Skip to main content
Menu
NatureScot Logo NatureScot Logo
Close navigation
  • Home
  • About NatureScot
  • Climate change
  • Enjoying the outdoors
  • Funding and Projects
  • Gaelic
  • Information hub
  • Landforms and geology
  • Landscapes and habitats
  • Plants, animals and fungi
  • Professional advice
  • Scotland's Biodiversity

Stiùireadh - Modh-gearain

https://www.nature.scot/doc/stiuireadh-modh-gearain
Breadcrumb navigation
  • Information hub Information hub
    • About NatureScot
    • Climate change
    • Enjoying the outdoors
    • Funding and Projects
    • Gaelic
    • Landforms and geology
    • Landscapes and habitats
    • Plants, animals and fungi
    • Professional advice
    • Scotland's Biodiversity
  • Publications and documents Publications and documents
    • News
    • Podcasts
    • Blogs
    • Webinars
    • Seminars
    • Research
    • NatureScot data services
    • Trends, Indicators and Official Statistics
    • Newsletters
    • Archived Publications

Tha NatureScot a’ cur roimhe seirbheisean luchd-cleachdaidh aig ìre àrd a sholar. Tha sinn a' cur luach ann an gearanan agus bidh sinn gan cur gu feum airson ar leasachaidh. 

Ma thèid rudeigin ceàrr no mura h-eil sibh sàsaichte leis na seirbheisean againn, leigibh fios. Tha sinn a’ mìneachadh a’ mhodh-gearain againn an seo agus mar a chuireas sibh gearan an cèill. Tha an stiùireadh seo cuideachd ag innse na bu chòir dùil a bhith agaibh bhuainn. 

Contents

  1. Contents
  2. Dè th’ ann an gearan?
  3. Dè na gearanan a dh’fhaodas togail?
  4. Dè na h-adhbharan gearain ris nach gabhar?
  5. Cò dh’fhaodas cùis-gearain a thogail?
  6. Ciamar a thogas mi cùis-gearain?
  7. Dè thachras an dèidh dhomh gearan a chur an cèill?
    1. Ìre a h-aon - fuasgladh ann an làrach nam bonn
    2. Ìre a dhà — rannsachadh
    3. Ath-sgrùdadh neo-eisimeileach on taobh a-muigh
  8. Dè cho fad is a th' agam airson cùis-gearain a thogail?
  9. Taic airson ur cùis-gearain a chur an cèill
  10. Eadar-mheadhanachadh
  11. Giùlan ris nach gabhar
  12. Cuiribh fios thugainn
    1. Faodaidh sibh fios a chur dhan SPSO:
      1. Aghaidh ri aghaidh
        1. Sa Phost
  13. Àrd-shealladh air a' mhodh-ghearain againn
    1. Stiùireadh air a' mhodh-ghearain
    2. Ìre 1: Fuasgladh ann an Làrach nam Bonn
    3. Ìre 2: Rannsachadh
    4. Ombudsman Roinn Phoblach na h-Alba

Dè th’ ann an gearan?

Tha NatureScot a' mìneachadh gearain mar a leanas: 'Nuair a tha mì-riarachadh ann le neach, no barrachd na aon duine, sa mhòr-shluagh mu ghnìomh no cion-gnìomha NatureScot, no mun ìre de sheirbheis le no às leth NatureScot.'

Dè na gearanan a dh’fhaodas togail?

Faodar gearanan a chur an cèill mu chùisean a leithid:

  • dàil le freagairtean air ceistean
  • fàilleadh ri linn liubhairt seirbheis
  • ìrean seirbheis
  • am poileasaidh againn
  • giùlan neach-obrach no mar a bhathar a’ dèiligeadh ri neach-cleachdaidh
  • mur an robh sinn a’ cumail ri modh-obrach mar bu chòir

Faodaidh sibh ur gearan a chur an cèill mu chòrr is aon seirbheis no mu chuideigin a tha ag obair às ar leth.

Dè na h-adhbharan gearain ris nach gabhar?

Tha cuid a chùisean ann ris nach fhaod sinn dèiligeadh tron mhodh-ghearain againn, a leithid:

  • iarrtas seirbheis àbhaisteach airson a’ chiad uair
  • iarrtasan airson airgid-dìolaidh
  • cùisean le còir ath-thagraidh nan lùib, mar eisimpleir ma dhiùltas sinn cead airson obrach aig Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (SSSI) no mar a thathar a' cur an cèill ann an Achd nam Fiadh (Alba) 1996 (ath-leasaichte).

Ma tha modhan-obrach no còraichean ath-thagraidh ann a leigeas leibh a’ chùis fhuasgladh, bheir sinn fiosrachadh is comhairle dhuibh airson ur cuideachaidh.

Cò dh’fhaodas cùis-gearain a thogail?

Faodaidh duine sam bith cùis-gearain a thogail leinn, a' gabhail a-steach riochdaire neach nach eil sàsaichte leis an t-seirbheis againn. Leughaibh an earrann 'Cuideachadh airson ur cùis-gearain a thogail' cuideachd. 

Ciamar a thogas mi cùis-gearain?

Faodaidh sibh cùis-gearain a thogail aig aon de na h-oifisean againn, air a' fòn, air post-d, ann an litir no tron fhoirm air loidhne againn.

Nuair a thogas sibh cùis-gearain, innsibh dhuinn:

  • ur n-ainm slàn is seòladh/àireamh airson an dòigh conaltraidh a b' fheàrr leibh
  • tuairisgeul cho mionaideach ’s a ghabhas air a’ chùis
  • na chaidh ceàrr
  • mar a dh'iarradh sibh gun toireamaid fuasgladh air a’ chùis.

Faodaidh sibh ur cùis-gearain a chur an cèill sa Ghàidhlig. 

Dè thachras an dèidh dhomh gearan a chur an cèill?

Tha sinn airson fuasglaidhean a lorg do chùisean-gearain gu luath is faisg air an àite san deach an t-seirbheis a liubhairt. Dh'fhaodadh gun tèid leisgeul a chur an cèill ann an làrach nam bonn agus mìneachadh, ma tha e soilleir, gu bheil rudeigin air a dhol ceàrr, agus gnìomh ga chur an sàs sa bhad airson an duilgheadas fhuasgladh.

Innsidh sinn dhuibh cò tha a’ dèiligeadh le ur cùis-gearain.

Tha dà ìre an lùib a’ mhodh-ghearain againn:

Ìre a h-aon - fuasgladh ann an làrach nam bonn

Nuair nach fheumar cùis-gearain a rannsachadh gu ìre mhòr sam bith, bidh fuasglaidhean ann an làrach nam bonn ag amas air cùisean-gearain a rèiteachadh gu luath. Bidh sinn ag amas air seo a dhèanamh taobh a-staigh 5 làithean-obrach. 

Mur an tèid againn air ur cùis-gearain a rèiteachadh taobh a-staigh 5 làithean-obrach cuiridh sinn fios thugaibh airson bruidhinn ribh mu na roghainnean. Am measg dh'fhaodadh gun rachadh an ceann-latha a shìneadh no, mas e is gu bheil a' chùis nas toinnte na bha dùil againn aig an toiseach, dh'fhaodadh gun gabhadh rannsachadh nas mionaidiche (Ìre 2) a dhèanamh.

Ìre a dhà — rannsachadh

Bidh Ìre 2 a' dèiligeadh ri trì suidheachaidhean gearain: 

  • cùisean nach deach rèiteachadh aig Ìre 1
  • cùisean toinnte is far a bheil e follaiseach sa bhad gum bi rannsachadh mionaideach a dhìth
  • cùisean anns am bi àrd-luchd-stiùiridh an sàs

Nì sinn na leanas aig Ìre 2:

  • leigidh sinn fios taobh a-staigh 3 làithean-obrach gu bheil ur cùis-gearain againn
  • far a bheil e iomchaidh, bruidhnidh sinn ribh mun chùis-ghearain gus an tuig sinn carson a tha sibh fhathast mì-riaraichte is am fuasgladh a tha sibh a’ sireadh
  • cuiridh sinn làn-fhreagairt thugaibh taobh a-staigh 20 latha-obrach

Ma bhios an rannsachadh air leth toinnte is ma bhios sinn feumach air barrachd na 20 latha-obrach airson a' chùis a rèiteachadh aontaichidh sinn crìoch-ama ùr leibh is cumaidh sinn fios ribh a thaobh adhartais.

Ath-sgrùdadh neo-eisimeileach on taobh a-muigh

Às dèidh dhuibh a dhol tron mhodh-ghearain againn, ma bhios sibh fhathast mì-riaraichte faodaidh sibh tagradh a chur gu Ombudsman Roinn Phoblach na h-Alba (SPSO).

Chan fhaod an t-Ombudsman na leanas a sgrùdadh mar as àbhaist:

  • Gearan nach do chrìochnaich am modh-gearain againn fhathast. Feumaidh fios a bhith agaibh air co-dhùnadh ur cùis-gearain, aig ìre 2, mus tog sibh leis an SPSO i.
  • cùisean a thachair, no bha fios agaibh mun deidhinn, o chionn còrr is bliadhna
  • cùis a bha no a tha ga breithneachadh sa chùirt

Dè cho fad is a th' agam airson cùis-gearain a thogail?

Mar as àbhaist, feumaidh sibh ur gearan a chur an cèill taobh a-staigh 6 mìosan bhon a thachair a' chùis co-cheangailte ris a' ghearan.

Ma dh'ionnsaicheas sibh gu bheil adhbhar gearain agaibh às dèidh 6 mìosan bhon a thachair a' chùis, bu chòir dhuibh a thogail leinn cho luath is as urrainn dhuibh, agus taobh a-staigh 12 mìos bhon a thachair i. 

Ann an suidheachaidhean air leth, 's dòcha gun tèid againn air cùis-gearain a ghabhail às dèidh na crìoch-ama seo. Ma tha sibh den bharail nach bu chòir crìoch-ama a bhith aig ur cùis-gearain, cuiribh fios thugainn a' mìneachadh an adhbhair.

Taic airson ur cùis-gearain a chur an cèill

Tha sinn a’ tuigsinn gur dòcha nach urrainn dhuibh, no gur mòr leibh, gearan a chur an cèill. Bidh sinn a’ gabhail ri gearanan bho riochdaire an neach a tha mì-riaraichte leis an t-seirbheis againn. Gabhaidh sinn ri gearanan le caraid, neach-dàimh, no neach-tagraidh, ma tha sibh fhèin air cead a thoirt dhaibh.

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu luchd-tagraidh san sgìre agaibh bho Scottish Independent Advocacy Alliance no air am fòn 0131 556 6443.

Tha sinn a' cur romhainn gum bi an t-seirbheis againn furasta a chleachdadh airson a h-uile ball den choimhearsnachd. Ann an còrdadh ri ar dleastanasan air co-ionannachdan reachdail, nì sinn cinnteach gun dèanar gnàthachadh riantanach airson an luchd-cleachdaidh againn a chuideachadh a' ruigsinn is a' cleachdadh nan seirbheisean againn. Ma bhios duilgheadas agaibh le bhith a' cur ur cùis-gearain an cèill, no ma bhios sibh ag iarraidh an fhiosrachaidh seo ann an cànan no cruth eile, leithid ann an cruth-clò mòr, no Braille, cuiribh fios thugainn air post-d ([email protected]).

Eadar-mheadhanachadh

Tha sinn ag aithneachadh gum bi suidheachaidhean ann nuair a bhios taic bhon taobh a-muigh a dhìth airson cùis a rèiteachadh. Anns an t-suidheachadh sin, dh'fhaodadh gum mol sinn Lìonra Eadar-mheadhanachaidh na h-Alba airson ar cuideachadh gus fuasgladh reusanta a ruighinn.

Giùlan ris nach gabhar

Tha sinn ag aithneachadh gum faodadh daoine an giùlan fhèin ann an dòighean mì-àbhaisteach nuair a bhios iad fo uallach. Tha sinn cuideachd ag aithneachadh gun cuireadh na h-adhbharan a th' air cùl cùis-gearain ris an dòigh anns an tèid a' chùis a chur an cèill. Ge-tà, tha suidheachaidhean ann nuair nach gabh sinn ris an dòigh-ghiùlain.

Tha an aithris againn air Giùlan Luchd-cleachdaidh Ris Nach Gabhar a' mìneachadh nan dòighean-giùlain ris nach gabh sinn agus na ceumannan a ghabhadh sinn. 

Cuiribh fios thugainn

Stiùireadh air dòighean a dh'fhaodadh sibh fios a chur thugainn

Faodar ceistean is cùisean-gearain air loidhne a chur ann am post-d thugainn.

Ar prìomh Oifisean Sgìreil

Faodaidh sibh fios a chur dhan SPSO:

Aghaidh ri aghaidh

SPSO, 99 McDonald Road, Dùn Èideann EH7 4NS

Sa Phost

SPSO, Freepost SPSO

Fòn: 0800 377 7330
Air loidhne
Làrach-lìn an SPSO

Mas ann mu Bhall-bhùird no Ball-comataidh NatureScot a tha ur cùis-gearain, faodaidh sibh fios a chur gu: 

Coimiseanair airson Bhun-thomhasan Beusail ann am Beatha Phoblach na h-Alba
Thistle House
91 Haymarket Terrace
Dùn Èideann
EH12 5HE

Fòn: 0300 011 0550
Post-d: [email protected]
Làrach-lìn Coimiseanair airson Bhun-tomhasan Beusail

Àrd-shealladh air a' mhodh-ghearain againn

Stiùireadh air a' mhodh-ghearain

Faodaidh sibh cùis-gearain a thogail aig aon de na h-oifisean againn, air a' fòn, air post-d, ann an litir no tron fhoirm air loidhne againn.

Tha modh-gearain le dà ìre againn. Nì sinn ar dìcheall dèiligeadh ris a' chùis gu sgiobalta. Ach ma bhios e follaiseach gum bi rannsachadh mionaideach a dhìth, innsidh sinn dhuibh agus cumaidh sinn fios ribh mar a thèid sinn air adhart. 

Ìre 1: Fuasgladh ann an Làrach nam Bonn 

Nì sinn ar dhìcheall dèiligeadh ris a' chùis-ghearain cho luath is a ghabhas.

Ma bhios sibh mì-riaraichte leis an fhuasgladh againn, faodaidh sibh iarraidh oirnn ur cùis-gearain a rannsachadh aig Ìre 2.

Ìre 2: Rannsachadh

Aig an ìre seo coimheadaidh sinn ri ur cùis-gearain mur an deach a rèiteachadh aig Ìre 1. Cuideachd coimheadaidh sinn ri cuid de chùisean aig an ìre seo sa bhad, ma bhios e follaiseach gu bheil iad toinnte is far am bi rannsachadh mionaideach a dhìth.

Leigidh sinn fios taobh a-staigh 3 làithean-obrach gu bheil ur cùis-gearain againn. Cuiridh sinn ar fuasgladh thugaibh cho luath is a ghabhas. Tachraidh seo ann an nas lugha na 20 latha-obrach mur h-eil deagh adhbhar ann airson barrachd ùine.  

Ombudsman Roinn Phoblach na h-Alba

Às dèidh dhuibh a dhol tron mhodh-ghearain againn, ma bhios sibh fhathast mì-riaraichte faodaidh sibh tagradh a chur gu Ombudsman Roinn Phoblach na h-Alba (SPSO).

Innsidh sinn dhuibh mar a nì sibh seo nuair a chuireas air ar fuasgladh deireannach thugaibh. 

Air fhoillseachadh: 2019

Last updated:21/04/2026
Feedback
  • Facebook
  • X
  • Whatsapp
  • Email

You may also be interested in

Contact us

However you choose to contact NatureScot, we aim to respond to your enquiry as quickly as possible.

Guidance - Statement on unacceptable behaviour 2018

24 Oct, 2018

NatureScot believes that complainants have a right to be heard, understood and respected and we work hard to be open and accessible at all times.

Guidance

News and Blogs

World Peatlands Day celebrated with record restoration figures in Scotland

Job opportunities, collaboration and nature recovery show promise for the national commitment to restore Scotland’s peatlands.

News - 2 June

Helping Scotland’s Rainforest thrive

Helping to restore Scotland’s precious rainforests by reducing deer grazing pressures.

Blog - 28 May

Guga hunt statement

NatureScot's latest guga hunt statement.

News - 26 May

Consultation for Scotland’s peatlands

Now open to peatland practitioners, land managers, regulators, funders, researchers, and members of the public to have their say.

News - 22 May

Warning: roe deer on the move

Drivers are being warned to watch out for roe deer on the roads at this higher-risk time of year for deer-vehicle collisions. 

News - 26 May

A Green Light for Nature

South Ayrshire is becoming a leading example of how nature can support healthier, connected, happier communities.

Blog - 21 May

View all news

View all blogs

Back to top Back to top

Quick Links

  • What we do
  • FAQs
  • Contact us
  • Our work
  • Licensing
  • Careers
  • Gaelic
  • Events
  • Sitemap
  • Publications & Documents
  • Board and Committees
  • NatureScot data services
  • Freedom of Information
  • LinkedIn
  • Facebook
  • Instagram
  • YouTube
  • Wordpress
  • Flickr

 

© NatureScot 2025

  • Privacy policy
  • Cookie policy
  • Accessibility
  • Copyright
  • Links policy
  • Feedback