Plana Corporra NàdarAlba
2026-2030
Beartas nàdair,
soirbheas dhaoine
Tha nàdar fo chunnart – agus ma tha nàdar fo chunnart, tha ’s sinne. Tha plana aig NàdarAlba - le amasan MÒRA. Cuiridh sinn nàdar aig teis-meadhan a h-uile rud a nì Alba oir tha nàdar slàn fallain a' toirt dhuinn adhar is uisge glan, obraichean agus tha e na bhunait dhan eaconamaidh againn. Tha nàdar a’ toirt dhuinn àitichean cluiche, cothrom fois a ghabhail, brosnachadh is spionnadh fhaotainn
Thoireamaid nàdar am feabhas airson beartas nàdair is soirbheas dhaoine.
Cumaibh a' leughadh airson barrachd fiosrachaidh no lùghdaich a-nuas am Plana.
Ar Lèirsinn. Ar Plana.
Tha amas soilleir air a' Phlana againn - Alba anns am bi beartas nàdair a ghlèidheadh a chùm math nan daoine. Feumaidh sinn stad a chur air call na bith-iomadachd ro 2030, agus nàdar ath-shlànachadh ro 2045. Tro na còig prìomhachasan againn a tha dlùth-cheangailte ri feumalachdan dhaoine is nàdair, cuiridh sinn spionnadh san obair airson àrainneachd nàdarra na h-Alba a dhìon is ath-shlànachadh.
Seo iomradh air a' Phlana againn, a tha a' cur an cèill ar n-amasan do nàdar is daoine gu 2030.
Prionnsabalan
Bidh na prionnsabalan againn gar stiùireadh. Cuidichidh iad sinn leis na prìomhachasan againn a thoirt gu buil agus obair còmhla ris na com-pàirtichean againn a stiùireadh.
Gabhail ri ùr-ghnàthachas
Bidh iomairtean againn a fhreagras air gach àite e fhèin airson buannachdan nàdair a chur an làn-mheud tro dhòighean-obrach sgileil, comasach, sùbailte, co-obrachail is didseatach.
Fo stiùir fianais
Nì sinn obair is cuiridh sinn airgead an sealbh far a bheil fianais air dearg-fheum aig daoine is nàdar air airson ’s gun seas sinn buillean nas fheàrr, gu sònraichte a thaobh buaidh èiginn na gnàth-shìde.
Ag ath-shlànachadh nàdar fallain
Gun stiùirich sinn leigheas ghnèithean, gun ceangail sinn bith-àrainnean ri chèile, gun dìon sinn co-dhiù 30% dhen tìr, mhuir is dhe na h‑aibhnichean ro 2030 air an t-slighe gu deagh shlàinte eag-eòlach.
Le làmh air an stiùir, brosnaichidh sinn slàinte eag-eòlach aig sgèile mhòr agus togaidh sinn lìonraidhean nàdair, a’ cur taic ri leigheas ghnèithean, ag ath-shlànachadh nàdair aig ìre nan raointean-glacaidh, a’ glèidheadh co-dhiù 30% dhen tìr is mhuir do nàdar ro 2030.
Nàdar na h-Alba ag atharrachadh | Peatland ACTION | Nàdar 30 | Naidheachd: “Cearcallan-sìthe” annasach gam faicinn ann an Alba
Ag ath-stèidheachadh ceangal eadar daoine is nàdar
Barrachd taic do dh’iomairtean a bhios nam buannachd do nàdar tro cheanglaichean poblach, tuigse is inntrigeadh nas fheàrr.
Tha sinn airson an ceangal eadar daoine is nàdar a neartachadh le bhith a’ sealltainn nam buannachdan a thig na lùib air dòigh bhrosnachail airson is gun cuir daoine taic ris, a’ stèidheachadh tagrachd earbsach airson ath-shlànachadh nàdair.
Tèarmainn Nàdair Nàiseanta | Dèan Àite Dha Nàdar | Dreuchdan is sgilean nàdair
Ag obair còmhla ri nàdar
Dòighean-obrach a tha math do nàdar ann an obair àiteachais is eile a tha an eisimeil an fhearainn is na mara.
Stiùireadh stèidhichte air nàdar a chur an sàs airson taic a chumail ri gnìomhachasan le bhith ag obair còmhla ri tuathanaich, coilltearan, manaidsearan fearainn, iasgairean is luchd-leasachaidh airson buannachdan nàdair fhaotainn, a’ lùghdachadh buaidh na gnàth-shìde is a' tighinn beò ri taobh fiadh-bheatha.
Gaisgich Nàdair | Na fèidh ann an Alba | Maoineachadh is pròiseactan | Obair Tuathanais còmhla ri Nàdar
A’ toirt fàs air inbheisteadh ann an nàdar
Ìre nas àirde de dh’inbheisteadh ceart ann bhon roinn phoblaich is phrìobhaidich.
Tha sinn ag amas air ìrean nas àirde de dh’inbheisteadh ceart bhon roinn phoblaich is phrìobhaidich agus bho ghràdhaichean-daonna ann an ath-shlànachadh is ath-sheasmhachd nàdair, tro fhuasglaidhean ionmhasail measgaichte do stiùireadh an fhearainn, aig muir is air tìr, ann an coimhearsnachdan is san roinn phoblaich.
Com-pàirteachas Inbheisteadh Nàdair | Goireas a’ chalpa nàdarra | Maoin Leasachadh Àrainneachd Muir na h-Alba
Àitichean seasmhach
Ath-shlànachadh nàdair a’ toirt dhuinn seasmhachd na gnàth-shìde, eaconamach is shòisealta nas treasa nar coimhearsnachdan.
Le ath-shlànachadh nàdair nas luaithe, cuiridh sinn taic ri coimhearsnachdan a tha a’ freagairt air buaidh na gnàth-shìde, a’ toirt piseach air slàinte dhaoine is buannachdan obrach.
Pròiseactan bun-structair uaine | Slàinte uaine | Cumhachdachadh choimhearsnachdan
Cumhaichean soirbheis
Thig sìor-atharrachadh air na dòighean anns an dèan sinn ar n-obair is sinn a’ cur a’ Phlana Chorporra an gnìomh airson dèanamh cinnteach gun soirbhich leinn. Cuiridh sinn prìomhachas air trì raointean airson àrd-amas a’ Phlana Chorporra a thoirt gu buil.
- Ceannardas brosnachail bhon a h-uile duine
- Daoine misneachdail
- Dòighean-obrach buadhmhor
Adhartas mòr leis a’ phlana mu dheireadh: Nàdar beairteach dhuinn uile
Plana nàiseanta soilleir airson nàdar ath-shlànachadh
B’ e NàdarAlba am prìomh chom-pàirtiche ann an Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba, a chaidh fhoillseachadh ann an 2024. Tha làmh air an stiùir aig NàdarAlba anns an dàrna leth de na 130 gnìomh agus tha sinn a’ cumail taic ri mòran eile dhiubh.
Inbheisteadh poblach ann an ath-shlànachadh nàdair
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt £65m do Mhaoin Ath-shlànachadh Nàdair, a' toirt taic do chòrr is 240 pròiseact is 114,000 heactair ga ath-shlànachadh. Tha maoineachadh eile, anns a bheil luach £10.5m, do leasachadh na mara is inbheisteadh nàdair san àm ri teachd ga roinn eadar 106 pròiseactan.
A’ lùghdachadh sgaoilidhean carboin le ath-shlànachadh mòintich
Bho 2022 tha còrr is 30,000 heactair de mhòinteach ga ath-shlànachadh le maoineachadh £60m bho Riaghaltas na h-Alba. Chaidh cho cudromach ’s a tha mòinteach na h-Alba aithneachadh le UNESCO is inbhe Làrach Dualchas an t-Saoghail ga buileachadh air Dùthaich nam Boglaichean.
Seann phlanaichean corporra
- Plana Corporra 2022-2026 - Nàdar beairteach dhuinn uile
- Plana Corporra 2018-2022 - A' ceangal Dhaoine is Nàdar
Am Plana againn a’ tighinn a rèir riaghailtean na h-Alba
Nuair a bha sinn a’ leasachadh a’ Phlana againn, rinn sinn grunn mheasaidhean buaidh airson dèanamh cinnteach gum bi deagh thoraidhean aig an obair againn air daoine is an àrainnean. Nam measg tha:
- measadh ro-innleachdail na h-àrainneachd (reifreans NàdarAlba: A5686361)
- measadh buile air coimhearsnachdan eileanach (reifreans NàdarAlba: A5686293)
- measadh buile air gnìomhachasan is riaghailteachas (reifreans NàdarAlba: A5686479)
- measadh buile air co-ionannachd (reifreans NàdarAlba: A5687658)
Ma tha thu airson gin dhiubh seo fhaicinn cuir fios gu [email protected] leis an reifrean gu h-àrd.