
Thoir sùil air na h-iongantasan an Coire Shalach
Tha seallaidhean iongantach rim faicinn aig Coire Shalach far a bheil cadha a tha 60m a dhoimhneachd is 1.5km a dh’fhaid agus drochaid-chrochaidh dhrùidhteach os a chionn. Thèid tursan an luchd-tadhail gu Coire Shalach am feabhas agus ionad luchd-turais is ceumannan coiseachd ùra gan dealbhadh air an làraich ainmeil seo ann an Ros an Iar.
’S e Coire Shalach, a th’ air a stiùireadh le Urras Nàiseanta na h-Alba, an Tèarmann Nàdarra Nàiseanta as lugha ann an Alba, ach ged a tha e beag chan eil e gann de sheallaidhean àlainn. Chaidh an drochaid-chrochaidh, a tha suidhichte 25m os cionn Abhainn Droma, a thogail ann an 1874 agus tha i air luchd-turais a thàladh bho linn Bànrigh Bhictòria. Tha an drochaid air aon de na h-àiteachan iongantach ann an Ros an Iar air am bu chòir don a h-uile duine tadhal.

Tha e fa-near don sgioba aig Coire Shalach, le taic bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail, Slighe gu Nàdar a chur air chois an seo. Bidh ionad-turais ùr ann, raon-chàraichean ùr (anns am bi goireasan do chàraichean dealanach is bhanaichean-campaidh), goireasan mìneachaidh ùra agus ceumannan-coise ùra le comharran is soidhnichean soilleir.
’S e clach-mhìle mhòr a tha seo ann an eachdraidh na làraich.
Tha àrd-mhanaidsear na Gàidhealtachd is nan Eilean aig Urras Nàiseanta na h-Alba, Clea Warner, fìor dhealasach mu na buannachdan a thig às a’ mhaoineachadh ùr. “Bidh na goireasan ùra seo nan slighe a-steach dha dualchas nàdarra beartach Choire Shalach is Easan na Miasaich, a tha air aon de na h-easan as mìorbhailiche san Rìoghachd Aonaichte,” thuirt i. “Agus cuiridh iad gu mòr ris an sgìre agus ris an fhàilte a chuireas sinn air an àireimh de luchd-turais don cheann a tuath a tha a’ sìor-dhol am meud.”

Tha an dà chuid, daoine agus uallach a bharrachd, air tighinn don làraich iongantaich seo is i suidhichte air Slighe a’ Chosta a Tuath 500, mar a tha Clea a’ cur an cèill, “Tha Coire Shalach feumach air dìon dlùth mar Tèarmann Nàdarra Nàiseanta. Bidh na goireasan seo nan cuideachadh is sinn a’ frithealadh barrachd luchd-tadhail agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ gleidheadh an àite anns an dòigh air a bheil a leithid a làraich feumach.”
Tha an t-uabhas ri fhaicinn an seo. Tha an cadha ainmeil airson a chuid còinnich is chuislean-aibheach agus an t-seòrsa rainich as lugha ann am Breatainn - raineach chòinnich MhicUilleim. Tha cuid a dhaoine air na fithich an seo fhaicinn a’ neadachadh air nàdar de sgeilp faisg air an drochaid-chrochaidh.
Tha seallaidhean nàdarra rim faicinn am pailteas aig Coire Shalach a dh’aindeoin na ràithe. Glacaidh sealladh nam blàthan fiadhain d’ aire as t-earrach agus fiù ’s anns na glacan as doimhne den chadha chì thu mar a tha an t-sùrag, an lus-crè thalmhainn agus a’ chlach-bhriseach is lusan eile a’ soirbheachadh.
Bidh ceilearadh nan eun-coille a’ lìonadh Choire Shalach as t-samhradh. Bidh àireamh an luchd-tadhail a’ sìor-dhol am meud agus sean is òg air am beò-ghlacadh leis na seallaidhean drùidhteach.
Agus bidh dathan àlainn nan craobhan dùthchasach, a leithid beithe, caorann, darach, calltainn, leamhan is giuthas, a’ lìonadh an àite as t-fhoghar, agus, ma bhios tu fortanach, ’s dòcha gum faigh thu sealladh de chreutair samhlachail air a bheil meas mòr aig daoine, an fheòrag ruadh.
A thuilleadh air na h-ulaidhean nàdarra air an làraich, tha rud eile a bhios a’ tarraing dhaoine don àite agus ’s e sin an drochaid-chrochaidh aig Easan na Miasaich. Chaidh an drochaid ùrachadh grunn thursan bhon a thog John Fowler i, ach tha fèill mhòr air an drochaid agus chan eil sin na iongnadh a chionn is gun robh Fowler na innleadair lèirsinneach agus choisinn e cliù mar am prìomh einnseanair air Drochaid Rèile Fhoirthe. Rinn e mòran de obair dealbhaidh air pròiseactan mòra air an oighreachd aige, Am Bràigh Mòr, beagan mu thuath air Coire Shalach.
Nach crìochnaich sinn le smuain ait? Chan eil cùisean daonnan cho soilleir no cho sìmplidh is a tha sinn a’ smaoineachadh air a’ chiad sealladh. Tha fios againn gur e Coire Shalach an Tèarmann Nàdarra Nàiseanta as lugha is e 6.9 ha a mheud (agus ’s e an tèarmann as lugha bho 2003) ach tha deasbad inntinneach ann a thaobh tomhas meud. Tha meud uachdar Choire Shalach fada nas motha an da-rìribh leis cho cas is a tha cliathaichean a’ chadha dhomhainn.
Ach a-rèir slat-tomhais sam bith, ’s e sgeul soirbheachail nàiseanta a th’ ann an sgeul Choire Shalach agus leanaidh an soirbheachadh sin sna bliadhnaichean fada romhainn air sgàth nan goireasan ùra.

Mun Mhaoin Dualchais is Chultarail
Tha a’ Mhaoin Dualchais is Chultarail air a maoineachadh tron Mhaoin Leasachaidh Roinneil Eòrpaich (ERDF) agus maoin de na milleanan an sàs anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. ’S e amas na Maoin gun tèid an dualchas nàdarra is cultarail air leth anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a bhrosnachadh is a leasachadh ann an dòigh a ghleidheas is a dhìonas iad.
Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt de phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach (ERDF) le Riaghaltas na h-Alba a mhaireas gu 2023. Tha a’ mhaoin seo air aon den dà Ghnìomh Ro-innleachdail ERDF a th’ air an stiùireadh le NatureScot – ’s e A’ Mhaoin Bhun-structair Uaine a th’ air a’ Ghnìomh Ro-innleachdail eile.
’S urrainn dhut bloga Maoin Structarail Eòrpach a leantainn airson na naidheachd as ùire air gnìomhan is tachartasan ESF. Tha an naidheachd Twitter aig @scotgovESIF no na comharran #ERDF agus #europeanstructuralfunds