
Na Fìor Gharbh-chrìochan
27 Cèitean 2021
’S e an t-àite as fhaide dhan iar air tìr mòr na dùthcha. Tha an t-àite garbh ach àlainn agus tha cruth na tìre cho drùidhteach is gun toireadh e buille mhòr air do chridhe. Sin agad àird fhiadhaich iongantach Àird nam Murchan.
Mar as dual do a leithid a chruthan tìre, ’s dòcha gu bheil e beagan nas dorra an t-àite a ruigsinn, ach air sgàth pròiseict ùir dùbhlanaich, bidh e nas fhasa tadhal air an àite bhon sgìre fhèin agus nas fhaide air falbh.
’S e prògram inntinneach, aig diofar ìrean, a th’ ann an The Real Wild West: Adopt-a-Monument agus bheir e brosnachadh cultarail is turasachd don sgìre eachdraidheil seo.
Tha buidhnean a’ phròiseict glè eòlach air na tha sònraichte mun sgìre. ’S e prìomh charthannas àrc-eòlais na h-Alba a th’ ann an Archaeology Scotland agus thig iomairt iom-fhillte a thaisbeanas an t-àite barraichte seo às a’ chom-pàirteachas le coimhearsnachd taobh an iar Àird nam Murchan.
Tha naidheachd mhath do dh’Àird nam Murchan an cois sgeama dùbhlanach ‘Adopt-a-Monument’ le Archaeology Scotland.
Tha e fa-near gum bi am prògram dà bhliadhna seo cho farsaing is a tha de dhoimhneachd ann. Cumaidh am prògram taic ris a’ choimhearsnachd is iad a’ rannsachadh, a’ gleidheadh is a’ taisbeanadh an cuid àrc-eòlais is dualchais a chuireas ri math na coimhearsnachd san àm ri teachd. Mar thoradh air a’ phrògram, thèid staid, goireasan mìneachaidh is cothroman cleachdaidh deich làraichean àrc-eòlach a thoirt am feabhas, slighean dualchais a leasachadh, trì ionadan dualchais do luchd-turais a dhealbhadh, sgrùdaidhean àrc-eòlach is àrc-eòlas ùr a lìbhrigeadh agus sgilean àrc-eòlach is dualchais is trèanadh a thoirt seachad do mhuinntir is buidhnean na sgìre. A thuilleadh air seo, thèid prògram didseatach is mìneachaidh a dhealbhadh airson àiteachan tarraingeach a dhèanamh is moit a neartachadh sa choimhearsnachd agus daoine a thàladh don sgìre.
’S e sgìre le eachdraidh bheairteach a th’ ann an Àird nam Murchan.
Tha còrr is fichead làrach àrsaidh chlàraichte ann agus càirn Nuadh-leacach, tursachain bho Linn an Umha agus iomadh dùn nam measg. Bha còrr agus 5000 duine a’ fuireach ann anns na 1850an agus an àireamh seo air tuiteam gu 1000 ann an 1950. Tha fianais eachdraidheil bho linntean nan Lochlannach is nam Fuadaichean agus taghadh de phrìomh chuspairean eachdraidheil na h-Alba ri faicinn air na làraichean.
Fhuair am pròiseact taic bho Chomann Eachdraidh is Dualchais Àird nam Murchan (aig a bheil làrach-lìn air leth math) agus uachdarain is croitean agus tha e coltach gu bheil a h-uile rud a’ tighinn ri chèile airson am pròiseact dualchais air leth seo a thoirt gu buil ann an 2021 is 2022.
Tha The Real Wild West: Adopt-a-Monument agus pròiseact Àird nam Murchan nam pàirt de phrògram phròiseactan Albannach luach £9 millean de mhaoineachadh sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan airson barrachd chothroman agus cothroman nas fheàrr a liubhairt do luchd-turais a leigeas leotha tlachd fhaighinn à beartasan nàdarra is cultarail. Tha am prògram air taic mhòr fhaighinn bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail, a th’ air a maoineachadh tron Mhaoin Leasachaidh Roinneil Eòrpaich (ERDF) is air a stiùireadh le NatureScot.
Bidh a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail a’ brosnachadh dhaoine a thighinn a thadhal air àiteachan nas iomallaiche air an tuath airson dreuchdan, gnìomhachasan is seirbheisean ann an coimhearsnachdan ionadail a chruthachadh is a ghleidheadh. Agus leigidh a’ mhaoin le coimhearsnachdan dualchas nàdarra is cultarail na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhrosnachadh ann an dòigh a ghleidheas is a dhìonas iad.
Bidh am pròiseact The Real Wild West ag iarraidh air muinntir Àird nam Murchan a thighinn an sàs ann tro ghrunnan chothroman. Ann an 2021 (agus a rèir lèir-sgaoileadh a’ choròna-bhìorais), bidh dà sgrùdadh àrc-eòlach cò-latha-deug a’ dol aig Camas nan Geall. Agus ann an 2022, thèid gnìomh àrc-eòlais ùir fheuchainn nuair a thèid taigh-dubh ath-dhealbhadh.
Agus tha tuilleadh ann! Bithear a’ cur ri deich làraichean àrc-eòlach tro inntrigeadh is soidhnichean ùra an dèidh rannsachadh is clàradh air mòran de na feartan ann an Àird nam Murchan.
Tha Archaeology Scotland mion-eòlach air obair mar seo agus iad an sàs ann an gleidheadh is brosnachadh ùidh ann an làraichean beairteach dualchas na h-Alba bho 1944.
Thèid na tachartasan aca a shanasachadh anns an sgìre leis an dòchas gun tig nas urrainn de dhaoine an sàs ann. Ionnsachaidh a h-uile neach sgilean ùra, eadar cladhach àrc-eòlach is togail bhallachan cloiche agus eadar sgrìobhadh aithisgean is togail dhealbhan. Ann an taobh eile den phròiseact, thèid trèanadh a lìbhrigeadh ann an cothroman gnìomhachais is turasachd san roinn dualchais.
’S e pròiseact dùbhlanach a tha seo agus mar sin dheth bha iomadh cnap-starra roimhe. Chaidh mòran ùine a chosg aig an toiseach air cùisean co-cheangailte ri Covid-19 agus air pròiseasan is riaghailtean an cois maoineachadh ERDF. Tha sinn an dòchas nach tèid uiread a dh’ùine a chosg air a leithid a-nis agus gun tèid an obair bho neart gu neart san àm a tha romhainn.
Tha iomadh dòigh ann airson naidheachd a’ phròiseict fhaighinn:
- Facebook: archaeology.scotland
- Twitter: @ArchScot
- Làrach-lìn: www.archaeologysctoland.org.uk
- Post-d: [email protected]
- Comann Eachdraidh is Dualchais Àird nam Murchan
Ma tha ceist sam bith agad mun phròiseact no nam bu toigh leat a thighinn an sàs, cuir fios gu Paul Murtagh aig Archaeology Scotland [email protected]
Cùm sùil air an làraich-lìn againn fhad ’s a tha an obair a’ dol air adhart. Bha bliadhna shàmhach againn an-uiridh leis na bha a’ tachairt aig an àm, ach ’s ann a thèid sgeul Àird nam Murchan innse às ùr a-nis ann an dòigh nam fìor Gharbh-chrìochan.
