Obair shaor-thoileach air a’ bhlàr a-muigh
Tha obair shaor-thoileach air a’ bhlàr a-muigh na deagh dhòigh air buaidh a thoirt air cùisean, sgilean a thogail, coinneachadh ri daoine eile – agus beagan eacarsaich.
Read in English / Leugh ann am Beurla
Tha obair shaor-thoileach air a’ bhlàr a-muigh na deagh dhòigh air buaidh a thoirt air cùisean, sgilean a thogail, coinneachadh ri daoine eile – agus beagan eacarsaich.
Tha mòran bhuidhnean ann a chuireas fàilte air do thaic-sa. Can ma tha uair a thìde shaor agad gach cola-deug no ma tha thu airson seachdain a chur seachad air làithean-saora obrach.
B’ urrainn dhut a dhol an sàs buidhinn ionadail – no fear a thòiseachadh thu fhèin – a bheir piseach air àitichean uaine agus slighean far a bheil thusa. No tadhail air cuid dhe na h-àitichean as fhiadhaiche ann an Alba airson obair-chàraidh a dhèanamh air slighean agus làmh-chuideachaidh a thoirt do phròiseactan a bheir piseach air bith-àrainnean do dh’fhiadh-bheatha.
Fiosraich mar a nì thu obair shaor-thoileach le NàdarAlba.
’S urrainn dhut lorg fhaighinn air cothroman glèidhteachais is gàirneilearachd air làrach-lìn Alba Shaor-thoileach. No thoir sùil air an liosta de bhuidhnean againn aig a bheil cothroman airson obair shaor-thoileach àrainneachdail ann an Alba.
Fàg Lorg
Tha NàdarAlba toilichte a bhith na phàirt de dh’iomairt saor-thoileachais ion-ghabhalach Fàg Lorg a tha airson àireamh nan daoine a bhrosnachadh gu saor-thoileachas ann an Alba.
Do shaor-thoilich: Tha Fàg Lorg na phortal saor-thoileachais a nì ceanal eadar thu fhèin is buidhnean a ghabhas cùram àitichean, nàdar, eachdraidh is cultar na h-Alba. Bheir obair shaor-thoileach cothrom dhut sgeulachd na h-Alba a rùrachadh, cùram àitichean ionadail a ghabhail, rudan a dhèanamh às leth na gnàth-shìde is nàdair, coinneachadh ri daoine aig a bheil ùidh ann an rudan d’ a leithid, sgilean ùra a thogail, lìonrachadh a dhèanamh le luchd-obrach agus plathadh fhaighinn air mar a tha cùisean ag obair sa chùlaibh.
Do bhuidhnean dualchais Albannach: Tha Fàg Lorg a’ cur taic ri buidhnean dualchais a nì obair le saor-thoilich ann an Alba le bhith:
- A’ ceangal eagraichean shaor-thoileach air feadh na h-Alba ri lìonra taice seise ri seise
- A’ co-roinneadh goireasan mu stiùireadh ion-ghabhalach shaor-thoileach air an làrach-lìn agus sa chuairt-litir aca
- A’ cur air chois tachartasan mu stiùireadh ion-ghabhalach shaor-thoileach
- A’ cruinneachadh is a’ brosnachadh cothromam saor-thoileachais air a’ phortal air loidhne aca
- A’ cruinneachadh fianais mu bhuaidh an t-saor-thoileachais airson barrachd taic is maoineachadh a lorg dha na prògraman saor-thoileachas dualchais aca.
Barrachd fiosrachaidh
Tèarmainn Nàdair Nàiseanta na h-Alba - a' tadhal air gach tèarmann agus a' dèanamh obair saor-thoileach ann
Foillseachaidhean: