Seirbheisean an eag-shiostaim - buannachdan nàdair

Tha nàdar a’ toirt dhuinn goireasan nàdarra is bun-stuthan, meanbh-fhrìdean a nì poileanachadh is a chruthaicheas ùir agus bheir e piseach air ar slàinte agus deagh shunnd.

Read in English / Leugh ann am Beurla

Dè th’ ann an seirbheisean an eag-shiostaim?

Cha tigeadh daoine beò às aonais nàdair. Tha nàdar a’ toirt dhuinn uisge, adhar glan is biadh agus bun-stuthan airson leigheas, gnìomhachas is togalaichean. Cha bhiodh bàrr againn às aonais mheanbh-fhrìdean a nì poileanachadh agus nam pròiseasan bith-eòlach toinnte a bheir ùir dhuinn. Agus ma thadhlas sinn air pàircean is an dùthaich, a’ coinneachadh ri fiadh-bheatha, bheir sin piseach air ar deagh shunnd.

Chan fhaigheamaid na buannachdan seo, rud ris an canar seirbheisean an eag-shiostaim, gun àrainneachd shlàn fhallain.

Canar Seirbheisean an Eag-shiostaim ris na rudan (ris an canar calpa nàdarra) a chuireas eag-shiostaman ri deagh shunnd is càileachd beatha dhaoine air dòighean dìreach no neo-dhìreach.

’S e rudan gu math prataigeach a th’ annta, mar bhiadh is uisge no riaghlachadh na gnàth-shìde ach cuideachd rudan cultarach, mar lùghdachadh uallaich agus iomagain. Ged a tha eag-shiostaman a’ toirt dhuinn seirbheisean gun àireamh, ’s urrainn dhuinn an seòrsachadh ann an grunn roinnean: seirbheisean solair; seirbheisean riaghlachaidh; seirbheisean cultarach; agus roinn a tha beagan nas mì-shoilleie, seirbheisean taice.

Gheibh daoine buannachdan aig na seirbheisean eag-shiostaim seo an cruth tèarainteachd, bathair, stuthan, slàinte agus deagh shunnd.

 

Infographic - Ecosystem Land wheel
Cuibhle Bhuannachdan bhon Fhearann
Click for a full description

Tha a’ chuibhle seo a’ sealltainn nan seirbheisean eag-shiostaim a gheibhear bhon fhearann.

Buannachdan bho Nàdar

Solaradh

  • Biadh is deoch
  • Leigheasan nàdarra
  • Solaradh uisge
  • Stuthan
  • Lùth ath-nuadhachail is neo-ath-nuadhachail

Riaghlachadh

  • Èadhar glan
  • Stòradh carboin
  • Riaghladh cunnart thuiltean
  • Smachd air bleith
  • Glanadh uisge
  • Smachd air galaran is plàighean nàdarra
  • Poileanachadh

Beathachadh

  • Ùir fhallain
  • Foto-co-chur
  • Cuairteachadh mhathachasan
  • Àite do dh’fhiadh-bheatha

Cultar

  • Dàimhean spioradail is cràbhach
  • Brosnachadh
  • Dùthchas
  • Cur-seachadan
  • Eòlas is ionnsachadh
  • Turasachd
  • Sunnd corporra is inntinneil


 

 

Seirbheisean solair – seo bathar as urrainn dhut beantainn ris agus a bhuaineas daoine on àrainneachd mar bhiadh, fiodh, snàithleach, uisge agus connadh.

Seirbheisean riaghlachaidh – seo seirbheisean a tha a’ dol san eag-shiostam a bheir buannachdan dhuinn mar riaghlachadh na gnàth-shìde, smachd air tuiltean is criathradh an uisge.

Seirbheisean cultarach – seo buaidh a bhios aig nàdar air slàinte agus deagh shunnd dhaoine an cruth chur-seachadan is buannachdan foghlaim agus deagh bhuaidh air slàinte-inntinn agus cothrom ceanglaichean spioradail a bhrosnachadh.

Seirbheisean taice – chan obraicheadh eag-shiostaman às aonais nan seirbheisean taice, mar chearcall a’ bheathachaidh, cruthachadh ùire is bith-àrainnean airson bith-iomadachd agus ri linn sin, is iadsan bun-stèidh nan trì seirbheisean eile.

Tha bith-iomadachd aig cridhe nan seirbheisean seo uile.

Ma leanas sinn dòigh-obrach nan eag-shiostaman, is ciall dha seo gum feum sinn na ceanglaichean seo a thuigsinn agus seirbheisean an èiceo-shiostaim a thoirt fa-near is sinne a’ stiùireadh fearann, uisge ’s muir.

Infographic - Ecosystem Seas wheel
Cuibhle Bhuannachdan bhon Mhuir
Click for a full description

Tha a’ chuibhle seo a’ sealltainn nan seirbheisean eag-shiostaim a gheibhear bhon mhuir.

Buannachdan bhon Mhuir

Beathachadh

  • Goireasan farsaing
  • Gainmheach is greabhal
  • Buain feamhainn
  • Stuic de dh’èisg is maorach

Cultar

  • Turasachd
  • Cur-seachadan
  • A’ coimheadh air fiadh-bheatha
  • Saidheans is foghlam
  • Seallaidhean-mara
  • Slàinte is sunnd
  • Cruthachaileachd is ealan

Glèidheadh

  • Dìon bho stoirmean
  • Lobhadh sgudail is dì-phuinnseanachadh
  • Stòradh carboin is riaghladh na gnàth-shìde
  • Bunailteachadh eabair

Solaradh

  • Lìon-bìdh
  • Cuairteachadh mhathachasan
  • Cuairteachadh uisge
  • Solar gamait
  • Àrainnean ghnèithean
  • Sruthan is gluasad eabair

A’ cur suim ann an seirbheisean an eag-shiostaim

Tha sinn uile a’ faighinn bhuannachdan aig seirbheisean an eag-shiostaim, fiù mur eil fios againn orra. Tha suim aig mòran dhinn ann an seirbheisean an eag-shiostaim a chì sinn nar beatha làitheil, fiù mur eil sinn a’ tuigsinn an luaich a th’ annta.

Tha droch bhuaidh aig call nàdair air eaconamaidh, cultar is beatha làitheil a h-uile duine againn. Ma chosgas sinn airgead air nàdar – bith-iomadachd is eag-shiostaman, geò-iomadachd is cruthan-tìre os cionn uisge agus fodha – bheir sin piseach air càileachd nan seirbheisean seo agus glèidhidh e iad dha na ginealaichean seo romhainn.

Tha e doirbh luach eaconamach a chur air nàdar agus nan seirbheisean a bheir e dhuinn. Tha dà phìos rannsachaidh ann a sheall luach nàdair do dhaoine agus an cudrom eaconamach aige san fharsaingeachd:

Ged a tha e doirbh àireamhan a chur ris, ma thèid againn air luach eaconamach a chur ri nàdar, bidh e nas fhasa mìneachadh carson a tha esan agus fuasglaidhean stèidhichte air nàdar cudrom dha ar sòisealtas is eaconamaidh agus a dhèanamh cinnteach gun gabhar a-staigh e nuair a bhios co-dhùnadh ri dhèanamh.

Mar eisimpleir:

  • Tha luach co-dhiù £196 billean ann an calpa nàdarra na h-Alba, a’ cur taic ri 240,000 dreuchd.
  • Tha seirbheisean poileanachaidh le meanbh-fhrìdean a’ cur luach mu thuaiream £43 millean gach bliadhna.
  • Tha tràighean is boglaichean-sàile a’ dìon £13 billean de thogalaichean is bun-structar air cladach na h-Alba, an coimeas ri £5bn a tha fo dhìon bhallachan-mara togte.
What can wetlands do for you?
Click for a full description
Duration
07:28

This video looks at the benefits that wetlands provide to society and highlights historical and future uses of wetlands that will also benefit the biodiversity of wetlands.
It covers water purification, flood management, thatching, grazing and fen management. Produced by NatureScot with RSPB Scotland.

Sheall Measadh Nàiseanta an Eag-shiostaim gun do chrìon buannachdan o nàdar san fharsaingeachd a-mach o na 1950an an cois atharraichean air àrainneachd nàdar na h-Alba.

Rinn na leanas droch bhuaidh air nàdar:

  • cleachdadh an fhearainn;
  • càileachd an adhair, an uisge is na h-ùire;
  • àireamh nam beathaichean fiadhaich; agus
  • a’ ghnàth-shìde is an aimsir

’S e atharrachadh na gnàth-shìde a th’ air cùlaibh mòran dhe na h-atharraichean seo agus tha droch bhuaidh eadar-nàiseanta agus ionadail aca air seirbheisean an eag-shiostaim is air na buannachdan a gheibh daoine aca. Feumaidh sinn co-obrachadh ri nàdar, seach na aghaidh, airson cùram a ghabhail dheth agus feumaidh sinn co-obrachadh air feadh nan roinnean uile airson buannachdan nàdair a chur gu làn-fheum agus teachd-shaoghal sheasmhach a thogail do dh’Alba.

More than just a forest
Click for a full description
Duration
05:59

2020VISION's new film commissioned by the Cairngorms National Park Authority and Forestry Commission Scotland.

Barrachd fiosrachaidh mu sheirbheisean an eag-shiostaim

Faigh barrachd fiosrachaidh mu bhuannachdan sòisealta agus eaconamach nàdair

Leugh an aithisg againn mun deuchainn a rinneadh air A’ cleachdadh fearann NàdarAlba mar chalpa nàdarra a tha airson tuairmeas a dhèanamh air luach eaconamach nan eag-shiostaman againn is na seirbheisean a bheir iad dhuinn.

Tha Clàr Maoinean a’ Chalpa Nàdarra a’ dèanamh sgrùdadh air uiread agus càileachd nam bith-àrainnean tìre a rèir na th’ annta de chothroman seirbheisean eag-shiostaim an-dràsta agus san àm ri teachd.

Last updated: