TNN Coille-daraich Àirigh Fhionndail - bileag an luchd-tadhail
Leugh ann am Beurla / Read in English
Fàilte gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta Coille-daraich Àirigh Fhionndail
Tha Àirigh Fhionndail air aonan de na bloighean luachmhor de choille-daraich fharsaing a bha uair a’ còmhdach taobh a’ Chuain Siar den Roinn-Eòrpa – bho Phortagail gu Nirribhidh.
Tha còmhdach mèath de chòinneach, de chrotal agus de dhuilleag na cruithneachd a’ cinntinn ann an saoghal sàmhach Ghleann Shròn an t-Sìthein, mar a tha agus frìdeagan ainneamh.
À cnòthan beaga bìodach…
Is e daraich gun chois a tha sa chuid as motha de na craobhan an seo, a bhios a’ dèanamh gu math san ùir
lan de shearbhaig a bhios a’ còmhdach a’ bhuinn-eibhir. Am measg nan gnèthean dùthchasach eile tha cuileann, calltainn, beithe, caorann, seileach, uinnseann agus slamhan. Tha coilltean àrsaidh leithid Àirigh Fhionndail cho tearc a-nis agus gu bheilear gan dìon; tha am fiadh-bheatha air an Tèarmann Nàdair Nàiseanta seo ga rianachd gu cùramach le NàdarAlba gus an cumail air mhaireann ùine fhada.
Goireas saidhbhir
Tha na coilltean seo nan seasamh an-diugh seach gun tug muinntir an àite luach is aire dhaibh riamh. San 18mh agus san 19mh linn, chaidh na craobhan a ghearradh gu dlùth ris an talamh gach fichead bliadhna – gus fiodh a chruthachadh is gual-fiodha a losgadh. Chùm seo fùirneis iarainn Bhun Abha agus chaidh a chleachdadh ann an obair-tochlaidh na luaidhe ann an Gleann Shròn an t-Sìthein. Nuair a chaidh an fhùirneis a dhùnadh ann an 1876, dh’fhàs a’ choille na fasgadh airson sprèidhe, agus tha na liosan fhathast nan seasamh ann.
An tuilleadh fiosrachaidh:
NàdarAlba
Tòrr Lunndaidh
An Gearasdan
PH33 6SW
Fòn: 01397 704716
Seallaidhean annasach
Am measg nam frìdeagan a tha a’ soirbheachadh anns na coilltean seo tha an leumadair breac ainneamh,
a chaidh bàs ann an Sasainn sna 1970an. Bidh an dealan-dè beag siorrachail seo le spotan-òir a’ breith
nan uighean aige san fhianach chorcair air blàrain fhliuch faisg air Abhainn Shròn an t-Sìthein. As t-fhoghar, bidh e a’ fighe nam bileagan-feòir a’ dol bàs gus ‘pàillean’ a chruthachadh mar dhìon sa gheamhradh.
Cha tèid smàrag na mòintich a lorg ach ann an iarthuath na h-Alba agus iar-dheas na h-Èirinn a-mhàin. Cuiridh na larbha seachad dà bhliadhna à trì ann am pollagan an seo, ach an dèidh a’ gur, cha mhair iad ach beagan làithean – fada gu leòr gus briodadh.
A’ cur thairis le uaine
Is e Àirigh Fhionndail no ruighe far a bheil cluain gheal an t-ainm Gàidhlig air an àite seo ach is e an iomadh tuar de dh’uaine a bhios a’ tarraing na sùla a-nis nuair a ghabhas tu ceum tro na coilltean drùidhteach seo. Tha fàs sòghail de chòinneach, de chrotal agus de dhuilleag na cruithneachd na chòmhdach air feadh an àite – ulbhagan, stoc nan craobh, meanglain… Chan eil freumhan aig na lusan seantaidh seo; bidh iad a’ sùghadh a-steach uisge agus stuth-iarainn tro na duilleagan agus na gasan aca. Agus le Sruth a’ Chaolais air aimsir chiùin thais a chruthachadh, bidh iad a’ cinntinn an seo.
Seall is èist
Is e lus-gaoithe nam bileagan geala a thug ainm do na coilltean seo agus, as t-earrach, bidh iad nam brat
air làr na coille – cho math ri biadh-nan-eòinean, an t-searragaich, an t-sòbhrag fhìnealta, am meacan-dubh
fiadhain agus sreathan mòra de bhròg-na-cuthaige.
Fhad is a bhios tu a’ siubhal nan slighean is nan sgrìoban, seall is èist airson nan eun a tha a’ còmhnaidh an seo cuideachd. Tha an trastan, am breacan-beithe, a’ bhrù-dhearg, an dreathann-donn agus an clamhan a’
tuineachadh an seo fad na bliadhna. As t-samhradh, bidh an ceann-dearg, ceileiriche na coille, ceileiriche an
t-seilich agus riabhag na coille a’ cur ris a’ chòisir-chiùil. Is dòcha gum faic thu fiù iolaire-bhuidhe ag itealaich gu h-àrd os cionn bàrr nan craobh.
Ann an Àirigh Fhionndail cuideachd tha am fiolan-feòir, am fiadh-ruadh is binneach nan allt, an sionnach, am broc agus ialtagan pipistrelle beaga bìodach. Tha an taghan, an cat-fiadhaich, agus an dòbhran a’ còmhnaidh an seo cuideachd ach cha dhòcha gum faigh thu sealladh de na beathaichean èalaidheach seo.
Fiosrachadh feumail
Tha an lorg mhòr farsaing is rèidh, ach tha casain eile cumhang is cas ann an àiteachan. Tha iad fliuch gu
tric, le clachan sgaoilte agus freumhan chraobh a’ gobadh a-mach.
Ceum sa choille
Faodar lorg fharsaing a ghabhail bho pàirc nan carbadan tron Tèarmann. Tha Ceum-coille 1km a’ dol
suas tro na craobhan air an taobh a tuath, a’ tadhal air tobhta de chroit agus a’ toirt seallaidh air a’ ghleann.
Tha lorg eile a’ leantainn na talmhainn ri taobh na h-aibhne. Faodar an dà rud a chur còmhla mar sgrìob
5km.
Mapa an tèarmainn
Find out more
- Visiting the reserve
- About the reserve
- Visit more of our nature reserves