Nàdar na h-Alba Ag Atharrachadh - Bradan
Read in English / Leugh ann am Beurla
Nòtaichean Nàdair
Siostam rabhaidh tràth
Tha bradan fiadhaich a’ Chuain Shiar mothachail do dh’atharrachadh. Innsidh e dhuinn tràth ma bhios dad ceàrr san eag-shiostam san fharsaingeachd.
Bho phailteas gu gainnead
Bho na 1970an, thathar a’ tomhas gu bheil an àireamh gu lèir de bhradain a bhios a’ tilleadh a dh’aibhnichean na h-Alba air crìonadh bho mu 1 millean gu 400,000.
Ann an cunnart
Tha bradan a’ Chuain Shiar ann an ‘Cunnart’ ann am Breatainn mar thoradh air crìonadh de 30-50% san àireamh dhiubh ann am Breatainn bho 2006.
Mar phàirt de dh’eaconamaidh na h-Alba
Tha am bradan am measg nan creutairean as aithnichte ann an Alba. Tha e a’ cur gu mòr ris an eaconamaidh dhùthchail tro thurasachd ’s fastadh. Tha measadh buile air iasgaireachd fiadhain ann an Alba gu lèir, a’ gabhail a-steach a’ bhradain, a’ cur luach còrr ’s £100 millean ann agus tha 4,300 dreuchd co-ionann ri làn-ùine na chois.
Atharrachadh na gnàth-shìde
Tha buaidh aig atharrachadh na gnàth-shìde air imrich, cladhadh ’s sgaoileadh bradan fiadhaich a’ Chuain Shiar.
Teothachd agus craobhan
Tha na h-aibhnichean a’ blàthachadh ri linn atharrachadh na gnàth-shìde. ’S urrainnear aghaidh a thoirt air seo le bhith a’ cur chraobhan air bruachan nan aibhnichean, ach feumaidh iad co-dhiù 20 bliadhna mus bi iad mòr gu leòr airson sgàil
a dhèanamh. Feumaidh sinn cumail oirnn a’ cur chraobhan airson am bradan a chuideachadh.
Rìgh nan Iasg
Tha am bradan air a bhith cudromach ann an cultar na h-Alba a-riamh. ’S e samhla a’ ghliocais a th’ annta agus tha iad a’ nochdadh air clachan snaidhte nan Cruithneach ’s ann an seann sgeulachdan.
Nì bradan fiadhaich a’ Chuain Shiar cladhadh ann an aibhnichean na h-Alba. Thig an sìol asta san earrach agus bidh iad san abhainn 2 no 3 bliadhna nan gillean-ruadh. ’S e geala-bhradan a chanar riutha an uair sin agus thèid iad seo dhan chuan far am bi iad bliadhna no trì agus chan eil cus eòlais againn air na nì iad an sin. Aig a’ cheann thall nì iad a-rithist air an abhainn anns an do rugadh iad.
Tha iomadh gnè eile an eisimeil air an iasg shònraichte seo. Leis gu bheil iad mothachail do dh’atharrachadh, innsidh iad dhuinn tràth ma tha rudeigin ceàrr san eag-shiostam mhòr. Ithidh mamalan, leithid an dòbhran, ’s eòin a dh’itheas iasg, leithid an lach-fhiaclach, iad. Tha am bradan am measg nan creutairean as aithnichte ann an Alba ’s a’ cur gu mòr ris an eaconamaidh dhùthchail tro thurasachd ’s fastadh.
Bho na 1970an, thathar a’ tomhas gu bheil an àireamh gu lèir de bhradain a bhios a’ tilleadh a dh’aibhnichean na h-Alba air crìonadh bho mu 1 millean gu 400,000. Chan eil bradan a’ Chuain Shiar ri lorg ach ann am beagan nas lugha de 400 abhainn ann an Alba, 200 km2 de bhith-àrainn aibhne.
Faodaidh measgachadh ghnothaichean buaidh a thoirt air a’ bhradan, an dà chuid ann am fìor-uisge ’s aig muir. Tha dian-tuathanachas uisge, bacaidhean leithid dàmaichean ’s cairidhean, atharrachadh na gnàth-shìde agus sealg uile a’ toirt buaidh air a’ bhradan aig muir ’s ann an àitichean air a’ chosta. Tha feum aig a’ bhradan air aibhnichean a tha ann an deagh stait bhon mhàthair-uisge dhan mhuir.
Tha e riatanach dhan bhradan gum mair iad beò aig muir. Tha sealg, parasaitean ’s galaran, agus tuathanasan bradain coimeirsealta am measg nan gnothaichean a bheir buaidh air seo. Chan eilear a’ tuigsinn ìre na buaidh bho atharrachadh na gnàth-shìde ro mhath fhathast, ach tha am bradan glè mhothachail air atharrachaidhean ann an teothachd an uisge.
Tha am bradan na ghnè fo dhìon agus bho 2021 gu 2024 dh’fhosgail sgìre 1400km a bharrachd a dh’fhaid ann an Alba nuair a thugadh bacaidhean air falbh. Às dèidh crìonaidh fad ùine mhòir, tha na h-èisg a’ tilleadh do mheasgachadh de dh’aibhnichean, leithid Abhainn Chluaidh ’s grunn aibhnichean ann an Linne Foirthe ann am meadhan na h-Alba.
Cunnartan
Faodaidh measgachadh mòr de rudan buaidh a thoirt air bradan a’ Chuain Shiar, an dà cuid ann am fìor-uisge ’s aig muir. Tha iad gan comharrachadh le Ro-innleachd Bradan Fiadhaich na h-Alba aig Riaghaltas na h-Alba.
Tart
Tha samhraidhean nas tiorma a’ fàgail nas lugha de dh’uisge sna h-aibhnichean. Tha droch bhuaidh aig sin air siubhal a’ bhradain (Dàm-Samh). Thathar an dùil gun tèid an àireamh de thartan cruaidh an àrd bho aonan gach 20 bliadhna sa chumantas gu gach 3 bliadhna ann an ùine nach bi fada.
Sileadh
Mar a thuiteas barrachd uisge gu h-àraid le frasan troma ’s grèisean fada de dh’uisge, fàsaidh sruth nan aibhnichean nas luaithe. Dh’fhaodadh gun cuir sin às do dh’àitichean far am beir am bradan uighean aig àm a’ chladhaidh (Samh-Dùbh).
Teas an uisge
Tha am bradan cleachdte ri fuireach ann an uisge fuar. Mas as blàithe an t-uisge ri linn atharrachadh na gnàth-shìde ’s ann as miosa a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith air a’ bhradan.
Cnapan-starra
Tha bacaidhean leithid dàmaichean ’s cairidhean nan cnapan-starra do shiubhal a’ bhradain, a tha na phàirt riatanach de chuairt-bheatha nan iasg.
Galaran, parasaitean ’s gnèithean neo-dhùthchasach
Tha am bradan buailteach ri diofar ghalaran ’s parasaitean fhulang. Tha gnèithean neo-dhùthchasach ionnsaigheach, mar am bradan-crotach a tha a’ sìor-fhàs nas pailte ann an aibhnichean na h-Alba a-nis, ann am farpais ris a’ bhradan dhùthchasach airson biadh ’s raon.
Càileachd an uisge
Feumaidh am bradan uisge glan anns a bheil tòrr ogsaidein. Tha e glè mhothachail do thruailleadh san uisge, a’ gabhail a-staigh na shileas à ionadan-òtrachais, àiteachas ’s obair coilltearachd.
Mial na mara
Faodaidh ìrean nas àirde de mhial na mara a bhith ann ri linn tuathanasan-èisg. Tha seo a’ toirt buaidh air slàinte nam bradan fiadhaich.
Leasachadh aig muir
Faodaidh droch bhuaidh a bhith air leasachaidhean airson cumhachd ath-nuadhachail aig muir air a’ bhradan ri linn diofar adhabharan leithid fuaim.
Gnìomhan
Feumaidh eag-shiostaman fallain a bhith againn airson am bradan a chuideachadh bhon mhàthair-uisge dhan mhuir.
Leasachadh bith-àrainnean nan aibhnichean
Gabhaidh aibhnichean ’s na bith-àrainnean annta a leasachadh le bhith a’ cur chraobhan a bheir sgàil ’s a chumas na h-aibhnichean nas fhuaire. Tha freumhan nan craobhan a’ toirt fasgadh dhan iasg agus tha duilleagan marbha a’ tuiteam dhan uisge ag àrdachadh na th’ ann de neo-dhruim-altachain ri ithe. Tha sgàil nan craobhan ag ìsleachadh teothachd an uisge agus tha na freumhan a’ lùghdachadh tuiltean le bhith a’ glèidheadh sileadh air an fhearann. Tha ath-shlànachadh nam mòintichean a’ cur ri leigheas bith-àrainnean a’ bhradain le bhith a’ toirt piseach air an uisge agus a’ lùghdachadh carbon san adhar.
Cnapan-starra
A’ cur às do chnapan-starra - a’ gabhail a-staigh cnapan-starra eachdraidheil ’s feadhainn co-cheangailte ri dealan-uisge, solar uisge poblach ’s thaighean-staile - airson ’s gun dèan am bradan siubhal nas fhasa. A’ cur an sàs slighean èisg aig am bi fosglaidhean a-steach a tha furasta ri lorg.
Uisge glan
A’ toirt piseach air na thig à ionadan-giullachd òtrachais ’s a’ leasachadh obair na coilltearachd airson ’s nach truaill iad uisgeadain.
Gnèithean eile
Tha na h-aibhnichean againn ’s am bradan fiadhain an eisimeil air cuideachadh airson smachd a chumail air gnèithean neo-dhùthchasach leithid am bradan-crotach.
Co-obrachadh eadar-nàiseanta
Feumaidh cunnartan air a’ chuan àrd co-obrachadh eadar-nàiseanta tro Bhuidheann-glèidhteachais Bradan a’ Chuain Shiar (NASCO). A’ leasachadh ’s a’ cur an sàs iomairt cho-òrdanaichte airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air a’ bhuaidh a bhios aig atharrachadh na gnàth-shìde agus obair-leasachaidh cumhachd ath-nuadhachail aig muir. A’ dìon ’s a’ leasachadh bith-iomadachd na mara tro Raointean Glèidhte Mara, agus a’ cosnadh ’s a’ glèidheadh Inbhe Àrainneachd Mhath airson an dà chuid am bradan ’s eag-shiostaman na mara san fharsaingeachd a chuideachadh.
Ag Atharrachadh Nàdar na h-Alba
Cuidichidh iomairtean dhan bhradan fhiadhaich ri eag-shiostaman fallain a thoirt gu buil agus bheir sin buannachd dhuinne ’s do ghnèithean eile.
Obraichean uaine
Tha a bhith a’ cur chraobhan, a’ cumail sùil air àireamh a’ bhradain agus ag ath-shlànachadh mòinteach uile a’ cruthachadh obraichean a tha ag ath-shlànachadh ’s a’ glèidheadh chruthan-tìr na h-Alba.
An eaconamaidh dhùthchail
Tha bradan fiadhaich a’ Chuain Shiar a’ cur gu mòr ris an eaconamaidh dhùthchail tro thurasachd ’s fastadh. Às aonais iomairtean mar seo, fuilingidh na gnìomhachasan seo agus eaconamaidh na h-Alba.
Cultar
Tha bradan fiadhaich a’ Chuain Shiar am measg nan creutairean as aithnichte ann an Alba. Feumaidh sinn teachd-shaoghal a’ bheathaich seo a ghlèidheadh le bhith ath ath-shlànachadh aibhnichean ’s muir na h-Alba.
Tasgadh carboin
Chan ann a-mhàin gun till grunndan-cladha a’ bhradain fhiadhaich ma dh’ath-shlàinicheas sinn mòinteach ’s aibhnichean, ach bidh bith-àrainnean eile gan leigheas airson carbon às an adhar a thasgadh, a’ toirt aghaidh air atharrachadh na gnàth-shìde.
Barrachd na bradan
Tha am feusgan-neamhnaid fìor-uisge, mamalan leithid an dòbhran ’s eòin a dh’itheas èisg uile an eisimeil a’ bhradain fhiadhaich. Tha iomairtean airson a’ bhradain buannachdail do dh’iomadh gnè fìor-uisge eile cuideachd.
A’ cur am meud na bith-iomadachd
Ma chuireas sinn craobhan aig bruachan ar n-aibhnichean a-rithist, bheir sinn sgàil dhaibh, gan cumail nas fhuaire, a’ toirt slighean siubhail do bheathaichean ’s a’ fosgladh bith-àrainnean suas ’s sìos nan aibhnichean do dh’èisg-imrich. Bidh a h-uile rud seo math dhan bhith-iomadachd.
Dìon bho thuiltean
Chan ann a-mhàin èisg a gheibh cuideachadh bho leigheas nan aibhnichean. Ma thilleas sinn talamh fliuch suas air na h-aibhnichean agus ma nì sinn stiùireadh nas tapaidhe, glèidhidh an talamh barrachd uisge agus cruthaichidh fiodh-marbh chraobhan aig oirean nan aibhnichean dàmaichean aoidionach nàdarra, a’ lùghdachadh cunnart thuiltean.