Thogainn dealbh de…
02 Sultain 2022
Nam faighnicheadh dhìot dè na h-àitichean ann an Alba a thogar dealbhan dhiubh as trice, tha teans mòr gum bi Bodach an Stòir, a’ Chuith-raing agus Glumagan nan Sìthichean san Eilean Sgitheanach nam measg. Tha fèill cho mòr orra gu bheil àireamh nan daoine a thadhlas orra a’ fàgail lorg air na h-àitichean ud agus ri linn sin, b’ fheudar dha na h-ùghdarrasan smachd air choreigin fhaighinn air àireamh an luchd-turais ann. Bha cothrom na lùib cuideachd na h-àitichean cliùiteach seo a dhèanamh nas so-ruigsinniche cuideachd.
Tha e math gu bheil fèill cho mòr orra leis gu bheil sin a’ cur spionnadh san turasachd. Tha e na phàirt chudromach de dhealbh eaconamach na h-Alba ach mar as pailte an luchd-turais, ’s ann as motha an lorg a dh’fhàgas iad air na slighean a thèid chun nan àitichean ud is air ais uapa. Bha droch bhuaidh na turasachd follaiseach aig gach aon dhe na comharran tìre cliùiteach seo san Eilean Sgitheanach agus tha Pròiseact Àitichean Suaicheanta an Eilein Sgitheanaich airson aghaidh a thoirt air na duilgheadasan seo.
’S e pròiseact mòr a tha seo fo stiùireadh Urras Cothrom air a’ Bhlàr A-muigh san Eilean Sgitheanach (OATS) agus le taic o chom-pàirteachas ionadail agus leis a sin, tha 70% dhen airgead a’ tighinn o Mhaoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich agus ’s e fìor dheagh naidheachd dhan a h-uile duine a tha sin.
Ma thadhail thu fhèin air a’ Chuith-raing sna bliadhnaichean seo chaidh, bidh deagh fhios agad gu bheil duilgheadasan ann a thaobh bleith talmhainn agus inntrigidh. Leis cho doirbh ’s a dh’fhàs e àite-pàircidh ceart a lorg, tha cuid air càraichean a phàirceadh an siud ’s an seo agus rinn sinn dochann air na fàilean nan rathaidean is dh’fhàg iad lorg grànda air an fhearann mhaoth ann. Agus a bharrachd air sin, le daoine a’ sìor choiseachd air ais is air adhart eadar na h-àitichean far am faicear na seallaidhean as fheàrr, bha sinn a’ fàgail lorg air an tìr cuideachd is fiù barrachd bleith talmhainn na chois.
Ach abair gun tàinig atharrachadh air a’ chùis. Chaidh cha mhòr 300m de cheum a chur sìos agus ged nach robh na goireasan pàircidh nam pàirt de mhaoineachadh an NCHF, chaidh leasachadh mòr a dhèanamh orra cuideachd agus thèid na bùird mìneachaidh ath-nuadhachadh cuideachd. Chaidh sgrath ùr a chur os cionn fàilean nan rathaidean a bha air an dochainn agus tha iad ri ath-shlànachadh. Dh’fhosgail BPA ionadail, Ceit Fhoirbeis, na goireasan ùra am bliadhna air an 13mh dhen Chèitean, a’ gabhail a-staigh 50m de shlighe a tha a’ tàladh an luchd-turais gu àite far am faicear sealladh mìorbhaileach.
Dh’fhàg coileanadh na h-obrach seo Eileen Stiùbhart, Iar-cheannard Nàdair ⁊ Atharrachadh na Clìomaid aig NàdarAlba, is mòran dhaoine air leth toilichte. “Tha e mìorbhaileach gun deach an ceum cliùiteach seo a chàradh ’s gu bheil e fosgailte a-rithist,” thuirt i. “Cuiridh sinn taic fhathast ri Pròiseact Àitichean Suaicheanta an Eilein Sgitheanaich is iad airson piseach a thoirt air na làraichean air an tadhail mòran luchd-turais sa Chuith-raing, Glumagan nan Sìthichean agus Bodach an Stòir. Slighe Maoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich againn, tha sinn a’ brosnachadh stiùireadh so-sheasmhach luchd-turais agus cothroman fastaidh ann an sgìrean iomallach is dùthchail.”
Tha an obair aig Glumagan nan Sìthichean na dùbhlan fiù nas motha. Tha an làrach nas dorra ri ruigsinn agus feumar coiseachd gu bonn Bheanntan Dubha an t-Sratha o Ghleann Breatail. Leis an t-sruth de luchd-turais a bha gu mòr airson na glumagan fhaicinn, bha sin a-riamh a’ dol a dh’fhàgail lorg mòr air an fhearann mhaoth. ’S e an diofar as motha a chithear a-nis an dà dhrochaid ùr agus tha slighe nas soilleire agus nas sìmplidhe ann dhan luchd-turais mar sin, gun fheum air plubadaich thràth.
Thòisich an obair-leasachaidh air Glumagan nan Sìthichean ann an 2017 nuair a thòisich co-obrachadh eadar Comann Talla Coimhearsnachd Mhinginis agus OATS airson na duilgheadasan a rèiteachadh.
Chan eil e doirbh fhaicinn carson a bha iad a’ faicinn feum air gnìomh. Mun bhliadhna 2017, bha faisg air 80,000 luchd-turais a’ tadhail air Glumagan nan Sìthichean agus dà bhliadhna an dèidh sin, bha an àireamh sin air èirigh gu 180,000. Bha a’ chuid as motha dhen luchd-turais seo a’ ruigsinn ann air rathad aon-slighe agus dh’adhbharaich sin duilgheadasan le dùmhlachd trafaig gu tric do mhuinntir an àite agus aon turas chuir e fiù bacadh air obair nan seirbheisean èiginn.
Tro sgeama Tar-chur Maoin Coimhearsnachd, chaidh seilbh an fhearainn a ghluasad o Choilltearachd is Fearann Alba dha OATS air lìos 20 bliadhna fhad ’s a ghlèidheadh OATS na làraich is a’ togail goireasan ùra ann.
Tha prìomhachas air ath-leasachadh na bith-àrainne air an treas làrach – Bodach cliùiteach creagach an Stòir ann an Tròndairnis. Tha Dùghlas Mac a’ Bhàird, an t-àrd-oifigear gnìomha sgairteil aig OATS, a’ leantainn air an sgeulachd “Tha luchd-turais o fheadh an t-saoghail a’ tadhail air an Eilean Sgitheanach”, tha e ag aideachadh “Tha iad airson an t-àite fhidreadh agus tlachd a ghabhail na àilleachd, ach mar a chunnaic sinn iomadh turas roimhe, thig cosgais an cois àrdachadh àireamh an luchd-turais. Mar bhuidheann na h-àrainneachd, tha sinn airson na làraichean annasach san Eilean Sgitheanach a dhìon is a leasachadh airson ’s gun urrainn dhan phoball tlachd a ghabhail anns an eilean ach air dòigh sho-sheasmhach.
“Tha cothrom air leth againn aig an Stòr barrachd ionnsachadh mun fhearann far a bheil aon dhe na ceuman coiseachd as trainge agus as ainmeile san Eilean Sgitheanach. Chruinnich sinn sìl ann sa bhliadhna 2021 agus sin a’ chiad cheum riatanach, cruinneachadh fiosrachaidh, airson am fearann ath-shlànachadh agus fuasgladh a chur an sàs a bhios iomchaidh dhan a h-uile duine. Tha sinn air bioran toiseach obair an ath-shlànachaidh fhaicinn.”
Tha Alex Mac an Tuairneir o NàdarAlba stèidhichte san oifis againn san Eilean Sgitheanach agus tha e dìorrasach mu luach nam pròiseactan uile ach gu sònraichte pròiseact Bodach an Stòir. “Tha mo làmh an sàs na h-obrach nas dlùithe na bha dùil agam an toiseach,” tha e ag innse. “Tha e air a bhith doirbh contractaran agus èic-eòlaiche comhairleachaidh fhaighinn, is mar sin dheth, tha mise a’ toirt seachad na comhairle èic-eòlach a-nis agus a’ cuideachadh clàrc nan obraichean. Bha sreath de thriailean againn an-uiridh anns an do chruinnich sinn sìl o thalamh-feòir san robh pailteas de spèiseasan feòir.”
“Bidh sinn gan gearradh le strimear air talamh-feòir fallain faisg air làimh, gan sùghadh dheth agus an uair sin gan sgaoileadh de làimh sna h-àitichean a bha air an dochann. Nì sinn barrachd dhen t-seòrsa obrach seo as t-fhoghar.
“’S e talamh-feòir cailceach a tha san àite seo air fad agus aithnichear seo gu sònraichte air lus an rìgh agus meangan-Moire. Bidh pailteas de spèiseasan againn ann ach seo an dà phrìomh spèiseas a bhios againn. Tha fàileadh cho mìorbhaileach de lus an rìgh nuair a ghearrar e agus aithnichidh tu air an fhàileadh sin gu bheil na spèiseasan ceart agad sa bhaga.”
“Chan e cur an t-sìl àbhaisteach a th’ ann a bharrachd air sin, feumaidh sinn bleith na h-ùire agus duilgheadasan drèanaidh a chur ceart aig an aon àm. Tha sinn airson an t-uisge air uachdar na talmhainn ath-stiùireadh airson ’s gun tèid a sgaoileadh air feadh na talmhainn, seach a bhith a’ sruthadh sìos nan slighean. Thig atharrachadh air cruth na tìre ann cuideachd sna h-àitichean far a bheil an dochann as motha ’s togaidh sinn damaichean beaga ann airson ’s gum bi sruth an uisge nas slaodaiche. Cuiridh sinn sìos eileanan de sgrath a chòmhdaicheas an talamh lom is e a’ fàs. Cleachdaidh sinn pailteas GeoJute cuideachd airson an ùir agus na lusan a dhaingneachadh nan àite gus am bi iad làidir gu leòr an talamh a chumail na àite iad fhèin. Bidh an diut a’ cnàmh leis fhèin mun àm sin. ’S e làrach a tha ris na siantan a th’ ann agus tha coltas gum feum ath-shlànachadh ùine mhòr ach tha sinn a’ cur bun-stèidh làidir an sàs airson toiseach-tòiseachadh a dhèanamh leis an ath-shlànachadh.
Tha Pròiseact Àitichean Suaicheanta an Eilein Sgitheanaich na phàirt de phrògram Albannach luach cha mhòr £9 millean a tha ag amas air barrachd chothroman agus càileachd nas fheàrr do luchd-turais a thig dha na h-Eileanan agus dhan Ghàidhealtachd a ghabhail tlachd sa bheartas nàdarra agus sa chultar.
Leis cho sìor tharraingeach ’s a tha Alba do luchd-turais, tha airgead na phàirt chudromach dhen phròiseact leis cho cudromach ’s a tha turasachd nar n-eaconamaidh agus so-ruigsinneachd làraichean suaicheanta an Eilein Sgitheanaich – ach cuideachd tuigse dhen dealbh san fharsaingeachd.