Albannaich ‘aig teis-meadhan’ plana do dh’ath-shlànachadh nàdair
Leugh ann am Beurla / Read in English
3 Gearran 2026
Tha buidheann nàdair na h-Alba air plana àrd-amasach fhoillseachadh a chuireas daoine aig teis-meadhan ath-shlànachadh nàdair ann an Alba.
Dh’fhoillsich NàdarAlba am plana aca, a mhaireas ceithir bliadhna, an-diugh. Tha e a’ cuimseachadh air seasmhachd na h-Alba a neartachadh mu choinneamh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde le bhith ag ath-stèidheachadh a’ cheangail eadar daoine is nàdar airson na buannachdan a thig na chois a thoirt dhan a h-uile duine.
Tha dealas làidir aig NàdarAlba do cho-obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan, tuathanaich, iasgairean, luchd-leasachaidh is ùghdarrasan ionadail airson call nàdair a stad ro 2030 agus nàdar na h-Alba ath-shlànachadh ro 2045.
Le bhith a’ toirt dhaoine is nàdar còmhla, tha am plana a’ cur roimhe lèirsinn de dh’Alba a thoirt gu buil anns am bi beartas nàdair is soirbheas dhaoine.
Tha buannachdan mòra na dòigh seo rim faicinn mar-thà le pròiseactan leithid Gnèithean air an Oir. Le taic bho Mhaoin-Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha NàdarAlba is seachd carthannasan glèidhteachais ag obair gu dlùth ri coimhearsnachdan ionadail is manaidsearan fearainn airson 37 gnèithean air a’ chladach a tha fon chunnart as motha a chuideachadh airson an ama ri teachd.
Agus tro Mhaoin Ath-shlànachadh Nàdair aig Riaghaltas na h-Alba, anns a bheil luach £65 millean, tha daoine a’ faighinn taic is brosnachadh cùram a ghabhail ri nàdar na sgìre aca. Ann am Fìobha, tha Com-pàirteachas Coimhearsnachd Chair Aile air seann raon-adhair a thionndadh na thèarmann nàdair coimhearsnachd, far am faigh fiadh-bheatha is daoine tlachd.
Tha pròiseactan àrainneachdail ann am bailtean mòra is beaga a’ cuideachadh ri nàdar a thoirt a-steach do bheatha làitheil dhaoine, le slighean-siubhail nas sàbhailte is nas fhallaine agus àitichean anns am faod daoine fois a ghabhail. Tha pròiseact ann an Glaschu, air a bheil an Canal and North Gateway, na fhìor dheagh eisimpleir far an deach coimhearsnachdan beòthail a thogail air seann fhearann gnìomhachais, le slighean coiseachd is rothaireachd ùra, is dìon thuiltean.
Chan ann a-mhàin gun tig piseach air bith-iomadachd is a’ ghnàth-shìde ann an saoghal nàdarra nas fhallaine ach tha buannachdan ann do shlàinte is sunnd dhaoine cuideachd. A rèir Oifis nan Stadastaig Nàiseanta, tha na buannachdan slàinte a thig an cois nàdair a’ sàbhaladh Seirbheis Slàinte na h-Alba còrr is £1 billean gach bliadhna. Cho math ri sin, tha ath-shlànachadh nàdair is planntrais chraobhan ùra a’ lùghdachadh truailleadh adhair gu mòr ann an Alba, a’ sàbhaladh £868 millean ann am buannachdan slàinte.
Nì NàdarAlba na leanas sna ceithir bliadhnaichean a tha romhainn:
- Ceanglaichean dhaoine ri nàdar a neartachadh, a’ leasachadh luchd-obrach is sgilean, le obair shaor-thoileach is saidheans shaoranach na mheasg.
- Obair còmhla ri tuathanaich, coilltearan, iasgairean is manaidsearan fearainn eile airson na th’ ann de bhith-iomadachd a mheudachadh air tuathanasan, coilltean is anns a’ mhuir.
- Co-dhiù 30% dhen tìr, mhuir is dhe na h‑aibhnichean a dhìon ro 2030, air an t-slighe gu ath-shlànachadh.
- Spionnadh a chur ann an ath-shlànachadh mòintichean na h-Alba, a’ cuideachadh gu mòr le sgaoilidhean carboin ann an Alba a lùghdachadh.
- Stiùireadh seasmhach nam fiadh air feadh na h-Alba a leudachadh airson leigeil le bith-àrainnean ath-shlànachadh gu nàdarra.
- Ìrean nas àirde de dh’inbheisteadh cùramach bhon roinn phoblaich is phrìobhaidich ann an ath-shlànachadh nàdair is seasmhachd na gnàth-shìde.
Thuirt Rùnaire na Gnàth-shìde Gillian Mhàrtainn:
“Tha nàdar na h-Alba is na buannachdan nàdarra aice cudromach do dhaoine, coimhearsnachdan is dhan eaconamaidh. Tha e riatanach gun seas na buannachdan seo mu choinneamh atharrachadh na gnàth-shìde is call na bith-iomadachd ma tha sinn a’ dol a thoirt nan iomadh buannachd a thig nan cois do dh’Alba gu bàrr.
“Tha mi toilichte aontachadh ris an ath-phlana, a mhaireas ceithir bliadhna, aig NàdarAlba. Tha e a’ cur roimhe tuigse is ceangal eadar daoine is nàdar a neartachadh agus tha dealas aige do dh’obair a dhèanamh còmhla ri gnìomhachasan air inbheisteadh a bhios math dha nàdar ’s a chuireas ri fàs eaconomaigeach."
Thuirt Cathraiche NàdarAlba An t-Ollamh Colin Galbraith:
“Tha sinn an ìmpis bòidhchead, luach is buannachdan nàdair a chall leis gu bheil an saoghal nàdarra againn ann an èiginn a tha a’ fàs nas miosa, agus nach eil coltas ann gu bheil atharrachadh na gnàth-shìde a’ dol nas slaodaiche.
“Ach nuair a thig daoine is nàdar còmhla, gabhaidh rudan mìorbhaileach a thoirt gu buil. Le bhith a’ cur daoine aig teis-meadhan ath-shlànachadh nàdair, thèid againn air car a chur ann ’s tlachd a ghabhail à buannachdan nàdair, ge bi càite a bheil sinn a’ fuireach agus dè tha sinn ris.
“Tha am plana seo a’ cur an cèill nan ceumannan dàna a ghabhas NàdarAlba, còmhla ris na com-pàirtichean is coimhearsnachdan againn, airson bith-iomadachd a thoirt am meud is aghaidh a chur air atharrachadh na gnàth-shìde, airson beartas nàdair is soirbheas dhaoine.”
Barrachd fiosrachaidh
Tha plana NàdarAlba do 2026-2030 a’ togail air soirbheas sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba na mheasg. Thathar a' cumail a-mach gur i an ro-innleachd nàdair as fharsainge thuige seo, le 130 gnìomh a chuidicheas ri stad a chur air call na bith-iomadachd ’s NàdarAlba a’ stiùireadh an dàrna leth dhiubh.
Cuide ri sin, bho 2021 tha còrr is 114,000 heactair de bhith-àrainnean ga ath-shlànachadh le taic £65m bho Mhaoin Ath-shlànachadh Nàdair aig Riaghaltas na h-Alba. Tha NàdarAlba air taic a chumail ri 250 pròiseactan nàdair thuige seo tro sgeama farpaiseach nan duaisean.
Agus tha prògram Peatland ACTION aig NàdarAlba air 30,000 hectair de mhòinteach a bh’ ann an droch chor ath-shlànachadh bho 2022 (66,000 on a thòisich am prògram ann an 2012). Thathar a’ tomhas gu bheil seo air sgaoilidhean ghasaichean taighe-ghlainne a lùghdachadh a bhiodh co-ionnan ri 90,000 tunna (0.09 millean tunna) de dhà-ogsaid carboin, agus aig an aon àm a’ cruthachadh bhith-àrainnean do dh’fhiadh-bheatha, obraichean is seasmhachd an aghaidh theintean is thuiltean.
Dàta air buannachdan slàinte a thig an cois nàdair a’ tighinn bho ONS UK natural capital accounts: 2024 - detailed summary. Fiosrachadh air cur-seachadan a’ tighinn bhon ONS is NàdarAlba. Fiosrachadh air truailleadh adhair a’ tighinn bhon ONS, UK Centre for Ecology and Hydrology, agus Defra.