Tèarmann Nàdair Nàiseanta na Moine Mòire - bileag an luchd-tadhail
Read in English / Leugh ann am Beurla
Fàilte gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta na Mòine Mòire
A' Mhòine Mhòr
Seo cumadh-tìre cho sean ’s a th’ ann an Alba, le 5000 bliadhna de dh’eachdraidh glaiste sa mhòine. Bho àite-seallaidh sam bith, chì thu mar a chruthaich uachdar na boglaich cuach mhòr, staoin. Chan eil mòran chumaidhean-tìre eile ann am Breatainn anns a bheil fideach, mòine, coille agus leathad.
San uisge
Cha bhi lusan ann am poll-mòna a’ lobhadh às. Cha tig bacteria a chuidicheas le lobhadh beò ann an suidheachadh cho searbhagach. Bidh mòine a’ fàs mean air mhean bho fhuigheall lusan marbha air an dlùthadh.
’S e uisge a th’ ann an naoi deicheamhan de pholl-mòna. Bidh a’ mhòinteach-liath air an uachdar ga shùghadh mar spong, agus a’ cur maille air an uisge a' dol mu sgaoil. Bidh puill-mhòna a' toirt aghaidh air atharrachadh na gnàth-shìde is iad a’ stòradh carbon dà-ogsaid fad mhìltean bhliadhnachan nuair a thèid am fàgail nan tàmh.
Brat dathach
Tha a’ Mhòine Mhòr coltach ri brat dathach, gu h-àraidh as t-fhoghar nuair a thionndaidheas mòinteach-liath is còinneach òr-bhuidhe, donn is ruadh. Bidh bliochan, fraoch, canach is seasg a’ cur buidhe, purpaidh, uaine is geal ris.
Làn beatha
Feuch an cluinn thu an guilbneach, conasag, clacharan, bigein is ceilearaichean as t-earrach. Bidh clamhan nan cearc a’ sealg is a’ fuireach air a’ Mhòine sa gheamhradh. Cùm sùil a-mach airson lorgan fèidh is suathadh chròicean air craobhan òga. ’S dòcha gum faic thu biast-dhubh faisg air Abhainn Adair.
As t-samhradh bidh deich seòrsachan thairbh-nathrach a’ lorg bhiastagan agus a’ breith uighean sna pollagan. Bidh burrasan, nam measg dealbhan mòr an fhraoich agus argas Alba, ag ithe lusan na boglaich. Tha cuid de bhiastagan nam biadh do ròs an t-solais a ghlacas biastagan sna fuilteana steigeach air na duilleagan.
A' faighinn ann
An tuilleadh fios:
NàdarAlba
1 Pàirc Gnìomhachais Chill Mhoire
Ceann Loch Gilp
Earra-Ghàidheal
PA31 8RR
Lorgan sa bhoglaich
Chruthaich a’ chiad tuathanaich Nuadh-chreagach an tursachan, snaighidhean creige agus cùirn tìodhlacaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn mu 5000 bliadhna air ais. Mar a dh’fhàs an gnàth-shìde na b’ fhuaire agus na b’ fhliche o chionn mu 2000 bliadhna, dh’fhàs a’ Mhòine Mhòr na bu mhotha agus chaidh carraighean a chòmhdachadh le mòine. Bha e ro bhog airson tuathanachas agus chaidh mòine a bhuain às a’ bhoglaich airson connadh agus fhuair iad stuthan airson dath, biadh, cungaidhean lèigheis, mil agus leann fraoich bho lusan na boglaiche.
Bha a’ Mhòine Mhòr na tàmh chun na 19mh linn nuair a dhrèan oighreachd Poltalloch mòran dhith airson tuathanachas. Bha mòine na connadh ann an obair nan leacan far an robh pìoban drèanaidh is breicichean gan dèanamh airson baile ùr na h-oighreachd ann an Cille Mhàrtainn. Bhrosnaich falaisgean am fraoch gus fàs às ùr agus mar thoradh bha buidhnean seilge air an tàladh ann. Ach a-nis tha nàdar ag ath-bhuannachadh na Mòna.
Tuiltean is tuilleadh
Nuair a chrìochnaich an Linn Deighe mu dheireadh o chionn 10,000 bliadhna, dh’èirich àirde na mara agus chaidh Gleann Chille Mhàrtainn a chòmhdachadh le crèadh mara. An uair sin, nuair a dh’fhalbh cuideam nan eigh-shruthan, nochd am fearann a-rithist is chaidh beul-aibhne tana Abhainn Adair a dhealbhadh. Sgap fideach cladaich agus chaidh loch fìor-uisge a chruthachadh a-staigh air an dùthaich. Mean air mhean, lìon fillidhean mòna an loch. Còig mìle bliadhna an dèidh sin, tha mu cheithir meatairean a dhoimhne sa mhòine agus tha i fhathast a’ fàs milemeatair sa bhliadhna.
A' dol air ais
Na Tèarmann Nàdair Nàiseanta o 1987, tha a’ Mhòine Mhòr a’ dol am feabhas a-rithist. Chuir sinn damaichean air cladhain drèanaidh is dh'ùraich sinn a’ mhòine le leigeil le ìre an uisge èirigh is le mòinteach-liath fhàs a-rithist. Chaidh ròs-chraobh, preaslach beithe is craobhan durcain a ghlanadh far na làraich.
Bidh crodh is caoraich ag ionaltradh air pàirt dhen Mhòine. Tha seo a’ brosnachadh diofar lusan is bhiastagan, nam measg dèalan-dè nam boglaichean cho math ri eòin sìolachaidh is gheamhrachaidh.
Fiosrachadh feumail
- Airson fìor shealladh air boglaich, inbhir is eòin fad na bliadhna, dìrich Beinn Dhùn Add no gabh ceum a’ chanàil aig Beulanach.
- Tog bileag aig pàirc nan càraichean is an làraich picnic airson Slighe Tileworks.
- Thoir leat aodach blàth, dìonach agus deagh chaisbheart oir faodaidh an t-sìde atharrachadh gu luath.
- Mholamaid cumail ris na prìomh shlighean oir tha tuill am falach sa bhoglaich, agus drèanaichean domhainn, làn uisge.
An tuilleadh fios
- A' tadhal air an tèarmainn
- Mu dheidhinn tèarmann
- Tadhail air tèarmainn nàdair eile againn
Mapa an tèarmainn
Slighean
Slighe nan Leacan
Bheir an t-slighe ghoirid seo thu tro choille dhùthchasach gu àite-seallaidh agus coisichidh tu a-mach air slighe fiodha os cionn fear de na cruthan-tìre as sine ann an Alba - còrr is 5000 bliadhna de dh'eachdraidh glaiste sa mhòine.