Làdach de Chladach
13 Gearran 2023
Leugh ann am Beurla / Read in English
A’ rùrachadh sgeulachdan a’ chladaich an iar le aplacaid COAST
Bha fios againn a-riamh gu bheil beartas de sgeulachdan brosnachail rin lorg air cladach an iar na h-Alba. Tha feadhainn dhiubh gu math ainmeil, mar theicheadh a’ Phrionnsa an dèidh blàr Chùil Lodair, a’ chòmhstri eachdraidheil eadar na Dòmhnallaich ’s na Caimbeulaich, eilthireachd on Ghàidhealtachd chun nan Stàitean Aonaichte is Canada agus stèidheachadh Abaid Ì le Naomh Calum Cille. Tha mìle ’s a h-aon sgeulachd eile ann nach eil idir cho ainmeil ach a cheart cho drùidhteach ’s a bheanas ri cridhe agus a tha cudromach nan sgìrean fhèin agus sna coimhearsnachdan aca fhèin. Tha làrach-lìn is aplacaid “The Coast that Shaped the World” a’ toirt cothrom do mhuinntir an àite agus luchd-tadhail eòlas is tuigse a chur orra.
Tha cha mhòr 400 sgeulachd air an làrach-lìn agus san aplacaid a chaidh a chruinneachadh suas is sìos cladach is eileanan an taobh siar, a’ riochdachadh is a’ comharradh daoine, coimhearsnachdan, dualchas, cultar is àrainneachd an àite. Chaidh an toirt cruinn le sgioba ionadail de luchd-cruinneachaidh sgeulachdan a rinn obair còmhla ri daoine agus buidhnean dualchais airson sgeulachdan a lorg aig a bheil freumhan ro-dhomhain sna sgìrean aca. Thug iad cruinn pailteas de sgeulachdan a tha a’ sealltainn dè cho beartach ’s a tha an dualchas cultarach is nàdarra air cladach an iar na h-Alba – feadhainn a tha cudromach gu nàiseanta no fiù eadar-nàiseanta agus feadhainn eile a tha cudromach dhan àite agus a bheir cothrom dhuinn a dhol an sàs àite gu domhain. Mar eisimpleir, air Eilean Bhòid tha sgeulachdan mu fhear-malairt an tì, Sir Thomas Lipton agus an dreuchd a bh’ aige san rèis seòlaidh eadar-nàiseanta, “Cuach Aimeireaga”, na rinneadh de dheuchainnean is cleachdadh de theicneolas armailteach san dàrna chogadh mhòr agus aiseag is rathad dròbhaireachd a chleachd daoine fiù sna 1600an.
Chaidh aplacaid COAST a dhealbhadh a dh’aona-ghnothaich airson ’s gum bi e gu feum dhaoine a th’ anns na sgìrean ud agus iad airson nan sgeulachdan seo a rùrachadh nuair a bhios iad a-muigh air a’ bhlàr. Tha geò-tagadh ri gach sgeulachd airson ’s gum bi e furasta do dhaoine na ceart àitichean a lorg far an do thachair rud. Chaidh sgeulaichean a chlàradh is iad ag innse cuid dhe na sgeulachdan seo. ’S e rud gu math glòrmhor a th’ ann, a bhith a-muigh agus a’ leughadh no ag èisteachd ri sgeulachd ga h-innse air an làrach far an do thachair e. Thug e tlachd ro-mhòr do sgioba OGE gun robh cothrom aca gach sgeulachd a fhuaras a leughadh ann an ceum na bu tràithe dhen phròiseact – agus abair obair dhoirbh a bh’ aca nuair a b’ fheudar dhaibh dìreach 400 dhen 1,300 sgeulachd a fhuaras a thaghadh (chaidh an còrr dhiubh a chur ann an tasglann shàbhailte agus tha cinnt gum bi feum orra ann am pròiseact eile no rannsachadh san àm ri teachd) agus tha e na rud mìorbhaileach lorg fhaighinn orra ’s tu air a’ bhlàr a-muigh.
Chaidh na sgeulachdan a chur an òrdugh air dòigh a nì e furasta do dhaoine grèim fhaighinn orra a rèir nan rudan anns a bheil ùidh aca. Ged a tha na mapaichean digiteach gan seòrsachadh a rèir sgìre, ’s urrainn dhut an rùrachadh a rèir chuspairean cuideachd. Tha tagaichean mar “Seumasaich”, “long-bhrisidhean” is “àrc-eòlas” a’ sealltainn gu bheil pailteas an cumantas eadar coimhearsnachdan a’ chladaich an iar agus nan eilean is iad a’ cur cuid dhe na h-iomairtean is buadhan eachdraidheil fon phrosbaig. Gheibhear sgeulachdan mu na Lochlannaich eadar Ros an Iar, an t-Òban agus Eilean Ì. Tha sgeulachdan mun lorg a dh’fhàg fuadaichean nan Gàidheal air feadh nan sgìrean. Tha na ceudan de sgeulachdan mu sheòladh, mun iasgach, mu thaighean-solais is uilebheistean mara a’ sealltainn dè cho mòr ’s a bha coimhearsnachdan a’ chladaich an iar a’ crochadh air a’ chuan a-riamh.
Bidh sgioba OGE trang a’ tarraing aire nan daoine ris a’ ghoireas ùr mìorbhaileach seo thairis air na mìosan seo romhainn. Bhiodh e gasta nan cleachdadh daoine an aplacaid seo ’s iad a’ beachdachadh air turas agus tadhal air cuid dhe na làraichean far an do thachair na sgeulachdan seo, ge be cuideigin a tha a’ fuireach ann agus airson coiseachd leis a’ chù am badeigin ùr no neach-tadhail thall thairis a tha a’ planadh làithean-saora cola-deug. Tha sinn ann an com-pàirteachas le pròiseact “Spiorad na Gàidhealtachd” agus Ionad Eachdraidh OGE airson sreath de shlighean a chruthachadh a bhios stèidhichte air cuspairean àraidh sna sgeulachdan agus cruthaichidh oileanaich Ealain Chruthachail OGE dealbhan is obair-ealain clòtha a chaidh a bhrosnachadh aca. Tha sinn air leth toilichte gun toir COAST na sgeulachdan seo gu luchd-èisteachd ùr agus gun cuir e dreach ùr air eachdraidh.
Tha an aplacaid seo saor ’s an-asgaidh ri luchdadh a-nuas. Lorg “The Coast that Shaped the World” ann am bùth nan aplacaid agad. ’S e seo an làrach-lìn: coast.scot
’S urrainn dhut ar leantainn air Facebook agus Instagram @coastscot
A bharrachd air maoineachadh le ERDF/NCHF NàdarAlba, fhuair am pròiseact seo maoineachadh o Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Cailleannach Mac a’ Bhriuthainn cuideachd.
Nòtaichean:
Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt de phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach (ERDF) le Riaghaltas na h-Alba a mhaireas gu 2023. Tha a’ mhaoin seo air aon den dà Ghnìomh Ro-innleachdail ERDF a th’ air an stiùireadh le NatureScot – ’s e A’ Mhaoin Bhun-structair Uaine a th’ air a’ Ghnìomh Ro-innleachdail eile.
’S urrainn dhut bloga Maoin Structarail Eòrpach a leantainn airson na naidheachd as ùire air gnìomhan is tachartasan ESF. Tha an naidheachd Twitter aig @scotgovESIF no na comharran #ERDF agus #europeanstructuralfunds