Àrc-eòlas am pailteas
13 Iuchar 2021
’S e am prìomh amas aig Taigh-tasgaidh Chill Mhàrtainn, a chaidh fhosgladh ann an 1997, gum faigh daoine brosnachadh is ionnsachadh tro mhìneachadh is gleidheadh àrainneachd is nithean àrc-eòlach is dualchas nàdarra Ghleann Chill Mhàrtainn. Tha an Gleann, anns a bheil làraichean is carraighean eachdraidheil is ro-eachdraidheil, air aon de na h-àiteachan àrc-eòlach as cudromaiche ann an Alba.
Tha an taigh-tasgaidh a’ gleidheadh còrr is 40,000 nì bhon a h-uile ceàrnaidh de dh’Earra-Ghàidheal agus a’ leigeil le daoine tlachd is tuigse fhaighinn asta anns an sgìre san deach an lorg. Tha 11,000 nì anns a’ Chruinneachadh Ro-eachdraidheil agus chaidh aithneachadh le Museums Galleries Scotland mar chruinneachadh nàiseanta cudromach ann an 2019. Tha poitean bho Linn na h-Umha a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta rin lorg anns a’ chruinneachadh a nochdas ann an taisbeanadh le Taigh-tasgaidh Bhreatainn a dh’aithghearr.
Thòisich Taigh-tasgaidh Chill Mhàrtainn air pròiseact mòr ath-leasachaidh ann an 2014 a tha ag amas air na leanas:
- Àite brosnachail a dhealbhadh anns an tèid dùthchas is dualchas nàdarra Ghleann Chill Mhàrtainn innse is far an tèid an gleidheadh.
- Taisbeanadh chruinneachaidhean àrc-eòlais eadar-nàiseanta agus eachdraidh Ghleann Chill Mhàrtainn tro an tuilleadh nithean às an sgìre, gu h-àraid na ‘sàr’ nithean agus nithean eile air iasad bho chruinneachaidhean eile.
- Taisbeanaidhean sealadach bho chruinneachaidhean nàiseanta. Chan eil goireas eile mar sin san sgìre, leigidh seo le muinntir an àite na cothroman cultarail ceudna fhaighinn is a tha aig daoine eile ann am Breatainn.
- Cothroman do luchd-ealain is muinntir na sgìre tachartasan cruthachail ùisneachadh.
Thòisich obair togail a’ phròiseict sa Ghiblean 2021 air sgàth taic dhaoine, bhuidhnean reachdail agus urrasan is stèidhean, cho math ri NatureScot, a tha a’ stiùireadh na Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarail airson na Maoinean Leasachaidh Roinneil Eòrpach ùisneachadh.
Leis gun robh e coltach gun rachadh àireamhan luchd-tadhail am meud air sgàth pròiseict den mheud seo, nì am pròiseact nas urrainn airson na h-àireamhan sin a làimhseachadh gu faiceallach. Dè tha fa-near ach ath-sgeadachadh air leth aig Taigh-tasgaidh Chill Mhàrtainn le tursan nas fheàrr don luchd-tadhail agus goireasan didseatach làidir.
Is math le sgioba Thaigh-tasgaidh Chill Mhàrtainn gu bheil iad air slighe a dhèanamh tro lèir-sgaoileadh a’ bhìorais agus gu bheil obair air an làraich air tòiseachadh – tha iad air am brosnachadh is iad a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ fosgladh a-rithist as t-Earrach 2023.
Notaichean:
The A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt de phrògram Maoin Leasachaidh Roinneil Eòrpach (ERDF) le Riaghaltas na h-Alba a mhaireas gu 2023. Tha a’ mhaoin seo air aon den dà Ghnìomh Ro-innleachdail ERDF a th’ air an stiùireadh le NatureScot – ’s e A’ Mhaoin Bhun-structair Uaine a th’ air a’ Ghnìomh Ro-innleachdail eile.
’S urrainn dhut bloga Maoin Structarail Eòrpach a leantainn airson na naidheachd as ùire air gnìomhan is tachartasan ESF. Tha an naidheachd twitter aig @scotgovESIF no na comharran #ERDF agus #europeanstructuralfunds