Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean
6 Dàmhair 2022
Read in English
Tha innse sgeulachdan na phàirt chudromach de gach cultar air feadh an t-saoghail. Tha sgeulachdan nan dàimhean buana ris an nàdar, ris an tìr agus ris na daoine agus is iad deò agus seagh nan làithean a dh’aom, comharraichidh iad an latha an-diugh agus innsidh iad dè na h-aislingean a th’ againn airson a-màireach.
On chiad ghairm airson sgeulachdan ann an 2020, fhuair sinn iomadh seòrsa de fhreagairt a tha ag innse dè na dàimhean a tha seo agus, san fharsaingeachd, na tha Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ ciallachadh dha na daoine a tha a’ fuireach is ag obair an seo no a’ tadhail air an àite.
Thug e tlachd mòr dhuinn an dà chuid na sgeulachdan a leughadh mar phàirt dhen phròiseact seo ach cuideachd ceum a bharrachd a thoirt is susbaint dhigiteach a chur cruinn stèidhichte air sgeulachdan seo na coimhearsnachd. Chuir sinn air bhog an tasglann Spiorad: Sgeulachdan againn sa Ghiblean airson sgeulachdan a chaidh a chur chun a’ phròiseict a chur air an àrd-ùrlar. Tha 175 sgeul beò air an làraich mar-thà agus tha an àireamh a’ sìor dhol an àirde agus sinne airson ’s gum bi an t-ionad digiteach seo na thasglann bheò far am bi cothrom buan aig daoine innse na tha Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ ciallachadh dhaibhsan.
Tha sreath bhlogaichean san tasglann againn cuideachd, Spiorad: Fon phrosbaig. Seo sreath beò de
bhlogaichean a chuireas pròiseactan coimhearsnachd agus iomairtean air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan fon phrosbaig agus a bheir sùil nas gèire air an eachdraidh a bhios an lùib nan sgeulachdan a chuir daoine thugainn. Chruthaich sinn sreath de mhaoinean digiteach an-uiridh cuideachd dhan phròiseact, a bharrachd air an tasglann Spiorad: Sgeulachdan, a’ gabhail a-staigh:
- Làrach-lìn do luchd-tadhail – tha sinn ag obair air ùrlar air loidhne ùr a bheir brosnachadh do luchd-tadhail, an dà chuid às ar dùthaich fhèin agus o thall thairis, far an urrainn dhaibh an sgìre a rùrachadh airson ’s nach tadhail a h-uile duine air na dearbh àitichean aig an aon àm. Bidh mapa eadar-ghnìomhach, planadair thursan agus sgeulachdan na coimhearsnachd air an ùrlar seo.
- Filmichean is dealbhan ùra a chuireas an dà chuid bòidhchead nàdarra na sgìre agus an obair aig daoine fa leth agus coimhearsnachdan ionadail air an àrd-ùrlar
- Maoinean fuaime – agallamhan a bheir guth dha na coimhearsnachdan ionadail, na cuimhneachain is sgeulachdan aca mu dhaoine ’s mun àite
- Dà phortal làn-tumaidh far am faighear filmichean 360° agus tursan eadar-ghnìomhach tron Ghàidhealtachd is tro na h-Eileanan
Tha na filmichean 360° seo stèidhichte air na h-àitichean as fheàrr leis na daoine a thug sgeulachdan dhuinn agus tha a’ chuid as motha dhe na daoine sa choimhearsnachd a chunnaic iad gam moladh. Bidh na dàimhean eadar neach agus àite a tha prìseil dhaibh am measg na feadhainn as drùidhtiche agus as ciallmhoire a dh’fhaodadh a bhith aig neach nam beatha agus tha e air a bhith air leth brosnachail dhuinn cothrom a thoirt dha na coimhearsnachdan na h-àitichean seo a tha prìseil dhaibh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a chur air ùrlar ùr far am faic mòran iad. Gu ruige seo, chleachd sinn am portal siubhail làn-tumaidh againn aig tachartasan ionadail, pròiseactan innse sgeulachdan agus airson a dhol an ceann sgoiltean, a’ toirt ùr-ghnàthachas teicneolais leinn gu àitichean iomallach air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.
A bharrachd air sin, ann an com-pàirteachas le sgioba Grèis-bhrat Mòr na h-Alba Earr., tha sinn a’ cruthachadh Grèis-bhrat na Gàidhealtachd is nan Eilean cuideachd. Bidh barrachd air 50 panail grèise aig a’ ghrèis-bhrat, air an dèanamh le cha mhòr 650 saor-thoileach o fheadh na sgìre, is iad ag innse eachdraidh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bidh mìrean dealbhaidh aig gach panail a chaidh am brosnachadh leis na chuir daoine do thasglann Spiorad: Sgeulachdan agus le buidhnean na h-obrach-grèise iad fhèin. Bidh an grèis-bhrat na ghleus lèirsinneach airson sgeulachdan innse, obair-ealain anabarrach mòr a bheir coimhearsnachdan cruinn a tha airson na h-àitichean aca fhèin a riochdachadh.
Chaidh a’ chiad snàthad a chur ri aodach ann an Ionad Abharan ann an Alanais san Lùnastal agus tha na grèiseadairean trang a-nis anns gach aon dhe na 52 ionad grèiseadaireachd air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bha bùthan-obrach obrach-grèiseadaireachd ann an Geàrrloch, Ulapul agus Srath Pheofhair air leth soirbheachail agus bha fèill mhòr orra am measg nan coimhearsnachdan is iad a’ toirt stiùireadh mu nòsan fuaigheil, a’ taisbeanadh dealbhaidhean phanailean agus a’ toirt cothrom dhaibh coinneachadh ri luchd-fuaigheil eile faisg orra.
Thuirt Ministear na Turasachd, Ivan MacAoidh: “Tha grèis-bhrat na ghleus air leth airson dealbh beòthail de eachdraidh bheartach is annasach na Gàidhealtachd is nan Eilean a dhèanamh. Tha am pròiseact cuideachd na chothrom coimhearsnachdan a thoirt cruinn is iad a’ fuaigheal sgeulachdan nan làithean a dh’aom an-diugh, a’ fàgail dìleabach prìseil do ghlùintean an ama ri teachd.”
Fiosrachadh a bharrachd:
’S e High Life na Gàidhealtachd a tha a’ lìbhrigeadh pròiseact Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean às leth Comhairle na Gàidhealtachd agus tha am pròiseact airson cothroman turasachd a chruthachadh is a bhrosnachadh a bhios drùidhteach agus so-sheasmhach agus a chomharraicheas Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean an-dè, an-diugh agus a-màireach.
Anns a’ phròiseact Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean, cruthaichidh sinn maoinean, a’ gabhail a-staigh mapa eadar-ghnìomhach is tasglann sgeulachdan, a bheir brosnachadh do dhaoine an sgìre a rùrachadh barrachd. Stèidhichidh seo dàimhean fìrinneasach ri coimhearsnachdan ionadail cuideachd tro na sgeulachdan aca, a’ tàladh daoine ann leis an dualchas nàdarra is cultarach beartach againn.
Tha pròiseact Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean ga lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le VisitAlba cuideachd. Fhuair e taic-airgid o Mhaoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich (NCHF) fo stiùir NàdarAlba agus leth-mhaoineachadh o Mhaoin-leasachaidh nan Roinnean Eòrpach (ERDF). A’ leantainn Spiorad na Gàidhealtachd, bheir e brosnachadh do dhaoine tadhal air gach pàirt dhen Ghàidhealtachd air dòigh sho-sheasmhach.
Gabh pàirt
A bheil sgeulachd agadsa ri innse mu na tha Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ ciallachadh dhut fhèin? Cuir thugainn do sgeulachd an seo.
Bu toil leinn taic a chur ri pròiseactan coimhearsnachd agus ionadan dualchais chultaraich cuideachd, gu sònraichte ann am Bliadhna nan Sgeul ann an Alba. Ma tha thu airson do sgeulachd fhaicinn air mapa nan sgeulachdan againn no an tachartas/pròiseact agad a bhrosnachadh air na seanailean sòisealta againn, cuir post-d gu [email protected].
Tha Maoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich a’ faighinn a chuid maoin o Mhaoin-leasachaidh nan Roinnean Eòrpach (ERDF) a chuireas na milleanan ann an seilbh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Cuiridh Maoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich airgead an seilbh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan ann an Alba airson barrachd chothroman agus cothroman nas fheàrr a thoirt do luchd-tadhail tlachd a ghabhail nar maoinean nàdarra agus cultarach; a bhrosnachadh daoine gu cuid dhe na sgìrean nas iomallaiche agus na dùthchaile; agus a chruthachadh is a chumail suas dreuchdan, gnìomhachasan is seirbheisean ann an coimhearsnachdan ionadail. Tha a’ mhaoin airson sàr dhualchas nàdarra is cultarach na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhrosnachadh is a leasachadh air dòigh a ghlèidheas is a dhìonas iad.
’S e Riaghaltas na h-Alba an t-ùghdarras stiùiridh airson prògram a’ Mhaoineachaidh Structarail Eòrpaich 2014-20. Airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air an làrach-lìn aca no lean @scotgovESIF.