Ulaidhean Uibhist
Chaidh an aplacaid ùr-nodha seo, a’ chiad tè dhe a seòrsa, fhoillseachadh an t-seachdain sa chaidh agus na cois tha ath-thogail tro Fhìorachd Leasaichte (augmented reality) de dh’aon de na làraichean arc-eòlach as cudromaiche an Uibhist – Cladh Hallan ann an Uibhist a Deas.
28 Iuchar 2021
Anns an Iuchar an-uiridh, dh’fhoillsich sinn bloga mu sheachd làraichean àrc-eòlach air Slighe Innse Gall a bha gus nochdadh ann am pròiseact ath-thogail dhidseatach. Tha am pròiseact air tighinn gu buil an cois aplacaid a tha a’ brosnachadh choimhearsnachdan is luchd-tadhail gu tlachd fhaighinn à cuid de na làraichean àrc-eòlach as cudromaiche ann an Uibhist.
Tha e nas fhasa a-nise na bha e a-riamh eòlas a chur air na làraichean eachdraidheil is ro-eachdraidheil sin le taic aplacaid gu tur ùr – Ulaidhean Uibhist (Uist Unearthed sa Bheurla) – a chaidh a dhealbhadh le àrc-eòlaichean aig Colaisde a’ Chaisteil UHI le taic Comhairle nan Eilean Siar.
Chaidh an aplacaid ùr-nodha seo, a’ chiad tè dhe a seòrsa, fhoillseachadh an t-seachdain sa chaidh agus na cois tha ath-thogail tro Fhìorachd Leasaichte (augmented reality) de dh’aon de na làraichean arc-eòlach as cudromaiche an Uibhist – Cladh Hallan ann an Uibhist a Deas. Tha dealbhadh den làraich ann mar gum biodh i an da-rìreabh a rèir eòlaichean o chionn 3,500 bliadhna, cho math ri modalan 3D de nithean, dealbhan beò, clàraidhean fuaim agus teacsa dà-chànanach. Leanaidh sia dealbhan ath-thogte eile anns an dà bhliadhna ri teachd. Nochdaidh gach dealbh ath-thogte cho luath is a ruigear an làrach is e a’ brosnachadh an luchd-cleachdaidh ri na làraichean a rannsachadh anns an àrainneachd an dèidh còd QR a scanadh.
Chaidh an aplacaid is na dealbhan ath-thogte a dhealbhadh le Peel Interactive, a tha mion-eòlach air leasachadh thursan didseatach drùidhteach airson nan roinnean dualchais is turasachd.
Bidh na leanas am measg nan làraichean eile a nochdas san àm ri teachd: An Dòirlinn (làrach chòmhnaidh Nua-leacach an Uibhist a Deas), Cill Donnain (taigh-cuibhle bho Linn an Iarainn ann an Uibhist a Deas cuideachd), agus Dùn Thorcuill (dùn ann an Uibhist a Tuath a th’ ann an staid air leth).
Tha Emily Gal, an Co-òrdanaiche Pròiseict, uabhasach dealasach mun tachartas air leth seo. “Tha sinn air ar dòigh gun tèid againn air an aplacaid againn fhoillseachadh mu dheireadh thall agus tha sinn fìor mhoiteil gun robh sinn a’ cur eòlas na sgìre gu feum aig na h-ìrean leasachaidh is deuchainn. Chaidh a’ bhideo a dhèanamh le UistFilm, agus tha ceòl ann le oileanaich ciùil Colaisde a’ Chaisteil UHI. Chaidh an aplacaid a chur gu deuchainn le iomadh buidheann ann an Uibhist a leithid sgoilearan Sgoil Bhaile a’ Mhanaich agus Sgoil Lìonacleit, agus tha eadar-theangachadh ann le Ceòlas Uibhist”.
Thuirt neach-labhairt NatureScot: “’S e pròiseact fìor inntinneach a tha seo a tha a’ taisbeanadh làraichean eachdraidheil beairteach air Slighe Innse Gall. Tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ cumail taic ris, tron Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail againn, gus a bheil tuilleadh ann do luchd-tadhail às am faigh iad tlachd is eòlas mu àrainneachd is cultar air leth an eilein.”
Chaidh £271,000 a bhuileachadh air a’ phròiseact an cois prògram ùr de phròiseactan Albannach luach £5 millean airson tuilleadh chothroman ann an dualchas nàdarra is cultarail aig ìre mhath a thoirt seachad do luchd-tadhail. Tha a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is cultarail air a stiùireadh le NatureScot agus pàirt dhith air a maoineachadh tro Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa (ERDF). Tha Maoin Dualchais a’ Chrannchair Nàiseanta, Comhairle nan Eilean Siar, Crown Estate Ward Funds agus Stòras Uibhist a’ cumail taic ris a’ phròiseact cuideachd.
Tha an aplacaid ri faighinn an-asgaidh anns na stòir aplacaidean fo ‘Uist Unearthed’.
Notaichean:
The A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt de phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach (ERDF) le Riaghaltas na h-Alba a mhaireas gu 2023. Tha a’ mhaoin seo air aon den dà Ghnìomh Ro-innleachdail ERDF a th’ air an stiùireadh le NatureScot – ’s e A’ Mhaoin Bhun-structair Uaine a th’ air a’ Ghnìomh Ro-innleachdail eile.
’S urrainn dhut bloga Maoin Structarail Eòrpach a leantainn airson na naidheachd as ùire air gnìomhan is tachartasan ESF. Tha an naidheachd twitter aig @scotgovESIF no na comharran #ERDF agus #europeanstructuralfunds.
Tha tuilleadh fiosrachaidh air rannsachadh Àrc-eòlach aig Colaisde a’ Chaisteil UHI