Plana Corporra NàdarAlba 2026-2030
Beartas nàdair, soirbheas dhaoine
Tha nàdar fo chunnart – agus ma tha nàdar fo chunnart, tha ’s sinne. Tha plana aig NàdarAlba - le amasan MÒRA. Cuiridh sinn nàdar aig teis-meadhan a h-uile rud a nì Alba oir tha nàdar slàn fallain a' toirt dhuinn adhar is uisge glan, obraichean agus tha e na bhunait dhan eaconamaidh againn. Tha nàdar a’ toirt dhuinn àitichean cluiche, cothrom fois a ghabhail, brosnachadh is spionnadh fhaotainn.
Tha amas soilleir air a' Phlana againn - Alba anns am bi beartas nàdair a ghlèidheadh a chùm math nan daoine. Feumaidh sinn stad a chur air call na bith-iomadachd ro 2030, agus nàdar ath-shlànachadh ro 2045. Tro na còig prìomhachasan againn a tha dlùth-cheangailte ri feumalachdan dhaoine is nàdair, cuiridh sinn spionnadh san obair airson àrainneachd nàdarra na h-Alba a dhìon is ath-shlànachadh.
Leugh geàrr-iomradh / read in english air a' plana no am plana gu lèir ann an cruth PDF gu h-ìosal. Tha e cuideachd ri leughadh ann am Beurla.