
Leugh ann am Beurla / Read in English
Bidh braoisg air aodann Tricia Hill, Ceannard Cruthachadh Àitichean aig Canàlan na h-Alba, a ghnàth sna làithean seo agus is math an airidh. Mar a tha sinn a’ coimhead a-mach air uinneag an togalaich ùr-nodha, an Taigh-craoibhe, aig Amar Bhaile an Fhraoich ann an Inbhir Nis, bha e follaiseach gun robh sinn ann an àite gu tur ùr-nodha a bhios na bhuannachd aig a’ choimhearsnachd ionadail.
“B’ urrainn dhut a ràdh, ar leam, gu bheil an togalach ùr againn an seo na ‘dhaoimean garbh’ gu ìre,” thuirt i. Choinnich sinn aig oir ionaid-ghnìomhachais thraing air latha fliuch is gruamach agus leis a sin, chan eil e doirbh a dhol leis na thuirt Tricia. “Chaidh an togalach seo a chruthachadh air dòigh ’s a tha math dhan àrainneachd o thoiseach gu deireadh”, mhìnich Tricia dhomh. “Chan e togalach gleansach no glàmarach a th’ againn ach tha dearbh-aithne gu tur ùr-nòsach aige. Leis mar a chaidh a thogail, am pùmpa teasa-thalmhainn, mullach uaine agus leis cho math ’s a tha e a thaobh èifeachdas lùthais, tha e a’ toirt dhuinn modail a tha glè sho-sheasmhach. Tha an luchd-maoineachaidh againn airidh air moladh – a bharrachd air airgead nan Canàlan againn fhìn, bha sinn cho taingeil gun do chuir uiread a luchd-maoineachaidh mòrchuid taic ris na planaichean againn.”
Tha Maoin a’ Bhun-structair Uaine am measg grunn buidhnean a thug taic ionmhasail dhuinn agus le taic Comhairle na Gàidhealtachd, thug e cothrom dhuinn pìos talmhainn bàn is air a thrèigsinn a chruth-atharrachadh air dòigh cho drùidhteach agus seo aon dhe na puingean as taitniche mun phròiseact seo. Feumaidh gu bheil seann stiùiriche Chanàlan na h-Alba, aig an robh an lèirsinn an toiseach, air leth toilichte leis an togalach snasail seo a tha airson ceangal nas fheàrr a stèidheachadh eadar an canàl agus na coimhearsnachdan faisg air.
Tha na h-amasan aig Tricia airson Làr-ionad an Taighe-chraoibhe ùr an dà chuid reusanta agus dàna. “Tha sinn airson ’s gun cleachd mòran an t-ionad ùr seo ach air dòigh a fhreagras gu dlùth air na dh’fheumas a’ choimhearsnachd ionadail. Tha am plana leasachadh àite airson Marc-innis agus Ceasag a Deas ag amas gu mòr an dà chuid air daoine òga agus daoine nas sine agus tha sinn airson taic a chumail ris an iomairt seo. Tha sinn airson obair a dhèanamh còmhla ris na buidhnean a tha san sgìre mu thràth agus gnìomhachdan a chur air chois fo stiùir nan Canàlan ma bhios sin cuideachail. Faodaidh sinne na buannachdan on àrainneachd nàdarra againn a thoirt nan lùib, leis na ghabhas a dhèanamh eadar an canàl agus an Tèarmann Nàdair Ionadail.
“Sin as adhbhar gun do rinn sinn obair cho mòr airson co-òrdanaiche shaor-thoileach a chur an dreuchd. Tha sinn airson ’s gum bi an dreuchd sin stèidhichte san togalach seo agus gun stèidhich iad gnìomhachdan nàdair do dhiofar bhuidhnean. Tha sinn ann an togalach a nì deagh dhrùidheadh air daoine agus tha sinn airson togail air an deagh dhrùidheadh seo ’s sinne a’ cosnadh deagh chliù sa choimhearsnachd ionadail agus am measg nan sgoiltean faisg air làimh.”
’S e Rebecca Co-òrdanaiche nan Saor-thoileach againn a stèidhicheas na buan-cheanglaichean seo leis a’ choimhearsnachd ionadail. “’S e àite mìorbhaileach a th’ againn an seo,” tha i ag ràdh gu sòlasach. “Tha mi airson obair a dhèanamh le muinntir Mharc-innis agus Cheasag a Deas an toiseach agus an uair sin leis a’ chòrr de chathair Inbhir Nis. Tha mi gu mòr airson ’s gun cuir na nì sinn an seo ris na prìomhachasan a th’ anns a’ phlana leasachadh àite, a’ cur air chois gnìomhachdan a leasaicheas so-fhastachd dhaoine, a leasaicheas slàinte an t-sluaigh ionadail agus a chuireas ris na h-amasan a thaobh sunnd mar eisimpleir. Seasaidh sinn ri taobh nam buidhnean a th’ ann mu thràth airson taic a chumail ris an obair a tha iad a’ dèanamh an-diugh agus gun a bhith a’ dùblachadh rud sam bith. Tha mi an sàs lìonraidhean coimhearsnachd aig an àm seo, a’ coinneachadh ri daoine eadar-dhealaichte, a’ fàs eòlach air na tha a’ dol, a’ faicinn dè na buidhnean a th’ againn an-diugh agus tha mi làn-dòchais gun cùm an t-àite seo taic ri pailteas ghnìomhachdan is bhuidhnean eadar-dhealaichte.”
Tha Tricia a’ cur luach mòr ann am Maoin a’ Bhun-structair Uaine ERDF agus tha sin follaiseach. “Tha sinn glè thaingeil do Mhaoin a’ Bhun-structair Uaine, chan ann an Inbhir Nis a-mhàin ach cuideachd a thaobh na taice a chumas iad ri pròiseactan eile a thug na Canàlan gu buil. Cha tug a’ mhaoin dìreach cothrom dhuinn an togalach fhèin a thogail ach b’ urrainn dhuinn cuideachd tòiseachadh air fastadh Co-òrdanaiche nan Saor-thoileach. ’S e ceum mòr air adhart a tha seo agus ’s e dreuchd togarrach ùr dhan sgìre a th’ ann.
“Tà, bha dùbhlain gu leòr air an t-slighe cuideachd. Eadar Covid agus Breatamach, bha dùbhlain romhainn ann an iomadh àite. Thàinig leudachadh air sgèile-ama thùsail na togalachd is a’ chrìochnachaidh, eadar cuingeachaidhean no gainnead stuthan. Mar a thachair le gach pròiseact togalach, chaidh cosgaisean nan stuthan an àirde gu mòr. Tha sinn taingeil do NàdarAlba oir dh’aontaich iad na dh’iarr sinn de thaic-airgid a bharrachd. Bha e cho cudromach gun do sheas sinn an ùpraid air margaid na togalachd agus tha sinn cuideachd taingeil gu bheil dàimh cho math againn leis a’ chùmhnantaiche. Fiù aig an ìre-sa, ma tha rud beag ann nach eil buileach ceart, cha leig sinn a leas ach am fòn a thogail agus chan eil iad fad air falbh idir. Bha feum againn air taic mar seo, oir ge be dè cho math ’s a tha pròiseact togail sam bith, bidh rudan ann an-còmhnaidh a dh’èireas an dèidh dhut imrich dhan togalach ùr.
“A’ coimhead air adhart, tha sinn toilichte gu bheil buidheann ann a ghabh a’ mhòrchuid dhen bhun-ùrlar air mhàl mu thràth. Bha sinn a-riamh airson ’s gum bi pìosan dhen togalach seo ri fhaighinn air màl agus tha e cho gasta gun do dh’iarr na h-ailtirean a dhealbh an togalach seo àite mòr ann.
“Feumaidh sinn spàs coimeirsealta san togalach seo, co-dhiù airson taic a chumail ri cosgaisean ruith an togalaich agus cumaidh seo taic ionmhasail ris a’ chòrr dhen togalach. Tha sinn airson ’s gum faighear an spàs coimhearsnachd air airgead reusanta, chan eil sinn ach airson dèanamh cinnteach gun tèid againn air na cosgaisean ruithe a phàigheadh. Bidh sibh air na lusan is àitichean uaine mun cuairt air an togalach fhaicinn agus tha mi a’ toirt iomradh orra a chionn ’s gum feum cuideigin an cùram a ghabhail agus chan eil duine sam bith san sgioba againne a nì sin agus leis a sin, feumaidh sinn teachd a-steach gu leòr airson pàigheadh air a shon. Mur an robh sinn air pàirt dhen togalach seo a thoirt seachad air màl, bhiodh againn ri airgead a thogail fad an t-siubhail gus an togalach a chumail fosgailte.
Ma choisicheas tu mun cuairt an Taighe-chraoibhe, tha mi cinnteach gun dearg na lusan, am fearann agus na stuthan togail ort. Nuair a ghabhas na màladairean ùra còmhnaidh ann agus nuair a thòisicheas na tachartasan ionadail ann, ’s cinnteach gun toir na rudan seo togail dhaibh. Chan eil an Taigh-craoibhe ach ceum beag air falbh o bhruach a’ chanàil agus tha làn-chinnt gum freagair e gu mòr air a’ choimhearsnachd ionadail.