TNN Creag Mèagaidh – bileag do luchd-tadhail
Leugh ann am Beurla / Read in English
Fàilte gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta Creag Mèagaidh, stiùirichte le NàdarAlba
Chladhaich eigh-shruthan coire mòr Àrdair, a’ fàgail clàr lom creagach na tìre a bh’ air a chòmhdach mean air mhean le measgachadh de choille agus mhonadh. Bho na 1700an ge-tà, bha dian-ionaltradh bho chaoraich is fèidh a’ ciallachadh gum bu ghann a bha na craobhan a’ fàs idir agus chailleadh mòran den fhiadh-bheatha a bha nam freastal.
A-nis tha an Tèarmann Nàdair Nàiseanta air an cron a chur ceart. Cha mhòr ceàrnaidhean na Gàidhealtachd sa bheil uiread de dh’àrainnean is a tha ann an Creag Mèagaidh, eadar àrd-chlàr Artach nam beann agus feàrna thearc.
’S e smachd a chumail air na fèidh fuasgladh na cùise. Bha an Tèarmann gu dlùth an sàs ann an oidhirp dhàna air àireamh nam fi adh a chumail ann an co-chòrdadh ris na craobhan, gus am faigheadh an dà chuid air soirbheachadh. Air mullach nam beann, chan eil an àrainneachd air atharrachadh mòran bho linn na deighe. Coltach ri ceàrnaidhean eile a’ Mhonaidh Ruaidh, tha na h-àiteachan fuara gaothach seo deatamach do dh’ainmhidhean Artach an leithid eun an t-sneachda, an t-amadan-mòintich agus a’ gheàrr-bhàn.
Fiosrachadh feumail
Faodaidh coin dragh a chur air fi adh-bheatha. Cùm coin air iall no fo dhlùth smachd aig amannan cudromach agus thoir an aire do shanas sam bith a chì thu.
A bheil thu a’ dol gu Coire Àrdair no nas fhaide a-steach do na beanntan? Faodaidh an t-sìde grad atharrachadh agus bidh e nas fhuaire agus nas gaothaiche na tha e aig ìslead, gun fhasgadh ann. Bidh feum agad air caisbheart mhath, aodach blàth dìonach, biadh, uisge, mapa is combaist, agus eòlas air coiseachd nam beann. Cuideachd, bidh maoimean-sneachda a’ tachairt an seo sa gheamhradh, mar sin, feuch gun leugh thu na h-aithrisean aig www.sais.gov.uk mus fhalbh thu.
Agus seachad air...
Gus faireachdainn ceart fhaighinn air na tha sònraichte mu Chreag Mèagaidh, lean ort air chois suas a’ ghlinne bho àird Slighe an Uillt Dhuibh agus ruigidh tu Coire Àrdair, garbh ach sèimh, sa bheil loch fo chreagan mòra (10.4km / 6.5 mìltean mar chuairt). Tha an staran furasta a leantainn, gun dìreadh cas, ach bu chòir dùil a bhith agad ri ceithir uairean airson faighinn ann agus air ais.
An tuilleadh fiosrachaidh
- Fòn 0131 314 4174 no post-d [email protected]
- Lean @creagmeagaidhNNR
- Cuir taic ris an tèarmann seo nature.scot/donate-nnr
- Bileag an luchd-tadhail, a’ dol an sàs agus mun tèarmann
Mapa an tèarmainn
Slighean
Slighe an t-Sìthein
Slighe chearcallach far am faigh sibh seallaidhean matha air na beanntan is an loch. Coimhead airson a’ choilich-dhuibh, cearc na coille, eòin na coille is dòcha gum faic sibh sìthichean!
Slighe na Feàrna
Gabhaibh slighe lùbach tro na craobhan feàrna an cois Creag Mèagaidh. Àitichean-suidhe is bùird picnic gu leòr ann. Coimhead airson a’ ghealaig bhuidhe is an deargain-sheilich.
Slighe an Uillt Dhuibh
Tha an t-slighe seo gad thoirt gu meadhan an tèarmainn far am faigh thu seallaidhean fìor mhath air na beanntan, a’ choille is an loch. Tha àite-suidhe no dhà ann.