
A’ comharradh eachdraidh ’s coimhearsnachd ann an Srath Nabhair
’S e ainm-àite a th’ ann an Srath Nabhair a tha iomraiteach ann an eachdraidh na h-Alba. Cha mhòr gur co-ionann an t-àite seo agus Fuadaichean nan Gàidheal. Ge-tà, tha Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair a’ toirt sùil mhionaideach air eachdraidh na sgìre eadar Linn an Umha agus an latha an-diugh.
12th Faoilleach 2022. ’S e ainm-àite a th’ ann an Srath Nabhair a tha iomraiteach ann an eachdraidh na h-Alba. Cha mhòr gur co-ionann an t-àite seo agus Fuadaichean nan Gàidheal. Ge-tà, tha Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair a’ toirt sùil mhionaideach air eachdraidh na sgìre eadar Linn an Umha agus an latha an-diugh. Tha pròiseact air fàire a-nis airson ath-uidheamachadh an taighe-thasgaidh agus airson leas-thaigh a chruthachadh far am faicear acainnean àiteachais, rud a bheir cothrom do bharrachd luchd-tadhail eòlas a chur air a’ cheàrn inntinneach seo de dh’iar-thuath Chataibh agus a’ daingneachadh an dreuchd aige sa choimhearsnachd ionadail.
Leis gu bheil an taigh-tasgaidh air Slighe a’ Chosta a Tuath 500, ’s e àite air leth a th’ ann airson plathadh air ceàrn a tha cho beartach a thaobh eachdraidh a thoirt dhan luchd-tadhail. Tha turasachd air leth cudromach sa cheàrn iomallach seo de dh’Alba agus tha cruinneachadh an taighe-thasgaidh ag amas air sluagh farsaing, an dà chuid às ar dùthaich fhèin agus o thall thairis.
Ach chan ann a chùm tlachd an luchd-tadhail a bhios am pròiseact seo gun teagamh sam bith. Tha freumhan làidir aige sa choimhearsnachd agus gheibh muinntir MhicAoidh cothrom air iomadh buannachd ann. Tha eachdraidh chultarach an àite cho drùidhteach. Neartaichidh an t-ath-uidheamachadh an ceangal eadar an taigh-tasgaidh agus a’ mhuinntir ionadail is na h-àitichean agus leudaichidh e na cothroman foghlaim, sòisealta agus eaconamach.
Tha an taigh-tasgaidh sa Bhlàran Odhar ann an seann togalach eaglaise iomraiteach a tha a’ dol air ais gu na 1750an. Tha an togalach air Clàr B agus chaidh bàirlinnean a thoirt seachad o chùbaid na h-eaglaise rè nam fuadaichean agus ann an 1883, ’s ann an seo a thug croitearan seachad fianais làidir do Choimisean Napier. Làn de dh’eachdraidh eaconamach agus shòisealta Fuadaichean nan Gàidheal, tha dreuchd cudromach aig an togalach ann an eachdraidh ionadail, Ghàidhealach, Albannach is eadar-nàiseanta.
Tha sin a’ fàgail an ath-uidheamachaidh na chuspair caran toinnte.
Thèid leas-thaigh ùr a thogail a dh’aona-ghnothaich airson acainnean àiteachais a thaisbeanadh agus mar thogalach ùr sam bith air làrach chudromach, bidh feum air stiùireadh cùramach agus, mar a thachair mu thràth, rannsachadh àrc-eòlach. Chaidh an t-àite a sgrùdadh gu mionaideach is chaidh na rudan a lorgadh a chlàradh agus a ghlèidheadh. B’ fhiach an t-saothair oir chaidh grunn oibseactan inntinneach a lorg, a’ dearbhadh gun robh daoine air a bhith a’ fuireach air an làrach o chionn fhada.

Thuirt Fionnghal NicCoinnich, manaidsear a’ phròiseict aig Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair: “Tha an taigh-tasgaidh air leth toilichte leis an adhartas gu ruige seo agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn lorg air fiù barrachd bhall-ceàirde a chuireas ris a’ chruinneachadh. Bu toil leinn barrachd fiosrachaidh fhaighinn air eachdraidh na làraich agus mar a chuir daoine gu feum i roimhe airson tuigse ’s eòlas nas fheàrr fhaighinn air an àite sònraichte seo.”
“Mar phàirt dhen chead-phlanaidh againn, b’ fheudar dhuinn suirbhidh àrc-eòlach a dhèanamh agus lorgadh mòran rudan inntinneach ri linn, a’ gabhail a-staigh prìne umha ann an deagh chor, àr-chrann, pìos de chìr cnàmha, mòlltairean airson fàinneachan umha, fuigheall obair an iarainn agus pailteas stuth òtraich. B’ fheudar dhuinn an obair cladhaich a leudachadh leis na bha sinn a’ faighinn de rudan ach lìon e beàrn a bha sa chruinneachadh againn. Rinneadh deuchainn carboin air an làraich agus chunnacas gun robh daoine ann eadar deireadh Linn an Iarainn agus toiseach nam Meadhan-aoisean.”
Cha mhòr gu bheil an dòigh-obrach stòlda seo suaicheanta aig Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair. Chaidh an taigh-tasgaidh fhosgladh ann an 1976 ach cheannaich a’ choimhearsnachd an togalach ann an 1962 agus comharraichidh a’ choimhearsnachd 60 bliadhna de sheilbh-choimhearsnachd an ath-bhliadhna. ’S e seud ionadail a th’ air a bhith ann air an tàinig sìor leasachadh thar greis mhath a-nis. Tha e tarraingeach an dà chuid do dh’Albannaich thar sàile agus dhan choimhearsnachd ionadail.
Bha pròiseact a’ dol ann an 2012 airson cruinneachadh an taighe-thasgaidh agus clàran ionadail a’ chunntais-shluaigh a dhigiteachadh agus chaidh sin a chumail ri taobh sreath de chothroman coiseachd le treòir agus coimiseanadh de dh’obraichean-ealain a thug sùil air na tha ga thaisbeanadh o thaobh eile. Bhathar an uair sin a’ cnuasachadh mar a b’ urrainn do Thaigh-tasgaidh Shrath Nabhair buannachdan sòisealta, eaconamach is àrainneachdail a thoirt dhan sgìre ann an 2013. Thàinig àireamh nan aoighean an àirde le 22% ri linn sin agus thàinig fad a bharrachd dhaoine gu na tachartasan is gnìomhachdan aca cuideachd. Chaidh pròiseact com-pàirteachais a stèidheachadh an uair sin airson aplacaid a dhealbhadh a bhrosnaicheadh dualchas is taighean-tasgaidh na mòr-sgìre agus an cois obrach ionmholta a rinn oifigear foghlaim agus sluagh de shaor-thoilich, dh’èirich luach ionadail an taighe-thasgaidh fiù barrachd.

Tha cuideam a-nis air bealach dualchais a stiùireas luchd-tadhail agus muinntir an àite gu dualchas cultarach is nàdarra Chataibh is Ghallaibh. Thig leasachadh air cor agus co-dhealbhachd an taighe-thasgaidh làithrich agus nì sin cinnteach gun tèid na cruinneachaidhean luachmhor an seo a thaisbeanadh air dòigh cho math ’s a ghabhas. Thèid an àrainneachd leasaichte dhan luchd-tadhail glè mhath le togalach a bhios na làr-ionad cultarach is sòisealta ann an Cataibh.

Tha plana dàna ann airson gnìomhachdan eadar tachartasan foghlaim, cothroman trèanaidh agus eòlas obrach agus bidh deagh chothrom aig a’ phròiseact seo slàinte muinntir an àite a leasachadh agus leth-oireachd a lùghdachadh. Thig buannachdan eaconamach na chois agus cuiridh an taigh-tasgaidh ri amasan na mòr-sgìre airson com-pàirteachas cultarach nas motha agus inntrigeadh nas fheàrr do dh’eachdraidh bheartach na h-Alba.
’S e deagh naidheachd a th’ ann an ath-dhealbhadh Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair do Chataibh, deagh naidheachd do thaobh tuath na h-Alba agus deagh naidheachd do dh’Alba. Leis gu bheil e a’ cur ath-bheòthachadh eaconamach agus buannachdan sòisealta an lùib a chèile, seo pròiseact aig am bi buaidh fada seachad air crìochan sgìre a’ Bhlàrain Odhair.
Nòtaichean:
Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt de phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach (ERDF) le Riaghaltas na h-Alba a mhaireas gu 2023. Tha a’ mhaoin seo air aon den dà Ghnìomh Ro-innleachdail ERDF a th’ air an stiùireadh le NatureScot – ’s e A’ Mhaoin Bhun-structair Uaine a th’ air a’ Ghnìomh Ro-innleachdail eile.
’S urrainn dhut bloga Maoin Structarail Eòrpach a leantainn airson na naidheachd as ùire air gnìomhan is tachartasan ESF. Tha an naidheachd Twitter aig @scotgovESIF no na comharran #ERDF agus #europeanstructuralfunds
