Skip to main content
Menu
NatureScot Logo NatureScot Logo
Close navigation
  • Home
  • About NatureScot
  • Climate change
  • Enjoying the outdoors
  • Funding and Projects
  • Gaelic
  • Information hub
  • Landforms and geology
  • Landscapes and habitats
  • Plants, animals and fungi
  • Professional advice
  • Scotland's Biodiversity

Rùrachd Lusan Fiadhain

https://www.nature.scot/doc/rurachd-lusan-fiadhain
Breadcrumb navigation
  • Information hub Information hub
    • About NatureScot
    • Climate change
    • Enjoying the outdoors
    • Funding and Projects
    • Gaelic
    • Landforms and geology
    • Landscapes and habitats
    • Plants, animals and fungi
    • Professional advice
    • Scotland's Biodiversity
  • Publications and documents Publications and documents
    • News
    • Podcasts
    • Blogs
    • Webinars
    • Seminars
    • Research
    • NatureScot data services
    • Trends, Indicators and Official Statistics
    • Newsletters
    • Archived Publications

Read in English / Leugh ann am Beurla 

Seo cuid de na lusan agus feamainn a ghabhas cruinneachadh agus ithe ann an Alba. Feumaidh sibh a bhith glè chinnteach gun urrainn dhuibh lusan aithneachadh airson ’s gun seachnaich sibh feadhainn phuinnseanta sam bith air am faodadh an aon seòrsa coltas a bhith. Dèanaibh cinnteach gun cruinnich sibh lusan ann an dòigh thuigseach, chùramach agus a tha so-sheasmhach. Tha riaghailtean-iùil a thaobh sin gu h-ìosal.

Chaidh am foillseachadh seo a sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig an toiseach, le Ruairidh MacIlleathain, agus thàinig e gu buil ann an com-pàirteachas ri Bòrd na Gàidhlig mar phàirt de phròiseact rùrachd, anns an deach coimhead air dlùth-cheanglaichean cànanach agus cultarach nan Gàidheal ri nàdar.

Rùrachd chùramach – prionnsabalan bunasach

’S e rùrachd dòigh mhath agus fhallain airson ceangal a dhèanamh ri nàdar. Tha uiread de dhaoine a bhios a’ dol an sàs ann an rùrachd a’ sìor dhol am meud, agus iad a’ cur ris na ghabhas iad mar bhiadh le stuth a tha nàdarrach, blasta agus beathachail.

Tha sinn ag iarraidh gum faigh sibh tlachd gu leòr às ur cuid rùrachd ach cuideachd gun dèan sibh i ann an dòigh a ghabhas cùram dhen àrainneachd agus de dhaoine eile a bhios a’ cleachadh an aon àite. Bidh sibh ag iarraidh àiteachan a sheachnadh far am bi mòran a’ dol len coin. Ma leanas sibh na prionnsabalan gu h-ìosal, bu chòir gum bi ur rùrachd cùramach agus neo-fhaicsinneach.

Faodaidh tu a bhith cùramach de nàdar le bhith:

  • a’ togail le faiceall, a’ seachnadh cron a dhèanamh air an lus no freumhaichean fungais
  • a’ taghadh lusan a tha pailt, gun a bhith a’ buain càil a tha tearc no annasach
  • a’ buain ann an diofar àiteachan, gun a bhith a’ gabhail cus às an aon lus no craobh
  • a’ gearradh, seach spìonadh, feamainn, a’ fàgail a’ ghreimeachain ceangailte ris a’ chreig
  • a’ coiseachd dìreach far am feum sibh, gun a bhith a’ saltradh luibhean
  • a’ toirt air falbh dìreach na chleachdas tu, gun a bhith a’ gabhail cus agus a’ fàgail gu leòr do dh’eòin agus meanbh-fhrìdean. Bidh sin doirbh aig amannan oir ’s dòcha gum bi feadhainn eile a’ leantainn oirbh, a’ lùghdachadh na bhios air fhàgail. 

Bi sàbhailte:

  • Dèanaibh cinnteach gu bheil sibh làn cinnteach gun urrainn dhuibh na lusan agus fungasan a tha sibh a’ rùrachd aithneachadh. Feumaidh sibh na sgilean seo ionnsachadh, ach thig iad gu furasta le eòlas.
  • Tha cuid de lusan agus fungasan marbhtach puinnseanta; mar sin, dèanaibh cinnteach gun aithnich sibh an gnè agus ma tha teagamh sam bith oirbh, seachainnibh e.
  • Bithibh mothachail do dh’atharraichean san t-sìde agus do lìonadh na mara ma tha sibh ri rùrachd air a’ chladach.
  • Ma tha sibh a’ buain ann an àiteachan fliucha faisg air pàircean sprèidh, goilibh an lus (m.e. biolair-uisge) airson a bhith cinnteach nach buail an glup oirbh.

Briathrachas

  • ana-ogsadant - anti-oxidant
  • bàchar - beech mast  
  • beòthaman - vitamin
  • bloinigean-gàrraidh - spinach
  • brachadh - fermenting
  • ceò-theasachadh - steaming (cooking)
  • clomhais - cloves
  • cuislean - veins
  • curran-geal - parsnip
  • fiadhain - wild (not cultivated)
  • freumhag - fibre
  • glup - liver fluke
  • iteodha - hemlock
  • marbhtach puinnseanta - deadly poisonous
  • meacan-ruadh - radish
  • mèinnear - mineral
  • praiseach - potherb
  • ràcadal - horseradish
  • rùrachd - foraging
  • searbhag (ogsàlach) - (oxalic) acid
  • sgeallan - mustard
  • snodhach - sap
  • so-sheasmhach - sustainable
  • (an) tachas tioram - scurvy

Dealbhan le Lorne Gill/NàdarAlba agus Mark Williams.

Tuilleadh fiosrachaidh 

Èist ris a' phod-chraoladh againn 'Getting started with foraging' - Sultain 2022

Coille is Achadh

woodland
Forest and Field

Beàrnan Brìde

Dandelion

Feum: Nithear tì no leann leis na duilleagan no freumhaichean. Tha na freumhaichean (air an slisneachadh) math air an goil ’s an uair sin air am fraighigeadh ann an saileadan no stir fries (no amh ann an saileadan). Air an ròstadh, nithear na freumhaichean pronnte deoch coltach ri cofaidh (ach gun chaifein).

Slàinte is Eile: Tòrr iarainn, cailceim agus beothamain A

 

Beith

Birch

Feum: Nithear siorap bhon t-snodhach. Faodar na meanglaichean a chleachdadh airson blas glas-luibhe (wintergreen) a chur ri glasraich.

Slàinte is Eile: Faigh an snodhach as t-earrach le bhith a’ drileadh a-steach don stoc.

 

Biadh an t-Sionnaich

English Stonecrop

Feum: Gabhaidh na duilleagan ithe amh no air am bruich. Blas car piobarach.

Slàinte is Eile: Na ith cus dheth amh oir tha alkaloids ann a dh’fhaodas pràmhachd no pian sa stamaig adhbharachadh.

 

Biolair Uisge

Watercress

Feum: Cleachd na seann duilleagan oir tha blas car ‘teth’ orra. Goil i is cleachd i mar ghlasraich.

Slàinte is Eile: Tòrr beothamain C ann. Na buain i far a bheil caoraich agus uisge neo-shruthach air sgàth a’ ghlup. Bhiodh gràdh aig na Gàidheil air a' bhiolair.

 

Calltainn

Hazel

Feum: Tha na cnòthan blasta nuair a tha iad ròsta agus faodar an cleachdadh airson mhìlsean, chèicichean is eile.

Slàinte is Eile: Math airson beothamain B is E, K, Cailceim, Maignèiseam. ‘Cnò an eòlais’ ann am beul-aithris nan Gàidheal agus co-cheangailte ri fios Fhinn!

 

Caorann

Rowan

Feum: Bithear a’ dèanamh silidh de na caoran as t-fhoghar – tha iad math le feòil.

Slàinte is Eile: Math airson beothamain C agus freumhag, ach cuideachd airson ana-ogsadantan. Na ith na caoran amh.

 

Cluas Liath

Coltsfoot

Feum: Bidh cuid ag ithe nan duilleagan is flùraichean  - ach cha bu chòir cus ithe - agus bidh cuid a’ dèanamh tì leis na dìtheanan. Bhiodh na Gàidheil ga smocadh mar leigheas don chuing no droch chasadaich. Bidh na duilleagan a’ nochdadh an dèidh do na flùraichean falbh.

Slàinte is Eile: Thathar air a' chluas liath fhàs fad bhliadhnaichean mòra a chionn a buadhan leigheis agus lorgar i gu tric ann an cungaidhean luibhearnach do ghalaran analachaidh is amhaichean gorta. Ge-tà, tha i air a bhith connspaideach cuideachd, oir tha rannsachadh ann a sheallas ceangal eadar na prìomh cho-phàirtean dhi agus cron air a' ghrùthan, tlaman fala, agus fiù aillse.

 

Cnò-thalmhainn

Pignut

Feum: Tha na balgain air na freumhaichean air leth blasta. Ith amh iad. Blas ‘cnothach’ orra.

Slàinte is Eile: Cumanta uaireannan air talamh feurach air croitean. Na spìon cus dheth.

 

Costag Fhiadhain

Cow parsley

Feum: Cleachd na duilleagan an àite pearsail. Math le iasg. Ach NB – tha e a’ fàs ri taobh an rathaid anns an aon àite ri iteodha a tha puinnseanta (agus a tha a’ coimhead coltach ris). Tha e riatanach eòlas a chur air na lusan currain anns an fharsaingeachd (umbellifers).

Slàinte is Eile: Tha a h-ainm a’ ciallachadh ‘wild chervil’. Bi faiceallach. Tha iteodha coltach ris agus tha sin marbhtach puinnseanta. Cumanta ach a-mhàin ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd, Leòdhas & Na Hearadh.

 

Creamh

Wild Garlic, ramsons

Feum: A’ nochdadh as t-earrach. Cleachd na duilleagan an àite uinneanan earraich no gairleag. Nas blasta nuair nach eil na flùraichean a-mach.

Slàinte is Eile: Na ith na meacain – fàg san talamh iad; chan eil iad uabhasach blasta co-dhiù.

wild garlic
Wild Garlic - Creamh

Crios Chù Chulainn

Meadowsweet

Feum: A’ nochdadh sa Ghiblean, flùraichean san Ògmhios. Air a chleachdadh gu traidiseanta leis na Gàidheil mar leigheas airson droch nàdair. Na flùraichean pailt agus math airson blas a chur ri mìlsean. Na duilleagan òga feumail mar ghlasraich (ged nach còrd am blas ris na h-uile).

Slàinte is Eile: Co-cheangailte ris a’ ghaisgeach Ghàidhealach Cù Chulainn.

Meadowsweet
Meadowsweet - Crios Chù Chulainn

Cuach Phàdraig

Greater Plantain

Feum: Gabhaidh duilleagan fìor òg a chur ann an saileadan ach tha na duilleagan nas fheàrr air am bruich agus leis na cuislean air an tarraing a-mach asta – tha am blas mar bhalganbuachrach agus coltas bhloinigean-gàrraidh (spinach) air.

Slàinte is Eile: Air an cleachdadh leis na Gàidheil gu traidiseanta mar fhuar-lite (poultice).

 

Deanntag 

Common Nettle

Feum: Tha na duilleagan ùra as àirde blasta as t-earrach agus as t-fhoghar. Goil no ceòtheasaich i – tha sin a’ cur às do na meanbh-ghaoisidean a tha gad ghuineadh. Bha na seann Ghàidheil uabhasach measail air càl-deanntaig.

Slàinte is Eile: Seachain i as t-samhradh. Math airson pròtain, cailceam is mèinneirean eile, Beòthaman C agus beta-carotain.

 

Dris 

Bramble

Feum: Nithear tì leis na duilleagan ach ’s iad na smeuran as motha a thathar a’ cleachdadh. Am measg a’ bhìdh nàdarraich as fheàrr a ghabhas cruinneachadh.

Slàinte is Eile: Thoir an air’ air na biorain! Air a comharrachadh ann am beul-aithris mar ‘an dris bheannaichte’.

 

Droman 

Elder

Feum: Craobh bheag làn fhlùraichean le dath an uachdair orra eadar an Cèitean is an t-Iuchar. Blas milis orra. Nithear mìlsean is champagne leotha agus cuirear blas ri deochan. Tha na measan math airson fìon, silidh, chutney is fìon-geur.

Slàinte is Eile: Na buain cus fhlùraichean no cha bhi measan gu leòr air fhàgail as t-fhoghar!

Elder
Elder - Droman

Faidhbhile 

Beech

Feum: Gabhaidh na duilleagan òga ithe (mus bi iad buileach fosgailte) agus tha iad math le aspàrag no ann an sailead. Faodar deoch làidir a dhèanamh dhiubh cuideachd. Faodar ola a thoirt às a’ bhàchar (measan).

Slàinte is Eile: Cha robh iad nàdarrach air a’ Ghàidhealtachd agus mar sin, cha bhiodh na Gàidheil gan cleachdadh gu ìre mhòr.

 

Feada Coille 

Wood Sorrel

Feum: Blas geur. Tha na duilleagan math ann an saileadan agus ann an annlain is mìlsein. Tha na flùraichean blasta ann an saileadan cuideachd.

Slàinte is Eile:  Tòrr Beòthamain C agus beta-carotain. Na spìon an lus gu lèir. Na ith cus dheth oir tha searbhag ogsàlach ann.

Wood Sorrel
Wood Sorrel - Feada Coille

Fliodh 

Chickweed

Feum: Duilleagan òga math ann an saileadan agus air an cleachdadh mar a chleachdar bhloinigean-gàrraidh (spinach).

Slàinte is Eile: Tòrr Maignèiseim, Sionn (phosphorous), Copar, Beòthaman C, B6, B12, D is A.

 

Fraoch 

Heather

Feum: Nithear tì de na flùraichean (measgaichte le dìtheanan de sheòrsaichean eile). Nithear leann de na flùraichean cuideachd.

Slàinte is Eile: Feumail airson tughadh is bobhstairean. Fraoch Frangach (cross-leaved heath) math airson poitean a sgùradh.

Heather
Heather - Fraoch

Giuthas MhicDhùghlais 

Douglas Fir

Feum: Tha na biorain ùra so-ithe agus bog agus gabhaidh an cleachdadh airson tì a dhèanamh (le tòrr Beòthamain C innte) no mar bhlas ann am bèicearachd.

Slàinte is Eile: Chan eil a’ chraobh seo dùthchasach do dh’Alba – mar sin chan eil cus a’ buntainn rithe gu traidiseanta.

 

Leamhan 

Elm

Feum: Gabhaidh na sìl òga ithe mus tiormaich iad. Tha iad rudeigin milis agus math ann an sailead.

Slàinte is Eile: Bhiodh clann aig aon àm a’ cagnadh air cairt-leamhna airson smachd a chumail air acras. Tha na sìl làn mathais, 45% pròtain annta. 

 

Learag 

Larch

Feum: Bidh feadhainn a’ dèanamh deoch làidir (nàdar de bhodga) leis na biorain òga.

Slàinte is Eile: Chan eil a’ chraobh seo dùthchasach do dh’Alba – mar sin chan eil cus a’ buntainn rithe gu traidiseanta.

 

Lus an Leasaich 

Lady's Bedstraw

Feum: Air a chleachdadh airson bainne a bhinndeachadh (leasachadh); freumhaichean feumail airson dathadh (dearg); nithear tì leis na flùraichean.

Slàinte is Eile: ‘Rù’ ann an Uibhist. Chan eil e ann an Leòdhas is fìor cheann a tuath tìr-mòr. Casg aig aon àm air a spìonadh air a’ mhachair.

 

Lus Chasgadh na Fala 

Yarrow

Feum: Na duilleagan feumail ann an saileadan agus airson tì a dhèanamh. Math ann an annlain, gu h-àraidh le iasg

Slàinte is Eile: Air a chleachdadh air a’ Ghàidhealtachd airson fuil a bhinndeachadh.

 

Lus nam Buadh 

Wild Angelica

Feum: Tha na gasan blasta air an siùcrachadh – math air cèicichean. Cleachd an àite soilire (celery) ann an annlain. Cuiridh duilleagan blas ri sailead no sabhs càise.

Slàinte is Eile: Follaiseach nuair a nochdas na flùraichean anns an Iuchar.

 

Lus nan Dearc 

Blaeberry

Feum: Blas air leth math air na dearcan. Air an ithe amh agus airson blas a chur ri deochan.

Slàinte is Eile: Àrd ann an ana-ogsadantan.

 

Lus nan Laogh

Opposite-leaved Golden Saxifrage

Feum: Tha na duilleagan math ann an sailead as t-earrach. Gabhaidh am bruich cuideachd. Tha am blas taitneach gu leòr, ach beagan searbh.

Slàinte is Eile:  Gu tric a’ fàs ann am boglaichean is aig fuarain. Dèan cinnteach nach dèan do bhrògan cron air an àrainneachd sa bheil iad.

 

Machall Coille 

Wood Avens 

Feum: Duilleagan math ann am brot is stiubh. Cleachd na freumhaichean (amh no tiormaichte) an àite clomhais. 

Slàinte is Eile: Air oir choilltean is ri taobh an rathaid.  Chan eil e sna h-Eileanan Siar. 

 

Meannt 

Mint

Feum: Grunn seòrsaichean. Tha na duilleagan math ann an annlain, saileadan is mìlsein, agus airson tì a dhèanamh.

Slàinte is Eile: Ma tha e a’ fàs far a bheil caoraich, goil na duilleagan gu math.

 

Mirr 

Sweet Cicely

Feum: Fàileadh is blas aniseed air. Cleachd na duilleagan ann an saileadan agus le iasg; cuideachd airson blas a chur ri deochan leithid bhodga. Bidh mirr uaireannan a' fàs ri taobh iteodha air a bheil an aon choltas agus a tha marbhtach puinnseanta. A-rithist, feumaidh tu a bhith glè eòlach air na diofar seòrsachan. 

Slàinte is Eile: Dèan cinnteach nach e iteodha a th’ ann (tha sin marbhtach puinnseanta).

 

Odharan 

Hogweed

Feum: Fraighig no goil na gasan is duilleagan òga. Fraighig na gucagan ann an ìm. Cleachd na seann mheasain mar spìosrach an àite cardamom.

Slàinte is Eile: Seachainn an t-Odharan Mòr (Giant Hogweed).

 

Preas nam Mucag 

Dog Rose

Feum: Nithear siorap de na mucagan (measan). Cuir na flùrbhileagan ann an saileadan is mìlsein.

Slàinte is Eile: Tòrr Beòthamain C ann. Bidh na measan fhathast rim faighinn sa gheamhradh.

Dog Rose
Dog Rose - Preas nam Mucag

Roid 

Bog Myrtle

Feum: Tha na duilleagan feumail airson blas a chur ri leann is deochan eile. Math airson ròstadh an cois feòil-chirce.

Slàinte is Eile: Cumaidh i meanbh-chuileagan air falbh!

 

Samh 

Common Sorrel

Feum: Blas searbh air na duilleagan; gabhaidh e cleachdadh ann an reasabaidhean an àite fìongeur no liomaid. Math le iasg agus biadh Frangach. Ann an saileadan no air a bhruich. Tha am Buinteagan (Sealbhag nan Caorach) air a chleachdadh an ìre mhath anns an aon dòigh ri samh. Tha abairt ann an Uibhist a Deas – ‘cho searbh ri sùgh nam buinteagan’.

Slàinte is Eile: Àrd ann am Beòthamain C. Tòrr searbhag ogsàlach ann – mar sin, na ith cus dheth.

 

Seamrag Bhàn 

White Clover

Feum: Cuir na flùraichean ann an àran, brot is stiubh. Cuiridh iad blas ‘peasrach’ ri sailead. Gabhaidh na duilleagan a chur ann an sailead no annlan cuideachd.

Slàinte is Eile: Tòrr pròtain, Cailceim, Maignèiseim is thiamine sna duilleagan.

 

Seamrag Dhearg 

Red Clover

Feum: (Mar an t-Seamrag Bhàn).

Slàinte is Eile: Tòrr pròtain, Cailceim, Maignèiseim is thiamine sna duilleagan.

 

Searbh-bhiolair Ghiobach 

Hairy Bittercress

Feum: Tha blas làidir, searbh, piobarach air na duilleagan agus gabhaidh an cleachdadh ann an sailead no pesto.

Slàinte is Eile: Math airson Beòthamain A & C agus Cailceam, Fosforail is Maignèiseam.

 

Sgitheach 

Hawthorn

Feum: Faodar gucagan is duilleagan òga ithe as t-earrach - nuair a dh'fhàsas iad cruaidh is gleansach, chan eil iad cho blasta. Tha na flùraichean math ann an saileadan (ach dìreach nuair a tha iad ùr) is le feòil choineanaich. Tha na sgeachagan (measan) math airson silidh a dhèanamh airson ithe le feòil.

Slàinte is Eile: Tha na sgeachagan, dìtheanan agus duilleagan math airson slàinte a’ chridhe agus tha tòrr Beòthamain C anns na sgeachagan.

 

Slàn-lus 

Ribwort Plantain

Feum: Gabhaidh a chleachdadh anns an aon dòigh ri Cuach Phàdraig.

Slàinte is Eile: Math airson Beòthamain C.

Ribwort Plantain
Ribwort Plantain - Slàn-lus

Sòbhrag 

Primrose

Feum: Faodar na flùraichean a chur air saileadan, feòil ròsta no faodar an siùcrachadh; nithear fìon leis na flùraichean cuideachd. Tha na duilleagan math ann an saileadan no annlain; tha blas rudeigin milis orra.

Slàinte is Eile:  Coimhead airson àite a tha ‘breac’ le sòbhragan agus na spìon na freumhaichean.

 

Teile

Lime

Feum: Tha na gucagan is duilleagan òga blasta airson ithe amh agus bithear a’ dèanamh tì de na dìtheanan.

Slàinte is Eile: Tha cuid a’ dèanamh dheth gu bheil an tì math airson slàinte a’ chridhe agus airson a’ chnàimh (digestion).

Ri taobh a’ Chladaich

plants on the shore
By The Shore

Biatas Mara 

Sea Beet

Feum: As fheàrr as t-earrach, ach math air feadh na bliadhna. Biatas ri lorg os cionn a’ chladaich. Tha na duilleagan blasta amh no air am bruich; tha iad math ceòtheasaichte (steamed). Blasta ann am brot, no le iasg is feòil-uain.

Slàinte is Eile: Beothamain, mèinnearan gu leòr annta. Geàrr duilleagan dheth ach na spìon an lus gu lèir.

 

Brisgean 

Silverweed

Feum: Faodar na freumhaichean a ròstadh (no a ghoil no a fhraighigeadh) – tha iad car coltach ris a’ churran-gheal (meacan an rìgh). Nithear min-fhlùr (airson leithid arain) le bhith a’ bleith nam freumhaichean. Bi mothachail gum feum cead an uachdarain a bhith agad mus spìon thu freumhaichean aig lus sam bith.

Slàinte is Eile: Na spìon iad ach a-mhàin far a bheil iad cumanta me air a’ mhachair. ‘Brisgean beannaichte an Earraich – Seachdamh aran a’ Ghàidheil’ – biadh cudromach aig àm goirt san t-seann aimsir. Mar a bhiodh dùil, na spìon lus sam bith ach a-mhàin ann an àiteachan far a bheil e pailt. 

 

Càl na Mara 

Sea Kale

Feum: Ri lorg os cionn a’ chladaich. Na gasan is duilleagan blasta as t-earrach (purpaidh an toiseach, a’ fàs uaine). Bruich na gasan mar aspàrag; na duilleagan mar chàl (mus fhàs iad ro mhòr). Faodar na gasan ithe amh ann an sailead. Nochdaidh na flùraichean sa Chèitean is tha coltach ri brocolli. Tha na measan coltach ri peasraichean le blas càil orra.

Slàinte is Eile: Freumhag (fibre) gu leòr ann. Math airson ìodain, pronnasg, Beothamain C agus beag-mhèinnearan. Air a chleachdadh le iomadh cultar Eòrpach. Car gann ann an Alba, gu h-àraidh sa cheann a tuath – dèan cinnteach gun cleachdar e gu so-sheasmhach.

 

Lus a’ Ghoill 

Sea Sandwort

Feum: Os cionn a’ chladaich air gainmheach no mol. Gasan is duilleagan òga blasta (car searbh) agus nas fheàrr mus nochd na dìtheanan (ach tha iad gu math beag); cleachd mar phraiseach (potherb). Faodar na duilleagan a bhrachadh airson sauerkraut a dhèanamh.

Slàinte is Eile: Math airson Beothamain A agus C.

 

Maraiche 

Common Scurvygrass

Feum: Cleachd na duilleagan mar spìosrach – blas làidir coltach ri sgeallan no ràcadal.

Slàinte is Eile: Tòrr Beothamain C. Air a chleachdadh o shean le maraichean airson an tachas-tioram a chumail air falbh. Ri lorg os cionn a’ chladaich.

 

Meacan Ragaim Uisge 

Sea Radish

Feum: Math ceò-theasaichte mar ghlasraich-gheamhraidh (nuair a tha an lus ìosal); na gasan math ann an stir-fries. Ith na gasan is duilleagan mar ghlasraich (no sushi) agus na plaosgan (measan) òga mar a dh’ithte am meacan ruadh; tha blas car teth orra.

Slàinte is Eile: Faisg air a’ chladach. Cumanta ann an ceann an iar-dheas na h-Alba (Gall-Ghàidhealaibh). Tha na flùraichean buidhe ann an cumadh croise. Fàsaidh an lus àrd as t-samhradh.

Sea Radish
Sea Radish - Meacan Ragaim Uisge

Ràmh-dhroigheann Mara 

Sea Buckthorn

Feum: Tha na measan (ruadh, abaich as t-fhoghar) làn Beothamain C agus ana-ogsadantan. Nithear deoch leis an t-sùgh.

Slàinte is Eile: Gu nàdarrach air cùl tràghad, ach a’ sgaoileadh a-steach don tìr.

 

Slàn-lus na Mara 

Sea Plantain

Feum: Faodar na duilleagan ithe amh no air am bruich agus tha iad blasta, gu h-àraidh le iasg. Bithear a’ cleachdadh an t-sìl anns an aon dòigh no air a pronnadh gus min-fhlùr a dhèanamh dhith.

Slàinte is Eile: Faisg air a’ chladach. Math airson Cailceam agus Fosforail.

Rùrachd Feamainn

Kelp on a rocky shore, South Uist.
Foraging for Seaweed

Cairgein 

Carrageen

Feum: Gu h-ìosal air a’ chladach, a’ fàs air creagan. Air a bhuain as t-earrach gu sònraichte. Air a thiormachadh is stòradh. Air ithe mar sailead ann an Iapan ach mar as trice mar shilidh ann an Alba. Math airson brot is stiubh a thigheachadh, agus math mar mhìlsean le bainne is siùcar.

Slàinte is Eile: Gu traidiseanta math dhaibhsan a tha a’ fulang le tinneas clèibhe agus casadaich. Biadh cothromaichte agus àrd ann am Maignèiseam.

Carrageen
Carrageen - Cairgein

Duileasg 

Dulse

Feum: Gu h-ìosal air a’ chladach, a’ fàs air creagan no stamh. Air a bhuain as t-samhradh gu sònraichte. Blasta amh – ùr no tioram. Blas salainneach, cnothach. Bogaich ann an uisge agus cuir ann an saileadan. Fraighig ann an ìm no dèan criospaichean dhiubh. Air ithe gu tric mar càl duilisg.

Slàinte is Eile: Àrd ann am pròtain, mèinnirean, beothamain agus beag-eileamaidean. Sòidium ìosal, Beòthaman K àrd.

 

Duileasg Piobarach 

Pepper dulse

Feum: Math ann an sabhs, gu sònraichte air iasg agus ann an stir-fries. Air a chleachdadh an àite piobair.

Slàinte is Eile: Cha deach mòran rannsachaidh a dhèanamh.

Pepper Dulse
Pepper Dulse - Duileasg Piobarach

Feamainn Chìrean 

Channelled wrack

Feum: Gu h-àrd air a’ chladach. Air a biathadh do chrodh air a’ Ghàidhealtachd. Ach gabhaidh a h-ithe le daoine; tha blas math oirre nuair a tha na buill spòraidh oirre.

Slàinte is Eile: Làn Beòthamain C agus bheag-eileamaidean, a’ gabhail a-steach Selenium.

 

Feamainn Phìobach 

Weed

Feum: Ann an lòintean agus meadhan a’ chladaich far a bheil fasgadh. Blasta amh air a’ chladach agus ann an saileadan, sushi is msaa. Coltach ri nudailean ann am brot is stiubhaichean, ach brisidh iad le cus goile. Cuir min-fhlùr orra agus fraighig iad. As blasta as t-earrach.

Slàinte is Eile: Nas giorra is nas mìne na gille-mu-lunn, nach eil taitneach idir.

 

Glasag 

Sea lettuce

Feum: Gu tric air a cur don chladach leis an lìonadh. Math ann an sailead (amh) agus omelettes. Faodaidh i a dhol ann an aran leithid focaccia. Math le iasg no stiubhaichean feòla.

Slàinte is Eile: Tòrr pròtain, iarainn, Beòthaman B12, Cailceam, Maignèiseam, Mangaineis. Beòthaman C as àirde tràth as t-samhradh.

 

Glasag Chaolanach 

Gutweed

Feum: Air feadh a’ chladaich. Cleachd i mar a chleachdadh tu glasag. Math cuideachd air a fraighigeadh, gu sònraichte nuair a thèid i donn is cruaidh.

Slàinte is Eile: Àrd ann an Cailceam, beag-eileamaidean agus beòthamain. Ach bi faiceallach – tha e a’ fàs gu math far a bheil òtrachas.

 

Iallan Mara 

Sea-thong

Feum: Gu h-ìosal air a’ chladach. Cuiridh e blas ‘mairtfheoileach’ do bhrot is stiubha, ‘cnothach’ ann an sailead & pasta. Measgaich le spaghetti àbhaisteach airson blas a bharrachd a chur ris. Na h-imleagan (‘buttons’) gu sònraichte blasta.

Slàinte is Eile: Math airson Cailceam agus Maignèiseam, beag-eileamaidean agus beòthamain.

 

Langadal, Ròc 

Sweet kelp

Feum: Fo ìre na tràigh-shìolag. Tighinn don chladach ann am ‘brùchd’. Milis, gu h-àraidh nuair nach eil e ro òg. Air ithe amh no air a ròstadh. Gabhaidh e a ghlèidheadh tiormaichte no reòite. Math airson iomadh seòrsa bìdh bho stiubhaichean gu brìosgaidean is ceicichean. Math mar chriospaichean no ‘mìlsean-mara’.

Slàinte is Eile:  Measgachadh math de mhèinnirean, beòthamain & beag-eileamaidean. ACH tòrr ìodain ann – na ith cus dheth.

 

Mircean 

Badderlocks

Feum: Lorgar e aig ìsle-traghad aig an reothairt. Coltach ri wakame (Iapan) ach feumach air còcaireachd airson 40 mion. cf wakame (15 mion.) Math airson brot (me miso soup). Blas ‘feòil-chirce’ air a chòcaireachd le rus. Math ann an saileadan ma tha e air a bhogadh ro-làimh ann an sùgh liomaid. Bogaich mircean ann an uisge agus cleachd an t-uisge sin anns a’ chòcaireachd.

Slàinte is Eile:  Àrd ann an Cailceam, beòthaman B & beag-eileamaidean. Beòthaman C as àirde aig deireadh an earraich. Beòthaman K àrd tràth as t-samhradh. Beòthaman B12 àrd sa gheamhradh agus tràth as t-earrach.

 

Slòcan 

Sloke, Laver

Feum: Feamainn mhìn a tha a’ fàs gu tiugh air creagan; coltas eadar donn is purpaidh oirre. Coltach ri nori (Iapan). Blas tlàth, car cnothach. Math airson sushi a dhèanamh. Math air a thostadh agus air a chur air saileadan mar chriomagan. Blasta ann an stiubha, brot agus pesto. Faodaidh e a dhol ann an reasabaidh an àite bloinigeangàrraidh. Math cuideachd le mìlsean, gu sònraichte le teoclaid agus dinnsear.

Slàinte is Eile: Àrd ann am beòthaman A, B, C, E, K, thiamaine is beta-carotain. Barrachd pròtain na feamainn eile. Gabhaidh tòrr ithe gun a bhith a’ dol thairis air na tha ceadaichte de dh’ìodain a rèir WHO. Gu leòr Fosforail, Potaiseam, Iarann, Copar, Mangaineis is Sionc.

 

Stamh 

Oarweed, Sea tangle, Forest kelp

Feum: Bonn a’ chladaich far am fàs e gu tiugh. Math an cois phònairean agus le feòil, càise, glasraich agus iasg. Blas cnothach air. Air a chleachdadh airson dashi (Iapan). Blasta mar chriospaichean.

Slàinte is Eile: Àrd ann am mèinnirean, beothamain agus beageileamaidean. Ach bi faiceallach oir tha tòrr ìodain ann.

Feedback
  • Facebook
  • X
  • Whatsapp
  • Email

You may also be interested in

Foraging

Once a means of seasonal sustenance, foraging is enjoying a revival. Keen to eat fresh, seasonal and local food? Then learn how to reconnect with the land.

12 Apr, 2017

Gaelic

Tha dlùth-cheangal ann eadar nàdar na h-Alba agus a' Ghàidhlig, leis a' chànan a' toirt dhuinn lèirsinn 's tuigse air leth air an t-saoghal mun cuairt oirnn.

News and Blogs

Agreement for better nature and more secure food in Scotland

Strengthening the link between nature and sustainable farming in Scotland.

News - 19 June

With a Little Help From our Friends

An announcement that celebrates nature-based volunteering and citizen science

Blog - 6 June

New funds for venison supply chain

The third round of the Low Ground Venison Supply Chain Project was launched today (18 June) at the Royal Highland Show at Ingliston.

News - 18 June

Helping Scotland’s Rainforest thrive

Helping to restore Scotland’s precious rainforests by reducing deer grazing pressures.

Blog - 28 May

Crofters invited to share stories

Crofters in the Outer Hebrides are being sought for a new study exploring island crofting life, nature, and personal wellbeing.

News - 12 June

Croitearan gan sireadh airson sgrùdadh ùr

Rannsachadh air beatha croitearachd, nàdar ’s sunnd sna h-Eileanan

News - 12 June

View all news

View all blogs

Back to top Back to top

Quick Links

  • What we do
  • FAQs
  • Contact us
  • Our work
  • Licensing
  • Careers
  • Gaelic
  • Events
  • Sitemap
  • Publications & Documents
  • Board and Committees
  • NatureScot data services
  • Freedom of Information
  • LinkedIn
  • Facebook
  • Instagram
  • YouTube
  • Wordpress
  • Flickr

 

© NatureScot 2025

  • Privacy policy
  • Cookie policy
  • Accessibility
  • Copyright
  • Links policy
  • Feedback