Nàdar na h-Alba Ag Atharrachadh – Muir-thìrich is snàigich
Read in English / Leugh ann am Beurla
Nòtaichean Nàdair
Prìomh ghnèithean seilg is creiche
Tha an dà chuid muir-thìrich agus snàigich cudromach dhan bhith-iomadachd, an dà chuid mar shealgairean is creach chudromach san lìon-bhìdh.
Buaidh atharrachadh na gnàth-shìde
Mar chreutairean fuar-fhuileach, feumaidh iad teas on àrainneachd a chumas am bodhaigean blàth agus beò agus leis a sin, tha buaidh air leth mòr aig atharrachadh na gnàth-shìde air muir-thìrich agus snàigich.
Prìomh ghnèithean-comharraidh
Tha muir-thìrich agus snàigich nan gnèithean-comharraidh cudromach a dh’innseas dhuinn dè cho fallain ’s a tha eag-shiostam, can a bheil an t-uisge salach no gu bheil daoine a’ briseadh a-steach air.
Na druim-altachain fon chunnart as motha
’S iad na muir-thìrich na druim-altachain sa chunnart as motha – tha còrr is 40% dhiubh ann an cunnart dol à bith. Chan eil na snàigich fada air dheireadh aig 20%.
An urra ri talamh fliuch
Tha cuairt-bheatha nam muir-thìreach gu dlùth-cheangailte ri uisge, agus mar sin tha talamh fliuch na bhith-àrainn glè chudromach. Tha talamh fliuch cuideachd na bhith-àrainn seilge dha snàigich.
Crìonadh
Tha coltas ann gu bheil àireamh nam muir-thìreach is nan snàigeach dùthchasach againn a’ crìonadh air feadh na dùthcha.
An seo ann an Alba, tha grunn ghnèithean de mhuir-thìrich is snàigich dhùthchasach againn.
Muir-thìrich:
- Losgann
- Muile-mhàgag
- Muile-mhàgag an droma bhuidhe
- Dearc-uisge spliutach
- Dearc-uisge mhìn
- Dearc-uisge chìreach mhòr
Snàigich:
- Nathair
- Dearc-luachrach
- Nathair-challtainn
Nochdaidh grunn ghnèithean de thurtaran-mara an-dràsta ’s a-rithist cuideachd, agus tha nathraichean-feòir againn an siud ’s an seo ach chan eil aonta ann aig an ìre-sa an e gnè dhùthchasach a th’ innte gus nach eil.
Tha eachdraidh chultarach fhada aig muir-thìrich is snàigich ann an Alba. Chithear iad air feadh na h-Alba eadar Sealtainn fada tuath agus sna Crìochan fada deas agus far na tìre sna h-eileanan.
Tha muir-thìrich is snàigich cudromach do bhith-iomadachd na h-Alba, agus tha iad nan gnèithean seilg is creiche cudromach do dh’àireamh mhòr de bheathaichean eile. Mar eisimpleir, cumaidh iad an àireamh de mheanbh-fhrìdean is creimich sìos. Tha muir-thìrich iad fhèin nam beathaichean creiche do mhòran gnèithean de mhamalan, eòin, èisg is neo-dhruim-altachain oir tha iad furasta ri an cnàmhadh a chionn ’s nach eil craiceann tiugh orra, lannan no itean agus ithidh mamalan mòra mar bhruic agus eòin-chreiche snàigich. Sin as t-adhbhar gu bheil iad cho cudromach ann an lìon-bìdh na h-Alba, a’ toirt beatha do phailteas ghnèithean sna h-eag-shiostaman againn.
Ann an Alba agus sa chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte agus pàirtean eile dhen t-saoghal, tha iomadh brùthadh is cunnart a’ fàgail nam muir-thìreach is nan snàigeach ann an staing. ’S e an cunnart as motha call is briseadh nam bith-àrainnean, atharrachadh na gnàth-shìde, galaran, gnèithean sgaoilteach agus daoine a’ briseadh a-steach orra.
Cunnartan
Call is briseadh nam bith-àrainnean
Brisidh obair-thogalach mar rathadan is taighean a-steach air bith-àrainnean cudromach agus brisidh e ann am bloighean beaga iad agus tha seo na chnap-starra mòr do mhuir-thìrich agus snàigich oir chan eil iad math ann a bhith a’ tuineachadh sgìrean ùra.
Atharrachadh pàtranan na h-aimsire
Ma thig atharrachadh air pàtranan na h-aimsire a tha muir-thìrich is snàigich an eisimeil riutha, bidh droch bhuaidh air na rudan a nì iad a ghnàth agus comas na bodhaigean aca a chumail a’ dol. Mar eisimpleir, mur eil sileadh gu leòr as t-earrach ri linn atharrachadh na gnàth-shìde, tràighidh na lòintean briodaidh aig muir-thìrich agus ri linn sin, fàsaidh an sgeith aca tioram ’s bàsaichidh an linn ùr mus tèid a bhreith.
Atharrachadh beathaichean-seilg is creiche
Ma thig atharrachadh air gnèithean eile, can àireamh bheathaichean-seilg no creiche, bidh frith-bhuaidh aige sin air àireamh nam muir-thìreach is snàigeach. Mar eisimpleir, ma bhios nas lugha de neo-dhruim-altachain ann, bidh nas lugha de bhiadh aig muir-thìrich agus còmhstri nas motha airson biadh eile.
Teas
Ma dh’fhàsas e ro bhlàth, tha cunnart ann gun tiormaich muir-thìrich agus na lòintean briodaidh aca, bith-àrainn a tha cudromach do phailteas ghnèithean eile cuideachd. Agus ma bhios e ro theth, tha cunnart cuideachd gun sgaoil galaran is siostam ion-dhìon nam beathaichean a’ fàs lag.
Galaran
Tha grunn ghalaran mòra ann a bhuail air muir-thìrich air feadh an t-saoghail gu sònraichte. Do shnàigich, ’s e galar fungail nan nathraichean a tha na adhbhar-dragha.
Gnèithean sgaoilteach
Tha grunn bheathaichean sgaoilteach againn ann an Alba, mar an dearc-uisge Ailpeach agus lusan sgaoilteach mar ghràbhan nam boglach (Crassulahelmsii). Cuiridh iad na gnèithean dùthchasach againn ann an cunnart is iad ann an còmhstri airson stuth mar bhiadh agus a bharrachd air sin, sgaoilidh iad galaran math dh’fhaodte.
Càileachd an uisge
Tha càileachd an uisge air leth cudromach do mhuir-thìrich gu sònraichte agus ma thig cus truaillidh far achaidhean làn puinnsean bhiastagan no salachar far nan rathadan, agus truailleadh bho ghnìomhachasan dh’fhaodte gum bàsaich iad leis no gum bi co-dhiù droch bhuaidh orra, can air an cuid torrachais.
Geur-leanmhainn
Ged a tha nathraichean fo dhìon an lagha a tha a’ toirmeasg an dochann, tha cuid gan geur-leanmhainn ann an Alba fhathast leis gu bheil eagal air cuid gun dèan an nimh a th’ annta cron air daoine, peataichean no crodh.
Aimhreit
'S toil le muir-thìrich agus snàigich cumail air falbh bho dhaoine cho mòr 's as urrainn dhaibh. Faodaidh daoine a tha a' coiseachd le coin, luchd-dhealbh, obair leasachaidh, rathaidean, agus cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh aimhreit mhòr adhbharachadh dhaibh.
Dè am fuasgladh?
Barrachd lòintean
Tha lòintean air leth cudromach is iad nan àitichean far an dèan muir-thìrich briodadh agus far am faigh an dà chuir muir-thìrich agus snàigich biadh. Ma chruthaicheas sinn barrachd lòintean, bidh iad mar chlachan-sìnteige dhaibh a bheir comas dhaibh gluasad eadar na bith-àrainnean bloigheach aca agus sgaoileadh gu àitichean ùra.
Bun-structar nas fheàrr
Ma thogas sinn am bun-structar againn air dòighean nas tapaidh, can lòintean SuDS (siostaman drèanaidh so-sheasmhach nam bailtean) no tunailean fo na rathadan, ’s urrainn dhuinn cothromachadh nas fheàrr a dhèanamh eadar an obair-leasachaidh a dh’fheumas sinne agus na dh’fheumas muir-thìrich is snàigich.
Gnèithean sgaoilteach
Ma bhios fios againn càit a bheil gnèithean sgaoilteach agus ma thèid againn air an toirt air falbh, bidh còmhstri agus cunnart ghalaran nas lugha sna bith-àrainnean, a’ cumail muir-thìrich is snàigich nas sàbhailte.
Foghlam
Ma thig piseach air foghlam, cha bhi uiread a mhì-thuigse mu mhuir-thìrich is snàigich am measg dhaoine.
Leasachadh nam bith-àrainnean
Bidh tèarmainn-gheamhrachaidh a thogar de stuthan nàdarra, can ballachan-cloiche no cruachan-fiodha, uabhasach fhèin feumail an dà chuid do mhuir-thìrich is snàigich agus pailteas gnèithean eile cuideachd.
Slighean-uisge glana
Ma chumas sinn an t-uisge ann an lòintean, aibhnichean is lochan nas glaine, uisge a tha mòran gnèithean (agus daoine) an eisimeil air, bidh deagh bhuaidh mhòr aige sin air cor bith-àrainnean an fhìor-uisge againn.
Iomairtean an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde
Ma dh’ath-shlànaicheas sinn cruthan-tìre ‘nas fhliche’ cuidichidh sinn muir-thìrich is snàigich ach cuideachd daoine air sgàth ’s gum bi na cruthan-tìre sin nas seasmhaiche mu choinneimh thartan ’s thuiltean a tha co-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde. Cuiridh e ri leigheas an cearcall carboin nàdarra air tìr cuideachd.
Rannsachadh
Chan eil dàta gu leòr againn mu mhuir-thìrich is snàigich ann an Alba leis cho mòr ’s a tha an dùthaich agus leis cho iomallach ’s a tha mòran àitichean. Feumaidh sinn barrachd rannsachaidh ach an tuig sinn na gnèithean de mhuir-thìrich is shnàigich a th’ againn nas fheàrr agus dè na rudan a tha a’ maoidheadh orra.
Buannachdan eile
Ag Atharrachadh Nàdar na h-Alba
Fàgaidh iomairtean airson muir-thìrich is snàigich na h-eag-shiostaman againn nas fhallaine agus bidh buannachdan ri linn dhuinn fhìn agus do ghnèithean eile.
Obraichean uaine
Thig obraichean uaine an cois ath-shlànachadh bhith-àrainnean, sgrùdadh shluaghan is leasachadh bun-structair ann an Alba is sinne ri ath-shlànachadh is glèidheadh tìr na h-Alba.
Cultar
Tha eachdraidh chultarach fhada aig muir-thìrich is snàigich ann an Alba agus bu chòir dhuinn an glèidheadh mar phàirt de dhualchas cultarach na dùthcha.
Leth-oireas carboin
Ma thèid againn air bith-àrainnean an fhìor-uisge agus nam mòintichean a tha na muir-thìrich is snàigich againn an eisimeil riutha ath-shlànachadh, sùghaidh iad carbon às an adhar cuideachd, gar cuideachadh is sinne a’ cur aghaidh air atharrachadh na gnàth-shìde.
A’ cur bith-iomadachd am meud
Ma thèid againn air àireamh nam muir-thìreach is snàigeach agus nam bith-àrainnean aca a chur am meud, bidh deagh bhuaidh aige sin air pailteas de gnèithean eile ann an Alba.
Dìon o thuiltean
Ma bhios barrachd lòintean againn is bun-structar nàdair eile co-cheangailte riutha, bidh iad gar dìon o thuiltean a chionn ’s gum bi àitichean ann far an tèid an t-uisge.