Lèirsinn shoilleir an Eilean a’ Cheò
4 Lùnastal 2021
Thathar ag ràdh gu bheil an t-ainm ‘Sgitheanach’ a’ riochdachadh seann cheanglaichean Lochlannach is e stèidhichte air facal a bha a’ ciallachadh ‘sgòth’ agus ’s ann mar Eilean a’ Cheò a dh’aithnicheas cuid e. Tha an t-eilean soirbh gu leòr a ruigsinn agus tha turasachd air a dhol am meud gu mòr o chionn beagan bhliadhnaichean.
Ach tha cosgais an cois na fèille. Is gann gun tèid aig a’ bhun-structar cumail ris an àrdachadh seo. Ach chan eil cobhair fad às. Tha Skye’s Iconic Natural Heritage Sites Project air a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail a chur gu feum airson aire air seallaidhean, fiadh-bheatha is cultar na sgìre a thoirt am feabhas.
Tha Outdoor Access Trust, a bhios a’ stiùireadh a’ phròiseict, air aon de na com-pàirtichean agus thèid bun-structar is dòighean mìneachaidh a leasachadh air trì làraichean ainmeil – Bodach an Stòir, a’ Chuith-raing agus Glumagan nan Sìthichean. Thèid gach làrach a thoirt am feabhas tro chothroman cleachdaidh is àiteachan seallaidh nas fheàrr agus fiosrachadh nas co-òrdanaichte airson sàr thursan do luchd-turais a thoirt gu buil.
’S e Dougie Baird, Àrd-oifigear Outdoor Access Trust an Alba is manaidsear a’ phròiseict. Dh’innis e dhuinn dè tha fa-near don phròiseact agus ciamar a bhios e a’ lìbhrigeadh nan leasachaidhean seo.
Dougie, an urrainn dhut blasad den phròiseact a thoirt dhuinn?
Bidh Skye’s Iconic Natural Heritage Sites Project a’ freagairt ri cion bun-structar turasachd is dhòighean mìneachaidh anns an Eilean Sgitheanach. Thèid tursan an luchd-tadhail a thoirt am feabhas do bharrachd dhaoine air trì de na làraichean as ainmeile agus as trainge – ’s iad sin Bodach an Stòir, a’ Chuith-rang agus Glumagan nan Sìthichean.
Thèid seo a choileanadh tro leasachadh a’ bhun-structair choiseachd – ceuman, drochaidean, àiteachan seallaidh; càradh cheuman is àrainnean; agus prògram mìneachaidh co-òrdanaichte tro bhùird fhiosrachaidh is soidhnichean, cuide ri sanasachd, margaideachd is iomairtean ceangailte an lùib co-theacsa nas fharsainge mun Eilean Sgitheanach mar àite turasachd.
Le bhith ag ullachadh nan trì làraichean don àm ri teachd, bu chòir gum bi luchd-turais air am brosnachadh gu fuireach nas fhaide agus tadhal air ceàrnaidhean eile den eilean agus mar sin a’ cosg barrachd airgid san eilean; bhiodh cliù an eilein air a ghleidheadh is air a neartachadh mar àite turais air am bu chòir don a h-uile duine tadhal.
Dè dh’adhbharaich stèidheachadh a’ phròiseict seo?
O chionn beagan bhliadhnaichean, tha pìosan naidheachd mhì-fhàbharach air nochdadh a tha air innse gu bheil an t-Eilean Sgitheanach làn no nach eil fàilte ro luchd-turais. Ann an 2018, chuir CNN an cèill gun robh an t-Eilean Sgitheanach aig àireamh a h-aon air liosta de dh’àiteachan a bu chòir do luchd-turais seachnadh air sàillibh ’s gun robh cuid den bheachd gun robh cus dhaoine ann a rèir bun-structar an eilein.
Thàinig an suidheachadh seo gu buil mar thoradh air àrdachadh mòr an àireamh an luchd-tadhail don eilean is na làraichean ainmeil thar grunn bhliadhnaichean. Chaidh 80,000 luchd-tadhail a chlàradh aig Glumagan nan Sìthichean ann an 2016/17, àireamh a bha neo-sheasmhach an uair ud ach chaidh còrr is 180,000 a chlàradh ann an 2019; agus anns an aon bhliadhna, chaidh 340,000 daoine a chlàradh aig Bodach an Stòir.
B’ urrainn don eilean barrachd luchd-turais a ghabhail. Ach air sgàth cion bun-structar bunaiteach is ghoireasan luchd-turais, tha barrachd chàraichean air rathaidean beaga ionadail is ceuman monaidh agus na bha a’ fàs ri an taobh a’ crìonadh is a’ fulang gu mòr.
’S ann air an dearbh adhbhar seo a chaidh an iomairt The Skye Iconic Sites Project (SISP) a stèidheachadh ann an 2018 agus anns a bheil na leanas an sàs: Outdoor Access Trust for Scotland (com-pàirtiche lìbhrigidh a’ phròiseict) agus Skye Connect (buidheann stiùireadh àiteachan turais an Eilein), dà bhuidhinn choimhearsnachd ionadail – Urras Stafainn agus Minginish Community Hall Association (MCHA), Comhairle na Gàidhealtachd agus Scottish Government Rural Payments and Inspections Directorate (am prìomh uachdaran).
Tha an com-pàirteachadh neo-fhoirmeil seo a’ tuigsinn an luach an cois liubhairt fhuasglaidhean seasmhach is maireannach airson àiteachan turais nàdarra a leasachadh gus am faigh a h-uile duine tlachd asta fad iomadh bliadhna ri teachd.
Tha SISP air a dhol an sàs san trioblaid is e fa-near don phròiseact tursan an luchd-turais a thoirt am feabhas agus stiùireadh seasmhach a thoirt gu buil air na làraichean seo a tha an dà chuid iomallach ach air leth tarraingeach do luchd-turais.
An ann san Eilean Sgitheanach a-mhàin a tha an cion maoineachaidh ann am bun-structar inntrigidh ri fhaicinn?
Chan eil an t-Eilean Sgitheanach na aonar ged a tha na cùisean turasachd an sin air a bhith fo phrosbaig nam meadhanan san Rìoghachd Aonaichte agus air feadh an t-saoghail. Tha na sluaghan a thill do thuath na h-Alba an dèidh lasachadh bhacaidhean siubhail Covid-19 air trioblaidean pàircidh a thoirt am miosad, air salachar fhàgail ri taobh rathaidean agus slighean air feadh na dùthcha a mhilleadh. Tha a’ chùis air cion maoineachaidh ann am bun-structar inntrigidh a thoirt am follais air an robh feum fad iomadh bliadhna. Tha e coltach gum bi fàs sa bhliadhna seo ag adhbharachadh fàs buan agus ginealach ùr a’ cur eòlas air na th’ air a stairsnich fhèin. Bidh seo na bhuannachd airson sunnd is slàinte dhaoine ach thig buaidh mhòr air an tuath na chois.
Bidh Skye’s Iconic Natural Heritage Sites Project a’ toirt teamplaid gu buil a ghabhas cleachdadh an àiteachan eile gus an soirbhich le leasachadh turasachd sheasmhach ann an àiteachan iomallach air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh.
Nach innis thu dhuinn beagan a bharrachd mun phròiseact fhèin?
Thèid am bun-structar inntrigidh a leasachadh airson leigeil le farsaingeachd nas motha de dhaoine na trì làraichean a chleachdadh. Thèid prìomh eileamaidean na h-obrach a choileanadh thairis air dà bhliadhna agus togail ceum do gach comas aig a’ Chuith-raing na measg, a leigeas le daoine ann an cathraichean-cuibhle sàr àite seallaidh a ruigsinn far am faicear a’ Chuith-raing agus a’ mhuir. Leigidh na drochaidean ùra aig Glumagan nan Sìthichean le daoine aig nach eil de mhisneachd no de chomasan a dhol tarsainn air na h-uillt gu sàbhailte. Thèid àiteachan seallaidh ùra air na trì làraichean a chur air dòigh a leigeas le daoine tlachd fhaighinn asta.
Tha stèidheachadh prògram slàn de dh’obair ath-bheothachadh àrainnean riatanach airson stad a chur air crìonadh àrainneachail mar a tha e agus na h-àrainnean a neartachadh air na trì làraichean – tha an cron cho leathann ri 40 meatair ann an cuid a dh’àiteachan!
Tha e fa-near don phròiseact luachan dualchais a ghleidheadh aig ìre sheasmhach gus am faigh na ginealaichean a th’ ann is ri teachd cothrom eòlas a chur air agus tlachd fhaighinn às na làraichean ann an staid a tha fada nas fheàrr.
Thèid luchd-turais a chuideachadh gus am faigh iad nas urrainn às an turas tro fhiosrachadh nas fheàrr air na trì làraichean air sgàth plana co-òrdanaichte agus dhòighean mìneachaidh. Thèid a dhealbhadh a rèir feuman sheòrsachan ùra is nas measgaichte de luchd-tadhail agus e a’ toirt fa-near do an cuid chànanan. Tha e riatanach gun tèid a’ Ghàidhlig is cultar nan Gàidheal ùisneachadh le fradharc Gàidhealach seach eadar-theangachadh facal air an fhacal air ainmean-àite is lusan is ainmhidhean na sgìre. Thèid cuid mhòr den fhiosrachadh is mìneachadh a thoirt seachad anns na raointean-chàraichean a ghabhas cleachdadh leis a h-uile duine a dh’aindeoin comas agus a chuireas ri goireasan pàircidh is nan taighean-beaga.
Tha muinntir an eilein san fharsaingeachd a’ cumail taic ri amasan Skye’s Iconic Natural Heritage Sites Project agus obair a’ dol no air a coileanadh air raointean-chàraichean is taighean-beaga ùra air na trì làraichean tro iomairtean co-òrdanaichte eile. Thig buannachd a bharrachd an cois nan raointean-chàraichean. Thig sruthan airgid ùra gu dìreach bho chìsean pàiricidh air na làraichean a chuirear ri seasmhachd a’ bhun-structair inntrigidh, ath-bheothachadh àrainnean agus uidheam mìneachaidh air gach làrach.
Ciamar a thathar a’ maoineachadh a’ phròiseict?
Tha buidseat iomlan de bheagan fo £1 millean aig Skye’s Iconic Natural Heritage Sites Project. Thig £650,516 bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail (NCHF), air a stiùireadh le NatureScot agus air a mhaoineachadh ann am pàirt tron Mhaoin Leasachaidh Eòrpach (ERDF); agus maoineachadh a bharrachd bho Outdoor Access Trust for Scotland - £98,793, Scottish Government Rural Payments Inspections Division (SGRPID) - £150,000, Minginish Community Hall Association - £20,000, Comhairle na Gàidhealtachd - £10,000.
Nòtaichean:
Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail air a mhaoineachadh ann am pàirt tro phrògram na Maoin Leasachaidh Eòrpaich (ERDF) aig Riaghaltas na h-Alba, a bhios a’ dol gu 2023. ’S e seo fear de na dhà Eadar-theachdan Ro-innleachdail ERDF a bhios NatureScot a’ stiùireadh – ’s e Maoin na Bun-structair Uaine am fear eile.
Leanaibh blog nam Maoinean Structarail Eòrpaich airson an tuilleadh fios is naidheachd às ùr. Rachaibh gu @scotgovESIF air Twitter no cleachdaibh #ERDF is #europeanstructuralfunds