Seòmraichean le sealladh
6 Ògmhios 2023
Leugh ann am Beurla / Read in English
’S e sealladh ro-bhòidheach a chunnaic mi gun teagamh nuair a choinnich mi ri Ben Supple aig Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd. Bha an Stiùiriche com-pàirteachais is leasachadh gnìomhachais aig Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba (RZSS) a’ dian-amharc a-mach air Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh is e a’ cnuasachadh an leasachaidh annasaich a thàinig air Ionad Taisgealadh Fiadh-bheatha na h-Alba. Tha fòcas a’ phròiseict seo na fìor mhac-shamhla air glèidhteachas ùr ar latha agus ann an àrainneachd a tha a cheart cho àlainn ’s a tha e iomchaidh.
Tha Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd aig Ceann na Creige, faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich, air a bhith am measg nam prìomh ionadan turasachd ann an Alba o chionn fhada. Tha fàilte chridheil aig an àite ron a h-uile duine a tha airson sùil a thoirt air beathaichean èalaidheach de dh’iomadh seòrsa eadar cait-fhiadhaich, mathanan-bàna is tìgearan. Agus faodar a ràdh gu bheil fòcas fiù nas Albannaiche gu bhith aige a-nis.
Tha e soilleir gu bheil Ben air a bhioran gu mòr a thaobh na buaidhe a tha gu bhith aig Ionad ùr Taisgealadh na Fiadh-bheatha. “Aon rud a tha a’ còrdadh rium gu mòr mun phròiseact, sin gu bheil e a’ buntainn ri gach taobh de ghlèidhteachas agus com-pàirteachas,” ars esan, “Thig daoine an seo a dh’fhaicinn glèidhteachas beò. Tha pròiseact ath-leasachadh a’ chait-fhiadhaich na eisimpleir fìor mhath air seo. Chan fhaic na daoine a thadhlas oirnn dìreach na cait againn ann an coille nan cat-fiadhaich mar a chunnacas a-riamh, ach a-nis is urrainn dhaibh tadhal air an làr-ionad ghlèidhteachais ùr againn air mullach a’ chnuic is chì iad an t-ionad briodadh glèidhteachais an sin, far a bheil sinn a’ briodadh nan cat-fiadhaich agus a’ cumail taic riutha gus an urrainn dhuinn an leigeil mu sgaoil ann an àrainneachd fhiadhaich. Aig mullach a’ chnuic, san aon àite, chì daoine an sealladh ceithir-thimcheall orra agus air cùlaibh feansaichean na pàirce fiadh-bheatha, chì iad Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh fhèin, an dearbh àite far an tèid na cait-fhiadhaich seo a leigeil mu sgaoil latha brèagha air choireigin. Bidh e mar gu bheil an luchd-tadhail an teis-meadhan a’ ghlèidhteachais san àite sin.”
Tha luchd-obrach an RZSS a’ faireachdainn gur e pròiseact a tha seo a chuireas atharrachadh mòr air an àite, le trì làr-ionadan fa leth dhan luchd-tadhail far am faic iad an dà chuid na beathaichean fiadhaich ach cuideachd far am faigh iad cothrom-ionnsachaidh mu na dùbhlain bhith-iomadachd a tha ron nàdar an-diugh. Tha sinn airson ’s gum fàg iad an seo ’s iad a’ faireachdainn tìtheach air na cothroman glèidhteachais a th’ againn uile far a bheil sinn a’ fuireach ann.
Tha e cudromach gun teagamh iomradh a thoirt air na nì Ionad Taisgealadh Fiadh-bheatha na h-Alba airson aghaidh a thoirt air na draghan mun fhiadh-bheatha air feadh an t-saoghail agus tha a’ chliù eadar-nàiseanta air leth a th’ aig an RZSS a’ toirt dhaibh bunait air leth airson cùisean nàdair is glèidhteachais a thogail. Ri taobh na teachdaireachd aca mu na beathaichean a thàinig dhan phàirc à sgìrean cèine, can liopardan-sneachda, tìgearan is mathanan-bàna, innsidh iad carson a tha e cudromach an dà chuid cait-fhiadhaich na h-Alba a ghlèidheadh agus beathaichean nach eil cho cliùmhor ach a cheart cho cudromach, can beach-gobhair nan giuthas agus an seillean-ruamhair beag sgreabach.
Tha e follaiseach gu bheil neo-sgàileadh an fhoir-shealladh agus co-cheangal nan cùisean eadar-nàiseanta ri cùisean ionadail ann an iomadh iomairt a tha am beachd Ben. “Tha sinn air leth pròiseil mun dreuchd a th’ aig an RZSS agus a bhios aige fhathast ann an dìon ar beathaichean tùsail an seo ann an Alba, air a’ Ghàidhealtachd, ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Tha fhios gu bheil cothrom air leth againn gum bi Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd na fìor dheagh eisimpleir do chàch. Oir nuair a bhruidhneas sinn mu na dùbhlain bith-iomadachd ann an Alba, tha cothrom againn cuideachd sùil a thoirt air cùisean ann an co-theacsa eadar-nàiseanta.
Tha NCHF air a bhith na shochair ionmhasail dha na planaichean aig Ionad Taisgealadh Fiadh-bheatha na h-Alba gun teagamh. Ge-tà, chan eil maoineachadh ach na phìos dhen dealbh toinnte a thathar a’ cur ri chèile aig Ceann na Creige. Tha Ben ag innse gu bheil “dreuchd cudromach aig Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd ann a bhith a’ cumail taic ris an eaconamaidh ionadail.” “Rinn sinn e thairis air na deicheadan seo chaidh agus tha nòisean againn gun tèid àireamh an luchd-tadhail an àirde agus gum bi buaidh eaconamach fiù nas motha againn tro iomairtean turasachd sho-sheasmhach. Ach ged a tha sinn glè dhèidheil air àireamh an luchd-tadhail a chur am meud, chan fhaod seo a bhith ach aon dhe na tomhasan soirbheis againn. Aig deireadh an latha, ’s e a’ bhuaidh a dh’fhaodas a bhith againn an seo prìomh thomhas ar soirbheis. Nuair a thig daoine an seo, tha sinn airson brosnachadh a thoirt dhaibh oir ged a nì sinne obair ionmholta an seo, chan urrainn dhuinn ar n-obair a choileanadh nar n-aonar, feumaidh sinn brosnachadh a thoirt do dhaoine eile.”
Thèid trì togalaichean ùra a thogail sna beagan seachdainean is mìosan seo romhainn agus gun teagamh sam bith, bidh iad nan àrd-ùrlar air leth airson brosnachadh a thoirt do dhaoine. Bidh làr-ionad ionnsachaidh agus làr-ionad taisgealaidh a’ seasamh ri taobh ionad an luchd-tadhail air mullach a’ chnuic. “Tha sinn airson brod nan àrainneachdan a chruthachadh an seo ann am Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd,” mar a tha Ben ag innse. “Bha sinn pròiseil a-riamh is sinn a’ dèanamh obair for-ruigheachd chudromach sna coimhearsnachdan ionadail. Ceanglaidh na làr-ionadan a tha sinn a’ togail ri chèile àrainneachd an luchd-tadhail air fad is iad a’ toirt a-steach iomairtean a tha a’ dol taobh a-muigh na pàirce. Tha sinn cudromach oir, am measg nan rudan air a bheil sinn a’ toirt cudrom, tha sinn a’ toirt brosnachadh dhan luchd-tadhail againn sùil a thoirt seachad air an làraich againne, smaoineachadh air Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd as aonais fheansaichean – mar gum b’ eadh – oir chan eil ar n-obair an seo a’ buntainn ri Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd a-mhàin ach ris a’ Mhonadh Ruadh, ris a’ Ghàidhealtachd agus ri Alba air fad.
“Saoilidh mi gu bheil an t-ionad taisgealaidh gu sònraichte a’ toirt cothrom dhuinn innse do dhaoine cò ris a bhiodh fiadh-bheatha na h-Alba coltach roimhe, dè na dùbhlain a th’ againn an-diugh agus cnuasachadh a dhèanamh air cò ris a bhios saoghal fiadh-bheatha na h-Alba coltach san àm ri teachd. Ge be uair a thìde no latha air fad a chuireas daoine seachad an seo, tha cothrom mìorbhaileach againn a dhol nan ceann agus brosnachadh a thoirt dhaibh.
“Tha an làr-ionad ionnsachaidh air leth cudromach dhuinn cuideachd. ’S e goireas coimhearsnachd a th’ ann a th’ air oir na pàirce a dh’aona-ghnothaich, oir bheir e cothrom dhuinn rudan a dhèanamh taobh a-muigh nan uairean fosglaidh àbhaisteach aig a’ phàirc. Nar lèirsinn, gheibhear an dà chuid ionnsachadh foirmeil agus neo-fhoirmeil san làr-ionad ionnsachaidh far am faicear cuid dhe na beanntan as àilne ann an Alba. Mar eisimpleir, tha deasbad mòr a’ dol ann an Alba mu dheidhinn ath-fhiadhachaidh agus cha chreid mi gu bheil àite nas fheàrr ann na seo airson deasbad mar sin. ’S e cuspair air leth toinnte a th’ ann agus cluinnear beachdan a tha cho eu-coltach ri chèile ach abair ionad airson fiosrachadh a thoirt seachad mun obair a nì sinn an seo agus a choimhead a-mach air an àrainneachd san fharsaingeachd is sinne a’ cnuasachadh nan cùisean seo.”
’S e ion-ghabhaltas aon dhe na prìomh chuspairean eile a tha Ben air a bhioran mun deidhinn. “’S e pàirt chudromach dhen phròiseact againn a th’ ann,” mar a dh’innis e dhomh. “Tha e cudromach a dhol an ceann luchd-èisteachd nach fhaicear tric gu leòr nuair a thig e gu cuspairean co-cheangailte ri dualchas nàdarra na h-Alba. Tha diofar adhbharan ann a dh’fhàgas cuid a dhaoine gun chothrom com-pàirteachais. Tha adhbharan cruinn-eòlasach, cultarach, sòisealta no eaconamach nam measg. Tha Ionad Taisgealadh Fiadh-bheatha na h-Alba a’ toirt dhuinn brod nan cothroman a dhol an ceann choimhearsnachdan ùra. Nam b’ urrainn dhomh aon eisimpleir a thoirt dhut dhiubh, ’s e aonranachd a chanainn agus an leth-oireachd shòisealta a thig na cois. ’S e seo rud a dh’èireas gu sònraichte nar sgìrean dùthchail. Gheibhear daoine aig nach eil dàimhean sòisealta no a tha dìreach aonranach ann an sluagh deamografach sam bith ach tha e gu sònraichte draghail san t-seann sluagh. Ma tha iad air leth-oireachd, tha teans nach bi iad a’ dol an sàs nàdair agus leis a sin, am measg nan rudan a nì sinn an seo, tha sinn a’ dol an ceann iomadh com-pàirtiche coimhearsnachd airson ’s gun tuig sinn dè na cnapan-starra so-ruigsinneachd is ion-ghabhaltas a th’ againn a thaobh nàdair. ’S ann dhan a h-uile duine ’s a tha an nàdar agus mar nàisean, ma tha sinn airson ar fiadh-bheatha is bith-iomadachd a dhìon gu soirbheachail, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun tuig a h-uile duine an dreuchd aca fhèin san iomairt seo agus ri linn sin, feumaidh sinn a bhith cho so-ruigsinneach agus ion-ghabhalach ’s as urrainn. Ma thèid againn leis a seo, bidh seo na chuideachadh do dhaoine agus dhan nàdar.”
’S e àm air leth doirbh a bh’ ann airson tòiseachadh le pròiseact a tha cho mòr ri seo. Chuir an galar mòr-sgaoilte ud dàil mhòr air an àm togail agus fad dà bhliadhna, thàinig stad gu tur iomlan air an obair. Agus dh’èirich cosgaisean a’ phròiseict gu mòr an cois nan dùbhlan ionmhasail a bhuail oirnn an dèidh a’ ghalair mhòr-sgaoilte. Ach aig deireadh an latha, chùm an RZSS a’ dol leis a’ phròiseact seo gun sgur, a dh’aindeoin èirigh nan cosgaisean, agus tha sin a’ sealltainn dè cho cudromach ’s a tha am pròiseact seo nam beachd.
Tha fèill mhòr air Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd a chionn ’s gur e àrainneachd air leth a th’ ann. Agus le Ionad Taisgealadh Fiadh-bheatha na h-Alba a tha gu bhith ann, chì sinn gu bheil e a’ togail air soirbheas an-dè airson adhartas a dhèanamh ann an obair-ghlèidhteachais a-màireach.
Nòtaichean:
© Còirichean gach deilbh le Lorna Gill, NàdarAlba
Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt de phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach (ERDF) le Riaghaltas na h-Alba a mhaireas gu 2023. Tha a’ mhaoin seo air aon den dà Ghnìomh Ro-innleachdail ERDF a th’ air an stiùireadh le NatureScot – ’s e A’ Mhaoin Bhun-structair Uaine a th’ air a’ Ghnìomh Ro-innleachdail eile.
’S urrainn dhut bloga Maoin Structarail Eòrpach a leantainn airson na naidheachd as ùire air gnìomhan is tachartasan ESF. Tha an naidheachd Twitter aig @scotgovESIF no na comharran #ERDF agus #europeanstructuralfunds