Leugh ann am Beurla / Read in English
Tha sinn air cha mhòr 25% den fhiadh-bheatha againn ann an Alba a chall mar-thà, ach tha còrr air dàrna leth againn airson an tuilleadh taic a thoirt do nàdar. ’S e ràith mhìorbhaileach a th’ anns an earrach airson an deagh rùn seo a chur an gnìomh agus suim a ghabhail san t-saoghal nàdarra nar beatha làitheil.
Bidh co-cheuman a’ cuideachadh le call nàdair a thilleadh is seasamh ri atharrachadh na gnàth-shìde, a’ dèanamh cinnteach gu bheil Alba nas fhallaine is nas uaine. Èist ris an t-sreath phod-chraolaidhean airson an tuilleadh dhòighean a ghabhas Àite A Dhèanamh Do Nàdar.
1. Cuidich ar caraidean iteach
Tha eòin trang a’ togail sàr neadan dhan cuid iseanan. Cuidich iad is fàg sprùilleach nàdarra, leithid geugan is còinneach, leis an gabh neadan a thogail agus na sgath preasan anns a bheil neadan. ’S dòcha gum bi àite agad do bhiathadairean no taigh-eun. Aon uair is a bhios eòin anns an taigh-eun agad, tha e cudromach nach cuir thu dragh orra.
2. Nad àite nàdarrach
Cuir ris an àite agad le lusan ann am poit no bogsaichean uinneig mur h-eil gàrradh agad. Fàg cuid dheth fiadhaich, agus ma bhios feur agad leig leis fhàs gu deireadh an earraIch. Cuir an aghaidh tuiltean is seachnaich feur fuadain is clachan-ùrlair sa ghàrradh agad. Lùghdaich na chleachdas tu de dh’uisge-pìoba – glac is stòr sileadh-uisge ann am peile.
3. Gun mhòine
Bidh cladhach mòine airson a’ ghàrraidh a’ sgriosadh fiadh-bheatha is a’ leigeil carbon ma sgaoil dhan adhar, a’ luathachadh atharrachadh na gnàth-shìde is ag adhbharachadh an tuilleadh thuiltean sna h-àiteachan às an deach a togail. Glèidh prìomh stòras carboin na h-Alba is cleachd bathar gàirnealachd gun mhòine. Thoir sùil air na pacaidean airson dèanamh cinnteach nach eil mòine annta.
4. Buannachdan slàinte luachmhor
Tha mòran againn a’ cur an cèill nam buannachdan slàinte is slàinte-inntinn an cois ùine air a’ bhlàr a-muigh. Bidh sinn a’ leigeil uallach dhinn, a’ gabhail fois, a’ faighinn neart is a’ neartachadh ar cuid slàinte. Feuch gun lorg thu ùine airson cuairt no greiseag shìtheil a-muigh gach latha. Bidh air do bhrosnachadh leis a’ chòisreadh earraich bhinn seo. Tha daoine fallainn an eisimeil nàdar fallainn.
5. Beathaichean poileanachaidh
’S e àm dùbhlanach a th’ anns an earrach do mheanbh-fhrìdean is iad a’ nochdadh bhon chadal-gheamhraidh aca. Feuch gum bi lusan a chòrdas ri beathaichean poileanachaidh fo bhlàth sa ghàrradh agad bhon Mhàrt air adhart. Tha bòidheachd nam flùraichean ùra na togail cridhe is an geamhradh seachad, agus ’s e biadh cudromach a th’ anns na flùraichean do mhòran beathaichean poileanachaidh.
6. Ùine shaor-thoileach
’S e th’ ann an obair saor-thoileach ach aon de na rudan as fheàrr a ghabhas dèanamh do nàdar. Bho chunntadh fheòragan gu cur chraobhan, tha farsaingeachd de rudan ri dhèanamh, cho math ri bhith a’ coinneachadh ri caraidean ùra, ag ionnsachadh sgilean obrach is a’ cur ùine seachad a-muigh. Thig a dh’obair gu saor-thoileach còmhla ri NàdarAlba, thoir sùil air an liosta againn de bhuidhnean saor-thoileach ceangailte ris an àrainneachd no coimhead air làrach-lìn Volunteer Scotland.
7. Nad phàirt de rudeigin
Clàraich eòin, mamalan, muir-thìrich, meanbh-fhrìdean, lusan is eile, no cuir fios a thaobh sheòrsachan ionnsaigheach neo-dhùthchasach. Tha e furasta is spòrsail – agus thèid agad air iomadh ceisteachan a lìonadh air an fhòn-làimhe agad. Tha làrach-lìn is app iRecord furasta a chleachdadh is bidh e a’ cruinneachadh sheallaidhean làitheil fiadh-bheatha.Thèid an dearbhadh le eòlaichean airson taic a chumail ri rannsachadh.
8. Ionnsachadh a-muigh
Ge bith ar n-aois bidh sinn uile ag ionnsachadh a-muigh. Còmhla ri clann no às an aonais, feuch geamannan luirg, lorg ràineach, gealagan-làir no gucagan a’ nochdadh, luchdaich app aithneachaidh airson eòlas a chur air lusan is eòin no èist ri ceilearadh nan eun, coimhead a-mach air an uinneig is faic mar a tha na ràithean ag atharrachadh. Tha na goireasan foghlaim againn làn fiosrachaidh agus tha iad freagarrach don a h-uile duine.
9. Lòintean gàrraidh
Bidh losgannan, màgagan is dearcan-luachrach uisge uile ag èirigh bhon chadal-gheamhraidh aca as t-earrach is iad an tòir dachaigh ùr. Tha lòintean gàrraidh gu math freagarrach dhaibh. Cho math ri muir-thìrich, bidh lòn uisge a’ tarraing tharbh-nathrach, eòin is iomadh beathach eile cuideachd airson òl, tàmh is ionnlad. Dhèanadh seann mhias no bobhla uisge air oir uinneig a’ chùis an àite lòn uisge.
10. Biadhaich beathaichean na sgìre
Cùm biadh sna biathadairean gu cunbhalach agus fàg uisge ann cuideachd. Bidh measgachadh de shìol, cridhean flùir-ghrèine, cnuimhean-mine, ùbhlan is peuran boga, is fiù càise tlàth, tarraingeach do dh’iomadh eun gàrraidh. Seachnaich aran, agus aig an àm seo den bhliadhna, cnòthan-talmhainn is geur oir ’s urrainn do dh’iseanan tachdadh orra.