TNN Beinn Eighe – bileag do luchd-tadhail

Leugh ann am Beurla / Read in English

Fàilte gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe

’S e Beinn Eighe an Tèarmann Nàdair Nàiseanta as sine ann am Breatainn. Chaidh a stèidheachadh ann an 1951 agus gabhaidh e a-steach talamh farsaing de 48 cilemeatair ceàrnagach bho thaobh locha gu mullach bheann. Tha stùcan corrach, dromannan agus sliosan sgàrdain eadar Loch Ma-Ruibhe agus Gleann Thoirbheartain san àite phrìseil seo, leis a’ chuid mhòr dheth fo sheilbh NàdarAlba.

Siubhal tìm

O chionn 800 millean bliadhna, thòisich aibhnichean mòra a’ fàgail gainmhich ’s greabhal air an fho-chreig àrsaidh. Bho na grùidean sin, suas ri sia cilemeatair a dhoimhne, thàinig a’ chlach-ghainmhich Thoirbheartanach a tha a’ dèanamh suas a’ chuid mhòr de Bheinn Eighe ’s na beanntan mun cuairt.

O chionn 400 millean bliadhna bha gluasadan mòra ann an rùsg na Talmhainn agus chaidh sgealb mhòr den chloich-ghainmhich Thoirbheartanaich a sparradh an àirde gus an do laigh i air uachdar chreagan-èiteig na b’ òige. Tha an suidheachadh bun os cionn seo (creagan nas sine nan laighe fon fheadhainn nas ùire) a’ fàgail gu bheil ùidh mhòr ga sealltainn ann an geòlas Beinn Eighe.

Scots pine

Biastagan

Tha biastagan do-sheachanta an seo leis na sgaothan de mheanbh-chuileagan mun cuairt. Ach tha e gu math nas tlachdmhoire coinneachadh ri cuid de na ceudan sheòrsachan eile de bhiastagan san tèarmann – feadhainn aca tearc agus annasach.

As t-samhradh, coimhead a-mach airson an tarbh-nathrach cearcaill-òir agus an t-aeshna gorm le dathan àlainn. Ma chì thu leòmann a’ falbh bho thaobh gu taobh os cionn an fhraoich ’s dòcha gur e ughach tuathach fireann a bhios ann, a’ lorg tè bhoireann air a fàileadh. Tha na burrais aig an leòmann seo agus aig cuid den fheadhainn chumanta eile glè mholach, gus an dìon bho shealgairean. Thoir sùil orra, ach na bean riutha!

Golden-Ringed Dragonfly

Beag ach bòidheach

Còrr ’s 500 meatair suas sliosan na beinne, tha còmhdach dlùth de lusan righinn a’ greimeachadh ri caoban talmhainn. Chan eil an seileach Ailpeach ’s aiteann sìnteach ach beagan cheudameatair os cionn na talmhainn fhad ’s a bhios garbhag an t-slèibhe ’s a’ gharbhag alpach a’ fàs am measg lusan beaga seisg.

Mountain bearberry

Tha an ‘talamh-fraoich meanbh-phrìs’ seo, mar a their luibh-eòlaichean ris, cho math ri gin de sheòrsa am Breatainn. Tha a choltas ris an lusrach air tundra na h-Artaig a’ sealltainn a’ chruaidh-fhuachd a dh’fhaodas a bhith gu h-àrd air a’ Bheinn.

Craobhan aosta na Glas Leitir

Aig Beinn Eighe air a’ Ghlas Leitir tha tè de na seann choilltean giuthais Albannach as fhaide an iar. Tha cuid de a craobhan sìl còrr ’s 350 bliadhna a dh’aois, ach tha freumhan an eachdraidh a’ dol mòran nas doimhne. Ràinig an giuthas Albannach seo mu 8200 bliadhna air ais. Bha sin fada an dèidh do na h-eigh-shruthan bho Linn na Deighe – a chladhaich na coireachan agus an slochd sa bheil Loch Ma-Ruibhe – leaghadh.

Beinn Eighe National Nature Reserve map
A' faighinn a Bheinn Eighe
Click for a full description

Tha Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe an ear-dheas air ceann Loch MaRuibhe faisg air Ceann Loch Iù. Gheibhear thuige an dà chuid bhon A832 is an A896. Dàta an t-Suirbhidh Òrdanais na chois © còir-lethbhreac a' Chrùin is còir stòir-dhàta 2021

 Gheibhear fiosrachadh mu chòmhdhail phoblach aig www.travelinescotland.com

An tuilleadh fios

Scottish Outdoor Access Code

Air lorg nan seann chraobh giuthais

Tha Slighe na Coille a’ lùbadh an àirde agus air ais mu 1½ km tron choille ghiuthais, agus tha Slighe a’ Mhonaidh a’ fàgail na coille giuthais agus a’ dìreadh na beinne. Bheir e trì no ceithir a dh’uairean a thìde a’ coiseachd nan 6½ km air fad, agus feumar caisbheart làidir ’s àiteachan cas innte. Ach tha pailteas spòrs an lùib fiù ’s earrann bheag dhith a choiseachd.

Buzzard

’S dòcha gum faic sibh clamhan, iolaire bhuidhe no fitheach air an t-slighe agus ma tha sibh uabhasach fortanach ’s docha gum faic sibh taghain no cait fhiadhaich. Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhaighinn a-mach mu Bheinn Eighe bidh ionad an luchd-tadhail fosgailte eadar a’ Chàisg agus an Dàmhair, agus bidh na trì slighean fosgailte fad na bliadhna.

Mapa an tèarmainn

Map key
Iùl Beinn Eighe
Click for a full description
  • Pàirceadh
  • Stad-bus
  • Goireasan ruigsinneach
  • Taigh-beag
  • Ionad fiosrachaidh
  • Slighe na Beinne
  • Slighe na Coille
  • Slighean an Ionad Tadhail
  • Tèarmann Nàdair Nàiseanta
  • Àite picnic
  • Àite-seallaidh
  • Srùbag
  • Àiteachan-fuirich
Last updated: