Cnacair Choire Shalach

Read in English

Mar a tha an Nollaig a’ grad-dhlùthachadh oirnn, tha sinn cuideachd a’ tighinn faisg air deireadh ciad bhliadhna nan obraichean a bhios na ionad luchd-tadhail ùr aig Coire Shalach. Gun a bhith a’ cur ris an fhìrinn, bidh na mìltean de luchd-tadhail a’ cur fàilte bhlàth air na thathar a’ togail an seo. ’S e inntrigeadh do dh’easan ùra agus sàr ionadan eile na tèarmainn nàdair nàiseanta na h-àilleagan aca agus anns an ionad luchd-tadhail ùr, bidh cothrom air goireasan mu dheireadh air an robh dearg fheum, mar thaighean-beaga agus stuthan mìneachaidh nas fheàrr.

Mar a thuirt Clea Warner, àrd-mhanaidsear na Gàidhealtachd is nan Eilean aig Urras Nàiseanta na h-Alba sa Ghearran, “Tha e a’ toirt togail mhòr dhuinn a bhith a’ tòiseachadh air a’ Bhliadhn’ Ùir leis an t-sàr phròiseact seo aig am bi deagh bhuaidh cho mòr air an sgìre, a’ choimhearsnachd, air glèidhteachas an àite chudromaich seo agus air luchd-tadhail. Tha Coire Shalach na àite bòidheach airson nàdair agus daoine; bidh am pròiseact seo na dhoras do dhaoine air an ruig iad gach rud a tha a’ fàgail an àite seo cho sònraichte agus prìseil aig daoine.”

Leis gu bheil Slighe a’ Chosta a Tuath 500 a’ suathadh ris an àite seo, tàlaidh e daoine ann o cheithir rannan ruadha an t-saoghail. Ach is dòcha nach e rud ùr a tha seo. Cha bhiodh e na annas nam biodh na Klondykers (na h-iasgairean gun eagal on ear) a’ bualadh a-null gu Easan na Miasaich nuair a bhiodh fòrladh cladaich aca ann an Ulapul. Nan tilleadh iad ann an 2023, bhiodh e fada na b’ fhasa dhaibh a dhol tron tèarmann nàdair agus a dh’fhaighinn barrachd fiosrachaidh mun àite drùidhteach seo.

On a chaidh a’ chlach-bhuinn a chur sa Ghearran, tha an t-adhartas air a bhith a’ sìor fhàs nas luaithe tron t-samhradh is tha an togalach a’ tighinn air adhart gu math. Fhreagair na h-ailtirean dùbhlan an àite, oir tha an togalach seo an dà chuid a’ dol leis an ionad agus cuideachd mòralach na ùr-nòsachd.

A building under construction

Gheibhear sealladh air leth air Abhainn Droma a tha a’ tuiteam dhan chlais mhòr. Bidh raon còmhdaichte co-cheangailte ris an ionad air dòigh thapaidh far am bi na panailean mìneachaidh ùra agus far an urrainn do mhaoir-choille Choire Shalach bruidhinn ri buidhnean de dhaoine fo dhìon.

Bidh na slighean iomchaidh dhan a h-uile duine, ge be dè an comas coiseachd aca, agus bidh drochaidean ann air an ruigear na h-uillt a thuiteas dhan chlais mhòr gun duilgheadas sam bith. Tha aon àite ann far a bheil an t-slighe ga dhìon le sacan sìl agus thèid tuill a chur annta uaireigin gun teagamh airson balla uaine a chruthachadh.

Bidh àite pàirceadh chàraichean ùr ann a bhios fada nas sàbhailte do chàraichean luchd-tadhail agus bidh stèiseanan dealain ann, ionad far am faighear cuidhteas de sgudal dhachaighean-motair agus àite pàirceadh rothairean airson ’s gun ruig daoine an t-àite air dòighean nas so-sheasmhaiche.

Cosgaidh am pròiseact £2.3m agus fhuaras £923,277 de mhaoineachadh o Mhaoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich a tha fo stiùir NàdarAlba agus air a mhaoineachadh le Maoin-leasachaidh nan Roinnean Eòrpach.

Thuirt Eleanor Carlisle, Oifigear Phròiseactan is Maoineachaidh aig NàdarAlba: “Tha Coire Shalach na àite àlainn airson coiseachd mu thràth, le seallaidhean mìorbhaileach, coilltean bòidheach agus Easan na Miasaich a tha a’ tuiteam dhan chlais mhòr. Tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn taic a chur ris a’ phròiseact dian-thograch seo tro Mhaoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich ERDF againn airson Coire Shalach a dhèanamh na àite a bhios fiù nas fheàrr agus a bhios nas fhasa ri ruigsinn do bharrachd luchd-tadhail.” 

Greas ort 2023 ma-thà. Tha an tèarmann nàdair nàiseanta beag seo an ìmpis lorg mòr mòr fhàgail air mapa an luchd-tadhail.

Barrachd fiosrachaidh

Leugh am bloga a sgrìobh sinn roimhe mu Choire Shalach

 

ERDF Gaelic logo

Mun Mhaoin Dualchais is Chultarail

Tha a’ Mhaoin Dualchais is Chultarail air a maoineachadh tron Mhaoin Leasachaidh Roinneil Eòrpaich (ERDF) agus maoin de na milleanan an sàs anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. ’S e amas na Maoin gun tèid an dualchas nàdarra is cultarail air leth anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a bhrosnachadh is a leasachadh ann an dòigh a ghleidheas is a dhìonas iad.

Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt de phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach (ERDF) le Riaghaltas na h-Alba a mhaireas gu 2023. Tha a’ mhaoin seo air aon den dà Ghnìomh Ro-innleachdail ERDF a th’ air an stiùireadh le NatureScot – ’s e A’ Mhaoin Bhun-structair Uaine a th’ air a’ Ghnìomh Ro-innleachdail eile.

’S urrainn dhut bloga Maoin Structarail Eòrpach a leantainn airson na naidheachd as ùire air gnìomhan is tachartasan ESF. Tha an naidheachd Twitter aig @scotgovESIF no na comharran #ERDF agus #europeanstructuralfunds

Last updated: