A’ cumail beò eachdraidh
14 Samhain 2022
Read in English
’S e eilean nan iomadh riochd a th’ ann an Uibhist. Thoir sùil air mapa an eilein agus chì thu an diofar mòr eadar bàigh ghainmheach a’ chladaich an iar agus cladach creagach eagach an ear. Eadar an dà thaobh seo, tha mòintichean mòra agus gheibh thu nòisean gur e tìr a th’ ann a thug an dà chuid tàladh is dùbhlan dhan luchd-tuineachaidh.
Ma nì thu rannsachadh air na coimhearsnachdan a thug feum às an dubh-thalamh san iar agus na mòintichean, gheibh thu fianais air ùr-ghnàthachas agus rìghneas thar nan linntean.
Tha an tìr annasach seo làn de bhuirgh, cùirn sheòmarach, tursachan, dùin is taighean-cuibhle. Ach chan eil seo furasta oir thug na linntean leotha a’ chuid as motha dhen fhianais fhollaiseach agus sin as adhbhar gu bheil Pròiseact Àrc-eòlas Biortail Uibhist cho cudromach. Tha teicneolas digiteach a’ toirt dhuinn plathadh nas fheàrr air na làithean a dh’aom agus mar a thàinig ar sinnsearan beò sna h-àitichean drùidhteach seo.
Bha e na phàirt chudromach dhen chultar ionadail o chionn fhada eachdraidh nan Eilean Siar innse. Tha an sgìre ainmeil airson beul-aithris bheartach agus tha an teicneolas as ùire a’ toirt leinn inneal a sheasas ri thaobh airson eachdraidh bheartach na sgìre a ghlèidheadh.
Chaidh an aplacaid Ulaidhean Uibhist a chur air bhog airson còig làraichean àrc-eòlais ann an Uibhist a chomharradh agus dh’atharraich sin an dòigh air an tèid sinn an ceann an t-seach-shaoghail an seo. On a chaidh an aplacaid a chur beò ann an 2021, chaidh trì làraichean àrc-eòlais ath-chruthachadh air dòigh dhigiteach, a cheart cho mòr ’s a bha iad o shean. Tha an fhìorachd leasaichte ag obair glè mhath airson a leithid a dh’eòlas, oir tha e a’ taisbeanadh nan làraichean san dreach a bhiodh orra ann an àird an cuid làithean.
Le teacsa ann an dà chànan, modailean 3D, fuaimean agus beòthachaidhean, tha an aplacaid a’ toirt sealladh gu tur eadar-dhealaichte air na làraichean dhan luchd-tadhail, rud a tha cho math ’s a ghabhas gun teagamh.
Tha trì làraichean aig a bheil cudromachd eadar-nàiseanta am broinn a’ ghleus ùir seo gu ruige seo ann an Uibhist a Deas: Cladh Thàlainn à Linn an Umha, Cill Donnain, taigh-cuibhle à Linn an Iarainn agus Taigh-fada Lochlannach Bhòrnais. Thèid an aon rud a dhèanamh air làraichean Uibhist a Tuath ann an 2023 is Dùn Torcaill, borgh à Linn an Iarainn agus Dùn an Sticir, talla às na meadhan-aoisean, a’ tighinn dhan aplacaid a dh’aithghearr.
Chan fheumar ach earrann bheag airson naidheachd mar seo innse ach tha obair mhòr agus mhionaideach an lùib ath-chruthachaidh dhigitich. Feumaidh tu togalach ath-chruthachadh air dòigh bhiortail on chlach-bhuinn suas chun a’ mhullaich, stèidhichte air an fhiosrachadh a th’ agad a thaobh meud is obair ailtireachd. ’S e eòlaichean modailidh a tha a dhìth airson a leithid a rud agus rinn an sgioba aig PEEL.X obair gun sgur le sgioba pròiseact Ulaidhean Uibhist is rinn iad ath-chruthachadh mìorbhaileach stèidhichte air na dh’ionnsaich sinn san obair-chladhaich a rinneadh roimhe.
Tha aon rud eile inntinneach mun aplacaid – ged as urrainn do dhuine sam bith a luchdadh a-nuas an-asgaidh, chan fhaighear cothrom air an ath-chruthachadh slàn ach air an làraich fhèin. Anns an dòigh seo, thathar airson brosnachadh a thoirt do dhaoine am blàr a-muigh a thoirt orra agus na làraichean iad fhèin a rùrachadh sna h-àitichean drùidhteach ud eadar machair is mòinteach. Oir thathar a’ creidsinn nach gabh cudromachd làrach àrc-èolas Uibhist a thuigsinn buileach ach san àite fhèin!
Bha e a-riamh mar phàirt dhen phròiseact seo a dhol an ceann nan coimhearsnachdan ionadail. Mar a mhìnich an Dr Emily Gal, co-òrdanaiche a’ phròiseict, “’S e iomairt air leth torrach a bh’ againn, a’ cruthachadh susbaint còmhla ris na coimhearsnachdan ionadail – agus ’s fheàirrde an
aplacaid agus susbaint nan taisbeanaidhean iad seo”. Bha a h-uile duine gu sònraichte toilichte gun robh cothrom aca co-obrachadh le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, buill Buidheann Àrc-eòlais Coimhearsnachd Uibhist agus comuinn eachdraidh ionadail.
Anns na seiseanan air a bheil an co-obrachadh seo stèidhichte, bha cothrom aig na com-pàirtichean na rudan a lorgadh ann an Cill Donnain, an taigh-cuibhle à Linn an Iarainn, a rùrachadh agus feuchainn mar a dh’obraicheas pròiseas inntinneach a’ mhodailidh dhigitich 3D. Thug e tlachd nach beag do dhaoine gun robh rudan a rinneadh aig na bùthan-obrach seo a’ nochdadh san taisbeanadh ioma-mheadhanach aig Taigh-tasgaidh Chill Donnain as t-samhradh, an dà chuid mar mhodailean digiteach 3D air àrd-ùrlar eadar-ghnìomhach agus mar obair clò-bhualaidh 3D dhathach a b’ urrainn do dhaoine beantainn ris.
Ach ’s e an sreath de bhùthan-obrach a rinneadh leis na sgoilearan aig Sgoil Uibhist a Tuath a’ ghnìomhachd a chòrd ris an sgioba as fheàrr. Chuir iad an aplacaid fo dheuchainn agus chuidich iad an uair sin le cruthachadh a’ bheòthachaidh dhà-chànanaich a dh’innseas sgeul Ùistean MacDhòmhnaill (Ùistean mac GhillEasbaig Chlèirich) – a bhiodh a’ fuireach ann an Dùn an Sticir aig àm agus a nochd ann an iomadh sgeulachd is naidheachd. Rinn na sgoilearan tàlantach bùird na sgeulachd agus b’ iadsan a rinn an thar-ghuth cuideachd agus ’s e beòthachadh air leth gun a leithid eile a thàinig às agus a tha a-nis san aplacaid agus san taisbeanadh. ’S urrainn dhut coimhead air an seo ann an Gàidhlig no Beurla.
Agus mu dheireadh thall, chaidh taisbeanadh ioma-mheadhanach eadar-ghnìomhach a chur air bhog as t-samhradh ann an Taigh-tasgaidh Chill Donnain, Uibhist a Deas. Tha seo a’ toirt cruinn susbaint on aplacaid agus susbaint eadar-ghnìomhach gu tur ùr agus buill-thaisbeanaidh a bheir sealladh air na làraichean annasach seo mar nach fhacas a-riamh roimhe. Eadar VR headsets is mapa eadar-ghnìomhach, geama “cruthaich mumaidh” agus oibseactan clò-bhuailte 3D, tha an taisbeanadh ag innse sgeulachdan àrc-eòlas Uibhist air dòighean cruthachail. An dèidh mìos soirbheachail aig Taigh-tasgaidh Chill Donnain, dh’fhalbh an taisbeanadh gu iomadh tachartas is fèill coimhearsnachd, gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn airson Fèill an Àrc-eòlais aig Comhairle Àrc-eòlas Bhreatainn agus, mu dheireadh thall, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Chaidh mi chun an taisbeanaidh ann an Dùn Èideann agus air m’ fhacal, fhuair mi sealladh air leth air an ath-chruthachadh digiteach ann am fìor mheud an dèidh dhomh an VR headset a chur orm. Tha seo na dhòigh ùr-ghnàthach gun teagamh beatha a chur ann an àrc-eòlas do choimhearsnachdan is luchd-tadhail Uibhist.
Bha sgeulachdan air leth a-riamh rim faighinn ann an Uibhist. A’ toirt na sgilean beòil tradaiseanta seo agus teicneolas ùr còmhla ri chèile, bidh rudeigin ann dhan a h-uile duine gun teagamh is sinn uile a’ dèanamh oidhirp eachdraidh annasach Uibhist a chumail beò.
Barrachd fiosrachaidh:
Tha an aplacaid seo an-asgaidh, cha leig thu leas ach “Uist Unearthed” a chuir a-steach ann am bùth nan aplacaidean agad
A bharrachd air a’ mhaoineachadh a fhuaras on ERDF/NHCF NàdarAlba, fhuair am pròiseact seo taic cuideachd o Mhaoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, Comhairle nan Eilean Siar agus Stòras Uibhist
Tha Maoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich a’ faighinn a chuid maoin o Mhaoin-leasachaidh nan Roinnean Eòrpach (ERDF) a chuireas na milleanan ann an seilbh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. Cuiridh Maoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich airgead an seilbh air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan ann an Alba airson barrachd chothroman agus cothroman nas fheàrr a thoirt do luchd-tadhail tlachd a ghabhail nar maoinean nàdarra agus cultarach; a bhrosnachadh daoine gu cuid dhe na sgìrean nas iomallaiche agus na dùthchaile; agus a chruthachadh is a chumail suas dreuchdan, gnìomhachasan is seirbheisean ann an coimhearsnachdan ionadail. Tha a’ mhaoin airson sàr dhualchas nàdarra is cultarach na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhrosnachadh is a leasachadh air dòigh a ghlèidheas is a dhìonas iad.
’S e Riaghaltas na h-Alba an t-ùghdarras stiùiridh airson prògram a’ Mhaoineachaidh Structarail Eòrpaich 2014-20. Airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air an làrach-lìn aca no lean @scotgovESIF.