Coilltean na Dalach (TNN Obar Neithich) – bileag an luchd-tadhail
Leugh ann am Beurla / Read in English
Fàilte gu Coilltean na Dalach (Tèarmann Nàdair Nàiseanta Obar Neithich)
Fàilte gu Coilltean na Dalach, stiùirichte le NàdarAlba. Gun ach corra mhionaid o mheadhan baile bàidheil Dhrochaid Neithich, tha Coilltean na Dalach nan tèarmann gorm far an cluinnear feòragan ruadha agus cailleachagan-cìreach sna craobhan. Bheir slighean socair thu gu cridhe seann choille agus gu lìonra mòr de cheuman fada.
Tha Coilltean na Dalach nam pàirt de Thèarmann Nàdair Nàiseanta Obar Neithich – fàsach mòr sìnte a-mach o Dhrochaid Neithich gu mullaichean Beinn MhicDhuibh ’s a’ Chùirn Ghuirm, ’s an ceàrn gu lèir ann an crìochan Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Gabhaidh bealach dèanamh tron choille far an cluinnear toirm nan eun ’s am faighear boladh cùbhraidh ròsaid a’ ghiuthais anns an àile.
Air ùrlar na coille, tha lusan leithid reul na coille nan dearbhadh gu bheil an talamh seo fo choille bho chionn iomadh linn – ach chan ann gun atharrachadh. Cha mhotha a tha bad dhith ann nach robh air a leagail son fiodhraich, co-dhiù aig aon àm. Fad nan ceudan de bhliadhnachan bhiodh fir o na bailtean timcheall ag obair an seo, a’ gearradh chraobhan gus crainn luinge, trèanaichean-oidhche agus eadhon pìoban traoghaidh a dhèanamh. Chan eil sgeul air an-diugh ach beagan den obair aca, leithid na cladhanan a bha a’ toirt an fhiodha leis an t-sruth gu ruige Uisge Spè.
A' faighinn ann
Tòisich aig Ionad Tadhail Obar Neithich ann an Drochaid Neithich, pìos beag far an A95 eadar Baile nan Granndach agus Coit Ghartain.
Cuiridh e plosg nad chridhe ma lorgas do shùil a’ chailleachag-chìreach, an fheòrag ruadh no eadhon (ma choisicheas tu gu socair) earb tro na craobhan. Ach tha seuntan eile am falach sa choille seo. Thoir an aire do stuic de dh’fhiodh marbh còmhdaichte le còinneach is crotal: fon phrosbaig, tha iad mar mheanbh-ghàrradh Iapanach de dhathan is chumaidhean àraidh. Dh’fhaoidte gum faic thu cuid de chraobhan ’s an coltas orra gun deach an sgoltadh le fuamhaire greannach: gu fìrinneach, b’ e truimead sneachd a’ gheamhraidh a rinn am briseadh. Gheibhear fungas agus biastagan san fhiodh bhriste seo, a tha iad fhèin nam biadh do dh’eòin is beathaichean.
Nam bu toil leat tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn nan coilltean ’s an eachdraidh, no an lìonra de shlighean timcheall Drochaid Neithich, dèan guth aig Ionad Obar Neithich sa bhaile fhèin.
Taobh thall nan coilltean, tha an talamh monadail ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Obar Neithich air a shealbhadh ’s air a stiùireadh le Comann Rìoghail Dìon nan Eun: tadhal air an ionad aca aig Loch Ghartain gus tuilleadh ionnsachadh.
An tuilleadh fiosrachaidh
- NàdarAlba, Achadh an t-Sabhail, An Aghaidh Mhòr PH22 1QD.
- Fòn: 01479 810 477
- Ionad Obar Neithich
Fiosrachadh feumail
An rathad ann
Gus toiseach nan slighean uile a ruigsinn, lean Rathad na Dalach a-mach às a’ bhaile o Ionad Tadhail Obar Neithich airson corra cheud meatair. Tha rathad ris an canar Cùl Bhàrdaid a’ tionndadh don taobh dheas son slighean a-steach do na coilltean, agus tha Slighe na h-Aibhne air an làimh chlì.
Mapa an tèarmainn
Slighean
Slighe na h-Aibhne
Is e cuairt ri taobh Abhainn Neithich a tha seo, a’ tilleadh tro na coilltean ’s a’ ceangal ri Slighe Rathad an Rìgh. Tha clàr ann de ghiuthas dearg mòrail goirid a-steach don choille: ged nach eil na craobhan sin a’ cur ri luach Choille na Dalach mar fhearann coillteach dùthchasach, tha iad gu math brèagha.
Slighe Rèile a’ Phugaidh
Is iomadh lòn a th’ anns a’ choille seo far am bi tairbh-nathrach is cruinneagan a’ briodadh. Air an t-slighe, a tha a’ leantainn loidhne-rèile aotrom a bha uair a’ giùlan fiodha, chithear gun do chladhaich sinn a-mach iad gus am fan iad fliuch gu leòr airson nam biastagan drìlseach seo. Dh’fhaoidte gum faic thu iad air sgèith àite sam bith sa choille eadar an t-Ògmhios agus an t-Sultain.
Slighe Rathad an Rìgh
Tha teansa math ann gum faic thu feòragan ruadha an seo: tha iad air leth dèidheil air na cnothan a bhios an comann gnìomhachais ionadail a’ toirt dhaibh aig stèisean-biadhachaidh pìos beag a-null an t-slighe! Thoir leat na glainneachan-prosbaig son sealladh dlùth a ghabhail air an dol a-mach aca, agus èist airson tìteag nan cailleachagan-cìreach.