Maoin Slighean Nàdair Air Adhart 2026 - Fios conaltraidh
Tha sinn airson fios a chur gu uiread a dhaoine òga ’s urrainn dhuinn – agus daoine a bhios ag obair le daoine òga – agus tha sinn an dòchas gun cuidich thu sinn le bhith a’ sgaoileadh na naidheachd is a’ brosnachadh daoine òga am measg an luchd-aithne agad tagradh a chur a-steach.
Tha am fiosrachadh seo cuideachd sa Bheurla.
Eisimpleir de chuairt-litir / briathrachas do làrach-lìn:
Maoin Slighean Nàdair Air Adhart 2026 – Do dhaoine òga, le daoine òga.
Tha NàdarAlba dìreach air an ath-chuairt de Mhaoin Slighean Nàdair Air Adhart a chur air bhog!
Chaidh Maoin Slighean Nàdair Air Adhart a dhealbhadh le daoine òga do dhaoine òga agus tha fàilte ro thagradh sam bith o sgiobannan no daoine fa leth eadar aois 11-26 bho air feadh na h-Alba aig a bheil iomairt a bhrosnaicheadh daoine òga gu nàdar agus aig am biodh deagh bhuaidh air bith-iomadachd agus àrainneachd na h-Alba. Tha a’ mhaoin seo airson na beachd-smuaintean dàna, brosnachail is togarrach a bhuaileas air òigridh na h-Alba a thoirt gu bith airson an cuid ceanglaichean ri nàdar a neartachadh agus airson comas a thoirt dhut rudan a dhèanamh a chuireas aghaidh air èiginn na gnàth-shìde is èiginn nàdair.
Bidh fàilte aig Maoin Slighean Nàdair Air Adhart ro thagraidhean eadar 11 dhen Chèitean agus 19 dhen Ògmhios 2026. Gheibhear mion-fhiosrachadh mun mhaoin agus mar a chuirear tagradh thugainn air an làrach-lìn againn
Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu [email protected]
’S e buidheann nàdair na h-Alba a th’ ann an NàdarAlba a tha ag obair airson beartas nàdair san àm ri teachd, le àrainneachd fhallain, bith-iomadachd a’ dol am feabhas agus làmh an sàs sa chùis aig a h-uile duine.
Eisimpleirean de phuist nam meadhanan sòisealta:
Do bhuidhnean:
- Tha Maoin Slighean Nàdair Air Adhart aig NàdarAlba fosgailte a-rithist airson tagraidhean 2026.
A bheil thu ag obair còmhla ri daoine òga eadar aois 11 is 26 a tha dìorrasach mu nàdar is gnàth-shìde na h-Alba? A bheil deagh bheachd aca a tha feumach air beagan taic?
Dh’fhaodte gu bheil dìreach sin aig Maoin Slighean Nàdair Air Adhart dhaibh
Do dh'òigridh:
- Tha Maoin Slighean Nàdair Air Adhart a’ cur fàilte air tagraidhean a-nis! Ma tha thu eadar aois 11 is 26 agus beachd agad air dòigh a nì ceangal eadar daoine òga agus nàdar no airson rudeigin a dhèanamh a-chùm math nàdair no na gnàth-shìde, cuir thugainn tagradh aig: Maoin Slighean Nàdair Air Adhart
- A' mhaoin a' dùnadh:
Dèan tagradh an-dràsta! Tha Maoin Slighean Nàdair Air Adhart gu bhith a’ dùnadh. Dèan cinnteach gun cuir thu thugainn an tagradh agad ron 19mh dhen Ògmhios air neo caillidh tu an cothrom am pròiseact nàdair agad fhèin a ruith!
Cuimhnich is cleachd an taga-hais #FutureRoutesFund is thoir @ dhuinn aig:
- Instagram - @nature_scot
- Facebook - @NatureScot
Dealbhan a ghabhas cleachdadh:
- Future Routes for Nature 2026 - Teal - Butterfly Survey 1080x1920
- Future Routes for Nature 2026 - Blue - Montage 1080x1920
- Future Routes for Nature 2026 - Blue - Beautiful Beehives 1200x630
- Future Routes for Nature 2026 - Orange - Beautiful Beehives 1200x630
- Future Routes for Nature 2026 - Purple - Community Garden 1200 x 630
- Future Routes for Nature 2026 - Blue - Montage 1920x1080
- Future Routes for Nature 2026 - Orange - Community Beehives 1920x1080
- Future Routes for Nature 2026 - Poster 01
- Future Routes for Nature 2026 - Poster 03
Eisimpleir de chaipseanan dha na meadhanan sòisealta:
Facebook: 🌿 Le gàirdeachas, tha NàdarAlba ag innse gu bheil Maoin Slighean Nàdair Air Adhart 2026 air bhog! 🚀 A’ gairm air gach neach òg eadar aois 11 is 26 ann an Alba: seo cothrom dhuibhse rudeigin cudromach a dhèanamh airson nàdar is coimhearsnachdan na h-Alba. Bheir Maoin Slighean Nàdair Air Adhart seachad suas ri £5k do phròiseactan. Am measg na feadhainn a fhuair airgead roimhe bha gàrraidhean coimhearsnachd, campaichean nàdair, buidhnean mhaor-coille òga is mòran a bharrachd! Cuir tagradh thugainn an-diugh is thoir do bheachd-smuaint am bith is cùm taic ris an àrainneachd! #FutureRoutesFund
Instagram: 🌿 Deiseil airson cruth eile a chur air cùisean? Tha Maoin Slighean Nàdair Air Adhart le @naturescot a’ cur fàilte air tagraidhean a-nis! Mas ann eadar aois 11 is 26 ’s a tha thu agus a’ fuireach ann an Alba, seo cothrom dhut a bhith air thoiseach air càch ann an dìon nàdair. Bheir Maoin Slighean Nàdair Air Adhart seachad suas ri £5k do phròiseactan. Am measg nam pròiseactan a fhuair maoineachadh roimhe seo bha gàrraidhean coimhearsnachd, campaichean nàdair, ath-nuadhachadh talmhainn is mòran a bharrachd! Tadhail air làrach-lìn NàdarAlba airson barrachd fiosrachaidh! #FutureRoutesFund
LinkedIn: 🌍 A’ gairm air gach toisiche òg! Le pròis, tha NàdarAlba a’ cur air bhog Maoin Slighean Nàdair Air Adhart 2026, air a dhealbhadh le daoine òga do dhaoine òga. Mas ann eadar aois 11 is 26 ’s a tha thu no ag obair le daoine a bhios eadar aois 11 is 26, a’ fuireach ann an Alba agus dìorrasach mun àrainneachd, cuir tagradh thugainn is thoir do bheachd-smuaint le buaidh am bith. Thoireamaid cruth air teachd-shaoghal so-sheasmhach còmhla! #FutureRoutesFund #YouthLeadership
Cuimhnich is cleachd an taga-hais #FutureRoutesFund is thoir @ dhuinn aig:
Facebook - @NatureScot Instagram - @NatureScot