a’ toirt sùil air buaidh atharrachadh na gnàth-shìde air nàdar agus mar as urrainn dhuinn cuideachadh airson ’s gum bi nàdar na h-Alba agus an sluagh slan, fallain. 

Tha sinn an dòchas gum brosnaich na goireasan seo beachdan a tha nas fharsainge na na gnèithean fhèin. Cleachdaibh na goireasan agus nach sgaoil sibh fad ’s farsaing iad (tha sinn a’ leasachadh tionndadh eile dhiubh a bhios freagarrach do sgoiltean!). 

Bu toil leinn togail air an obair seo ’s goireasan a chruthachadh do ghnèithean eile. Ma tha beachdan agaibh airson an obair seo cuiribh fios gu [email protected].

Last updated: